Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean

Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean


Eàrr-ràdh – Measaidhean-buaidhe

Mar phàirt dhen ro-innleachd seo, rinn sinn na measaidhean-buaidhe (MBan) a dh’fheumar. Chithear gu h-ìosal na rinn sinn a thaobh gach MB.

Measadh Àrainneachd Ro-innleachdail (MAR)

  • Ann an Alba, feumaidh buidhnean poblach is companaidhean prìobhaideach a nì obair phoblach, leithid chompanaidhean ghoireasan, measadh a dhèanamh air, agus co-chomhairleachadh a chumail air, agus sgrùdadh leantainneach a dhèanamh air a’ bhuaidh a tha e coltach a bheir na planaichean, prògraman is ro-innleachdan aca air an àrainneachd. Canar Measadh Àrainneachd Ro-innleachdail (MAR) ri seo.
  • Chaidh ro-sgrùdadh a thaobh Measadh Àrainneachd Ro-innleachdail a dhèanamh air an Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean (RSAT) agus chaidh fios mu sin a chlàradh air clàr ro-sgrùdaidhean MAR. Tha RSAT a’ stèidheachadh cheann-uidhe ro-innleachdail airson mar a chuirear ri seasmhach an aghaidh thuiltean, agus tha fiosrachadh mionaideach air gnìomhan sna Planaichean Coileanaidh, agus dh’fhaodadh gum feumar MAR a dhèanamh orra sin.
  • Am measg nam prìomh amasan aig an RSAT tha a bhith a’ toirt piseach air dòighean-obrach is conaltradh, a’ dèanamh co-chonaltradh brìghmhor ri coimhearsnachdan, agus a’ soilleireachadh cò air a tha na diofar dhleastanasan. Chan eilear an dùil gun toir na h-atharraichean seo buaidh air an àrainneachd.

Measadh-buaidhe air Co-ionannachd is a thaobh Dhleastanasan airson Alba nas Cothromaiche

  • Le Measadh-buaidhe air Co-ionannachd (MBC), bithear a’ beachdachadh air a’ (dheagh/dhroch) bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig poileasaidhean air diofar chuibhreannan dhen t-sluagh, ann an diofar dhòighean. Faodaidh poileasaidh a bhith a’ ciallachadh gnìomhachd, dleastanasan, ro-innleachdan, prògraman, agus seirbheisean is pròiseasan.
  • Tha na Dleastanasan airson Alba nas Cothromaiche (DAC) air am mìneachadh ann an reachdas mar Phàirt 1 de dh’Achd na Co-ionannachd 2010 agus thòisicheadh air a bhith gan cur an sàs fon lagh bhon Ghiblean 2018. ’S e a tha fa-near dhan reachdas le DAC gun dèanar co-dhùnaidhean nas fheàrr air poileasaidhean san roinn phoblaich agus gun tig builean nas fheàrr bhon roinn. Tha na dleastanasan gu h-àraidh a’ buntainn ri cùisean co-cheangailte ri neo-ionannachd shòiseo-eaconamach leithid teachd-a-steach ìosal, daoine gun mòran stòrais, agus easbhaidhean sgìreil. Tha na Dleastanasan airson Alba nas Cothromaiche a’ buntainn ri ‘co-dhùnaidhean dhen t-seòrsa ro-innleachdail’ – ’s iad sin roghainnean glè chudromach, àrd-ìre no planaichean a nithear san roinn phoblaich.
  • Chaidh aon mheasadh a dhèanamh airson MBC is DAC a thaobh na RSAT. Chan eilear an dùil gum bi an RSAT a’ dèanamh leth-bhreith mì-laghail air daoine le feartan a tha fo dhìon. Ge-tà, dh’fhaodadh gum bi feum air measaidhean MBC is DAC airson nan gnìomhan sna Planaichean Coileanaidh, a tha mar bhun-stèidh dhan RSAT, gus dèanamh cinnteach nach dèan iad leth-bhreith mì-laghail air daoine le feartan a tha fo dhìon.

Measadh-buaidhe air Còraichean is Math Chloinne (MCMC)

  • Tha am Measadh-buaidhe air Còraichean is Math Chloinne (MCMC) ann gus buaidh phoileasaidhean air còraichean is math chloinne a chomharrachadh, a rannsachadh, a sgrùdadh is a chlàradh. Tha MCMC a’ cuideachadh Riaghaltas na h-Alba le bhith a’ gabhail beachd feuch a bheil iad: a’ cur chòraichean clann na h-Alba air adhart; agus a’ cur dìon air agus a’ cur taic ri math chloinne is dhaoine òga.
  • Tha MCMC mar dhleastanas Ministreil fo Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014. Chuir Pàrlamaid na h-Alba aonta aona-ghuthach ri Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste (UNCRC) (Co-cheangal) (Alba) air 16 Màrt 2021. An uair sin chaidh aonta a chur ri bile atharraichte le Pàrlamaid na h-Alba air 7 Dùbhlachd 2023, agus chaidh e na lagh air 16 Iuchar 2024. Fo Achd an UNCRC, feumaidh ùghdarrasan poblach dìon a chur air còraichean daonna chloinne nuair a nì iad co-dhùnaidhean nuair a bhios iad a’ coileanadh dhleastanasan a chaidh a bhuileachadh orra fo Achdan Pàrlamaid na h-Alba.
  • Chaidh MCMC a dhèanamh airson an RSAT. Thathar an dùil gun toir an RSAT deagh bhuaidh air còraichean is math chloinne.

Measadh-buaidhe air Cùisean Gnothachais is Riaghlaidh (MCGR)

  • Le Measadh-buaidhe air Cùisean Gnothachais is Riaghlaidh (MCGR) bithear a’ coimhead air na cosgaisean, buannachdan, agus cunnartan a tha buailteach a bhith ag èirigh ri linn prìomh no dàrnach reachdas a thathar a’ moladh. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach modhan-riaghlaidh, còdan-obrach, is stiùiridhean saor-thoileach no atharraichean air poileasaidhean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air na roinnean poblach is prìobhaideach no air an treas roinn.
  • Seach gur e ro-innleachd àrd-ìre a th’ anns an RSAT, thèid Planaichean Coileanaidh a dhealbh le gnìomhan do dhiofar dhaoine is bhuidhnean às dèidh dhan ro-innleachd a bhith air a foillseachadh, agus bidh gnìomhan annta agus fios air mar a chuirear an ro-innleachd an gnìomh. Seach gu bheil e fìor chudromach gum bi tuigse againn air a’ bhuaidh air gnothachas, thèid tòrr de na gnìomhan a mheasadh le CMGR fa leth.
  • Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chonaltradh farsaing le diofar luchd-ùidhe le ceangal ris an iomairt gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean agus le coimhearsnachdan ann an 2023 agus 2024 gus beachdan fhaighinn air an RSAT.
  • An lùib sin rinneadh co-chonaltradh ri farsaingeachd de luchd-ùidhe tro Sniffer. Mar phàirt de sin chaidh 12 bùth-obrach a chumail le còrr is 300 neach a’ gabhail pàirt annta agus far an robh cothrom aig gnothachasan a bhith an làthair, agus ghabh iad an cothrom sin. Bha riochdairean bho dhiofar roinnean an làthair, leithid innleadaireachd agus luchd-comhairleachaidh airson rian air cunnartan bho thuiltean – Mott Macdonald, Atkins, Sweco, Amey, agus feadhainn bho roinnean eile – seasmhachd an aghaidh thuiltean airson toglaichean, àiteachas, rian air fearann, ionmhas uaine, agus ailtireachd. Thugadh fa-near do thoraidhean nam bùithtean-obrach seo nuair a chaidh am pàipear co-chomhairleachaidh ullachadh agus nuair a chaidh na trì prìomh raointean aontachadh, Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na bùithtean-obrach air làrach-lìn Sniffer.
  • Chaidh co-chomhairleachadh farsaing a chumail san treas roinn cuideachd, tro leithid Fòram Thuiltean na h-Alba, buidhnean thuiltean coimhearsnachd, Ionad Leasachaidhean Coimhearsnachdan na h-Alba agus Lìonra Co-chonaltraidh airson Phoileasaidhean Gnàth-shìde (LCPG) sa bheil buill bhon treas roinn agus riaghaltas ionadail.
  • Chaidh an co-chomhairleachadh a chumail ann an 2024 agus thugadh fa-near do na toraidhean nuair a bhathar a’ dealbh na RSAT. Thug taghadh farsaing de bhuidhnean is daoine beachdan seachad sa cho-chomhairleachadh agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.
  • Thèid Planaichean Coileanaidh ullachadh airson na RSAT sam bi gnìomhan a nì luchd-compàirt gus a coileanadh. Tha grunn mholaidhean san RSAT leithid a bhith a’ stèidheachadh na Seirbheis Comhairleachaidh airson Tuiltean agus sgeama thabhartasan airson seasmhachd thoglaichean an aghaidh thuiltean. Dh’fhaodadh an leithid buaidh a thoirt air gnothachasan is riaghladh, mar sin bidh feum air MCGR air an son.

Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach (MCE)

  • Le Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach (MCE), bithear a’ dèanamh measadh feuch an toir poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis ùr buaidh air coimhearsnachdan eileanach a tha gu math eadar-dhealaichte bhon bhuaidh a bheir iad air coimhearsnachdan eile. Chaidh seo a stèidheachadh mar dhleastanas laghail san Dùbhlachd 2020 fo Achd nan Eilean (Alba) 2018.
  • Tha an RSAT stèidhichte air trì prìomh raointean: daoine, àiteachan, agus pròiseasan. Cha bu chòir gun toir an RSAT buaidh eadar-dhealaichte air coimhearsnachdan eileanach. Tha na raointean airson daoine, àiteachan is pròiseasan nan raointean àrd-ìre a dh’fhaodas a bhith a’ buntainn ri diofar shuidheachaidhean agus faodar gnìomhan a chur an sàs mun coinneimh a rèir feumalachdan diofar choimhearsnachdan.
  • Rinneadh sgrùdadh MCE agus gheibhear fios air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top