National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Buidheachas
Bha obair is co-obrachadh nach beag a dhìth gus a’ chiad Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean do dh’Alba ullachadh agus tha sinn fada an comain gach neach a thug comhairle is taic fhiosrach is thuigseach dhuinn.
Ann a bhith a’ dealbh na Ro-innleachd seo, ghabh sinn ealla ri beachdan luchd-ùidhe is a’ phobaill a thug iad seachad aig seiseanan co-chonaltraidh a chuir Sniffer, ClimateXChange agus Fòram Thuiltean na h-Alba air dòigh agus ris na beachdan a fhuair sinn sa cho-chomhairleachadh phoblach.
Fhuaras 198 freagairtean sa cho-chomhairleachadh phoblach, bho 87 buidhnean agus 111 daoine fa leth bho am measg a’ mhòr-shluaigh. Rinn Rannsachadh Sòisealta Craigforth an sgrùdadh air toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh agus b’ iad a dh’ullaich an sgrìobhainn le geàrr-iomradh.
Tha Bòrd Prògram na Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean agus Buidheann an Luchd-stiùiridh Ro-innleachdail air an cuid eòlais is comhairle a thoirt seachad rè a’ phròiseas agus tha sinn airson taing a thoirt do na buidhnean a leanas a bha an sàs sa dà bhuidhinn sin.
- Ailtireachd is Dealbhachadh Alba
- ClimateXChange
- Luchd-cleachdaidh Alba
- COSLA
- Ceannardan Planaidh na h-Alba
- Ùghdarrasan ionadail
- NàdarAlba
- Ionad Leasachaidhean Coimhearsnachdan na h-Alba
- Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba
- Fòram Thuiltean na h-Alba
- Uisge na h-Alba
- Sniffer
- Comann Àrd-oifigearan Còmhdhail na h-Alba
Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt do gach buidheann is coimhearsnachd a thug fiosrachadh dhuinn airson Sùil air Seasmhachd, a tha a’ sealltainn mar a tha iomadh seòrsa gnìomh adhartach is innleachdach ga dhèanamh air feadh Alba airson seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot