National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Facal-toisich bhon Mhinistear
Tha ar gnàth-shìde ag atharrachadh agus ’s ann follaiseach a tha a’ bhuaidh a th’ aig sin air an t-saoghal agus ar dùthaich fhèin.
Sheall an 12 stoirm ainmichte a chunnacas an geamhradh sa chaidh mar as urrainn do thuiltean is bàirlinn stoirme air a’ chosta buaidh mhòr agus milleadh cosgail a dhèanamh air ar coimhearsnachdan is bun-structair. Leis an Stoirm Babet chunnacas uiread uisge is thuiltean mar nach fhacas riamh air taobh sear na h-Alba agus sin a’ dèanamh sgrios air cuid a choimhearsnachdan. Dhearbh e an cron as urrainn do dhian-shìde a dhèanamh oirnn, fiù ’s nuair a tha sinn air cuid a mhodhan-dìon a chur an sàs.
Tha tòrr de ar nàbaidhean san Roinn Eòrpa air fulang cuideachd fo bhuaidh dhroch thuiltean am-bliadhna, mar a chunnacas o chionn ghoirid leis na tuiltean uabhasach san Spàinn far an do chaill na ceudan am beatha agus far an rinneadh fìor dhroch mhilleadh air coimhearsnachdan.
Tha fios againn gum bi tuiltean againn nas trice ann an Alba agus gum bi iad nas miosa sna deicheadan a tha romhainn. Seo an dùbhlan as motha a tha romhainn a thaobh freagrachadh mu choinneimh na gnàth-shìde, agus feumaidh sinn gach nì as urrainn dhuinn a dhèanamh gus deisealachadh a dhèanamh.
Tha ìre na mara, àrd-ìrean silidh agus àrd-shruth nan aibhnichean uile gu bhith a’ dol an àird gu mòr sna bliadhnaichean ri thighinn agus mar thoradh air sin bidh sinn ann am barrachd cunnairt a thaobh thuiltean agus bheir tuiltean buaidh nas miosa oirnn. Ann an 2080 bidh cha mhòr 400,000 togalach ann an Alba ann an cunnart bho thuiltean an coimeas ri 284,000 an-dràsta.
Bidh an Ro-innleachd seo, mar phàirt Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 2024-2029 (PFNA3), gar cuideachadh le bhith a’ cur aghaidh ris an dùbhlan seo agus le bhith a’ cur nan atharraichean an sàs a dh’fheumas sinn thar na h-ùine fada gus ar coimhearsnachdan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean.
San Ro-innleachd seo thathar ag aithneachadh gur ann air daoine as motha a bheir tuiltean buaidh agus gum feum iad a bhith an sàs gu ìre nas motha ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu mar a nì sinn sinn fhìn nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean. Fhad ’s a bhathar ag ullachadh na Ro-innleachd seo, thugadh fa-near do bheachdan bhon cho-chonaltradh leis a’ phoball agus luchd-ùidhe thar nan ochd mìosan deug a dh’fhalbh, agus chuidich na beachdan sin sinn le bhith a’ dealbh nam builean, nam prìomh phrionnsapalan agus nan gnìomhan air a bheil prìomhachas.
Tha an Ro-innleachd seo a’ coimhead air na dùbhlain a tha romhainn thar na h-ùine fada, agus i a’ togail air mar a shoirbhich le ar Planaichean Rian airson Chunnartan a Thaobh Thuiltean, agus thathar a’ tuigsinn gun toir e deicheadan cuid de na h-atharraichean a tha a dhìth a chur an sàs.
Thar na h-ùine sin, bidh an Ro-innleachd seo mar mheadhan gus gluasad bho bhith a’ feuchainn ri stad a chur air tuiltean bho bhith a’ toirt buaidh air na nì sinn gu bhith a’ cruthachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean far am bi sinn air ar gnìomhan a dhèanamh freagarrach a thaobh nan cunnartan a tha romhainn bho thuiltean.
Nuair a thig e gu bhith a’ lùghdachadh buaidh nan tuiltean, tha mar a tha ar n-àiteachan air an dealbh a cheart cho cudromach ris na gnìomhan a thèid a dhealbh gus dèiligeadh ri tuiltean.
Ma tha coimhearsnachdan gu bhith againn a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, feumaidh sinn ar n-àiteachan a dhèanamh freagarrach airson gnàth-shìde an latha a-màireach. Tha sin a’ ciallachadh gum bi coltas gu math eadar-dhealaichte air tòrr de ar bailtean is bailtean-mòra agus air cuid mhath de thìr nan sgìrean dùthchail cuideachd san àm ri teachd. Bidh barrachd àite is aire air an toirt do dh’uisge ri taobh ar n-aibhnichean is air a’ chosta, bidh nas lugha thoglaichean sna raointean-tuileachaidh agus bidh barrachd bun-structair gorm is uaine ann agus gnìomhan-rian nàdarra mu choinneamh thuiltean gus rian a chumail air uisge ann an sgìrean bailteil is dùthchail.
Tha sinn a’ faicinn nan atharraichean seo mu thràth air an dùthaich agus ann an cuid de ar bailtean is bailtean-mòra agus daoine a’ cumail rian air àiteachan ann an dòighean eadar-dhealaichte no gan ath-leasachadh feuch am faigh coimhearsnachdan diofar bhuannachdan bho na nithear, leithid ghnìomhan a nì coimhearsnachdan nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean.
Ma nì sinn rudeigin an-dràsta agus ma stèidhicheas sinn àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, ’s urrainn a bhith ag obair le grunn roinnean gus taghadh gu math nas motha de ghnìomhan a dhèanamh a thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean, agus cuidichidh sin uile le bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean agus far an gabh freagrachadh a dhèanamh airson na gnàth-shìde a bhios againn san ùine ri thighinn.
Gillian Mhàrtainn BPA
Rùnaire a’ Chaibineit an Dreuchd airson Cothromachadh Carboin is Cumhachd
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot