Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean

Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean


Na tha a’ Tachairt An-dràsta

Tha an ro-innleachd seo a’ togail air na thathar a’ dèanamh mu thràth gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.

Am pròiseas airson Phlanaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean

Tha am pròiseas airson Phlanaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean[4] a’ stèidheachadh frèam trom bi na h-ùghdarrasan le uallach ag obair còmhla gus lùghdachadh a thoirt air na cunnartan bho thuiltean. Airson còrr is 15 bliadhna, tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ cur ri seo le £42m gach bliadhna, agus thugadh £150m seachad airson seo rè ùine na pàrlamaid seo. Tha sinn cuideachd air £11.7 millean de mhaoineachadh calpa a thoirt seachad airson atharraichean freagrachaidh air an oirthir airson nan ceithir bliadhna, 2022-23 gu 2025-26.

Tron phròiseas airson Phlanaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean a chaidh a stèidheachadh ann an 2009, tha SEPA, ùghdarrasan ionadail, Uisge na h-Alba agus daoine eile air a bhith ag obair còmhla gus gnìomhan a dhèanamh airson cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean. Chaidh sgeamaichean dìona ùra airson tuiltean a chur an gnìomh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba leithid na feadhna a chaidh a chrìochnachadh o chionn beagan bhliadhnaichean ann an Kirkwall, Cumnag Nuadh, Baile a’ Ghobhainn is Cùil Lodair agus Port a’ Mhuilinn. Am measg nan gnìomhan eile a rinneadh fo Phlanaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean tha leasachaidhean air bun-structair drèanaidh is air mapadh thuiltean agus air ro-aithrisean is rabhaidhean airson tuiltean.

Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 3

Tha Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean na pàirt glè chudromach de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 2024-29, Gnìomhan an-diugh, airson seasmhachd san àm ri teachd mu choinneimh na gnàth-shìde (PFNA3)[5].

Chaidh PFNA3 fhoillseachadh san t-Sultain 2024, agus tha e a’ stèidheachadh còrr is 200 gnìomh a thèid a choileanadh thar nan còig bliadhna ri thighinn gus cur ri seasmhachd na h-Alba mu choinneimh na gnàth-shìde. Ged a tha e a’ gabhail a-steach barrachd na tuiltean, tha e a’ comharrachadh thuiltean mar an dùbhlan freagrachaidh as cosgaile a tha romhainn agus tha cinn-uidhe ann a thaobh seasmhachd choimhearsnachdan, planadh airson leasachaidhean agus fuasglaidhean stèidhichte air nàdar a tha a’ co-fhreagairt air an ro-innleachd seo.

Frèam Planaidh Nàiseanta 4

Ann am Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba 4[6], foillsichte ann an 2023, thathar a’ stèidheachadh sreath farsaing de phoileasaidhean planaidh nàiseanta. Tha e ag aithneachadh gu bheil àite glè chudromach aig planadh ann a bhith a’ cruthachadh choimhearsnachdan a tha seasmhach agus ullaichte airson buaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Gu h-àraidh le:

  • Poileasaidh 10, a tha a’ cur phoileasaidhean planaidh nàiseanta an cèill a thaobh a bhith a’ cur dìon air coimhearsnachdan is stòrasan na h-oirthir agus a’ cuideachadh le seasmhachd an aghaidh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
  • Poileasaidh 20, a tha a’ cur phoileasaidhean planaidh nàiseanta an cèill a thaobh a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt leasachadh air bun-structair gorm is uaine agus na lìonraidhean co-cheangailte ris.
  • Poileasaidh 22, a tha a’ cur phoileasaidhean planaidh nàiseanta an cèill a thaobh a bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean le bhith a’ moladh seachnadh mar bhun-phrionnsapal agus a bhith a’ lùghdachadh nan cunnartan bho thuiltean do thoglaichean is leasachaidhean an-dràsta agus san àm ri thighinn.

Plana Mara Nàiseanta na h-Alba[7]

Tha Poileasaidh Coitcheann 8 ann am Plana Mara Nàiseanta na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh ann an 2015, a’ moladh gum bu chòir leasachaidhean agus gnìomhachd, a nithear san àrainneachd mhara, a dhèanamh ann an dòigh a tha seasmhach mu choinneamh atharraichean air a’ chosta is thuiltean, agus nach bu chòir dhaibh droch bhuaidh ro mhòr a thoirt air pròiseasan a’ chosta no cur ri ìrean tuileachaidh air a’ chosta.

Ann am Plana Mara Nàiseanta na h-Alba 2, a thathar ag ullachadh an-dràsta agus a bu chòir a bhith air aontachadh as t-Samhradh 2027, thèid cinn-uidhe shònraichte agus poileasaidhean a chur an cèill co-cheangailte ri obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh na gnàth-shìde, agus gheibhear frèam sgrùdaidh is measaidh ùr ann a bheir taic nas fheàrr do mhodhan-rian a chuidicheas le freagrachadh.

Cuideachd, thathar ag ullachadh Phlanaichean Mara Roinneil ann an roinnean mara Arcaibh, Shealtainn agus Chluaidh, agus bidh iad sin a’ stèidheachadh phoileasaidhean planaidh ionadail nuair a thèid aonta a chur riutha. Bidh iad seo a’ toirt taic do choimhearsnachdan costail gus co-dhùnaidhean a dhèanamh a nì feum dhaibh ann an diofar dhòighean aig ìre ionadail, leithid obair fhreagrachaidh is lasachaidh mu choinneimh bleith na h-oirthir agus chunnartan bho thuiltean.

Frèam Leasachaidh SEPA airson Rabhaidhean mu Thuiltean 2022-28

Ann am PFNA3, tha tuiltean air an comharrachadh mar an cunnart gnàth-shìde as cosgaile ann an Alba. Tha am plana a’ comharrachadh sheirbheisean ro-aithris is rabhaidh airson tuiltean mar phàirt fìor chudromach dhen iomairt gus cur ri seasmhachd choimhearsnachdan.

Tha Frèam Leasachaidh SEPA airson Rabhaidhean mu Thuiltean 2022-28[8] a’ cur taic ris a’ Cheann-uidhe airson Choimhearsnachdan Seasmhach (C3) aig PFNA3. Tha PFNA3 a’ cur an cèill mar a chuireas SEPA siostaman ro-aithris is rabhaidh na h-Alba airson tuiltean an sàs agus mar a bheir iad piseach orra tro phrìomh ghoireasan is sheirbheisean.

  • Ro-aithrisean airson Tuiltean ann an Alba
  • Stiùireadh air Tuiltean
  • Loidhne nan Tuiltean
  • Siostam rabhaidh nas fheàrr airson iomadh cunnart
  • Ro-aithrisean airson tuiltean barra-uisge
Dealbh 7: Eisimpleir de choimhearsnachd air an oirthir nach eil cho seasmhach agus de thè tha nas seasmhaiche.
A graphic illustration of a flooded coastal community alongside another graphic illustration of the same coastal community with flood resilient measures incorporated and no flooding.

Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba gu 2045 agus am Plana Coileanaidh 2024-2030

Ann am PFNA3 gheibhear ceann-uidhe gus dìon a chur air is leasachadh a thoirt air fuasglaidhean stèidhichte air nàdar (FSN), gus am bi àiteachan againn a tha seasmhach a thaobh uisge agus beairteach a thaobh nàdair. Ri linn an ‘an dà shuidheachaidh-èiginn’ sa bheil sinn a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh nàdair, tha Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba a’ co-fhreagairt gu dlùth air Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba (RBA) agus am Plana Coileanaidh 2024-2030.

San RBA, gheibhear amas soilleir gus cur ri nàdar Alba le bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd air tìr agus sa mhuir airson 2045, agus sa Phlana Choileanaidh airson 2024-30 tha gnìomhan gus cur ri bun-structair uaine is gorm bhailtean na h-Alba a chuidicheas le seasmhachd an aghaidh thuiltean.

Uallaichean airson a bhith a’ cumail rian air cunnartan bho thuiltean

Chithear gu h-ìosal fios air na dleastanasan is uallaichean airson a bhith a’ cumail rian air cunnartan bho thuiltean agus airson dèiligeadh ri tuiltean.

Luchd-ùidhe 

Uallaichean

Luchd-seilbh thoglaichean, fearainn is ghnothachasan

  • gus rian a chumail air na cunnartan a th’ ann dhaibh fhèin bho thuiltean agus dìon a chur an teaghlach, am fearann, na toglaichean no an gnothachas aca fhèin.

SEPA – ùghdarras na h-Alba airson ro-aithrisean is rabhaidhean mu thuiltean, agus rian ro-innleachdail air cunnartan bho thuiltean.           

  • gus rabhaidhean a thoirt dhan phoball agus seirbheisean-èiginn nuair a tha buailteach gum bi tuiltean ann.
  • gus Planaichean Rian na h-Alba airson Chunnartan bho Thuiltean ullachadh.
  • gus comhairle a thoirt do dh’Ùghdarrasan Planaidh air cunnartan bho thuiltean.

Ùghdarrasan Ionadail         

  • gus Planaichean Rian Ionadail airson Chunnartan bho Thuiltean ullachadh a mhìnicheas mar a thèid gnìomhan bho phlanaichean SEPA a chur an sàs.
  • gus sgeamaichean dìon airson tuiltean a chur air dòigh agus a chur an gnìomh.
  • gus sgrùdadh a dhèanamh air sàibhearan agus claisean airson rathaidean poblach agus iad sin a ghlanadh agus a chàradh.
  • gus co-òrdanachadh a dhèanamh air mar a dhèiligear ri suidheachaidhean-èiginn an lùib na h-obrach aca fhèin, me, taigheadas msaa, agus iad ag obair le prìomh luchd-taice eile gus taic a thoirt do choimhearsnachdan ionadail.
  • uallaichean sònraichte a thaobh fearann is thoglaichean a tha fo shealbh na comhairle.
  • uallaichean mar ùghdarras planaidh, ris a bheil e an urra leasachaidhean a phlanadh is a stiùireadh, leithid a bhith a’ comharrachadh shuidheachaidhean far am bu chòir beachdachadh air cunnartan bho thuiltean mar phrìomh chùis phlanaidh.

Uisge na h-Alba

  • gus measadh a dhèanamh air cunnartan tuileachaidh a thig bho bharra-uisge poblach agus sàibhearan co-cheangailte, cunnartan a dh’èireas mar thoradh air sileadh uisge nas motha na ‘n àbhaist.
  • gus rian a chumail air sàibhearan poblach airson uisge salach, barra-uisge agus air sàibhearan co-cheangailte agus siostaman-òtrachais poblach agus na sàibhearan is siostaman sin a chumail suas.
  • bidh iad ag obair le ùghdarrasan ionadail agus SEPA gus dòighean a lorg airson cunnartan a lùghdachadh tron phrògram aca airson ionmhas calpa.

Riaghaltas na h-Alba          

  • bidh iad a’ stiùireadh mar a thèid an Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009 a chur an sàs, mar eisimpleir, tro bhith a’ stèidheachadh frèam phoileasaidhean airson rian air tuiltean agus a’ cur aonta ri cinn-uidhe is gnìomhan sna Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean.

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top