National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Geàrr-chunntas
’S e tuiltean an dùbhlan as motha ro Alba a thaobh freagrachadh airson na gnàth-shìde.
Tha tuiltean mar a chunnacas air taobh sear na h-Alba san Dàmhair 2023 nuair a bha Stoirm Babet ann a’ sealltainn gu bheil blàthachadh na cruinne a’ toirt buaidh air an tìde an seo mu thràth. Thar nan deicheadan ri thighinn bidh buaidh nas motha aig an t-sìde air cùisean eaconamach, sòisealta agus àrainneachd fhad ’s a bhios ìre na mara, ìrean silidh uisge agus sruthan nan aibhnichean uile ag èirigh mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde. Ann an 2080 bidh cha mhòr 400,000 togalach ann an Alba ann an cunnart bho thuiltean an coimeas ri 284,000 an-dràsta.
Chaidh an Ro-innleachd seo – a tha mar phàirt de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 2024-2029, Gnìomhan an-diugh, airson seasmhachd san àm ri teachd mu choinneimh na gnàth-shìde (PFNA3) – ullachadh gus dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde agus ri linn mar a tha cabhag ann gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha romhainn.
Tha i a’ cur cuideam air a bhith a’ cur ri seasmhachd nan coimhearsnachdan is seasmhachd àiteachan an aghaidh thuiltean, agus tha i a’ cur dhaoine aig cridhe na h-iomairt agus a’ moladh gun tèid barrachd ghnìomhan a dhèanamh aig astar nas luaithe gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean, agus gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh nuair a thig iad.
Tha an Ro-innleachd a’ moladh dhòighean-obrach gus àiteachan a dhèanamh seasmhach an aghaidh thuiltean, agus thathar a’ tuigsinn gu bheil mar a tha àiteachan air an dealbh a cheart cho cudromach ris na gnìomhan a thèid a dhealbh gus dèiligeadh ri tuiltean, nuair a thig e gu bhith a’ lùghdachadh buaidh nan tuiltean.
Chì sinn mu thràth mar a tha gnìomhan a tha taiceil dhan ghnàth-shìde a’ cur dreach as ùr air tìr ar sgìrean dùthchail agus ar raointean bailteil agus sinn a’ cur freagrachadh an sàs gus sgaoilidhean a lùghdachadh, cur ri seasmhachd agus buannachdan eile a ghleidheadh do choimhearsnachdan agus dhan àrainneachd. Chithear fianais gu leòr air sin sna h-eisimpleirean a thug sinn seachad air feadh na Ro-innleachd, agus san sgrìobhainn le eisimpleirean an cois seo.
An Lèirsinn
Tha an Ro-innleachd seo a’ cur lèirsinn an cèill gum bi Alba seasmhach an aghaidh thuiltean gu 2045 agus às dèidh sin:
Tha ar daoine agus àiteachan deiseil airson barrachd thuiltean agus tha sinn a’ dèanamh freagrachadh mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ cruthachadh àiteachan seasmhach ann an dòighean a tha in-ghabhalach agus cothromach.
Tha an Ro-innleachd stèidhichte air na Cuspairean, Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan agus thathar a’ cur an cèill Bhuilean, Prìomh Phrionnsapalan agus Raointean air a bheil Prìomhachas.
Builean
Tha trì Builean san Ro-innleachd stèidhichte air Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan. Thathar a’ beachdachadh air mar as urrainn dhaibh uile cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Buil airson Daoine
Bidh daoine agus coimhearsnachdan a’ cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
Obraichidh sinn còmhla ri luchd-compàirt gus faicinn ciamar as urrainnear fiosrachadh is taic a thoirt do dhaoine is coimhearsnachdan gus pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean mu sheasmhachd an aghaidh thuiltean agus gus cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean sna sgìrean aca fhèin.
Buil airson Àiteachan
Bithear a’ cumail ri deagh mhodhan-obrach airson seasmhachd an aghaidh thuiltean nuair a nithear co-dhùnaidhean a thaobh rian air fearann agus a bhith a’ toirt cruth air àiteachan.
Obraichidh sinn còmhla ri luchd-compàirt gus faicinn ciamar as urrainn do ar n-àiteachan cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Buil airson Phròiseasan
Bidh seasmhachd an aghaidh thuiltean air a fighe a-steach do ar n-àiteachan aig gach ìre; nithear taghadh nas fharsainge de ghnìomhan le taghadh nas fharsainge de luchd-compàirt coileanaidh.
Obraichidh sinn le luchd-compàirt gus pròiseasan a stèidheachadh gus piseach a thoirt air seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Prìomh Phrionnsapalan
Bidh sinn a’ gabhail ealla ris na ceithir prìomh phrionnsapalan san Ro-innleachd gus ar cuideachadh le bhith a’ dèanamh an fheuma as motha as urrainnear de na stòrasan is taic a th’ againn. Cuidichidh iad sinn le bhith a’ fighe seasmhachd an aghaidh thuiltean a-steach dhan obair airson freagrachadh a thaobh na gnàth-shìde is a bhith a’ toirt cruth air àiteachan agus le bhith a’ sireadh taic bhon uiread as motha as urrainnear de dhaoine gus an taghadh as fharsainge as urrainnear de ghnìomhan a chur an sàs.
- Leis cho mòr ’s a tha an dùbhlan, bithear a-nis a’ cur cuideam air a bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean an àite ‘a bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean’.
- Tha seasmhachd an aghaidh thuiltean mar phàirt de sheasmhachd choimhearsnachdan agus de fhreagrachadh mu choinneamh atharrachadh na gnàth-shìde.
- ’S e a tha aig cridhe na h-iomairt airson seasmhachd an aghaidh thuiltean na prionnsapalan airson Eadar-ghluasad Cothromach (gum bi dùthaich againn san am ri teachd a tha nas cothromaiche is nas uaine dhan a h-uile duine agus sinn ag obair còmhla gus am bi cothromachd ann agus gus cur às do neo-ionannachd is ana-ceartas).
- Gheibh a h-uile duine buannachdan bho àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, agus faodaidh sinn uile cuideachadh.
Gnìomhan air a bheil Prìomhachas
Mar thaic do ar builean, tha sinn air sia raointean a chomharrachadh air a bheil prìomhachas airson ghnìomhan a nì sinn còmhla ri luchd-compàirt tro phlana gnìomh na ro-innleachd.
A’ stèidheachadh seirbheis comhairleachaidh airson tuiltean
Bheir an t-Seirbheis Comhairleachaidh airson Tuiltean taic is comhairle seachad air seasmhachd thoglaichean an aghaidh thuiltean do luchd-compàirt coileanaidh is coimhearsnachdan, agus bidh iad mar fhrèam riaghlaidh agus mar mheadhan gus pròiseasan a stèidheachadh airson a bhith a’ cur ghnìomhan àrd-ìre an sàs a thaobh thuiltean leithid sgeamaichean dìona airson tuiltean.
A’ toirt chothroman com-pàirteachaidh is taic do choimhearsnachdan
Mar phàirt de seo thèid frèam a chruthachadh gus taic a thoirt do choimhearsnachdan le bhith gan neartachadh fhèin an aghaidh thuiltean agus gus taic is brosnachadh a thoirt do dhaoine fa leth airson gnìomhan a dhèanamh a bheir piseach air cho seasmhach ’s a tha iad fhèin agus a’ choimhearsnachd aca an aghaidh thuiltean.
A’ dèanamh feum nas fheàrr dhen tìr gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh
Cuirear ri ar tuigse a thaobh mar a ghabhas sgìrean bailteil is dùthchail atharrachadh gus am bi iad nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean. Bithear a’ sireadh chothroman gus feum a dhèanamh dhen tìr ann am bailtean is air an dùthaich gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus thèid cur ris an àireimh de luchd-compàirt coileanaidh a th’ againn gu bhith a’ gabhail a-steach na feadhna as urrainn cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean.
A' cur taic ri taghadh nas fharsainge de ghnìomhan a thaobh thuiltean
Nì sinn ath-sgrùdadh air buidseatan airson tuiltean gus faicinn an gabh pàirt dhen mhaoineachadh airson tuiltean a chosg gus taic a chur ri taghadh nas fharsainge de ghnìomhan a thaobh thuiltean, leithid sgeamaichean dìona nas lugha airson tuiltean agus seasmhachd an aghaidh thuiltean do thogalaichean.
Bidh sinn a’ sireadh luchd-compàirt ùr airson seasmhachd an aghaidh thuiltean sna roinnean poblach is prìobhaideach agus san treas roinn, agus bidh sinn ri oidhirpean gus buaidh a thoirt air poileasaidhean air feadh nan roinnean as urrainn cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
A’ cleachdadh dàta gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean
Obraichidh sinn le luchd-compàirt gus beachdachadh air mar as urrainn dhuinn dàta a shealltainn agus a chleachdadh ann an dòighean nas fheàrr a chuireas taic ri gnìomhan airson seasmhachd an aghaidh thuiltean, mar eisimpleir, le bhith a’ cruthachadh sheataichean-dàta ùra gus piseach a thoirt air mar a nithear co-dhùnaidhean.
Cleachdaidh sinn dàta gus fiosrachadh a thoirt do choimhearsnachdan air na cunnartan a th’ ann agus a dh’fhaodadh a bhith ann san ùine ri thighinn bho thuiltean, agus cuidichidh sinn coimhearsnachdan le bhith a’ cur freagrachadh an sàs mu choinneimh na gnàth-shìde.
A’ cur taic ri planaichean eadar-ghluasaid fad-ùine dha na coimhearsnachdan as motha a tha ann an cunnart
Bheir sinn taic, le planaichean atharrachaidh fad-ùine, do na coimhearsnachdan far nach urrainnear, math dh’fhaodte, ìre fhreagarrach de sheasmhachd a chumail suas an aghaidh thuiltean gu maireannach. Coimheadaidh sinn air mar a ghabhas ro-aithris is rabhaidhean nas fheàrr a thoirt seachad a thaobh milleadh bho stoirmean agus aontaichidh sinn an dòigh as èifeachdaiche is as buadhmhoire gus prògram sgrùdaidh oirthir nàiseanta a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid am fiosrachadh as ùire air atharraichean air an oirthir a chruinneachadh, a mhion-sgrùdadh agus a thoirt seachad mar thaic do cho-dhùnaidhean.
A' Cur na Ro-innleachd an Gnìomh
Bidh feum air barrachd co-obrachaidh thar roinnean ma tha sinn a’ dol a choileanadh ar builean agus lèirsinn na Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean.
’S e an ath cheum, plana coileanaidh na Ro-innleachd a dhealbh mar chùl-taic dhan lèirsinn agus tron urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus ar luchd-compàirt a bhith ag obair còmhla gus gnìomhan a dhèanamh a chuidicheas le ar builean airson Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan.
Mar phàirt de seo thèid poileasaidhean a dhealbh airson nan sia raointean air a bheil prìomhachas, agus mar a’ chiad cheum thèid an t-Seirbheis Comhairleachaidh airson Tuiltean a chur air chois. Bidh an t-seirbheis seo na prìomh mheadhan gus taic a chur ris an iomairt airson àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot