Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean

Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean


Ro-ràdh

Tha suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde a’ toirt buaidh air ar coimhearsnachdan, comann-sòisealta, math eaconamach, agus air an àrainneachd – an dà chuid nar dùthaich fhìn agus air feadh na cruinne.

Le atharrachadh na gnàth-shìde, bidh Alba nas blàithe agus nas fliuche sa gheamhradh agus nas teotha agus nas tiorama as t-samhradh, cumaidh ìre na mara a’ dol suas, agus bidh ar sìde a’ fàs nas caochlaidiche agus bidh e nas duilghe tuairmse a dhèanamh air an t-sìde. Bidh dian-shìde mar a chunnacas sinn leis an Stoirm Babet an-uiridh, agus a’ bhuaidh a thug sin air Breichin is coimhearsnachdan eile, a’ fàs nas cumanta.

’S e tuiltean an cunnart as cosgaile do dh’Alba a dh’èireas bhon ghnàth-shìde. Feumaidh sinn freagrachadh a chur an sàs gus dèiligeadh ris mar a tha tuiltean gu bhith a’ toirt barrachd buaidhe oirnn agus feumar dèiligeadh ris a’ bhuaidh a bheir iad air daoine, àiteachan agus na nì daoine. Feumaidh muinntir na h-Alba dèiligeadh ris an dùbhlan seo còmhla agus dèanamh cinnteach gun gabh sinn gach cothrom gus fuasgladh fhaighinn air.

’S e a bhith a’ dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde aon de na ceithir prìomhachasan a th’ againn airson Alba, agus tha an ro-innleachd seo, mar phàirt de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba agus ar geallaidhean farsaing airson Eadar-ghluasad Cothromach, na pàirt glè chudromach de ar gealladh gun cùm sinn oirnn a’ cur ghnìomhan an sàs mu choinneimh suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde.

Tha An Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean a’ cur an cèill na dh’fheumar a dhèanamh ann an Alba gus ar coimhearsnachdan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean thar nan deicheadan ri thighinn. Chithear innte ar lèirsinn airson seasmhachd an aghaidh thuiltean agus tha na builean stèidhichte air na cuspairean, Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan. Thathar a’ toirt mìneachadh air poileasaidhean is frèam fad-ùine gus piseach a thoirt air seasmhachd an aghaidh thuiltean, air ar prìomh phrionnsapalan agus na raointean air a bheil prìomhachas a thaobh ghnìomhan.

Gus an Ro-innleachd a thoirt gu buil, bidh aig diofar roinnean ri bhith ag obair còmhla airson dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd an aghaidh thuiltean mar bhunait do na nì sinn a thaobh a bhith a’ dealbh ar n-àiteachan agus a bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Dealbh 3: Eisimpleir de choimhearsnachd ri taobh aibhne nach eil cho seasmhach agus de thè a tha nas seasmhaiche .
A graphic illustration of a flooded riverside community alongside another graphic illustration of the same riverside community with flood resilient measures incorporated and no flooding.

Ar Lèirsinn is Builean

Dealbh 4: Lèirsinn is Builean
This image shows the vision and outcomes for a flood resilient Scotland. Vision - People and Places are prepared for increased flooding. We are adapting to a changing climate, creating sustainable resilient places in ways that are inclusive and fair. Out comes: People - Creating flood resilient places involves our people and communities. Places - Land management and placemaking decisions follow good practice for flood resilience. Processes - Flood resilience is blended into our places at all scales. A broader range of actions are being delivered by a broader range of delivery partners.

Teacs na grafaige gu h-ìosal:

Lèirsinn

Tha ar daoine agus àiteachan deiseil airson barrachd thuiltean agus tha sinn a’ dèanamh freagrachadh mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ cruthachadh àiteachan seasmhach ann an dòighean a tha in-ghabhalach agus cothromach.

Daoine 

Bidh daoine agus coimhearsnachdan a' cuideachadh le bhith a' cruthachadh àiteachan nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean.

Àiteachan

Deagh mhodhan-obrach a thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean an lùib rian air fearann is a bhith a’ toirt cruth air àiteachan.

Pròiseasan

Seasmhachd an aghaidh thuiltean mar phàirt de ar n-àiteachan aig gach ìre. Taghadh nas fharsainge de ghnìomhan gan dèanamh le taghadh nas fharsainge de luchd-compàirt coileanaidh.

Ar lèirsinn is builean airson Alba a tha seasmhach an aghaidh thuiltean suas gu 2045 agus às dèidh sin:

Adhbhar na Ro-innleachd

Thathar air a bhith ag obair airson grunn bhliadhnaichean ann an Alba gus dìon a chur air daoine bho thuiltean agus gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean, agus chaidh am frèam rian airson tuiltean a th’ againn an-dràsta a stèidheachadh ann an 2009. Le èiginn na gnàth-shìde, tha tuiltean a’ fàs nas cumanta agus nas miosa agus mar sin tha againn ri ath-sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air na dòighean anns am bi sinn a’ dèiligeadh riutha airson dèanamh cinnteach gu bheil lèirsinn is dòighean-obrach nàiseanta againn airson nan dùbhlan a thig an cois nan tuiltean. Le prìomh amas a bhith a’ cur ri seasmhachd choimhearsnachdan an aghaidh thuiltean, tha an Ro-innleachd a’ moladh gun tèid barrachd ghnìomhan a dhèanamh aig astar nas luaithe gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean, agus gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh nuair a thig iad. Le bhith a’ togail air modhan-coileanaidh a th’ ann a-cheana, leithid a’ phròiseas phlanaidh a th’ ann an-dràsta gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean,[1] bidh an Ro-innleachd a’ cruthachadh chothroman adhartais ùra agus a’ brosnachadh luchd-compàirt coileanaidh ùra gu bhith a’ cuideachadh.

Tha gnàth-shìde na h-Alba ag atharrachadh agus tachraidh na leanas ro 2100:

  • Thathar an dùil gun èirich ìre na mara air oirthir na h-Alba co-dhiù 80cm agus dh’fhaodadh i èirigh suas ri 1.90m;
  • Thathar an dùil gun tig àrdachadh de shuas ri 50% air àrd-ìrean silidh;
  • Thathar an dùil gun tig àrdachadh de shuas ri 60% air àrd-shruth nan aibhnichean.

Mar thoradh air sin, tha cunnartan bho thuiltean a’ dol am meud. An-dràsta tha 284,000 togalach ann an Alba a tha ann an cunnart bho thuiltean, agus ann an 2080 thathar an dùil gun tèid an àireamh sin an àird 110,000 ri linn atharrachadh na gnàth-shìde.

Dealbh 5: Dàta air Toglaichean ann an Cunnart
A visualisation showing how many properties are currently exposed to flooding and how many additional properties are projected to be exposed to flooding by 2080, an increase of around a third.

Sheall an 12 stoirm ainmichte a chunnacas ann an 2023/2024 mar as urrainn do thuiltean is bàirlinn stoirme air a’ chosta buaidh mhòr agus milleadh cosgail a dhèanamh air ar coimhearsnachdan is bun-structair. Tha fios againn gum faicear buaidh nan nithean seo nas trice agus gum bi iad nas miosa. Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh an-dràsta fhèin gus cur ri seasmhachd ar coimhearsnachdan agus dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean riatanach fhathast againn fhad ’s a bhios a’ ghnàth-shìde ag atharrachadh.

Le cunnartan bho thuiltean a’ dol am meud, feumar cabhag a chur air ar gnìomhan fuasglaidh

[£570M Invested 2016-2026]

Sna bliadhnaichean mu dheireadh, tha am prògram coileanaidh airson an sgeama dìon bho thuiltean air dìon a chur air coimhearsnachdan le dìon ga chur air eadar 400 is 800 togalach gach bliadhna. Thèid £570 millean a chosg air seasmhachd an aghaidh thuiltean eadar 2016-2026. Bho 2016, chaidh crìoch a chur air 16 sgeamaichean airson dìon bho thuiltean, thathar ag obair air 4 agus tha an obair airson 11 eile aig ìre thràth. Ge-tà, gach bliadhna tha 2,000 togalach a bharrachd ann an cunnart bho thuiltean ri linn atharrachadh na gnàth-shìde. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tog sinn air an adhartas a rinneadh mu thràth agus gun ionnsaich sinn bho na rinneadh gus an gabh adhartas a dhèanamh aig astar nas luaithe sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha buaidh ionmhasail thuiltean a’ dol am meud

’S e a’ chosgais ris a bheilear an dùil an-dràsta gach bliadhna ann an Alba ri linn thuiltean mu £260 millean[2]. Bidh an àireamh seo a’ sìor èirigh le ìre na h-atmhorachd agus fhad ’s a bhios barrachd is barrachd thoglaichean is bun-structair ann an cunnart bho thuiltean bho aibhnichean, a’ mhuir agus uisge air bàrr na talmhainn ri linn atharrachadh na gnàth-shìde. Gus lùghdachadh a thoirt air na cosgaisean a dh’èireas bho mhilleadh nan tuiltean, feumaidh sinn barrachd airgid a chosg air seasmhachd mu choinneimh thuiltean anns a h-uile roinn airson dèanamh cinnteach gum bi na h-àiteachan againn air an dealbh agus deiseil airson na h-ìre de thuiltean ris a bheil dùil againn san àm ri teachd.

Thathar air a bhith a’ cur cuideam air taghadh car cumhang de ghnìomhan gus rian a chumail air tuiltean

Thathar a’ cosg a’ mhòr-chuid de bhuidseat thuiltean na h-Alba an-dràsta air sgeamaichean dìona airson tuiltean bho aibhnichean mòra agus a’ mhuir ann am bailtean is bailtean-mòra. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil nas lugha airgid ann airson ghnìomhan eile leithid rian air barra-uisge, gnìomhan gus cur ri seasmhachd thoglaichean no gnìomhan co-cheangailte ri nàdar agus rian air sgìrean-silidh. Tha e soilleir nach eil aon fhuasgladh sìmplidh ann gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean a dh’obraicheas anns gach àite is coimhearsnachd. Feumaidh tuigse nas fheàrr a bhith againn air na buannachdan a thig do dhiofar àiteachan bho thaghadh nas fharsainge de ghnìomhan, agus le sin bithear a’ dearbhadh dè na rudan as fheàrr a dh’obraicheas do gach coimhearsnachd.

Tha gnìomhan co-cheangailte ri tuiltean gan dèanamh le taghadh beag de dhaoine

An-dràsta, tha cha mhòr a h-uile gnìomh airson rian a chumail air tuiltean air a dhèanamh tro na Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean agus bidh sgiobaidhean thuiltean aig ùghdarrasan ionadail, Uisge na h-Alba agus SEPA gan dèanamh le taic bho luchd-comhairleachaidh einnseanaireachd is teicnigeach spèisealta. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil na gnìomhan as urrainn dhuinn a dhèanamh gus cunnartan bho thuiltean a lùghdachadh agus gus cur ri seasmhachd air an dèanamh le taghadh car beag de dhaoine a tha ag amas air raointean is cinn-uidhe shònraichte. Tha an dòigh-obrach sin cuideachd a’ cuingealachadh an uiread de chothroman a dh’fhaodadh a bhith ann gus gnìomhachd airson seasmhachd an aghaidh thuiltean a dhèanamh ann an co-bhuinn ri gnìomhan eile gus am biodh farsaingeachd de bhuannachdan ann do ar n-àiteachan, coimhearsnachdan agus àrainneachd. Gus taic a chur ris a’ Phrionnsapal airson Àiteachan[3] feumar ar dòighean-obrach atharrachadh gus a bheil ar gnìomhan a’ cumail ri planaichean agus stèidhichte air àiteachan agus gus am bi ar n-àiteachan air an dealbh agus air an leasachadh ann an dòighean a dh’fhaodas cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus às an tig builean nas fheàrr do dhaoine is coimhearsnachdan. Feumaidh buannachdan tighinn bho chaochladh iomairtean is ghnìomhan, eadar leasachaidhean beaga a chumas rian air uisge air bàrr na talmhainn aig ìre ionadail agus Planaichean Leasachaidh Ionadail a bhios a’ gabhail ealla ri agus a’ dèiligeadh ri cunnartan bho thuiltean aig ìre ro-innleachdail, agus iad a’ moladh gun a bhith a’ togail ann an àiteachan fo chunnart. Feumar àite a thoirt do dh’uisge feuch an urrainn do dh’àiteachan freagrachadh is fuasglaidhean a chur an sàs.

Tha dùbhlan nan tuiltean gu bhith a’ dol am meud airson nan ginealach ri thighinn

Tha an dòigh-obrach a th’ ann an-dràsta gus dèiligeadh ri tuiltean, far a bheil dìon bho thuiltean mar am prìomh amas, a’ cur ris an dùbhlan a bhios ann do na ginealaich ri thighinn. Fhad ’s a bhios tuiltean a’ fàs nas motha agus nas bitheanta, bidh e a’ sìor fhàs nas duilghe dìon a chur air daoine a tha a’ fuireach ann an àiteachan far am faicear tuiltean gu tric. Dha na coimhearsnachdan a tha fo chunnart nas motha bho thuiltean, tha planadh freagrachaidh fad-ùine a dhìth gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a' fàs nas seasmhaiche, agus mar phàirt de sin dh’fhaodte gum bi aig cuid a dhaoine ri gluasad air falbh, thairis air ùine, bho na sgìrean a tha fo chunnart mòr bho thuiltean is crìonadh a’ chosta agus far nach urrainnear an dìon thar na h-ùine fada.

Dè th’ ann an seasmhachd an aghaidh thuiltean?

’S e a th’ ann an seasmhachd an aghaidh thuiltean, mar as urrainn dhuinn tuiltean a sheachnadh, agus far nach urrainn dhuinn sin a dhèanamh, tha e a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh ullachadh math is a’ lorg fhuasglaidhean matha airson tuiltean agus gum bi e comasach dhuinn faighinn seachad air tuiltean gu luath.

Na tha an lùib seasmhachd an aghaidh thuiltean          

Mìneachadh

Measadh       

Le seo, gheibhear tuigse air far am bi tuiltean a’ tachairt agus air a’ bhuaidh a th’ aca. Faodaidh seo ar cuideachadh le bhith a’ seachnadh thuiltean, ag ullachadh air an son agus le bhith a’ dèiligeadh riutha.

Seachnadh   

Le seo, bithear a’ lùghdachadh nan cunnartan sna sgìrean far am bi tuiltean. Mar phàirt de sin, cha bhithear, mar bhun-phrionnsapal, a’ togail no a’ cur leasachaidhean air dòigh ann an sgìrean far am bi tuiltean, no sgìrean a tha fo chunnart bho chrìonadh, agus nithear cinnteach gun tèid buaidh nan tuiltean air bun-structair a lùghdachadh. Cuideachd, thèid atharrachadh a thoirt air cùisean ann an sgìrean far am bi tuiltean ann gu tric. Mar eisimpleir, ma tha coimhearsnachd a’ fulang le tuiltean gu tric, ’s e aon roghainn a dh’fhaodadh a bhith ann gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean san ùine fhada, a bhith a’ gluasad air falbh, thairis air ùine, bhon sgìre a bhios a’ dol fo thuiltean.

Ullachadh     

Feumaidh sinn ullachadh a dhèanamh ann an cuid a sgìrean far nach gabh tuiltean a sheachnadh. Tha ullachadh a’ gabhail a-steach a bhith mothachail air na cunnartan bho thuiltean, àiteachan a tha air an deagh dhealbh agus le freagrachadh mu choinneimh thuiltean, siostaman ro-aithris is rabhaidh matha airson tuiltean, deiseil gus dèiligeadh ri tuiltean agus a bhith gar dìon fhìn bho thuiltean. Dh’fhaodadh sin a bhith a’ gabhail a-steach structairean dìona mòra airson tuiltean leithid mar a th’ againn ann an tòrr de ar bailtean is bailtean-mòra, dìon nàdarra leasaichte air an oirthir (mar eisimpleir, dùin-ghainmhich), no ceumannan beaga gus dìon a chur air taighean (leithid uidheaman-dìona airson tuiltean). Thèid gnìomhan airson seasmhachd an aghaidh thuiltean a cho-òrdanachadh tro Phlanaichean Rian na h-Alba airson Chunnartan bho Thuiltean.

A' Dèiligeadh riutha 

Seo na nì sinn nuair a thig tuiltean airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn sàbhailte agus gun tèid buaidh nan tuiltean a lùghdachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach na nì na seirbheisean èiginn, luchd-taice eile agus daoine fa leth – ’s e dòigh-obrach Sgioba slàn na h-Alba a bhios a dhìth. Bidh ar siostaman ro-aithris is tràth-rabhaidh airson tuiltean a’ cuideachadh choimhearsnachdan is sheirbheisean èiginn gus dèiligeadh ri tuiltean. Tha seo cuideachd a’ gabhail a-steach na nì sinn às dèidh nan tuiltean agus sinn a’ gabhail ealla ris na dh’ionnsaich sinn agus a’ beachdachadh air nas urrainn dhuinn a dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh an ath thuras.

Ath-nuadhachadh   

Tha seo a’ ciallachadh dè cho luath ’s a gheibh sinn seachad air tuil, ann an dòigh a chuireas ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean san àm ri teachd. Bidh mar as urrainn dhuinn ath-nuadhachadh a dhèanamh air àite an crochadh air dè cho math ’s a sheachain sinn sgìrean far am bi barrachd thuiltean agus dè cho math a dh’ullaich sinn airson agus a dhèilig sinn ri tuiltean. Ma tha coimhearsnachdan math air seachnadh, ullachadh agus dèiligeadh ri tuiltean, bidh e nas fhasa dhaibh ath-nuadhachadh a dhèanamh orra fhèin.

Ma bheirear taic do dhaoine gus na dòighean-giùlain aca atharrachadh, dh’fhaodadh sin cuideachadh leis gach ìre dhen obair gus piseach a thoirt air seasmhachd an aghaidh thuiltean. Tha rannsachadh a’ sealltainn nach bi daoine a’ cur diù gu leòr ann an cunnartan bho thuiltean no ann am buaidh nan tuiltean, agus mas urrainnear an suidheachadh seo a leasachadh thathar an dòchas gum bi barrachd dhaoine deònach taic a chur ris an obair gus seasmhachd an aghaidh thuiltean a neartachadh.

Dealbh 6: Eisimpleir de choimhearsnachd ann am baile nach eil cho seasmhach agus de thè tha nas seasmhaiche.
A graphic illustration of a flooded urban community alongside another graphic illustration of the same urban community with flood resilient measures incorporated and no flooding.

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top