Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean

Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean


Buil a h-Aon: Daoine

Bidh daoine agus coimhearsnachdan a’ cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.

Leis a’ bhuil seo, thathar a’ coimhead air mar as urrainn do ar daoine is coimhearsnachdan cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean.

’S iad ar daoine is coimhearsnachdan as motha a bhios a’ fulang nuair a thig tuil, agus dhan fheadhainn air an toir na tuiltean a’ bhuaidh as motha, faodaidh tuil a bhith na buille glè chruaidh is maireannach dhaibh. A thuilleadh air a’ bhuaidh a bhios ann le dachaighean is gnothachasan a fo thuil aig an àm a thig an tuil, faodaidh tuiltean buaidh a thoirt air ar beatha, cosnaidhean agus air ar slàinte chorporra is inntinn fada às dèidh dhan tuil fhèin bualadh oirnn. Cuideachd, faodaidh tuiltean buaidh a thoirt air aonachd choimhearsnachdan agus droch bhuaidh a thoirt air fèin-aithne choimhearsnachdan. Bidh coimhearsnachdan a dh’fhuiling tuiltean gu tric a’ bruidhinn air mar a tha iad buailteach a bhith furachail is faireil fada às dèidh dhan tuil a bhith ann agus a bhith fo iomagain nuair a thig uisge mòr a-rithist no nuair a tha dùil ris. Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha sinn air cluinntinn bho chuid a choimhearsnachdan nach eil iad a’ faireachdainn gu bheil iad a’ faighinn chothroman gu leòr a dhol an sàs ann a bhith ag aontachadh nan roghainnean co-cheangailte ri bhith a’ cur ri seasmhachd nan àiteachan aca mu choinneamh thuiltean.

Na tha a’ tachairt an-dràsta

  • Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri gnìomhan fo stiùir na coimhearsnachd agus ag obair gus coimhearsnachdan a dhèanamh seasmhach tro ghrunn raointean poileasaidh co-cheangailte agus tha sin a’ brosnachadh co-obrachadh eadar buidhnean seasmhachd coimhearsnachd, buidhnean bhon roinn shaor-thoilich, an Riaghaltas agus luchd-taice reachdail. Tha Riaghaltas na h-Alba air suas ri £5.5 millean a ghealltainn, ann an 2024—25, mar thaic do lìonra de Chaidreachasan Gnìomh na Gnàth-shìde gus cuideachadh le eadar-ghluasad gu dòighean-obrach le nas lugha carboin, a bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean, agus cur ri seasmhachd mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus dian-shìde. Tha an làrach-lìn Alba Ullaichte (ready.scot)[12] agus iomairtean didseatach co-cheangailte cuideachd a’ tabhann comhairle do dhaoine is coimhearsnachdan gus an cuideachadh le bhith ag ullachadh airson is a’ dèiligeadh ri sgrios no buaireadh sam bith a tha air adhbhrachadh leis an t-sìde.
  • Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do dh’Fhòram Thuiltean na h-Alba gus a bhith ag obair le coimhearsnachdan is ùghdarrasan ionadail air feadh Alba leis an amas a’ bhuaidh a bheir tuiltean air daoine is coimhearsnachdan a lùghdachadh. Bidh iad a’ dèanamh sin le bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan nuair a tha iad fo thuil agus le bhith a’ stèidheachadh lìonra de bhuidhnean seasmhachd coimhearsnachd ann an sgìrean a tha fo chunnart bho thuiltean gus am bi na coimhearsnachdan sin comasach air dèiligeadh ri buaidh nan tuiltean agus ri suidheachaidhean far am bi cunnart ann gun tig tuil.
  • Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do Sheirbheis Ro-aithris na h-Alba airson Tuiltean, com-pàirteachas eadar Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) agus Oifis na Sìde. Bidh an t-seirbheis seo a’ dèanamh ro-aithris gach latha agus iad a’ dèanamh ro-mheasadh air cho buailteach ’s a tha e gum bi tuiltean aibhne, costail is barra-uisge ann air feadh Alba agus air cuin a thig iad; bidh iad a’ dèanamh ro-aithris suas ri còig latha ro-làimh gus ùine is cothrom a thoirt do bhuidhnean, coimhearsnachdan agus daoine ullachadh a dhèanamh.
  • Tha Loidhne nan Tuiltean aig SEPA a’ toirt seachad an fhiosrachaidh as ùire air tuiltean agus comhairle air mar as urrainn do dhaoine ullachadh a dhèanamh airson no dèiligeadh ri buaidh nan tuiltean, 24 uair san latha, 7 latha san t-seachdain. Tha sin a’ gabhail a-steach seirbheis rabhaidh nan tuiltean a bheir cothrom do dhaoine gnìomhan a dhèanamh a lùghdaicheas buaidh nan tuiltean air na dachaighean, gnothachasan agus coimhearsnachdan aca.

’S ann aig coimhearsnachdan fiosrach a tha am fios as fheàrr air na h-àiteachan aca fhèin, agus mar sin feumaidh daoine a bhith an teis-meadhan na h-iomairt gus cur ri seasmhachd nan coimhearsnachdan aca mu choinneimh thuiltean. Tha tòrr iomairtean air feadh Alba mu thràth far a bheil daoine an sàs ann a bhith a’ cur ri an cuid seasmhachd fhèin no seasmhachd na coimhearsnachd aca an aghaidh thuiltean agus chithear eisimpleirean dhe sin gu h-ìosal.

Sùil air Seasmhachd: Buidheann Thuiltean Tulach Cultraidh agus obair chom-pàirteach

San Fhaoilleach 2008, às dèidh làithean de dh’uisge mòr, thòisich Abhainn Devon a’ cur thairis agus chaidh 17 dachaighean agus togalach coimeirsealta fo thuil ann an aithghearrachd ann an Tulach Cultraidh, ann an Siorrachd Chlach Mhanann. Bu mhòr an sgrios a rinn sin air muinntir an àite, agus iad a’ call nan dachaighean agus na coimhearsnachd aca an ceann beagan mhionaidean. Bha aca ri fuireach ann an àiteachan-fuirich sealach airson suas ri 9 mìosan às dèidh na tuile gus an robh na dachaighean aca tioram is air an càradh.

Dealbh 11: Tuiltean ann an Tulach Cultraidh ann an 2020, dealbh bho Bhuidheann Thuiltean Tulach Cultraidh
A flooded street in Tillicoultry with cars and houses.

Mar thoradh air na thachair, stèidhich muinntir Tulach Cultraidh Buidheann Thuiltean agus dh’obraich iad gu dlùth còmhla ri Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann agus Fòram Thuiltean na h-Alba gus cunnartan tuileachaidh a chomharrachadh agus gus gnìomhan sìmplidh a chomharrachadh a chuireadh ri an cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean. Fhuair am com-pàirteachas, agus iad ag obair còmhla ri prìomh bhuidhnean gnìomh is taice, maoineachadh airson acainn dìon airson tuiltean a ghabhadh cur suas nuair a bhiodh feum air. Rinneadh obair nach beag gus aontachadh ciamar, cuin agus càite an obraich an luchd-compàirt còmhla agus gus aontachadh a bhith ag obair sna h-àiteachan as fheumaile air taic. Bha planaichean gus dèiligeadh ri tuiltean stèidhichte air na dh’fhiosraich daoine agus bhite a’ feuchainn diofar dhòighean, agus rinneadh leasachadh air na dòighean-obrach le bhith ag ionnsachadh bho na thachair ann an stoirmean.

Dealbh 12: Tuiltean ann an Tulach Cultraidh ann an 2020, dealbh bho Bhuidheann Thuiltean Tulach Cultraidh
A group of people carrying a raft during a flood in Tilicoultry.

Taobh a-staigh bliadhna, thogadh slighe-choiseachd eadar dachaighean agus an abhainn an àird cha mhòr dà mheatair agus às dèidh trì bliadhna, chaidh stèisean-pumpaidh a chur ann gus rian a chumail air barra-uisge.

Ann an 2017, chaidh Buidheann Thuiltean Tulach Cultraidh na ball dhen lìonra de bhuidhnean thuiltean san sgìre Hillfoots ann an Siorrachd Chlach Mhanann, a tha a’ faighinn taic bhon Chomhairle. Dh’obraich a’ bhuidheann ann an com-pàirt ri Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, Poileas Alba, agus Fòram Thuiltean na h-Alba agus daoine eile gus Plana Thuiltean ullachadh airson na sgìre a tha a’ cur an cèill mar a bhios luchd saor-thoileach ag obair còmhla ri buidhnean gus dèiligeadh ri tuiltean. Chaidh am plana seo a sgaoileadh am measg bhuidhnean eile sna Hillfoots gus stiùir a thoirt do na planaichean aca airson dèiligeadh ri tuiltean agus iad a’ toirt atharraichean air gus freagairt air na suidheachaidhean ionadail aca fhèin. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh ri prìomh bhuidhnean taice às dèidh gach tuil gus beachdachadh air na thachair agus air leasachaidhean a dh’fhaodar a chur an sàs gus dèiligeadh ri tuiltean san àm ri teachd. Cuideachd, bidh buidhnean thuiltean bho air feadh sgìre na Hillfoots (Menstrie, Alva, Tulach Cultraidh, Dolar agus Muc-Àird) a’ coinneachadh gach mìos gus bruidhinn air sàr dhòighean-obrach agus gus eòlas a cho-phàirteachadh is taic a thoirt do chàch a chèile.

Sùil air Seasmhachd: Cùirt is Gàrraidhean Queensland – iomadh buannachd do na coimhearsnachdan

Chaidh cruth-atharrachadh a thoirt air raon-uaine ann an Cair Dhòmhnaill, Glaschu, gus pàirce coimhearsnachd ghoireasach a chruthachadh. Tha àite fosgailte, so-ruigsinn ann a-nis do dhaoine ri linn a’ phròiseict – àite a chaidh leasachadh le dealbhachadh-tìre a ghlèidh duaisean agus goireasan-drèanaidh seasmhach a tha a’ lùghdachadh a’ chunnairt gum bi tuiltean ann. B’ e com-pàirteachas eadar Comann Taigheadais a’ Chinn a Deas agus Comhairle Baile Ghlaschu a bh’ anns a’ phròiseact.

Dealbh 13: Pàirce Coimhearsnachd Gàrraidhean Queensland, dealbh bho Chomhairle Baile Ghlaschu.
A photo of Queensland Gardens Community park with a large building in the background.

Cuideachd, san raon tharraingeach ùr, tha àiteachan cluiche do phàistean beaga is clann le frèamaichean-sreap is sleamhnagan, agus dian-rathad baidhsagalachd is goireasan stòraidh airson bhaidhsagalan gus daoine a bhrosnachadh gu bhith ri siubhal gnìomhach. Cuideachd, chaidh goireasan-drèanaidh seasmhach a chur ann a tha ag obair mar dhrèanadh nàdarra le bhith a’ cur maill air uisge, goireasan leithid ghàrraidhean-silidh, glaicean, agus lagan a lùghdaicheas an cunnart gum bi tuiltean ann agus a leigeas le barrachd uisge drèanadh air falbh mar thaic do dh’ath-nuadhachadh na tìre.

Ri linn tòrr co-chonaltraidh leis a’ choimhearsnachd, chaidh raon fosgailte a chruthachadh a tha a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd sin. Thuirt daoine a tha a’ fuireach ann am flataichean àrda gun robh e fìor chudromach dhaibh gum biodh cothrom aca air raon-uaine math. Ann an ceisteachan do luchd-còmhnaidh, a sgaoil Research Resource às leth Comann Taigheadais a’ Chinn a Deas, thuirt 90% dhen luchd-fhreagairt gu bheil an nàbaidheachd aca a-nis ‘glè mhath’ no ‘na h-àite math airson a bhith a’ fuireach’ – sin suas bho 68% mus deach a’ phàirce a thogail. Tha buannachdan slàinte cuideachd ann mar thoradh air a’ phròiseact. Le bhith a’ dèanamh coimeas ri bun-sgrùdadh ann an 2020, tha an uiread de luchd-freagairt a bhios a’ cleachdadh raon-uaine Cùirt is Gàrraidhean Queensland air a dhol suas bho 35% gu 64% - tha 30% ag ràdh a-nis gum bi iad a’ dol a-mach san sgìre ionadail aca airson a bhith a-muigh san àile 4-7 tursan san t-seachdain, an coimeas ri 10% ron seo.

Dealbh 14: Fosgladh Pàirce Coimhearsnachd Gàrraidhean Queensland, dealbh bho Chomhairle Baile Ghlaschu.
A photo of the opening of the Queensland Gardens Community Park showing group of people standing in a line in the park.

Sùil air Seasmhachd: Sgrùdadh air Oirthir Mhoireibh agus rannsachadh saor-thoileach le coimhearsnachdan

Thathar a’ brosnachadh a’ phobaill gus cuideachadh le rannsachadh saidheansail tro lìonra de dh’àiteachan-sgrùdaidh dhealbh-camara air oirthir Mhoireibh. Faodaidh daoine bhon choimhearsnachd dealbhan-camara de dh’atharraichean air an oirthir a luchdachadh suas bho na h-àiteachan seo chun an App, CoastSnap, agus iad a’ sealltainn air an aon sealladh. Cleachdar am fiosrachadh sin gus sùil a chumail air atharraichean agus gus cuideachadh le bhith ag ullachadh Phlanaichean Freagrachaidh Oirthir Comhairle Mhoireibh.

Dealbh 15: Oirthir Mhoireibh, dealbh bho Chomhairle Mhoireibh.
An imagine of the Moray coastline showing a rocky beach with a body of water and a house.

Thathar a’ brosnachadh choimhearsnachdan gus pàirt a ghabhail sa phròiseact, Sgrùdadh air Oirthir Mhoireibh, agus gus cur ris an eòlas is an tuigse a th’ aca air a’ bhuaidh a bheir stoirmean air an oirthir. Thathar an dùil gun cuidich am pròiseact seo ri bhith a’ tarraing aire dhaoine chun na cùise seach gum bi am poball fhèin a’ dol an sàs ann a bhith a’ cruinneachadh is a’ sgrùdadh dàta.

Tron phròiseact seo bithear a’ sgrùdadh ìrean atharrachaidh air an oirthir, le bhith a’ clàradh fiosrachadh san aon àite a-rithist is a-rithist. Le bhith a’ cleachdadh dhealbhan-camara, cuidichidh sin gus ro-mheasadh a dhèanamh air cho luath ’s a dh’atharraicheas an tìr ann an diofar àiteachan air an oirthir.

Bidh na Gnìomhan co-cheangailte ri Daoine san ro-innleachd seo a’ togail air seo. Tha e mar amas dhuinn a bhith ag obair le luchd-compàirt gus faicinn ciamar as urrainnear fiosrachadh is taic gu leòr a thoirt do choimhearsnachdan gus am bi e comasach dhaibh pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean co-cheangailte ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus iad an uair sin a’ cur ri an cuid seasmhachd fhèin an aghaidh thuiltean.

Nì sinn seo le bhith:

A’ toirt chothroman com-pàirteachaidh is taic do choimhearsnachdan:

  • A’ coimhead air dòighean san urrainn do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cùisean, bho fhìor thoiseach a’ phròiseis gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
  • A’ cruthachadh frèam gus taic a thoirt do choimhearsnachdan fhad ’s a tha iad gan dèanamh fhèin seasmhach an aghaidh thuiltean.
  • A’ brosnachadh is a’ cur taic ri gnìomhan le daoine gus cur ri an cuid seasmhachd fhèin agus seasmhachd na coimhearsnachd aca an aghaidh thuiltean. Mar eisimpleir, a’ cur taic ri coimhearsnachdan is daoine fa leth aig a bheil taigh gus gnìomhan beaga a dhèanamh a lùghdaicheas buaidh nan tuiltean, leithid a’ stèidheachadh buidheann seasmhachd coimhearsnachd no a’ gabhail cheumannan gus toglaichean a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean.
  • A’ dèanamh cinnteach gum bi tuigse nas fheàrr aig coimhearsnachdan air cho buailteach ’s a tha e, agus a bhios, e gum bi tuiltean is crìonadh na h-oirthir a’ toirt buaidh orra, air na tha sin a’ ciallachadh dhan fheadhainn air an toir e buaidh, agus dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd, agus air na roghainnean a dh’fhaodadh a bhith aca gus cur ri seasmhachd thar ùine.
  • A’ dèanamh cinnteach gum bi coimhearsnachdan a’ dol an sàs gu ìre nas motha ann an co-dhùnaidhean co-cheangailte ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Gu h-àraidh, bu chòir dhaibh barrachd pàirt a ghabhail ann an cùisean nuair a thathar a’ beachdachadh air roghainnean is dealbhachadh airson sgeamaichean dìon airson tuiltean, ach cuideachd bu chòir gum faigh iad èisteachd an lùib cho-dhùnaidhean mu càite am faodar dachaighean ùra a thogail feuch nach bi iad ann an uiread cunnairt bho thuiltean, no mu ciamar a chumar rian air barra-uisge tro bhun-structair gorm is uaine sa choimhearsnachd aca.
  • A’ coimhead air mar a ghabhas na goireasan is pròiseasan a th’ ann an-dràsta a chleachdadh mar thaic do seo, leithid nam pròiseasan co-chonaltraidh is co-chomhairleachaidh coimhearsnachd a th’ ann mu thràth an lùib an t-siostaim phlanaidh, Planaichean Àite Ionadail, goireasan leithid nan Inbhean airson Àiteachan le Sùil air a’ Ghnàth-shìde agus Inbhean Nàiseanta airson Co-chonaltradh Coimhearsnachd.
  • A’ toirt fiosrachadh seachad air cho buailteach ’s a tha e gun tig tuil an-dràsta, no san àm ri teachd, ann an àiteachan gus daoine a chuideachadh le bhith a’ roghnachadh càite am faigh iad dachaigh air mhàl no càite an ceannaich iad dachaigh.
  • A’ cur nan goireasan a th’ ann còmhla gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ fàs seasmhach an aghaidh thuiltean. Mar phàirt de seo dh’fhaodar goireasan a tha Sgioba Choimhearsnachdan Seasmhach Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad a chur còmhla ri dàta SEPA, goireasan Fòram Thuiltean na h-Alba, fiosrachadh ionadail agus eòlas nan coimhearsnachdan a tha air buidhnean seasmhachd a stèidheachadh mu choinneimh thuiltean.

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top