National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Beag-fhaclair
Am Prògram, Freagrachadh Alba: ’S e a th’ ann am Freagrachadh Alba, prògram a chuir Riaghaltas na h-Alba air chois gus dèiligeadh ris na dùbhlain a thig bho atharrachadh na gnàth-shìde. Tha e ag amas gu h-àraidh air cur ri seasmhachd na h-Alba agus cho ullaichte ’s a tha sinn airson buaidh atharrachadh na gnàth-shìde.
Prògram Ath-leasachadh an Àiteachais: Tòisichidh am prògram seo le frèam taice ùr airson àiteachas ann an 2027.
Na thachras le taic àiteachais san àm ri teachd (ruralpayments.org)
Milleadh Bliadhnail Cuibheasach (MBC): ’S e a th’ ann am milleadh bliadhnail cuibheasach (MBC) am milleadh eaconamach cuibheasach a thachras a rèir theòiridhean ri linn thuiltean nuair a thathar a’ beachdachadh air ùine glè fhada. Chan eil sin a’ ciallachadh gun tachair an uiread de mhilleadh sin gach bliadhna: cha bhi milleadh idir ann ann an tòrr de na bliadhnaichean, ann an cuid a bhliadhnaichean cha bhi ann ach milleadh beag agus ann an feadhainn eile bidh milleadh mòr ann.
Bith-iomadachd: Giorrachadh airson iomadachd bhith-eòlach. An àireamh is an seòrsa de lusan is ainmhidhean a gheibhear ann an sgìre. Tha bith-iomadachd cho cudromach do bheatha a h-uile duine againn, agus thathar a’ gabhail ris gu fada is farsaing a-nis gu bheil suidheachadh-èiginn ann, ann an Alba agus san t-saoghal air fad, a thaobh bith-iomadachd.
Ro-innleachd airson Bith-iomadachd gu 2045: a’ dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn nàdair
Bun-structair gorm is uaine: Bun-structair gorm is uaine air an cur còmhla.
Bun-structair gorm: Feartan ann an àrainneachd an uisge ann an àrainneachdan nàdarra is togte a tha a’ cur taic ri eag-shiostaman. Am measg nam feartan gorma a gheibhear tha: aibhnichean, lochan, talamh-fliuch, cànalaichean, cùrsaichean-uisge eile, lòintean, raointean oirthire is mara leithid thràighean, cabhsairean drùidhteach, siostaman drèanaidh bailteil seasmhach agus gàrraidhean-silidh.
Lìonraidhean drèanaidh gorma is uaine: Raointean co-cheangailte le bun-structair gorm is uaine, siostaman drèanaidh seasmhach agus àiteachan fosgailte, a tha còmhla a' toirt dhuinn siostam drèanaidh co-aonaichte. Bidh iad seo, còmhla ri bun-structair drèanaidh dèanta le daoine, leithid drèanadh airson rathaidean is siostaman-shàibhearan, a’ cur ri drèanadh airson sgìrean bailteil agus a’ lùghdachadh thuiltean.
Sgìre Silidh: Pàirt dhen tìr agus an t-uisge a bhios a’ cruinneachadh ann, gu h-àraidh an t-uisge-silidh a bhios a’ cruinneachadh thairis air sgìre drèanaidh nàdarra. Mar eisimpleir, ’s e a th’ ann an sgìre silidh aibhne pìos dhen tìr far a bheil abhainn agus gach leas-abhainn aice. Faodaidh sgìre silidh a bhith a’ gabhail a-steach leathadan nan cnoc agus raointean-tuile, lochan, coilltean, achaidhean àiteachais agus sgìrean bailteil.
Caidreachasan Gnìomh na Gnàth-shìde: Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do Chaidreachasan Gnìomh na Gnàth-shìde agus bidh iad a’ brosnachadh dhaoine gus gnìomhan ionadail a dhèanamh airson dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde is crìonadh nàdair.
Gnìomhan coimhearsnachd a thaobh na gnàth-shìde – Atharrachadh na gnàth-shìde - gov.scot (www.gov.scot)
ClimateXChange: Ionad-eòlais na h-Alba airson chùisean co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Planaichean Freagrachaidh na h-Oirthir: Tha na planaichean seo ag amas air dìon a chur air coimhearsnachdan is stòrasan air an oirthir fhad ’s a tha a’ ghnàth-shìde agus an oirthir fhèin ag atharrachadh. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri ùghdarrasan ionadail gus na planaichean seo ullachadh.
Atharraichean na h-Oirthir – Freagrachadh airson Atharraichean air an Oirthir
CoastSnap: ’S e a th’ ann an CoastSnap pròiseact saidheans do shaoranaich na cruinne gus cuideachadh le bhith a’ cruinneachadh fianais air mar a tha oirthirean ag atharrachadh.
Buidhnean Coimhearsnachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean: Buidhnean ionadail a tha ag obair a chum maith na coimhearsnachd aca. Gheibhear diofar sheòrsaichean bhuidhnean ann an diofar sgìrean, a rèir dè na cùisean sònraichte ris am feum gach coimhearsnachd dèiligeadh. Bheir Fòram Thuiltean na h-Alba cuideachadh is taic leantainneach do leithid a bhuidhnean a tha ann an sgìrean a tha fo chunnart bho thuiltean.
A’ Cur ri Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean tro Ghnìomhan Choimhearsnachdan - SFF
Lèirsinn Dhùn Èideann airson Uisge: Na planaichean fad-ùine is seasmhach aig Comhairle Baile Dhùn Èideann gus rian a chumail air uisge bhon oirthir is bho stoirmean air feadh a’ bhaile agus sgìre a’ bhaile, agus iad a’ gabhail ealla ri dualchas sònraichte a’ bhaile. Tha na planaichean a’ buntainn ris gach neach-ùidhe agus tha e na amas dhaibh dèiligeadh ri cunnartan a thaobh thuiltean is càileachd an uisge a dh’èireas ri linn atharrachadh na gnàth-shìde agus ri linn ìrean silidh eadar-dhealaichte agus àrdachadh nan cuantan
Lèirsinn Dhùn Èideann airson Uisge – Planadh airson Dhùn Èideann
Buidheann Thuiltean Edzel: Buidheann gnìomh thuiltean ionadail a stèidhich muinntir Edzell ann an Aonghas. Bidh a’ bhuidheann ag obair còmhla mar choimhearsnachd gus a’ bhuaidh a bheir tuiltean air Edzell a lùghdachadh.
Anacothrom nan Tuiltean: Suidheachadh far am bi nàbaidheachdan a tha fo chunnart no air stèidh chugallach ri linn chùisean eile cuideachd fo chunnart bho thuiltean. No ann am faclan eile, tha anacothrom ann nuair a bhios daoine – a tha ann an suidheachadh sòisealta a dh’fhàgas iad ann an cunnart nas motha ma thig tuiltean – a’ fuireach ann an àite far a bheil e nas buailtiche gun tig tuiltean a rèir na h-ìrean-tuile a thathar a’ sùileachadh ann an diofar sgìrean.
An Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009: Achd Pàrlamaid na h-Alba gus reachdas a stèidheachadh airson a bhith a’ measadh is a’ cumail rian seasmhach air cunnartan bho thuiltean, a’ gabhail a-steach reachdas gus Àrd-riaghailt Pàrlamaid is Comhairle na h-Eòrpa 2007/60/EC a chur an sàs; gus reachdas a stèidheachadh mu dhleastanasan ùghdarrasan ionadail agus Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba a thaobh rian air cunnartan bho thuiltean; gus atharrachadh a thoirt air Achd nan Lochan-tasgaidh 1975; agus airson adhbharan co-cheangailte.
An Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009
Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean: Le Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean bithear a’ co-òrdanachadh na h-obrach gus cunnartan bho thuiltean is buaidh nan tuiltean a lùghdachadh. Bidh na planaichean a’ stèidheachadh cheann-uidhe agus a’ comharrachadh ghnìomhan a nì na buidhnean le uallach.
Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean | SEPA
Tuiltean ann an Alba – Cò nì dè?: Tha An Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009 a’ fàgail dhleastanasan is uallaichean soilleir air daoine gus rian a chumail air cunnartan bho thuiltean ann an Alba, agus a rèir sin bidh sinn ag obair ann an compàirt ri SEPA, ùghdarrasan ionadail, Uisge na h-Alba agus ùghdarrasan eile le uallaichean leithid Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean agus Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.
Loidhne nan Tuiltean: Bidh Loidhne nan Tuiltean a’ toirt seachad an fhiosrachaidh as ùire air tuiltean agus comhairle air mar as urrainn do dhaoine ullachadh a dhèanamh airson no dèiligeadh ri buaidh nan tuiltean, 24 uair san latha, 7 latha san t-seachdain.
Loidhne nan Tuiltean | Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA)
Raon-tuile: Raon dhen tìr a tha ri taobh abhainn no air an oirthir a bhios air a chòmhdach le uisge nuair a thig tuil.
Aithris Stiùiridh air Tuiltean: Bidh Seirbheis Ro-aithris na h-Alba airson Tuiltean a’ toirt seachad aithris stiùiridh nàiseanta làitheil air tuiltean do bhuidhnean de Sheòrsa 1 is 2, leithid sheirbheisean-èiginn, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile aig a bheil dleastanasan a thaobh rian air tuiltean. Anns gach aithris làitheil gheibhear measadh air cho buailteach ’s a tha e gum bi tuiltean ann thar an ath chòig latha agus tha e a’ ciallachadh gu bheil ùine aig buidhnean gus ullachadh a dhèanamh airson buaidh nan tuiltean a lùghdachadh.
Stiùireadh air mar a nithear feum dhen Aithris Stiùiridh air Tuiltean (sepa.org.uk)
Frèam Ath-nuadhachaidh airson Tuiltean: Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbh Frèam Ath-nuadhachaidh airson Tuiltean anns am bi mìneachadh air cò air a tha na dleastanasan a thaobh a bhith a’ toirt ath-nuadhachadh air cùisean às dèidh thuiltean a thàinig ri linn dian-shìde. Bidh am Frèam a’ cur an cèill ciamar is cuin a bheir Riaghaltas na h-Alba taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus coimhearsnachdan is gnothachasan a chuideachadh le bhith a’ tilleadh dhan àbhaist no gus freagrachadh a chur an sàs às dèidh tuil gus am bi iad ann an suidheachadh nas seasmhaiche.
Sgeama nan Tabhartasan Coilltearachd: Tha Sgeama nan Tabhartasan Coilltearachd (STC) fo rian Coilltearachd na h-Alba agus gheibhear taic tron sgeama gus coilltean ùra a chur agus airson rian seasmhach a chumail air coilltean a th’ ann a-cheana.
Coilltearachd na h-Alba – Sgeama nan Tabhartasan Coilltearachd
Bun-structair uaine: Feartan no àiteachan ann an àrainneachdan nàdarra no togte a tha a’ cur taic ri eag-shiostaman ann an diofar dhòighean.
Raon-uaine: Raon sam bith, ach a-mhàin fearann àiteachais, a tha, no a dh’fhaodadh a bhith, na ghoireas is na àite chur-seachadan dhan phoball, no a bheir tlachd dhan phoball leithid phàircean, gàrraidhean, raointean-cluiche cloinne, coilltean agus raointean nàdarra eile, raointean le feur, cladhan is lotaichean-gàrraidh, slighean-uaine leithid cheuman, seann loidhnichean-rèile nach eilear a’ cleachdadh tuilleadh, aibhnichean is cànalaichean, fearann trèigte, falamh no truaillte dhen gabh feum a dhèanamh as ùr math dh’fhaodte.
Sgrùdadh Co-aonaichte air Sgìre Silidh: Le Sgrùdaidhean Co-aonaichte air Sgìrean Silidh bithear a’ dèanamh sgrùdadh air na tha tachairt eadar lìonraidhean-shàibhearan, lìonraidhean drèanaidh airson barra-uisge, cùrsaichean-uisge, agus, ma tha e freagarrach, a’ mhuir agus air a’ bhuaidh a th’ aca air a chèile.
Eadar-ghluasad Cothromach: Seo mar a nì sinn cinnteach gum bi dùthaich nas cothromaiche is nas uaine againn dhan a h-uile neach san àm ri teachd agus sinn ag obair còmhla gus dèanamh cinnteach gum bi cothromachd ann agus gun tèid cur às do neo-ionannachd is ana-ceartas.
Structairean dìona mòra airson tuiltean: Bidh ùghdarrasan ionadail a’ togail structairean dìona mòra airson tuiltean ri linn nan dleastanasan aca fon Achd airson Rian air Cunnartan a thaobh Thuiltean (Alba) 2009.
Tha eisimpleir ann leis an sgeama dìon airson tuiltean a chaidh a thogail ann an Stonehaven o chionn ghoirid.
Sgeama Dìon Stonehaven airson Tuiltean – Comhairle Siorrachd Obar Dheathain
Damaichean Aoidionach Fiodha: Tha damaichean aoidionach (ris an canar cuideachd damaichean mòra de sprùilleach fiodha no cnapan-starra aoidionach) mar dìreach aon de na dòighean a chleachdar airson Rian Nàdarra air Tuiltean (RNT). Gus rian nàdarra a chumail air tuiltean bithear a’ gabhail cheumannan gus:
Tha damaichean aoidionach ag obair san aon dòigh ’s a bhios bacaidhean nàdarra leithid chraobhan no geugan a thuiteas dhan abhainn. Bidh iad a’ cur maill air sruth na h-aibhne, agus a’ cur bacadh air uisge gus nach bi cus a’ sruthadh sìos an abhainn aig an aon àm.
Planaichean Leasachaidh Ionadail: Tha Plana Leasachaidh Ionadail aig a h-uile Ùghdarras Planaidh sa bheil molaidhean airson mar a ghabhas fearann a chleachdadh agus poileasaidhean planaidh airson stiùireadh a thoirt seachad airson leasachaidhean is co-dhùnaidhean planaidh san sgìre aca. ’S iad na h-Ùghdarrasan Planaidh ann an Alba, na 32 ùghdarrasan ionadail agus an dà phàirce nàiseanta.
Planaichean Àite Ionadail: Tha Planaichean Àite Ionadail a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan molaidhean aontachadh airson na sgìre ionadail aca fhèin, molaidhean a bhios a’ cur an cèill nan amasan aca a thaobh atharraichean san ùine ri thighinn.
Chaidh reachdas airson Phlanaichean Àite Ionadail a stèidheachadh fon Achd Phlanaidh (Alba) 2019, reachdas a tha a’ toirt còir ùr do choimhearsnachdan gus na planaichean aca fhèin ullachadh mar phàirt de shiostam planaidh ùr do dh’Alba. Sna Planaichean Àite Ionadail, gheibhear molaidhean na coimhearsnachd airson mar a nithear leasachadh air is feum de dh’fhearann, agus tha iad a’ toirt cothrom ùr do choimhearsnachdan gus buaidh a thoirt air an t-siostam phlanaidh leis na beachdan is molaidhean aca.
Planaichean Àite Ionadail | Ar n-Àite
A’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann far an tèid uisge: Tha seo a’ gabhail a-steach mar a gheibhear tuigse air càite am bi uisge a’ dol gu nàdarra agus a’ beachdachadh air mar a nì sinn cinnteach gu bheil àiteachan ann dha. Tha e gu sònraichte feumail a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann far an tèid uisge air sàillibh gun cuir sin ri ar cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean le bhith a’ lùghdachadh a’ chunnairt gum bi tuiltean ann.
Àrd-phlanadh: Planadh ro-innleachdail airson sgìre a thathar am beachd ath-nuadhachadh no atharrachadh gus dèiligeadh ri dùbhlan no gus frithealadh air feumalachdan ro-innleachdail.
Com-pàirteachas Drèanaidh Ro-innleachdail Sgìre Ghlaschu: ’S e a th’ ann an Com-pàirteachas Drèanaidh Ro-innleachdail Sgìre Ghlaschu com-pàirteachas neo-reachdail eadar buidhnean poblach a tha an sàs ann a bhith a’ cumail rian air barra-uisge, càileachd an uisge, cunnartan tuile, ann am planadh airson ionmhas a chur an seilbh agus leasachaidhean eaconamach – agus uallaichean orra airson riaghladh, seirbheisean a thoirt seachad, stòrasan a stiùireadh agus/no bun-structair a stèidheachadh – agus buidhnean a tha an sàs ann a bhith a’ cumail rian air lìonra drèanaidh is shàibhearan sgìre Ghlaschu.
Com-pàirteachas Drèanaidh Ro-innleachdail Sgìre Ghlaschu - MGSDP
Iomadh buannachd: A thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean, tha iomadh buannachd a' ciallachadh na gnìomhan a nì sinn gus àiteachan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean a bhios cuideachd a’ cruthachadh bhuannachdan eile do choimhearsnachdan. Mar eisimpleir, faodaidh rian nàdarra air tuiltean cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean, bith-àrainnean, bith-iomadachd, ri raointean-uaine nar bailtean is bailtean-mòra, agus feum a dhèanamh do shlàinte is math dhaoine.
Plana Mara Nàiseanta na h-Alba: Tha Plana Mara Nàiseanta na h-Alba a’ cur an cèill mar a chumar rian air uisgeachan faisg air a’ chladach (suas gu 12 mìle mara bhon chladach) agus uisgeachan a-muigh bhon chladach (12 gu 200 mìle mara air falbh).
Plana Mara Nàiseanta na h-Alba - gov.scot (www.gov.scot)
Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (FPN4): ’S e a th’ ann am Frèam Planaidh Nàiseanta 4 (FPN4) ar ro-innleachd nàiseanta airson àiteachan ann an Alba. Tha e a’ stèidheachadh phrionnsapalan airson àiteachan, prìomhachasan roinneil, leasachaidhean nàiseanta agus phoileasaidhean planaidh nàiseanta dhuinn.
Frèam Planaidh Nàiseanta 4 - gov.scot (www.gov.scot)
Slatan-tomhais Nàiseanta airson Co-chonaltradh ri Coimhearsnachdan: ’S e a th’ anns na Slatan-tomhais Nàiseanta airson Co-chonaltradh ri Coimhearsnachdan, prionnsapalan airson deagh mhodhan-obrach gus piseach a thoirt air co-chonaltradh ri coimhearsnachdan agus stiùireadh a thoirt do mar a thèid sin a dhèanamh.
Rian Nàdarra air Tuiltean (RNT): A’ cleachdadh mheadhanan nàdarra gus cunnartan bho thuiltean a lùghdachadh. Bidh na ceumannan a ghabhar a’ cur dìon air, ag ath-nuadhachadh, agus a’ dèanamh an aon rud a bhios feartan nàdarra ann an sgìrean silidh, raointean-tuile agus air an oirthir a’ dèanamh gus maill a chur air uisge is uisge a stòradh agus gus buaidh nan tonn a lagachadh.
Faodaidh ceumannan RNT a bhith a’ gabhail a-steach rian air ùir is an tìr, rian air aibhnichean is raointean-tuile, rian air coilltean, rian air uisge a bhios a’ ruith-dheth agus rian air an oirthir agus inbhirean.
Ath-nuadhachadh talamh-mònach: Tha ath-nuadhachadh talamh-mònach a’ ciallachadh na ceumannan a nithear gus cruth is buaidh talamh-mònach no raointean fliuch le tòrr mònach ath-nuadhachadh gus a bheil iad mar a bha iad.
’S e prògram nàiseanta a th’ ann an GNÌOMHAN airson Talamh-mònach gus talamh-mònach ath-nuadhachadh air feadh Alba.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh seachad air a shon agus ga stiùireadh agus thathar ga chur an sàs ann an com-pàirt ri NàdarAlba, Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean, Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, Uisge na h-Alba, Coilltearachd is Fearann Alba.
GNÌOMHAN airson Talamh-mònach – Na tha sinn air coileanadh | NatureScot
Dòighean-obrach stèidhichte air àiteachan: Le dòighean-obrach stèidhichte air àiteachan, bithear a’ faighinn tuigse air cùisean, eadar-cheanglaichean agus dàimhean ann an àite agus a’ co-òrdanachadh ghnìomhan is ionmhas gus piseach a thoirt air beatha na coimhearsnachd.
Dòighean-obrach Stèidhichte air Àiteachan | Ar n-Àite
Goireas airson Inbhean airson Àiteachan: Tha an goireas airson Inbhean airson Àiteachan a’ stèidheachadh frèam sìmplidh gus còmhraidhean a chumail mu àiteachan.
Na h-Inbhean airson Àiteachan le Sùil air a’ Ghnàth-shìde: Chaidh na h-Inbhean airson Àiteachan le Sùil air a’ Ghnàth-shìde a dhealbh gus daoine a chuideachadh le bhith a’ tuigsinn dè a’ bhuaidh a dh’fhaodas atharrachadh na gnàth-shìde a thoirt air an sgìre ionadail aca agus gus taic a thoirt dhaibh le bhith a’ dealbh àiteachan a bhios freagarrach airson na gnàth-shìde san àm ri teachd.
Tha iad a’ togail air a’ ghoireas choitcheann airson Inbhean airson Àiteachan agus air an dealbh gus taic a chur ri dòighean-obrach co-obrachail is com-pàirteach gus dèiligeadh ris a’ ghnàth-shìde ann an àite.
Ùr! - Na h-Inbhean airson Àiteachan le Sùil air a’ Ghnàth-shìde | Ar n-Àite
A’ toirt cruth air àiteachan: Na nithear gus àiteachan matha a chruthachadh a chuireas taic ri slàinte, toileachas agus math dhaoine. ’S mu dheidhinn na h-àrainneachd sa bheil sinn a’ fuireach a tha seo; na daoine a tha a’ fuireach sna h-àiteachan seo; agus am feum a nì e dhan bheatha aig daoine nuair a tha iad a’ gabhail gnothach ri agus a’ dol an sàs san àrainneachd a tha mun cuairt orra. Nuair a thathar a’ toirt cruth air àiteachan, bithear ag obair còmhla gus àiteachan a dhealbh agus a leasachadh thar ùine, agus daoine is coimhearsnachdan an teis-meadhan na h-iomairt.
A’ toirt cruth air àiteachan | Ar n-Àite
Gnìomhan gus Cur ri Seasmhachd Thoglaichean an Aghaidh Thuiltean: Bithear a’ cleachdadh na h-abairt Seasmhachd Thoglaichean an Aghaidh Thuiltean, no STAT, airson ghnìomhan no ceumannan a chuidicheas le bhith a’ lùghdachadh a’ chunnairt gun toir tuiltean buaidh air daoine is toglaichean. Le STAT, ’s urrainn do dhaoine am milleadh a nì tuiltean air na dachaighean is gnothachasan aca a lùghdachadh, agus bidh e an uair sin nas fhasa dhaibh cùisean a thilleadh dhan àbhaist agus tilleadh dha na toglaichean aca.
Sgrìobhainnean-taice – Ar beatha le tuiltean: plana gnìomh - gov.scot (www.gov.scot)
Buidheann phoblach: Buidheann le inbhe fhoirmeil a gheibh maoineachadh poblach gus seirbheis phoblach no riaghaltais a thoirt seachad.
Gàrradh-silidh: Gàrradh a tha aig ìre nas ìsle na tha an t-àite a tha mun cuairt air, agus e air a dhealbh gus sileadh-uisge a thig far uachdar nithean, leithid patio no mullach togalaich, a ghabhail a-steach.
Alba Ullaichte: Tha Alba Ullaichte air a ruith le Riaghaltas na h-Alba. Tha e na amas dhan làraich-lìn Alba a dhèanamh nas seasmhaiche mu choinneimh shuidheachaidhean-èiginn a dh’èireas.
Comhairle air suidheachaidhean-èiginn ann an Alba (ready.scot)
Faisg air aibhnichean: Tha seo a’ buntainn ri àiteachan a tha air bruaichean aibhnichean, no rudan a tha faisg air na bruaichean (tha am facal riparian air cùl seo).
Ath-stèidheachadh Aibhnichean: Le ath-stèidheachadh aibhnichean bithear ag ath-stèidheachadh cruth nàdarra aibhnichean a chaidh atharrachadh san àm a dh’fhalbh. Bidh sin a’ cur ri càileachd an uisge le bhith a’ lùghdachadh truailleadh agus a’ cur taic ri eag-shiostam nas fhallaine. Tha e cuideachd a’ cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh buaidh nan tuiltean, oir tha na h-aibhnichean ath-stèidhichte nas fheàrr air uisge a ghabhail a-steach agus rian a chumail air uisge a bharrachd, agus sin a’ cur dìon air na sgìrean mun cuairt orra.
Ruith-dheth: Seo an t-uisge a bhios a’ ruith air uachdar na talmhainn mus tèid e a-steach ann an drèan no cùrsa-uisge. Mar eisimpleir, nuair a bhios uisge mòr ann, dh’fhaodadh e a bhith a’ sileadh air achadh agus an uair sin bidh e a’ drùdhadh a-steach dhan ùir. Bidh an t-uisge nach tèid dhan ùir a’ ruith dhith.
Planaichean Rian na h-Alba airson Chunnartan bho Thuiltean: Tha na planaichean seo a’ toirt stiùir do mar a thèid cur ri seasmhachd choimhearsnachdan an aghaidh thuiltean. Tha iad glè chudromach do shlàinte, math is soirbheachas muinntir na h-Alba, oir thathar a’ tomhas gu bheil mu 284,000 dachaigh, gnothachas is seirbheis ann an cunnart bho thuiltean. Tha na planaichean cuideachd cudromach dhan iomairt gus dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde, oir thathar a’ tomhas gun tèid an àireamh de dhachaighean, gnothachasan is seirbheisean a tha ann an cunnart bho thuiltean an àirde 110,000 ro na 2080an. Tha SEPA os cionn a bhith a’ planadh airson rian a chumail air cunnartan bho thuiltean. Sna planaichean thathar a’ cur an cèill mar a tha amas fad-ùine ann gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean tro chinn-uidhe is gnìomhan a thèid a chomharrachadh.
Planaichean Rian airson Chunnartan bho Thuiltean | SEPA
Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba 4: ’S e a th’ ann am Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba (FPNA4) an ro-innleachd àiteachan nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba airson Alba. Tha e a’ stèidheachadh phrionnsapalan airson àiteachan, prìomhachasan roinneil, leasachaidhean nàiseanta agus poileasaidhean planaidh nàiseanta.
Sgrìobhainnean-taice - Frèam Planaidh Nàiseanta 4
Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA): Ùghdarras nàiseanta na h-Alba airson ro-aithrisean is rabhaidhean mu thuiltean, agus rian ro-innleachdail air cunnartan bho thuiltean.
Tuiltean | Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA)
Seirbheis Ro-aithris na h-Alba airson Tuiltean: Com-pàirteachas ro-innleachdail eadar Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) agus Oifis na Sìde a bhios a’ cleachdadh fiosrachadh haidreòlach is fiosrachadh mun t-sìde gus ro-aithrisean nas earbsaiche a dhèanamh a thaobh thuiltean air feadh Alba.
Bidh Seirbheis Ro-aithris na h-Alba airson Tuiltean a’ toirt seachad aithris stiùiridh nàiseanta làitheil air tuiltean do bhuidhnean de Sheòrsa 1 is 2, leithid sheirbheisean-èiginn, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile aig a bheil dleastanasan a thaobh rian air tuiltean. Anns gach aithris làitheil gheibhear measadh air cho buailteach ’s a tha e gum bi tuiltean ann thar an ath chòig latha agus tha e a’ ciallachadh gu bheil ùine aig buidhnean gus ullachadh a dhèanamh airson buaidh nan tuiltean a lùghdachadh.
Ro-aithrisean air tuiltean | Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba SEPA
Fòram Thuiltean na h-Alba: ’S e buidheann neo-eisimeileach a th’ ann am Fòram Thuiltean na h-Alba a bhios a’ toirt taic do dhaoine agus coimhearsnachdan a tha ann an cunnart bho thuiltean.
Fòram Thuiltean na h-Alba – A’ Toirt Taic do Choimhearsnachdan ann an Cunnart bho Thuiltean
Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 3: Chaidh seo fhoillseachadh san t-Sultain 2024 agus tha e a’ stèidheachadh nan gnìomhan a nì Riaghaltas na h-Alba agus ar luchd-compàirt gus dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha am Plana Freagrachaidh seo a’ stèidheachadh ghnìomhan airson 2024 gu 2029.
Dreachd de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba (2024-2029)
Maoin Lìonraidhean Cumhachd na h-Alba is a’ Chinn a Deas airson Choimhearsnachdan Seasmhach: Chuidich Maoin Lìonraidhean Cumhachd na h-Alba is a’ Chinn a Deas airson Choimhearsnachdan Seasmhach coimhearsnachdan le bhith a’ fàs nas seasmhaiche airson amannan nuair a bhios stoirmean is dian-shìde ann agus nuair a bhios a’ chumhachd dheth airson greis. Chaidh seo a ruith mar phàirt dhen Mhaoin aca airson Choimhearsnachdan Seasmhach.
A’ Mhaoin aca airson Choimhearsnachdan Seasmhach - SSEN
Sniffer: ’S e buidheann a th’ ann an Sniffer a bhios a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi Alba ullaichte airson buaidh atharrachadh na gnàth-shìde, agus iad a’ tarraing aire dhaoine gu cunnartan agus cothroman a thig ri linn na gnàth-shìde agus a’ brosnachadh ghnìomhan co-obrachail tro Phrògram Freagrachaidh na h-Alba.
Siostaman drèanaidh seasmhach (SDS): Seo nuair a chleachdar dòighean nàdarra gus rian a chumail air drèanadh faisg air agus ann an toglaichean agus leasachaidhean. Bidh iad a’ cur maill is bacadh air uisge a bhios a’ ruith dhen talamh ann an àite. Bidh iad a’ cumail rian is smachd air barra-uisge.
Drèanadh seasmhach (susdrain.org)
Buidhnean còmhdhail is ghoireasan: Tha iad seo a’ gabhail a-steach bhuidhnean a tha an sàs ann a bhith a’ toirt sheirbheisean seachad leithid rathaidean is slighean rèile, puirt is calaidhean, dealan, gas agus uisge
Inbhean Coilltearachd na RA: ’S e a th’ ann an Inbhean Coilltearachd na RA (ICRA) inbhean teicnigeach airson rian seasmhach a chumail air coilltean san RA. Tha iad a’ stèidheachadh mar a dh’obraicheas na ceithir riaghaltasan san RA a thaobh seo, agus a’ mìneachadh nan riatanasan agus a’ toirt stiùireadh do choilltearan air mar a chumas iad rian seasmhach air coilltean san RA. Tha rian seasmhach air coilltean riatanach gus dèanamh cinnteach gum bi solar de dh’fhìor-uisge ann, gus ar dìon bho ghàbhaidhean nàdarra leithid thuiltean is bleith-ùire, agus gus dìon a chur air gnèithean-beatha uisge.
Inbhean Coilltearachd na RA – Rannsachadh Coilltearachd
Roinn-uisge: Earrann shònraichte de dh’uisge air bàrr na talmhainn, a ghabhas a shònrachadh gu soilleir, leithid a’ mhuir, loch, lòn, talamh-fliuch, allt, abhainn no pàirt de dh’allt no abhainn.
Togsaid-uisge: Soitheach airson sileadh-uisge a stòradh a ghabhas cleachdadh gus uisge a chur air gàrraidhean no rathaidean-taighe is starain msaa a ghlanadh.
Dùn Dè a tha Seasmhach an Aghaidh Uisge: Tha an com-pàirteachas Dùn Dè a tha Seasmhach an Aghaidh Uisge (DDAU) ag amas air planaichean com-pàirteach a chur an sàs agus rian seasmhach a chumail air uisge ann an Dùn Dè gus muinntir a’ bhaile a chuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh agus san àm ri teachd.
Cùrsa-uisge: Cladhan nàdarra no togte tro bheil uisge a’ sruthadh. Dh’fhaodadh seo a bhith na abhainn, na allt, na chànal msaa.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot