National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Buil a Trì: Pròiseasan
Bidh seasmhachd an aghaidh thuiltean air a fighe a-steach do ar n-àiteachan aig gach ìre; nithear taghadh nas fharsainge de ghnìomhan le taghadh nas fharsainge de luchd-compàirt coileanaidh.
Leis a’ bhuil seo, thathar a’ coimhead gu h-àraidh air ar pròiseasan agus ciamar as urrainn dhuinn a bhith ag obair còmhla gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Ma thathar a’ dol a chruthachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, feumar piseach a thoirt air na pròiseasan a th’ ann, dòighean-obrach ùra a thoirt a-steach agus modhan-obrach innleachdach a chur an sàs. Feumaidh taghadh nas fharsaing de luchd-compàirt a bhith an sàs san iomairt agus bidh feum air barrachd co-obrachaidh thar roinnean airson dèanamh cinnteach gun gabh sinn gach cothrom gus cur ri ar cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean. Cuideachd, bidh againn ri coimhead air modailean maoineachaidh ùra, leithid na dòighean san urrainnear feum a dhèanamh de dh’ionmhas poblach agus prìobhaideach gus àiteachan a chruthachadh a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan a th’ againn gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean a’ dèanamh làn-fheum de na stòrasan a th’ againn agus nuair as urrainnear gun tig iomadh buannachd às na pròiseasan sin airson ar n-àiteachan is coimhearsnachdan. Tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine, aig a bheil gnothach ri tuiltean ann an Alba, air an fhiosrachadh is an taic a tha dhìth orra gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh riutha.
Na tha a’ tachairt an-dràsta
- Tha sinn a’ faicinn barrachd co-obrachaidh an lùib phròiseactan as urrainn iomadach buannachd a chruthachadh do dh’àiteachan agus e mar phàirt dhiubh a bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair thar raointean poileasaidh gus tuigse fhaighinn air na cothroman co-obrachaidh a th’ ann a bheir iomadh buannachd dhuinn agus a chuidicheas le cothromachadh-carboin, freagrachadh a thaobh na gnàth-shìde agus suidheachadh-èiginn nàdair. Mar phàirt de sin, bithear a’ coimhead air mar a ghabhas cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean le bhith a’ cur mhodhan-obrach an sàs a tha stèidhichte air àiteachan agus a’ gabhail cheumannan a thaobh seasmhach an aghaidh thuiltean an lùib phlanaichean leasachaidh is a bhith a’ stiùireadh leasachaidhean, ath-nuadhachadh talamh-mònach, agus mar a chumar rian air coilltean is àiteachas.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbh poileasaidh airson gnìomhachas an uisge san àm ri teachd ann an Alba mu choinneimh suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde. Mar phàirt de sin, bithear a’ coimhead air mar as urrainn dhuinn luchd-compàirt a thoirt còmhla gus piseach a thoirt air drèanadh airson sileadh uisge nar sgìrean bailteil, gus cur ri seasmhachd aghaidh nan droch stoirmean a tha a’ fàs nas bitheanta agus gus buaidh nan tuiltean agus a’ bhuaidh air an àrainneachd a lùghdachadh.
- Tha Uisge na h-Alba ag obair le luchd-compàirt air feadh Alba gus piseach a thoirt air drèanadh nar sgìrean bailteil, gus stad a chur air sileadh uisge bho bhith a’ dol dhan t-siostam-òtrachais againn no gus na tha a’ dol ann a lùghdachadh agus gus lùghdachadh a thoirt air cunnartan a thaobh thuiltean barra-uisge agus air a’ bhuaidh a bheir e air an àrainneachd nuair a bhios sàibhearan a’ cur thairis.
- Le gnìomhan airson cur ri Seasmhachd Thoglaichean an Aghaidh Thuiltean, thathar ag amas air toglaichean fa leth an àite gnìomhan seasmhachd nas fharsainge às an tig buannachd do dh’àireamh nas motha de thoglaichean. Thathar a’ tuairmse gum b’ urrainn do 81,000 togalach ann an Alba buannachd fhaighinn bho cheumannan air choreigin gus cur ri an cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean[15]. Tha grunn ùghdarrasan ionadail a’ beachdachadh air taic a thoirt do cheumannan gus cur ri seasmhachd thoglaichean an aghaidh thuiltean airson daoine ann an sgìrean nach eil fo sgeama dìon airson tuiltean. Faodaidh ceumannan gus cur ri seasmhachd thoglaichean fa leth an aghaidh thuiltean a bhith gu math feumail nuair a tha tuiltean beaga ann agus tuiltean barra-uisge. Mar eisimpleir, tha Comhairle Crìochan na h-Alba a’ tabhainn sgeama lasachaidh do luchd-còmhnaidh airson bathar-dìona airson tuiltean, tha sgeama thabhartasan aig Comhairle Fìobha agus tha Comhairle Lodainn an Iar a’ cur cheumannan an sàs gus toglaichean a tha ann an cunnart bho thuiltean ann am Broxburn a dhèanamh nas seasmhaiche nan aghaidh.
- Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair le COSLA gus feum a dhèanamh de na chaidh ionnsachadh bho bhith a’ cur na ciad chuairt de Sgeamaichean Dìon airson Tuiltean an sàs[16]. Thathar a’ cleachdadh na chaidh ionnsachadh gus modail riaghlaidh nas fheàrr a chruthachadh airson sgeamaichean na dàrna cuairt airson dèanamh cinnteach gun dèanar làn-fheum de na stòrasan gus obair seasmhachd a dhèanamh do choimhearsnachdan. Tha an aon bhuidheann cuideachd a’ beachdachadh air ath-leasachadh a dhèanamh air a’ mhaoineachadh airson gnìomhan airson seasmhachd an aghaidh thuiltean gus an toirear taic do na gnìomhan as freagarraiche do dhiofar choimhearsnachdan ionadail a thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbh Frèam Ath-nuadhachaidh airson Tuiltean gus am bi barrachd soilleireachd is co-aonachd ann nuair a thig e gu dleastanasan a thaobh ath-nuadhachadh às dèidh thuiltean agus a thaobh taic gus faighinn seachad air tuiltean. Ri linn mar a tha barrachd dian-shìde ann, bidh e cuideachd a’ cur an cèill ciamar is cuin a bheir Riaghaltas na h-Alba barrachd taic-airgid seachad gus coimhearsnachdan is gnothachasan a chuideachadh le bhith a’ tilleadh dhan àbhaist no gus freagrachadh a chur an sàs às dèidh tuil gus am bi iad ann an suidheachadh nas seasmhaiche.
- Tha grunn co-iomairtean eadar buidhnean gan cur an sàs mu thràth air feadh Alba gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean aig ìre ionadail agus gus coimhearsnachdan a chuideachadh. Nam measg tha Com-pàirteachas Drèanaidh Ro-innleachdail Sgìre Ghlaschu a tha a’ toirt cruth-atharrachadh air mar a tha muinntir a’ bhaile a’ beachdachadh air agus a’ cumail rian air sileadh uisge gus nach bi an còrr thuiltean ann agus gus piseach a thoirt iar càileachd an uisge. Tha ùghdarrasan ionadail, Uisge na h-Alba, SEPA agus luchd-compàirt eile an sàs ann.
Tha dà eisimpleir sna duilleagan a leanas a’ sealltainn mar a tha dòighean-obrach ùra a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Sùil air Seasmhachd: Dùn Dè a tha Seasmhach an Aghaidh Uisge
Tha e mar amas dhan chom-pàirteachas, Dùn Dè a tha Seasmhach an Aghaidh Uisge, planadh airson is rian a chumail air sileadh uisge ann am Baile Dhùn Dè ann an dòigh sheasmhach gus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh agus san àm ri teachd. Tha Uisge na h-Alba agus Comhairle Baile Dhùn Dè a’ tuigsinn gum feumar dòighean-ùra a dhealbh gus rian a chumail air dian-uisge is uisge stoirmean gus am bi coimhearsnachdan seasmhach an aghaidh thuiltean agus deiseil airson an ama ri teachd.
Tha an com-pàirteachas a’ togail air co-obrachadh rinneadh mar phàirt de Sgrùdadh Co-aonaichte air Sgìre Silidh Taobh Tatha agus thathar a’ dealbh ro-innleachd drèanaidh airson a’ bhaile-mhòir air fad, agus ro-innleachdan is pròiseactan coimhearsnachd nas mionaidiche.
Tha pròiseact air Sràid Craigie na eisimpleir de phròiseact a chaidh a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd a thug cruth-atharrachadh air àite, agus iad air leasachaidhean a thoirt air an àrainneachd, leithid meanbh-phàirce sa bheil gàrraidhean-silidh agus craobhan gus rian a chumail air barra-uisge, agus àirneis sràide agus dealbh-balla. Ron seo, b’ e lìonra shàibhearan co-cheangailte traidiseanta a bha a’ drèanadh an àite. Tha na feartan ùra a’ cruinneachadh is a’ stòradh barra-uisge mus fhalbh an t-uisge sin gu na sàibhearan, agus e a’ dol annta aig astar nas slaodaiche.
Dh’obraich a’ bhuidheann choimhearsnachd Fòram Stobswell còmhla ri Sustrans Alba, Comhairle Baile Dhùn Dè agus Uisge na h-Alba, gus na leasachaidhean seo a chur an sàs ann an sgìre bhailteil. Chaidh gàrraidhean-silidh a chruthachadh air Sràid Balmore agus Barraid Arthurstone cuideachd. Tha leithid a phròiseactan a’ sealltainn, ma bheirear cumhachd do choimhearsnachdan gus rudan a dhèanamh gum faod sin cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean agus le bhith a’ stèidheachadh àrainneachd shàbhailte, is àite às a bheil an luchd-còmhnaidh moiteil.
Tha pròiseact Dhùghlais na eisimpleir de dh’iomairt leantainneach gus bun-structair ionadail is raointean-fosgailte poblach a chruthachadh a tha cuideachd air cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean. Chuir Buidheann Àiteachan Coimhearsnachd Dhùghlais (SCIO SC043807) aonta-màil 25-bliadhna air dòigh airson seann bhun-sgoil agus iad an dùil Pàirce Coimhearsnachd agus àite is glasraich a chur a chruthachadh. Às dèidh co-chomhairleachadh farsaing, agus às dèidh dhaibh maoineachadh fhaighinn bhon Chrannchur Mhòr (Maoin ar n-Àiteachan), chruthaich a’ bhuidheann na goireasan ann an com-pàirt ri buidhnean eile.
Chaidh Pàirce Coimhearsnachd Dhùghlais a chrìochnachadh ann an 2022, agus ’s e àite dealbhte sònraichte a th’ ann far am faod a’ choimhearsnachd diofar rudan a dhèanamh, agus far am bi barra-uisge ga stòradh ann an glaicean is lagan drèanaidh a tha mar phàirt de chruth na tìre.
’S e a tha san amharc airson na h-ùine fada gum bi mar a shoirbhich leis a’ phàirce seo na adhbhar brosnachaidh do phròiseactan eile a bheir piseach air na raointean uaine ann an sgìre Dhùghlais, agus pròiseact na pàirce seo air cur ri lèirsinn, eòlas, sgilean is goireasan ionadail agus ris an taic a gheibhear gu h-ionadail.
Sùil air Seasmhachd: Dùn Èideann a tha Ullaichte airson na Gnàth-shìde
’S e am Plana airson Dùn Èideann a tha Ullaichte airson na Gnàth-shìde an dàrna plana freagrachaidh aig a’ bhaile. Chaidh am plana a dhealbh leis a’ Chom-pàirteachas Fhreagrachaidh is Nàdair, sa bheil: Comhairle Baile Dhùn Èideann, Uisge na h-Alba, Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, Dualchas Cruinneil Dhùn Èideann, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, NHS Lodainn, NàdarAlba, Com-pàirteachas Bith-iomadachd Dhùn Èideann, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Napier, Colaiste Dhùn Èideann agus Sniffer.
Tha am plana a’ stèidheachadh ghnìomhan a tha an com-pàirteachas air aontachadh a tha riatanach ma thathar a’ dol a chur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus a’ dol a dhèiligeadh ri cunnartan co-cheangailte ri agus buaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha freagrachadh aig cridhe a’ phlana, agus tha gnìomhan ann a thèid a chur an sàs ann an dòighean a tha cothromach, ceart agus nam buannachd do dhaoine, coimhearsnachdan agus gnothachasan, agus a chuidicheas le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil am baile taiceil do nàdar. Chaidh naodh raointean-prìomhachais agus trithead is a h-aon cinn-uidhe a chomharrachadh, agus tha taghadh de ghnìomhan co-cheangailte ris gach fear dhiubh a thèid a choileanadh eadar seo is 2030. Am measg nan ceann-uidhe tha modhan-obrach fad-ùine seasmhach a stèidheachadh gus rian a chumail air uisge ann an Dùn Èideann. Tha an com-pàirteachas air aontachadh a bhith ag obair gus lùghdachadh a thoirt air tuiltean is dèiligeadh ri tart sa bhaile tro mhodhan-obrach co-òrdanaichte airson rian air uisge, agus sin a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh àiteachan a tha fo rian math agus seasmhach a thaobh uisge.
Teacs na grafaige gu h-ìosal:
Bidh na gnìomhan airson Phròiseasan san ro-innleachd seo a’ togail air seo. Tha e mar amas dhuinn a bhith ag obair le luchd-compàirt gus ar pròiseasan a neartachadh gus an tig piseach air ar cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Nì sinn seo le bhith:
- A’ stèidheachadh Seirbheis Comhairleachaidh airson Tuiltean do dh’Alba
- B’ e aon de na teachdaireachdan a bu shoilleire a chualas aig na seiseanan co-chonaltraidh airson luchd-ùidhe gu bheil feum air seirbheis nàiseanta cho-òrdanaichte a bheir taic do luchd-compàirt coileanaidh gus taghadh nas fharsainge de dh’iomairtean a chur an sàs a thaobh seasmhachd an aghaidh thuiltean agus a nì cinnteach gum bi barrachd cunbhalachd, èifeachdas is luach ann a thaobh mar a thèid gnìomhan le luach mòr mu choinneamh thuiltean, leithid sgeamaichean dìon airson tuiltean, a sholarachadh, a dhealbh agus a choileanadh. Cuideachd, le leithid a sheirbheis, b’ urrainnear comhairle, eòlas, sgilean agus fios mu shàr mhodhan-obrach a cho-phàirteachadh am measg luchd-compàirt coileanaidh.
- Bheir an t-seirbheis seo taic is comhairle do luchd-compàirt coileanaidh is coimhearsnachdan a thaobh mar a chuirear ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Stèidhichidh e frèam riaghlaidh agus pròiseasan gus gnìomhan le luach mòr mu choinneimh thuiltean a chur an sàs, leithid sgeamaichean dìon airson tuiltean.
- A' cur taic ri taghadh nas fharsainge de ghnìomhan a thaobh thuiltean (a’ gabhail a-steach seasmhachd an aghaidh thuiltean airson toglaichean):
- Bheir sinn sùil air buidseatan airson tuiltean gus faicinn ciamar a ghabhas pàirt dhen mhaoineachadh airson tuiltean a chosg gus taic a chur ri taghadh nas fharsainge de ghnìomhan a thaobh thuiltean leithid sgeamaichean dìon nas lugha airson tuiltean agus maoineachadh airson seasmhachd an aghaidh thuiltean airson toglaichean, agus fianais ann gum faod sin cuideachadh le bhith a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean san fharsaingeachd.
- Bidh sinn a’ sireadh luchd-compàirt ùra airson seasmhachd an aghaidh thuiltean air feadh nan roinnean poblach agus prìobhaideach gus barrachd buaidhe a thoirt air co-dhùnaidhean a dh’fhaodas cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Bidh sinn a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air poileasaidhean air feadh roinnean as urrainn cur ri seasmhachd àiteachan an aghaidh thuiltean.
- Coimheadaidh sinn air mar as urrainn do dh’ionmhas poblach is prìobhaideach cuideachadh le bhith a’ cruthachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean.
- A’ cleachdadh dàta gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean:
- Obraichidh sinn le luchd-compàirt gus faicinn ciamar as urrainn dhuinn piseach a thoirt air mar a sheallas is mar a chleachdas sinn dàta gus taic a chur ri gnìomhan a chuireas ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Cleachdaidh sinn dàta gus aire choimhearsnachdan a tharraing gu na cunnartan a th’ ann bho thuiltean an-dràsta agus a bhios ann san ùine air thoiseach gus cuideachadh le co-dhùnaidhean agus gus coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith a’ cur freagrachadh an sàs mu choinneimh na gnàth-shìde.
- Cruthaichidh sinn seataichean-dàta ùra gus an gabh co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot