Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean

Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean


A’ Cur na Ro-innleachd an Gnìomh

Ma thathar a’ dol a thoirt lèirsinn na Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean gu buil, bidh feum ar barrachd co-obrachaidh thar nan diofar roinnean.

Gus dèanamh cinnteach gum bi daoine agus àiteachan ullaichte airson barrachd thuiltean suas gu 2045 agus às dèidh sin, tha e riatanach gun tog sinn bonn-stèidh làidir sa chiad dol-a-mach, agus sinn a’ togail air na chaidh ionnsachadh roimhe agus a’ cur ghnìomhan an sàs ann an raointean is sgìrean ùra.

’S e an ath cheum, plana coileanaidh a dhealbh le luchd-compàirt a chuireas an cèill mar a tha sinn a’ dol a chur ghnìomhan an sàs agus mar a bheir sinn ar Lèirsinn agus ar builean airson Daoine, Àiteachan agus Pròiseasan gu buil.

Cuiridh sinn gnìomhan an sàs ann an sia raointean air a bheil prìomhachas agus sinn a’ tòiseachadh le bhith a’ stèidheachadh na Seirbheis Comhairleachaidh airson Tuiltean. Bidh an t-seirbheis sin mar bhunait dhan obair gus àiteachan a dhèanamh seasmhach an aghaidh thuiltean.

Cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh dlùth cho-chonaltradh ri luchd-ùidhe, dìreach mar a rinn sinn gus an ro-innleachd seo a dhealbh.

Contact

Email: flooding_mailbox@gov.scot

Back to top