National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ar Prìomh Phrionnsapalan
Bidh na prìomh phrionnsapalan a leanas mar bhun-stèidh dhan iomairt againn gus dèiligeadh ri tuiltean agus cuidichidh iad sinn le bhith a’ dèanamh an fheum as motha as urrainnear de ar stòrasan is goireasan uile. Cuidichidh iad le bhith a’ fighe seasmhachd an aghaidh thuiltean a-steach dhan obair airson freagrachadh a thaobh na gnàth-shìde agus airson a bhith a’ toirt cruth air àiteachan agus le bhith a’ toirt cothrom dhan àireimh as motha as urrainnear de dhaoine gus cuideachadh le bhith a’ cur taghadh cho farsaing ’s as urrainn de ghnìomhan an sàs.
Sheall na freagairtean dhan cho-chomhairleachadh phoblach gun robh tòrr dhaoine a’ cur taic ris na prìomh phrionnsapalan a bhathar a’ moladh le 82% de luchd-freagairt a’ cur taic ris an amas gus àiteachan a chruthachadh a bhios seasmhach an aghaidh thuiltean. Bha luchd-freagairt a’ tuigsinn gum feum barrachd luchd-compàirt coileanaidh a bhith ann agus thug iad seachad farsaingeachd de mholaidhean a thaobh cò dh’fhaodadh cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi Alba nas seasmhaiche a thaobh thuiltean.
1. Leis cho mòr ’s a tha an dùbhlan, feumar a-nis cuideam a chur air a bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean an àite ‘a bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean’.
Cuiridh sinn cuideam air a bhith a’ stèidheachadh àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean tro bhith a’ gabhail gach cothrom gus dèanamh cinnteach nach eil sinn ann an uiread cunnairt tuiltean fhulang agus nithear gnìomhan gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh nuair a thig iad.
Leis na dòighean-obrach a th’ againn an-dràsta gus rian a chumail air tuiltean, ’s e a bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean a thig bho thuiltean as motha a tha fa-near dhuinn gus an urrainn dhuinn cumail oirnn a’ dèanamh nan aon rudan a tha sinn a’ dèanamh sna h-aon àiteachan le nas lugha cunnairt gun tig tuiltean. Ge-tà, mar a chunnacas leis na thachair ann am Breichin le Stoirm Babet san Dàmhair 2023, tha e a' sìor fhàs nas duilghe sin a dhèanamh. Feumaidh sinn beachdachadh air na dòighean eile san urrainn dhuinn ar n-àiteachan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean, agus gabhail ris gur dòcha nach bi e comasach dhuinn na h-aon rudan a dhèanamh sna h-aon àiteachan gu sìorraidh. Nuair a thig e gu bhith a’ lùghdachadh buaidh nan tuiltean san ùine ri thighinn, bidh mar a tha ar n-àiteachan air an dealbh a cheart cho cudromach ris na gnìomhan a thèid a dhealbh gus dèiligeadh ri tuiltean.
2. Tha seasmhachd an aghaidh thuiltean mar phàirt de sheasmhachd choimhearsnachdan agus de fhreagrachadh mu choinneamh atharrachadh na gnàth-shìde.
Obraichidh sinn còmhla ri prìomh bhuidhnean agus luchd-compàirt buntainneach gus seasmhachd an aghaidh thuiltean fhighe a-steach, gu ìre nas motha, dhan obair airson seasmhachd choimhearsnachdan agus freagrachadh mu choinneamh atharrachadh na gnàth-shìde. Cuidichidh sinn coimhearsnachdan gus tuigse fhaighinn air cho buailteach ’s a tha e gum bi tuiltean aca an-dràsta agus san àm ri teachd agus air na roghainnean a th’ aca gus cur ri an cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean. Ma tha tuigse mhath aig coimhearsnachdan air cùisean agus ma gheibh iad taic fhreagarrach, thèid aca air roghainnean freagrachaidh fiosrach a dhèanamh a thaobh leasachaidhean, ath-leasachadh, dealbhachadh, àiteachan, ghnìomhan agus a bhith a’ cur airgead an seilbh gus cur ri an cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean thar ùine. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic mu thràth ri 20 Caidreachas Coimhearsnachd na Gnàth-shìde gus pròiseactan gnìomh na gnàth-shìde a thoirt air adhart agus fuasglaidhean gnàth-shìde fhighe a-steach ann am planaichean ionadail. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh seachad airson seo luach suas ri £5.5m ann an 2024-25.
3. ’S e a tha aig cridhe na h-iomairt airson seasmhachd an aghaidh thuiltean na prionnsapalan airson Eadar-ghluasad Cothromach (gum bi dùthaich againn san am ri teachd a tha nas cothromaiche is nas uaine dhan a h-uile duine agus sinn ag obair còmhla gus am bi cothromachd ann agus gus cur às do neo-ionannachd is ana-ceartas).
Nì buidhnean, a tha a’ stiùireadh na h-obrach gus cur ri ar seasmhachd an aghaidh thuiltean, cinnteach gum bi coimhearsnachdan an sàs sa phròiseas agus gun cuirear freagrachadh an sàs mu choinneamh an dùbhlain seo co-cheangailte ris a’ ghnàth-thìde ann an dòigh a tha cothromach agus far nach dèanar dearmad air duine sam bith. Nì sinn cinnteach gum faigh coimhearsnachdan a tha ann an cunnart bho thuiltean is atharraichean costail taic, gun tuig iad na tha an dàn dhaibh agus na roghainnean a th’ aca gus cur ri an cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean. Gu h-àraidh na coimhearsnachdan far am faod tuiltean a bhith a’ cur ri cugallachd is duilgheadasan sòisealta agus far am faod daoine tighinn fo anacothrom nan tuiltean[11].
4. Gheibh a h-uile duine buannachdan bho àiteachan a tha seasmhach an aghaidh thuiltean, agus faodaidh sinn uile cuideachadh.
’S urrainn dhuinn uile, mar dhaoine fa leth agus coimhearsnachdan, rudan a dhèanamh gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Obraichidh sinn gus cur ris an àireimh de dhaoine as urrainn a dhol an sàs ann agus a bhith a’ dèanamh ghnìomhan a chuireas ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Chan urrainn dhuinn a bhith gu tur an urra ri sgiobaidhean thuiltean is buidseatan thuiltean gus ar n-àiteachan a dhèanamh nas seasmhaiche an aghaidh thuiltean agus tha rudan ann as urrainn dhuinn uile a dhèanamh. Bidh an Riaghaltas, ùghdarrasan ionadail agus prìomh luchd-ùidhe eile a’ cur nan atharraichean mòra air adhart, ach feumar taic a thoirt do choimhearsnachdan agus daoine fa leth gus cuideachadh le seasmhachd nan àiteachan aca.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot