National Flood Resilience Strategy - Gaelic version - Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean
Buil a Dhà: Àiteachan
Bithear a’ cumail ri deagh mhodhan-obrach airson seasmhachd an aghaidh thuiltean nuair a nithear co-dhùnaidhean a thaobh rian air fearann agus a bhith a’ toirt cruth air àiteachan.
Leis a’ bhuil seo, thathar gu h-àraidh a’ coimhead air mar as urrainn do ar n-àiteachan cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Ma ruigeas coimhearsnachdan a tha ann an cunnart bho thuiltean is crìonadh na h-oirthir ìre fhreagarrach de sheasmhachd an aghaidh thuiltean, thèid aca air cumail orra a’ soirbheachadh agus a’ cur ri gnìomhachd eaconamach sheasmhach. Gus seo a thoirt gu buil, bidh feum air atharraichean nach beag air na h-àiteachan aca thar na h-ùine fada.
Na tha a’ tachairt an-dràsta
- Tha freagrachadh mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde aig cridhe iomairt Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air math dhaoine ann an Alba, san latha an-diugh agus san latha a-màireach. Mar phàirt de sin, bithear a’ beachdachadh air mar as urrainn dhuinn ar gnìomhan uile atharrachadh gus am bi iad a’ cur ri ar seasmhachd mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde.
- Thathar a’ faicinn atharraichean air cruth-tìre ar sgìrean bailteil is dùthchail mar thoradh air mar as urrainn dhan tìr agus obair a nithear san tìr ar cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde agus nàdair. Thathar a’ neartachadh phoileasaidhean co-cheangailte ri cleachdadh fearainn is planadh gus dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ cur freagrachadh an sàs mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus nach bi sinn a’ cur ri dùbhlain na gnàth-shìde airson nan ginealach ri teachd.
- Tha an Ro-innleachd seo na pàirt bunaiteach de Phlana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 2024-2029 (PFNA3) agus i a’ cur taic ri cinn-uidhe PFNA3 a thaobh fhuasglaidhean stèidhichte air nàdar, seasmhachd choimhearsnachdan agus planadh leasachaidhean.
- Tha Ceathramh Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba (FPNA4) a’ cur taic ri seasmhachd an aghaidh thuiltean nar n-àiteachan tro Phoileasaidh 10 airson dìon a chur air coimhearsnachdan is stòrasan na h-oirthir agus cuideachadh le seasmhachd mu choinneimh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde, Poileasaidh 20 airson dìon a chur air bun-structair gorm is uaine is an cuid lìonraidhean agus Poileasaidh 22 airson cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- Tha Plana Mara Nàiseanta na h-Alba a’ cur taic ri seasmhachd an aghaidh thuiltean nar n-àiteachan tro Phoileasaidh Coitcheann 8 airson phròiseasan na h-oirthir is tuiltean. Tha e a’ cur an cèill phuingean air am bu chòir beachdachadh a thaobh àiteachan, dealbhachadh is a’ bhuaidh a dh’fhaodadh leasachaidhean no bun-structair a thoirt air an oirthir, agus a thaobh mar a bu chòir do dhaoine an dàta is fianais as fheàrr a chleachdadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh. Tha am Plana cuideachd ga dhèanamh soilleir uair eile gu bheil feum air co-obrachadh an lùib Phlanaichean Mara Roinneil agus Planaichean Leasachaidh tìre gus cur ri seasmhachd na h-oirthir airson sgìrean nach eil air an oirthir an-dràsta.
- Tha na h-Inbhean airson Àiteachan le Sùil air a’ Ghnàth-shìde a’ cuideachadh le bhith a’ cur ri seasmhachd àiteachan an aghaidh thuiltean. Chaidh a dhealbh gus daoine a chuideachadh le bhith a’ tuigsinn dè a’ bhuaidh a dh’fhaodas atharrachadh na gnàth-shìde a thoirt air an sgìre ionadail aca agus gus taic a thoirt dhaibh le bhith a’ dealbh àiteachan a bhios freagarrach airson na gnàth-shìde san àm ri teachd.
- Tro Phrògram Ath-leasachadh an Àiteachais, tha sinn a’ beachdachadh air mar ghabhas taic a thoirt do thuathanaich gus atharraichean a chur an sàs a chuidicheas iad le bhith a’ dèiligeadh ri gainnead uisge is tuiltean; mar eisimpleir, le modhan-obrach nas fheàrr gus rian a chumail air an ùir agus le bhith a’ cur chraobhan.
- Cumaidh sinn oirnn ag obair le luchd-ùidhe gus am feum as motha as urrainnear a dhèanamh dhen taic-airgid a gheibh tuathanaich an-dràsta gus atharraichean a chur an sàs a chum maith an tuathanais aca fhèin, agus a chum leas a’ phobaill gu lèir, agus bithear a’ coimhead air na cothroman a gheibhear an lùib Prògram Ath-leasachadh an Àiteachais.
- Tha e mar amas do Riaghaltas na h-Alba leudachadh air na coilltean a th’ againn gus am bi iad a’ còmhdach 21% de thìr na h-Alba ro 2032 agus tha sinn a’ cur taic ri a bhith a’ cur chraobhan tro Sgeama nan Tabhartasan Coilltearachd. Chan fhaigh daoine an taic seo ach nuair a tha iad a’ coileanadh riatanasan Inbhean Coilltearachd na RA, leithid cruth na coille agus stiùireadh air modhan-rian gus cunnartan bho thuiltean a lùghdachadh. Tro Sgeama nan Tabhartasan Coilltearachd, gheibhear ìrean pàighidh nas fheàrr airson sgìrean sònraichte far am faod coilltean faisg air aibhnichean is uillt iomadh seòrsa feum a dhèanamh, leithid a bhith a’ cumail rian air tuiltean.
- Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn £250 millean a thoirt seachad thairis air 10 bliadhna gus 250,000 heactair de thalamh-mònach millte ath-nuadhachadh ro 2030. Ma tha talamh-mònach fallain, gheibhear iomadh buannachd bho sin: bidh e a’ glacadh is a’ stòradh carbon, a’ cur taic ri nàdar, a' lùghdachadh a’ chunnairt gum bi tuiltean is roiteanan ann, agus tha e a’ cur ri càileachd uisge.
Leis na h-eisimpleirean gu h-ìosal chithear cuid de na h-atharraichean a tha gan dèanamh sna sgìrean bailteil is dùthchail againn a tha a’ cur ri seasmhachd àiteachan an aghaidh thuiltean agus tha iad a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha seirbheisean ro-aithris is rabhaidh SEPA airson tuiltean nuair a thig e gu bhith ag ullachadh airson agus a’ dèiligeadh ri tuiltean.
Sùil air Seasmhachd: sùil air Uisge Eddleston.
’S e sgrùdadh sònraichte fad-ùine a th’ anns a’ phròiseact airson Uisge Eddleston far a bheilear a’ rannsachadh dè cho buadhmhor ’s a tha modhan-obrach airson Rian Nàdarra air Tuiltean (RNT) agus modhan-obrach gus bith-àrainn ath-nuadhachadh ann an sgìre silidh. Chaidh grunn cheumannan a ghabhail a tha a’ cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean tro bhith ag ath-stèidheachadh phròiseasan nàdarra a tha a’ cur maill air sruth an uisge agus a tha a’ stòradh barrachd dhen uisge san tìr fhèin.
Tro bhith ag obair le 22 luchd-seilbh fearainn, chaidh farsaingeachd de cheumannan a ghabhail co-cheangailte ri RNT thar na sgìre silidh de mheud 69km2. Leithid a bhith a’ cur còrr is 330,000 craobh dhùthchasach faisg air na tùs-uisgeachan agus air bruaichean nan aibhnichean; a’ togail 115 structairean le logaichean gus maill a chur air an t-sruth; a’ cruthachadh 38 lòintean glèidhidh sealach airson tuiltean; agus a’ cur lùban air ais ann am pìosan, fad 3.5km, dhen abhainn a chaidh a dhèanamh dìreach roimhe gus ceangal as ùr a dhèanamh ris an raon-tuile.
A rèir nan toraidhean – a tha stèidhichte air obair nach beag a rinneadh gus dàta a chruinneachadh agus gus fiosrachadh haidreòlach a chruinneachadh – tha RNT ag obair gu math ann an sgìrean silidh beaga agus ann an àiteachan far nach eil na tuiltean cho dona.
Chaidh sgrùdadh cosgais is bhuannachdan a dhèanamh gus measadh a dhèanamh air èifeachdas agus buannachdan leithid a phròiseactan RNT. A rèir nan toraidhean, faodaidh luach math tighinn bho airgead a chosgar air RNT agus gabhaidh e a chur an sàs mar thaic do dh’iomairtean dìon structarail eile airson tuiltean. Leis a’ phròiseact seo, fhuaras luach làithreach (LL) de £950,000 ri linn mar a chaidh milleadh-tuile a sheachnadh ann an ceann shìos nan aibhnichean, agus fhuaras LL a bharrachd luach £4.4 millean ri linn bith-iomadachd, rian air carbon, càileachd uisge, cur-seachadan agus buannachdan eile.
Sùil air Seasmhachd: drèanadh seasmhach do Bhun-sgoil Croftfoot
Chaidh siostam drèanaidh seasmhach a chur an sàs ann an raon-cluiche aig Bun-sgoil Croftfoot ann an Glaschu, gus rian a chumail air sruthan uisge a b’ àbhaist a bhith a’ dol dhan t-siostam-òtrachais. A thuilleadh air a bhith a’ cumail rian air cunnartan tuileachaidh, thàinig buannachdan eile do choimhearsnachdan ionadail bho na ceumannan a chaidh a ghabhail gus rian a chumail air barra-uisge, leithid raon-coimhearsnachd a chaidh a chruthachadh agus bith-iomadachd nas fheàrr.
Chaidh lag-drèanaidh a chruthachadh aig an sgoil gus uisge a bhios a’ ruith dhen raon-chluiche a chruinneachadh, agus chaidh goireasan-drèanaidh ùra a stèidheachadh gus uisge a bhios a’ tighinn bho phìoban-mullaich a chruinneachadh, agus tha an t-uisge sin uile ga chur a dh’àite fon Raon Gheamaichean is Ioma-chleachdaidh ùr (MUGA). Tha uachdar drùidhteach aig a’ MhUGA agus tha àite-stòraidh fodha gus ruith-dheth a’ bharra-uisge a lùghdachadh, mus tèid an t-uisge sin dhan phìob-drèanaidh aig Alltan Spittal air Craobhraid Croftpark. Le bhith a’ toirt air falbh pàirt dhen uisge bhon t-siostam-òtrachais cho-cheangailte, thathar a’ lùghdachadh a’ chunnairt gum bi tuiltean ann ann an ceann shìos na sgìre silidh agus tha na goireasan drèanaidh ùra a’ cur taic ri ath-nuadhachadh.
Cuideachd, chaidh amharc-lann a-muigh a chruthachadh, far a bheil drèanadh seasmhach ann agus àite-cluiche a ghabhas cleachdadh airson diofar rudan. Tha àite-ionnsachaidh a-muigh ann do sgoilearan agus tha e na àite-stòraidh airson uisge a tha a’ ciallachadh gu bheil àite-stòraidh a bharrachd ann nuair a bhios stoirmean mòra ann agus comas-stòraidh a’ MhUGA a’ cur thairis. Aon uair ’s gum bi an stoirm seachad, bidh an t-uisge a’ sìoladh às an amharc-lann ri linn iom-tharraing thairis air beagan uairean a thìde.
Tron phròiseact rinn Comhairle Baile Ghlaschu co-chonaltradh ri oileanaich às an sgìre agus thug iad cothroman ionnsachaidh spòrsail dhaibh, agus rinneadh cinnteach cuideachd gun robh tuigse aca air an iomadh buannachd a thig bho na fuasglaidhean innleachdach seo.
Sùil air Seasmhachd: ro-aithrisean is rabhaidhean airson tuiltean
’S e SEPA an t-Ùghdarras airson Ro-aithrisean is Rabhaidhean airson Tuiltean ann an Alba. Ann an co-bhuinn ri Oifis na Sìde, bidh SEPA a’ toirt diofar sheirbheisean seachad gus fios a sgaoileadh ro-làimh mu bhuaidh thuiltean air feadh Alba. Bidh Oifis na Sìde agus SEPA ag ullachadh Aithris Stiùiridh air Tuiltean còmhla gach latha, le fios do bhuidhnean taice is èiginn mu thuiltean a dh’fhaodadh a bhith ann suas ri 5 latha ro-làimh.
Bhon Ghearran 2023, thathar air a bhith a’ foillseachadh tionndadh poblach air làrach-lìn SEPA gach latha. Tha Ro-aithris Thuiltean na h-Alba a’ toirt ro-aithris 3-latha seachad gus am bi rabhadh ann do choimhearsnachdan air tuiltean a dh’fhaodadh a bhith ann. Le seo, chì a h-uile duine an ro-aithris agus faodaidh iad ullachadh a dhèanamh a rèir sin.
Faodaidh daoine a tha clàraichte le Loidhne nan Tuiltean aig SEPA Rabhaidhean Tuile Roinneil fhaighinn, a sheallas dè na tuiltean a dh’fhaodadh a bhith ann, suas ri 48 uairean a thìde mus tig an tuil agus mus toir i buaidh air daoine. Gheibhear Fios air Rabhaidhean air a’ fòn, le SMS no ann am post-d.
Tha Rabhaidhean Tuile Ionadail a’ gabhail a-steach sgìrean nas lugha, agus bidh iad ag innse gu bheil dùil ri tuil. Gheibhear fiosrachadh sna teachdaireachdan seo air farsaingeachd na tuile gu h-ionadail (me, cò na sràidean air an toir i buaidh) agus air cuin a thig i. Bheir iad cothrom do choimhearsnachdan ullachadh a dhèanamh is rudan eile a dhèanamh, leithid gun a bhith a’ siubhal no a’ cur dìon air toglaichean. Tha tòrr choimhearsnachdan air buidhnean seasmhachd a chruthachadh a bhios a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo agus tha buidhnean aca air na meadhan sòisealta a bhios a’ sgaoileadh fiosrachadh ionadail.
Tha mar a tha sinn a’ dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde mu thràth a’ toirt buaidh air co-dhùnaidhean co-cheangailte ri rian air fearann agus ri bhith a’ toirt cruth air àiteachan, co-dhùnaidhean a tha a’ toirt atharrachadh air coltas is dreach ar sgìrean bailteil is dùthchail. Ge-tà, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun gabh sinn gach cothrom gus rian a chumail air an fhearann airson buaidh thuiltean is atharrachadh na h-oirthir a lùghdachadh. Feumar feum a dhèanamh de stòrasan tìre agus pròiseasan nàdarra gus cunnartan tuile a lùghdachadh agus feumar leasachaidhean is ath-leasachadh a sheachnadh ann an sgìrean far am bi tuiltean, agus sin a dhèanamh mar bhun-phrionnsapal, agus le sin cha bhi na leasachaidhean a th’ ann, no a bhios ann, ann an uiread de chunnart bho thuiltean is atharrachadh na h-oirthir, amas a tha mar riatanas nar Frèam Planaidh Nàiseanta (FPNA4) agus sa Phlana Mhara Nàiseanta. Leis a’ Phrionnsapal airson Àiteachan, dha bheil Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic, nì sinn cinnteach gum bithear a’ gabhail ealla ri tuiltean mar chleachdadh àbhaisteach nuair a thathar a’ dealbh ar n-àiteachan[13].
Cuideachd, feumaidh sinn na cothroman a gheibhear an lùib iomairtean eile a ghabhail gus am faigh ar n-àiteachan diofar bhuannachdan. Mar eisimpleir, a’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann far an tèid uisge[14] agus a’ stèidheachadh bun-structair gorm is uaine nar bailtean is bailtean-mòra às an tig buannachdan leithid seasmhachd an aghaidh thuiltean, bith-iomadachd, rian air stòrasan uisge agus math dhaoine. Faodaidh pròiseactan gus talamh-mònach ath-nuadhachadh, aibhnichean ath-stèidheachadh agus cur ri bith-iomadachd cuideachadh le seasmhachd an aghaidh thuiltean ma thèid an dealbh ann an dòigh fhreagarrach.
Mar a chuidicheas nàdar is bun-structair gorm is uaine le seasmhachd an aghaidh thuiltean
Tha Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba 3 (PFNA3) agus Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba gu 2045 a’ cur an cèill cho cudromach ’s a tha eag-shiostaman fallain, seasmhach is bith-iomadach dhuinn nuair a tha sinn a’ cur freagrachadh an sàs mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde. Oir, gheibhear tòrr de na meadhanan-rian ann an nàdar fhèin, leithid na feadhna a dh’fhaodas ar cuideachadh le bhith a’ cumail rian air tuiltean.
Mar sin, tha fuasglaidhean nàdair glè chudromach dha na h-oidhirpean gus àiteachan a stèidheachadh ann an Alba a tha seasmhach an aghaidh thuiltean. Tha ‘bun-structair gorm is uaine’ mar phàirt de na fuasglaidhean nàdair. Bidh na feartan uaine is gorm de dh’àrainneachdan nàdarra is togte agus na ceanglaichean eatarra a’ cruthachadh bhuannachdan do dhaoine agus dhan àrainneachd nàdarra.
- Am measg nam feartan uaine tha: pàircean, coilltean, craobhan, raointean-cluiche, cilltean eaglaise is cladhan, lagan-drèanaidh, callaidean, oirean-rathaid, mullaich uaine agus gàrraidhean.
- Am measg nam feartan gorma tha: cuantan, aibhnichean, lochan, sruthain, talamh-fliuch, raointean-tuile, cànalaichean, lòintean, cabhsairean drùidhteach agus siostaman drèanaidh bailteil seasmhach.
- Bidh ceuman, slighean-baidhsagalachd agus slighean gorma leithid aibhnichean is ceuman-cànail a’ togail cheanglaichean tro agus eadar raointean le bun-structair uaine.
Tha 98% dhe na daoine a fhreagair an co-chomhairleachadh air an Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean ag aontachadh gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann do dh’uisge airson piseach a thoirt air seasmhachd ar bailtean is bailtean-mòra an aghaidh thuiltean. Bha a’ mhòr-chuid de luchd-freagairt cuideachd a’ cur taic ris a’ mholadh gus siostaman drèanaidh seasmhach agus lìonraidhean drèanaidh gorm is uaine a chleachdadh gus buaidh thuiltean barra-uisge a lùghdachadh.
Gabhaidh Riaghaltas na h-Alba agus ar luchd-compàirt cothroman gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean tro phlanaichean airson cleachdadh fearainn, gnìomhan gus rian a chumail air fearann agus tro mar a thèid feartan is bun-structair bailteil a dhealbh.
Mar phàirt de sin, nithear na leanas
- A’ seachnadh leasachaidhean is obair ath-leasachaidh ann an sgìrean far a bheil e buailteach gun tig tuiltean, agus sin a dhèanamh mar bhun-phrionnsapal.
- A’ dèanamh cinnteach gun gabhar ealla ri seasmhachd an aghaidh thuiltean nuair a thathar a’ dealbh fheartan is bun-structair nam bailtean.
- A’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan ann do dh’uisge ann an sgìrean dùthchail is bailteil.
- A’ cur ri bun-structair gorm is uaine ann an sgìrean bailteil.
- Barrachd rian nàdarra air tuiltean far am bi e na bhuannachd sin a dhèanamh.
- A’ brosnachadh dheagh mhodhan-obrach a thaobh rian air uisge is seasmhachd an aghaidh thuiltean am measg mhanaidsearan is luchd-cleachdaidh fearainn, leithid ann an roinn an àiteachais is na coilltearachd.
- Ag ath-nuadhachadh barrachd talamh-mònach.
Bidh na Gnìomhan airson Àiteachan san ro-innleachd seo a’ cur taic ri seo uile. Tha e mar amas dhuinn a bhith ag obair le luchd-compàirt gus faicinn ciamar as urrainn do ar sgìrean dùthchail is bailteil cur ri ar cuid seasmhachd an aghaidh thuiltean.
Nì sinn seo le bhith:
- A’ dèanamh feum nas fheàrr dhen tìr gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh:
- A’ cur ris an tuigse a th’ againn air mar a ghabhas cruth-tìre ar sgìrean bailteil is dùthchail atharrachadh gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean. Mar eisimpleir: mar as urrainn dhuinn barrachd feum a dhèanamh de ar stòrasan nàdarra leithid talamh-mònach is coilltean gus buaidh nan tuiltean a lùghdachadh agus mar as urrainnear àiteachan a chruthachadh nar bailtean airson barrachd bun-structair gorm is uaine a chuidicheas le bhith a’ cumail rian air sileadh uisge.
- A’ seachnadh leasachaidhean is obair ath-leasachaidh ann an sgìrean far a bheil e buailteach gun tig tuiltean, agus sin a dhèanamh mar bhun-phrionnsapal.
- A’ cur taic ri leasachaidhean is ath-leasachadh far a bheil sin a’ cur ri seasmhachd ar n-àiteachan an aghaidh thuiltean.
- A’ sireadh luchd-compàirt coileanaidh as urrainn tron obair aca cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- A’ lorg chothroman gus feum a dhèanamh de dh’fhearann ann an sgìrean bailteil agus dùthchail gus cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean.
- A’ dealbh phoileasaidhean airson lìonraidhean drèanaidh airson sileadh uisge. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbh poileasaidh gus rian nas fheàrr a chumail air sileadh uisge ann an sgìrean bailteil tro lìonraidhean drèanaidh ro-innleachdail airson gnàth-shìde an latha an-diugh agus an latha a-màireach.
- A’ rannsachadh mar a b’ urrainn do phrògraman leithid Prògram Ath-leasachadh an Àiteachais cur ri seasmhachd an aghaidh thuiltean agus freagrachadh mu choinneimh atharrachadh na h-oirthir ann an Alba. Mar eisimpleir, le bhith a’ toirt taic do thuathanaich is luchd-stiùiridh fearainn gus làn-fheum a dhèanamh de bhuannachdan haidreòlach is haidreolaig a gheibhear bho thìr, lìonraidhean aibhne agus raointean oirthire.
- A’ cur taic ri planaichean eadar-ghluasaid fad-ùine dha na coimhearsnachdan as motha a tha ann an cunnart:
- A’ toirt taic do choimhearsnachdan gus planaichean eadar-ghluasaid fad-ùine ullachadh ann an àiteachan far nach gabh, math dh’fhaodte, ìre fhreagarrach de sheasmhachd an aghaidh thuiltean a chumail suas gu sìorraidh.
- A’ coimhead air mar a ghabhas ro-aithris is rabhaidhean nas fheàrr a thoirt seachad a thaobh milleadh bho stoirmean air an oirthir.
- A’ comharrachadh na dòigh as èifeachdaiche is as buadhmhoire gus prògram sgrùdaidh oirthire nàiseanta a stèidheachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid am fiosrachadh as ùire mu atharraichean air an oirthir a chruinneachadh, a sgrùdadh agus a thoirt seachad.
Dh’aontaich 90% de luchd-freagairt bhon cho-chomhairleachadh air an Ro-innleachd airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean gum bu chòir beachdachadh air mar a ghabhas taic a thoirt do choimhearsnachdan gus planaichean a dhèanamh airson gluasad air falbh bho sgìrean far a bheil na cunnartan as motha bho thuiltean, ann an suidheachaidhean far nach eil roghainn eile ann.
Contact
Email: flooding_mailbox@gov.scot