Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version

Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland


An Adhbhar aig Foghlam, Rannsachadh agus Leasachadh Sgilean às dèidh na sgoile

Bheir an earrann seo taic do chom-pàirtichean an t-seisein gus beachdachadh air adhbhar foghlam, leasachadh sgilean agus rannsachadh às dèidh na sgoile agus na roghainnean poileasaidh a tha rim faotainn gus taic a thoirt do lìbhrigeadh an adhbhair ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Ceist 6.1

  • A bheil thu ag aontachadh leis an adhbhar a tha air a mhìneachadh airson eag-shiostam foghlam, rannsachadh agus leasachadh sgilean ann an Alba às dèidh na sgoile?

Adhbhar – Nòtaichean do Luchd-cuideachaidh

  • Tha Earrann a Sia a' leigeil le com-pàirtichean beachdachadh air an adhbhar aig foghlam, rannsachadh agus leasachadh sgilean às dèidh na sgoile.
  • Thathar a' brosnachadh luchd-cuideachaidh gus taic a thoirt do bhuidhnean gus na ceistean a dheasbad mus toir iad geàrr-chunntas seachad agus mus co-roinn iad toradh nan còmhraidhean aca.

Faodar beachdachadh air Ceist 6.1 ann an dà phàirt:

  • 6.1 (a) A bheil thu ag aontachadh gur e seo adhbhar eag-shiostam foghlam, rannsachadh agus leasachadh sgilean às dèidh na sgoile?
  • 6.1 (b) A bheil beachd sam bith agad air cànan no cumadh an adhbhair?

Contact

Email: Purposeandprinciples@gov.scot

Back to top