Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version

Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland


Prionnsabal a Dhà - Taiceil agus Cothromach

Bheir an earrann seo taic do chom-pàirtichean an t-seisein gus beachdachadh air a' phrionnsapal "Taiceil agus Cothromach" agus na roghainnean poileasaidh a tha rim faotainn gus taic a chumail ri lìbhrigeadh a' phrionnsapail seo ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Ceist 2.1

  • A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Taiceil agus Cothromach a bhith ann mar phrionnsabal agus mun chànan a chleachd sinn mu dheidhinn?

Ceist 2.2

  • Tha am prionnsapal seo mu ciamar, cuin, cò dha agus cò leis a tha taic air a toirt seachad.
  • Nad bheachd-sa, ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn eag-shiostam taiceil agus cothromach a thogail gus taic a thoirt do dhiofar sheòrsaichean shlighean?

Prionnsabal a dhà – Nòtaichean do Luchd-cuideachaidh

  • Tha Earrann a dhà a' toirt cothrom do chom-pàirtichean beachdachadh air a' phrionnsapal "Taiceil agus cothromach".
  • Thathas a' brosnachadh luchd-cuideachaidh gus taic a thoirt do bhuidhnean gus na ceistean a dheasbad mus toir iad geàrr-chunntas seachad agus mus co-roinn iad toradh nan còmhraidhean aca.
  • A rèir na buidhne, dh'fhaodar an dà cheist a dheasbad mu seach, no dh'fhaodadh na com-pàirtichean a bhith air an cur còmhla ann am buidhnean agus diofar cheistean a thoirt dhaibh airson còmhradh.

Faodar beachdachadh air Ceist 2.1 ann an dà phàirt:

  • 2.1 (a) A bheil thu ag aontachadh gur e prionnsapal cudromach a tha seo a bu chòir a bhith mar phàirt den Adhbhar agus Prionnsabalan?
  • 2.1 (b) A bheil beachd sam bith agad air cànan no cumadh a' phrionnsapail seo?

Ann a bhith beachdachadh air ceist 2.1, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:

  • Dè tha taiceil agus cothromach a' ciallachadh dhut nad dhreuchd san eag-shiostam nas fharsainge no ann an eaconamaidh sunnd na h-Alba san fharsaingeachd?
  • An e seo am mìneachadh ceart air prionnsapal taiceil agus cothromach? A bheil rud sam bith nach eil ann a bu toil leat fhaicinn anns an earrainn seo?

Faodar beachdachadh air Ceist 2.2 ann an dà phàirt:

  • 2.2 (a) Dè seòrsa roghainnean lìbhrigidh a dh'fheumas a bhith rim faighinn do dhaoine fa leth gus eag-shiostam a thogail a tha taiceil agus cothromach?
  • 2.2 (b) A bheil eisimpleir sam bith agad de dheagh chleachdadh a thaobh a' phrionnsapail seo no an urrainn dhut raointean a chomharrachadh far a bheil leasachadh a dhìth?

Ann a bhith beachdachadh air ceist 2.2, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:

  • Ciamar a chumas sinn oirnn a' togail air an adhartas a rinn iomairtean gus ruigsinneachd a leudachadh? A bheil sinn fhathast a' leudachadh ruigsinneachd anns na raointean ceart, a bheil sinn ag amas air na daoine ceart agus a' toirt taic dhaibh gus am faigh iad na cothroman ceart? Ciamar a bu chòir dhuinn adhartas air leudachadh ruigsinneachd a mhìneachadh agus a thomhas? A bheil beachd sam bith eile agad ri thoirt dhuinn air ciamar a bu chòir dhuinn dèiligeadh ri bhith a' leudachadh ruigsinneachd tron eag-shiostam air fad, chan ann a-mhàin ann an oilthighean agus colaistean?
  • Dè an dòigh as fheàrr air taic oileanach a thoirt seachad? Dè seòrsa taic do dh'oileanaich a bu chòir a bhith ann? Càite am chòir dhuinn a bhith a' toirt seachad seirbheisean taic oileanaich? Cuin a bu chòir dhuinn taic oileanach a thoirt seachad, dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach beachdachadh air diofar bhuidhnean aoise no aig diofar ìrean de thuras an neach-ionnsachaidh. Cò dha a bu chòir dhuinn a bhith a' toirt taic oileanaich? Aig an àm seo, tha cuid de na h-eileamaidean de thaic oileanaich air an cuimseachadh, am bu chòir seo a leantainn? Nam bu chòir, dè na buidhnean air am bu chòir dhuinn a bhith ag amas?
  • Cò a bu chòir pàigheadh airson nan diofar eileamaidean ann an turas an neach-ionnsachaidh? Cuin a bu chòir dhaibh seo a phàigheadh agus dè an suidheachadh sònraichte anns am bu chòir seo tachairt? Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach beachdachadh air àite taic oileanaich, maoineachadh riaghaltais, maoineachadh luchd-fastaidh, taic dhìreach bho ionadan foghlaim, agus eisimpleirean de dhaoine fa leth a' maoineachadh an cuid leasachaidh fhèin.

Contact

Email: Purposeandprinciples@gov.scot

Back to top