Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version
Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland
Prionnsabal a Ceithir - Freagairteach agus Susbainteach
Bheir an earrann seo taic do chom-pàirtichean an t-seisein gus beachdachadh air a' phrionnsapal "Freagairteach is Sùbailte" agus na roghainnean poileasaidh a tha ann gus taic a thoirt do lìbhrigeadh a' phrionnsapail seo ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.
Ceist 4.1
- A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Freagairteach agus Susbainteach a bhith ann mar phrionnsabal agus mun chànan a chleachd sinn mu dheidhinn?
Ceist 4.2
- Tha am prionnsapal seo mu chomas an eag-shiostaim freagairt ri dhràibhearan cruinneil agus dachaigheil
- Nad bheachd-sa, dè an dòigh san urrainn dhuinn taic a thoirt dhan eag-shiostam gus a bhith sùbailte agus freagairteach do dh'fheumalachdan na h-Alba san àm ri teachd?
Prionnsabal a Ceithir – Nòtaichean do Luchd-cuideachaidh
- Tha Earrann a Ceithir a' toirt cothrom do chom-pàirtichean beachdachadh air a' phrionnsapal "Freagairteach agus Subailte".
- Thathar a' brosnachadh luchd-cuideachaidh gus taic a thoirt do bhuidhnean gus na ceistean a dheasbad mus toir iad geàrr-chunntas seachad agus mus co-roinn iad toradh nan còmhraidhean aca.
- A rèir na buidhne, dh'fhaodar an dà cheist a dheasbad mu seach, no dh'fhaodadh na com-pàirtichean a bhith air an cur còmhla ann am buidhnean agus diofar cheistean a thoirt dhaibh airson còmhradh.
Faodar beachdachadh air Ceist 4.1 ann an dà phàirt:
- 4.1 (a) A bheil thu ag aontachadh gur e prionnsapal cudromach a tha seo a bu chòir a bhith mar phàirt den Adhbhar agus Prionnsabalan?
- 4.1 (b) A bheil beachd sam bith agad air cànan no cumadh a' phrionnsapail seo?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 4.1, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Dè tha sùbailte agus freagairteach a' ciallachadh dhut nad dhreuchd san eag-shiostam nas fharsainge no ann an eaconamaidh sunnd na h-Alba san fharsaingeachd?
- An e seo am mìneachadh ceart air prionnsapal freagairteach agus sùbailte? A bheil rud sam bith nach eil ann a bu toil leat fhaicinn anns an earrainn seo?
Faodar beachdachadh air Ceist 4.2 ann an dà phàirt:
- 4.2 (a) Dè seòrsa eag-shiostam a dh'fheumadh a bhith againn airson a bhith sùbailte agus freagairteach do dh'iarrtasan a tha ag atharrachadh? Dè an seòrsa lìbhrigidh a bhiodh tu an dùil fhaicinn, agus dè na dòighean anns am faodadh seo a bhith air a dhealbhadh gus an urrainn dha a bhith sùbailte agus freagairteach do dhiofar sheòrsaichean iarrtasan thar diofar raointean-ama - dh' fhaodadh seo a bhith na rud obann mar ghalar lèir-sgaoilte no rudeigin san fhad-ùine mar an gluasad gu cothromachadh-carboin no seallaidhean dùthchail is eileanach?
- 4.2 (b) A bheil eisimpleir sam bith agad de dheagh chleachdadh a thaobh a' phrionnsapail seo no an urrainn dhut raointean a chomharrachadh far a bheil leasachadh a dhìth?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 4.2, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Ciamar a nì sinn cinnteach gum bi an t-eag-shiostam fhathast mothachail air agus freagairteach do riatanasan ionadail, roinneil, nàiseanta agus air an taobh a-staigh, a' gabhail a-steach àite cholaistean agus oilthighean mar acraichean catharra mar phàirt de thogail beairteas coimhearsnachd?
- Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil dàimhean obrach nan diofar phàirtean den eag-shiostam aig gach ìre a' leigeil leis an eag-shiostam a bhith a' tòiseachadh, a' freagairt agus a' lìbhrigeadh a rèir iarrtasan caochlaideach.
- Ciamar a chumas sinn taic do cho-thaobhadh sgilean ann an Alba, a' gabhail a-steach planadh sgilean soirbheachail mar fhreagairt air feumalachdan a' mhargaidh obrach?
- Ciamar a tha an t-eag-shiostam a' cumail taic ri bhith ag àrdachadh sgilean agus ag ath-sgileadh an luchd-obrach? Dè an dòigh as fheàrr gus seo a lìbhrigeadh agus a bhrosnachadh? Cò a phàigheas airson dè agus cuin?
- Ciamar as fheàrr a bheirear taic agus brosnachadh do dh'fhastaichean gus preantasachdan a chruthachadh, a bhith a' tasgadh ann an trèanadh taobh a-staigh na h-obrach agus a bhith a' leasachadh luchd-obrach agus a' togail dàimhean le colaistean agus oilthighean agus solaraichean ionnsachaidh is leasachadh coimhearsnachd?
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback