Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version
Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland
Prionnsabal a Trì - Cliù Cruinneil
Cumaidh an earrann seo taic ri com-pàirtichean an t-seisein gus beachdachadh air a' phrionnsapal "Cliù Cruinneil" agus na roghainnean poileasaidh a tha rim faotainn gus taic a thoirt do lìbhrigeadh a' phrionnsapail seo ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.
Ceist 3.1
- A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Cliù Cruinneil a bhith ann mar phrionnsabal agus mun chànan a chleachd sinn mu dheidhinn?
Ceist 3.2
- Tha am prionnsapal seo mu na tha rannsachadh ann an Alba a' cur ris an t-saoghal agus air an àite a th' aige ann a bhith a' toirt taic do sheasamh cruinneil na h-Alba, sàr-mhathas teagaisg, beairteas agus ceangailteachd.
- Nad bheachd-sa, ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn spèis eadar-nàiseanta a chumail agus a bhrosnachadh airson eag-shiostam rannsachaidh, foghlaim is sgilean na h-Alba, agus airson in-thasgadh agus tàladh tàlant eadar-nàiseanta?
Prionnsabal a Trì – Nòtaichean do Luchd-cuideachaidh
- Tha Earrann a Trì a' toirt cothrom do chom-pàirtichean beachdachadh air a' phrionnsapal "Cliù Cruinneil".
- Thathar a' brosnachadh luchd-cuideachaidh gus taic a thoirt do bhuidhnean gus na ceistean a dheasbad mus toir iad geàrr-chunntas seachad agus mus co-roinn iad toradh nan còmhraidhean aca.
- A rèir na buidhne, dh'fhaodar an dà cheist a dheasbad mu seach, no dh'fhaodadh na com-pàirtichean a bhith air an cur còmhla ann am buidhnean agus diofar cheistean a thoirt dhaibh airson còmhradh.
Faodar beachdachadh air Ceist 3.1 ann an dà phàirt:
- 3.1 (a) A bheil thu ag aontachadh gur e prionnsapal cudromach a tha seo a bu chòir a bhith mar phàirt den Adhbhar agus Prionnsabalan?
- 3.1 (b) A bheil beachd sam bith agad air cànan no cumadh a' phrionnsapail seo?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 3.1, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Dè tha cliù cruinneil a' ciallachadh dhut nad dhreuchd san eag-shiostam nas fharsainge no ann an eaconamaidh sunnd na h-Alba san fharsaingeachd?
- An e seo am mìneachadh ceart air prionnsapal cliù cruinneil? A bheil rud sam bith nach eil ann a bu toil leat fhaicinn anns an earrainn seo?
Faodar beachdachadh air Ceist 3.2 ann an dà phàirt:
- 3.2 (a) Dè seòrsa roghainnean lìbhrigidh a dh'fheumas a bhith rim faighinn do dhaoine fa leth gus eag-shiostam a thogail aig a bheil cliù cruinneil?
- 3.2 (b) A bheil eisimpleir sam bith agad de dheagh chleachdadh a thaobh a' phrionnsapail seo no an urrainn dhut raointean a chomharrachadh far a bheil leasachadh a dhìth?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 3.2, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Ag aithneachadh cho cudromach 's a tha an dà chuid rannsachadh bunaiteach agus rannsachadh air a chur an sàs agus an raon de thùsan maoineachaidh rannsachaidh, ciamar a nì sinn no ciamar a bu chòir dhuinn co-dhùnadh a dhèanamh air dè an rannsachadh a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a mhaoineachadh? Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' beachdachadh air cothromachadh maoineachaidh stèidhichte air misean no air sàr-mhathas maoineachaidh? Ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn am feum as fheàrr a dhèanamh de thasgadh poblach ann an rannsachadh, ùr-ghnàthachadh agus iomlaid eòlais gus seòrsaichean tasgaidh eile fhaighinn?
- Dè seòrsa chothroman a th' ann airson foghlam eadar-nàiseanta, com-pàirteachasan agus cothroman iomlaid? Ciamar as urrainn dhuinn cumail oirnn togail air seo? A bheil deagh eisimpleir sam bith san raon seo? Dè na dòighean as fheàrr gus air ceanglaichean agus lìonraidhean eadar-nàiseanta a chleachdadh gus am feum as fheàrr fhaighinn asta?
- Dè cho seasmhach 's a tha na taobhan den eag-shiostam a tha fo bhuaidh eadar-nàiseanta? Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach a bhith a' beachdachadh air tàladh luchd-obrach is oileanaich eadar-nàiseanta, an àireamh sa cheud de dh'oileanaich air cùrsaichean a tha nan oileanaich eadar-nàiseanta a tha a' pàigheadh chìsean oilthighe, agus a' bhuaidh san fhad-ùine a bhios aig an RA a bhith a' fàgail an AE air an eag-shiostam.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback