Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version
Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland
Prionnsabal a Còig - Follaiseach, seasmhach agus earbsach
Bheir an earrann seo taic do chom-pàirtichean an t-seisein gus beachdachadh air a' phrionnsapal "Follaiseach, Seasmhach agus Earbsach" agus na roghainnean poileasaidh a tha rim faotainn gus taic a thoirt do lìbhrigeadh a' phrionnsapail seo ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.
Ceist 5.1
- A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Follaiseach, Seasmhach agus Earbsach a bhith ann mar phrionnsabal agus mun chànan a chleachd sinn mu dheidhinn?
Ceist 5.2
- Tha am prionnsapal seo mu structar an eag-shiostaim agus mu bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a' tuigsinn na tha an siostam a' lìbhrigeadh, cò tha ga a' lìbhrigeadh agus mar a thachras sin.
- Nad bheachd-sa, ciamar as fheàrr as urrainn dhuinn eag-shiostam follaiseach, seasmhach agus earbsach a thogail gus taic a thoirt do rannsachadh agus tursan luchd-ionnsachaidh soirbheachail?
Prionnsabal a Còig – Nòtaichean do Luchd-cuideachaidh
- Tha Earrann a Còig a' toirt cothrom do chom-pàirtichean beachdachadh air a' phrionnsapal "Follaiseach, Seasmhach agus Earbsach".
- Thathas a' brosnachadh luchd-cuideachaidh gus taic a thoirt do bhuidhnean gus na ceistean a dheasbad mus toir iad geàrr-chunntas seachad agus mus co-roinn iad toradh nan còmhraidhean aca.
- A rèir na buidhne, dh'fhaodar an dà cheist a dheasbad mu seach, no dh'fhaodadh na com-pàirtichean a bhith air an cur còmhla ann am buidhnean agus diofar cheistean a thoirt dhaibh airson còmhradh.
Faodar beachdachadh air Ceist 5.1 ann an dà phàirt:
- 5.1 (a) A bheil thu ag aontachadh gur e prionnsapal cudromach a tha seo a bu chòir a bhith mar phàirt den Adhbhar agus Prionnsabalan?
- 5.1 (b) A bheil beachd sam bith agad air cànan no cumadh a' phrionnsapail seo?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 5.1, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Dè tha follaiseach, seasmhach agus earbsach a' ciallachadh dhut nad dhreuchd san eag-shiostam nas fharsainge no ann an eaconamaidh sunnd na h-Alba san fharsaingeachd?
- An e seo am mìneachadh ceart air prionnsapal follaiseach, seasmhach agus earbsach? A bheil rud sam bith nach eil ann a bu toil leat fhaicinn anns an earrainn seo?
Faodar beachdachadh air Ceist 5.2 ann an dà phàirt:
- 5.2 (a) Dè seòrsa structairean a dh'fheumadh a bhith an sàs airson eag-shiostam follaiseach, seasmhach agus earbsach a bhith ann? Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach rudan mar structaran riaghlaidh, dòighean aithris, a' suidheachadh poileasaidh an riaghaltais, riochdachadh luchd-obrach agus oileanaich air bùird, sgaradh dhleastanasan agus dhleastanasan eadar an riaghaltas, buidhnean-gnìomha agus institiudan.
- 5.2 (b) A bheil eisimpleir sam bith agad de dheagh chleachdadh a thaobh a' phrionnsapail seo no an urrainn dhut raointean a chomharrachadh far a bheil leasachadh a dhìth?
Ann a bhith beachdachadh air ceist 5.2, dh'fhaodadh an stiùireadh a leanas a thoirt do chom-pàirtichean gus taic a thoirt dhan smaoineachadh aca agus do dheasbad sam bith. Mar eisimpleir:
- Ciamar a thomhaiseas sinn builean aig ìre an eag-shiostaim? Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil iad sin follaiseach agus a rèir feumalachdan? Ciamar a ghluaiseas tu bho bhith a' tomhas in-chur a-steach dhan eag-shiostam gu bhith a' tomhas buaidh an eag-shiostaim? Ciamar a chumas sinn barantachadh agus cunntachalachd fhad 's a bhios sinn a' toirt seachad barrachd sùbailteachd mu chruth an dòigh-lìbhrigidh?
- Ciamar as urrainn dhuinn na slighean a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas soilleire do luchd-cleachdaidh agus an cuideachadh gus roghainnean fiosraichte nas fheàrr a dhèanamh a thaobh far an tèid iad?
- Cò ris a bu chòir riaghladh air feadh agus taobh a-staigh an eag-shiostaim a bhith coltach? Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach beachdachadh air riochdachadh luchd-cleachdaidh, riochdachadh aonaidhean, a' dèanamh cinnteach gu bheil an t-uallach san àite cheart.
- Ciamar a bheir sinn taic dhan eag-shiostam gus am bi e a' faireachdainn gu bheil earbsa ann gus lìbhrigeadh? Ciamar a bhios eileamaidean den eag-shiostam ag obair còmhla gus lìbhrigeadh a cho-thaobhadh? A bheilear a' toirt cumhachd do dhaoine a bhith ag obair gus builean nas fheàrr a lìbhrigeadh?
- Ciamar as urrainn dhan riaghaltas agus do NDPBan prìomhachasan tasgaidh a chomharrachadh, a' gabhail a-steach dèiligeadh ri bochdainn chloinne, a' lìbhrigeadh eaconamaidh sunnd soirbheachail agus a' lìbhrigeadh a' ghluasaid gu cothromachadh carboin? Am bu chòir rangachd tasgaidh a bhith againn airson foghlam, sgilean agus rannsachadh às dèidh na sgoile?
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback