Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Ionmhas

Ciamar a mhaoinicheas sibh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Tha sinn air gealltainn tasgadh poblach ann an cùram sòisealta a mheudachadh 25% thar beatha na Pàrlamaid seo, co-ionann ri còrr is £840 millean de thasgadh a bharrachd. Dhaingnich ar buidseat airson 2022/23 còrr is £1.6 billean gu dìreach bho Riaghaltas na h-Alba airson cùram sòisealta agus amalachadh gus bunait a stèidheachadh airson na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Tha seo a bharrachd air an tasgadh a tha ùghdarrasan ionadail a’ toirt seachad airson seirbheisean cùraim mar-thà.
  • Thèid barrachd mion-fhiosrachaidh a thoirt seachad tro mheasaidhean stèidhichte air fianais air prìs reusanta agus luach an airgid.
  • Cha deach mion-fhiosrachadh sònraichte mu mhaoineachadh innse fhathast oir thèid seo a chruthachadh tro cho-dhealbhadh agus tuigse air na seirbheisean a bhios air an lìbhrigeadh san t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.
  • Beachdaichidh a h-uile co-dhùnadh air tasgadh air toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh phoblaich agus air conaltradh leantainneach le luchd-ùidh gus dèanamh cinnteach gun toir tasgadh a’ bhuaidh as fheàrr air builean agus cùram dhaoine. Rinn a’ cho-chomhairle air an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta soilleir gu bheil na molaidhean ag amas air dòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna a chur aig cridhe chùisean agus an siostam ath-chuimseachadh gu siostam a chumas suas na còraichean daonna aig daoine a chleachdas agus a tha a’ toirt seachad cùram is taic.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top