Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Lagh Anna

A bheil plana ann Lagh Anna a leudachadh gu tadhal air ospadal?

  • Tha an Riaghaltas airson dèanamh cinnteach gum bi e comasach do daoine an luchd-dàimh aca fhaicinn agus taic fhaighinn bhuapa. Ged nach eil e anns an reachdas aig an àm seo, tha sinn a' feitheamh ri beachdachadh na comataidh air a' Bhile aig ìre 1 agus beachdaichidh sinn air moladh sam bith a thèid a dhèanamh.

Carson a dh’fheumas sinn feitheamh ris an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta gus Lagh Anna fhaighinn?

  • Leis gu bheil e na phàirt de Bhile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, leanaidh Lagh Anna an aon chlàr-ama pàrlamaideach. Ach, aon uair ‘s gu bheil na h-ìrean pàrlamaideach deiseil, faodar Lagh Anna a chur an gnìomh a rèir clàr air leth agus chan fheum i feitheamh gus an tèid an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a stèidheachadh. Dh’fhoillsich sinn Inbhean Slàinte is Cùram Sòisealta ùra co-cheangailte ri bhith a’ tadhal air daoine, a tha a’ cur amasan Lagh Anna an gnìomh mar-thà.

A bheil lagh Anna a' riaghaladh an aghaidh co-dhùnadh sam bith a rinn Slàinte a' Phobaill?

  • Leigidh Lagh Anna le Ministearan na h-Alba Stiùiridhean mu thadhal a thoirt seachad. Agus sinn ag aithneachadh gum feumar dèanamh cinnteach gun obraich ministearan a rèir na comhairle as fheàrr a tha ri fhaighinn, nuair a bhios an Stiùireadh air ullachadh, bithear a' co-chomhairleachadh le Slàinte Phoblach na h-Alba agus buidhnean iomchaidh eile mus tèid an Stiùireadh fhoillseachadh. Aon uair 's gu bheil stiùiridhean air am foillseachadh, feumaidh a h-uile pàrtaidh an leantainn.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top