Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Coimiseanadh agus Solarachadh

Dè tha coimiseanadh beusach a' ciallachadh sa Bhile?

  • Bidh coimiseanadh beusach agus solar beusach na chlach-oisinn a chleachdas an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta gus cumadh a thoirt air co-dhùnaidhean coimiseanaidh is solarachaidh. Nì modh-obrach coimiseanaidh agus solarachaidh beusach cinnteach gum bi làn chom-pàirt ann leis an fheadhainn a gheibh cothrom air taic cùram sòisealta, leis an fheadhainn a bheir taic do dhaoine gus taic cùram sòisealta fhaighinn, le teaghlaichean is caraidean, le luchd-cùraim gun phàigheadh, agus leis an luchd-obrach agus solaraichean.
  • Nì inbhean beusanta cinnteach gu bheil sinn a’ cur luach air agus ag aithneachadh an luchd-obrach le bhith a’ cruthachadh bun-inbhean obrach cothromach, teirmichean is cumhaichean agus cuiridh sinn ri fulangas gnàth-shìde/atharrachadh gnàth-shìde san àm ri teachd le bhith a’ toirt aire do na buaidhean nach gabh ath-thionndadh bho atharrachadh na gnàth-thìde.
  • Cuidichidh dòigh-obrach na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a thaobh coimiseanadh beusach le cunbhalachd agus buileachadh riatanasan agus cleachdaidhean obrach cothromach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad sin air an aontachadh agus air an suidheachadh aig ìre nàiseanta agus air an lìbhrigeadh gu h-ionadail air feadh na dùthcha.
  • Thèid an dòigh-obrach againn a thaobh coimiseanadh beusach a cho-dhealbhadh le com-pàirtichean, na solaraichean agus luchd-cleachdaidh riochdachail agus bidh e an urra ri raointean sruth-obrach co-cheangailte eile ann am prògram na Seirbheis Cùraim Nàiseanta agus bidh e air a cho-dhealbhadh an cois ruigsinneachd air seirbheisean agus dealbhadh nan seirbheisean.

Ciamar a bheir tar-ghluasad rèiteachaidhean coimiseanaidh gu buidheann ùr dìon an aghaidh cùmhnantan a bhith air am buannachadh le luchd-solair bochda le luchd-obrach aig a bheil droch phàigheadh agus droch làimhseachadh a bhios a' lìbhrigeadh cùram de dhroch inbhe?

  • Suidhichidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta inbhean Coimiseanaidh is Solarachaidh Beusach.  Bidh iad sin a’ gabhail a-steach prìomh phrionnsapalan a thaobh làimhseachadh an fheadhainn a tha a’ faighinn cùram agus an fheadhainn a tha a’ toirt seachad a’ chùraim sin.  Ge b’ e mar a tha seirbheisean barrantaichte air an daingneachadh (m.e. in-thaigh, tro thabhartasan, tro sholarachadh, no tro chaidreachasan), thèid an ìre sin a chumail suas.

Am faod bòrd cùraim cùmhnant a dhèanamh le solaraiche ma tha iad air an aon chùmhnant a thoirt seachad taobh a-staigh nan trì bliadhna mu dheireadh?

  • Tha ullachaidhean mar-thà anns na riaghailtean solarachaidh airson beachdachadh air leantalachd cùraim. A bharrachd air cumail a' dol leis na h-ullachaidhean a th' ann mar-thà ann an reachdas solarachaidh a tha a' toirt cumhachd do bhuidhnean poblach aire a thoirt do dhroch choileanadh roimhe no do bhrisidhean cùmhnant, chan eil planaichean ann gus casg a chur air solaraichean làithreach bho bhith a' faighinn cùmhnant a-rithist gus seirbheis a lìbhrigeadh.

An gluais an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta ùr gu seirbheis coimiseanaidh coltach ris a’ bhuidhinn coimiseanaidh clionaigeach a chaidh a stèidheachadh ann an Sasainn?

  • Bidh inbhean Coimiseanaidh is Solarachaidh Beusach air an co-dhealbhadh.
  • Bhiodh e ceàrr tighinn gu co-dhùnadh taobh seach taobh mu mhodail sam bith san deasbad.

A bheil earrann 41 den Bhile ag amas air an àireamh de sholaraichean prothaid ann an cùram sòisealta a lùghdachadh?

  • Bidh mòran de bhuidhnean san treas roinn a' dèanamh prothaidean ach feumaidh iad na prothaidean sin ath-thasgadh sa bhuidhinn.
  • Tha na molaidhean ann an Earrann 41 ann gus an urrainn don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cuid de cho-fharpaisean a chuingealachadh ri buidhnean san treas roinn ach gun a bhith a’ toirmeasg prothaid.

A bheil brosnachadh barrachd bhuidhnean neo-phrothaideach gu bhith a' tairgse na dhòigh gus cosgaisean cùraim a lùghdachadh?

  • Tha an cumhachd cùmhnantan a ghlèidheadh do bhuidhnean san treas roinn (a bhios comasach air, agus a tha gu tric a' dèanamh phrothaidean) na chumhachd àbhaisteach ann an siostaman solarachaidh poblach Eòrpach.
  • Tha buidhnean san treas roinn air innse dhuinn gu tric nach urrainn dhaibh a bhith a’ farpais ris an roinn phrìobhaidich air cosgais.  Tha na cumhachdan sin anns a’ Bhile gus dèanamh cinnteach, nuair a bhios seirbheis air a sholarachadh nas fheàrr leis an treas roinn, gu bheil An t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta comasach air dèanamh cinnteach gun urrainn do bhuidhnean san treas roinn farpais èifeachdach a dhèanamh ri chèile.

Mura h-urrainn ach buidhnean saor-thoileach tagradh a dhèanamh airson cuid de chùmhnantan, dè an seòrsa cùmhnantan a bhios ann? Ciamar a nithear an co-dhùnadh? Leis gun robh Aithisg Feeley soilleir gum feumar beachdan àrdachadh air taic cùram sòisealta agus a dhèanamh nas proifeiseanta, carson a tha sibh airson 's gum bi buidhnean saor-thoileach a' lìbhrigeadh cuid de thaobhan de na seirbheisean?

  • Chan eil 'An Treas Roinn' a' ciallachadh saor-thoileach agus chan eil e a' ciallachadh neo-phroifeiseanta no neo-dhreuchdail – chan eil plana ann cùmhnantan a ghlèidheadh do bhuidhnean saor-thoileach.
  • Tha na dòighean airson co-dhùnadh dè na seirbheisean a bhios air an glèidheadh do bhuidhnean san treas roinn fhathast ri aontachadh. Feumaidh buidhnean san treas roinn a tha a' lìbhrigeadh sheirbheisean na h-aon inbhean càileachd agus luchd-obrach a choileanadh ri buidhnean san roinn phrìobhaidich no phoblaich.

Leis gu bheil seirbheisean gu bhith air an gluasad a-mach à ùghdarrasan ionadail agus nach bi iad a' tagradh gus seirbheisean a sholarachadh tuilleadh, a bheil sin cuideachd fìor a thaobh ùghdarrasan a tha, no a tha an dùil, buidhnean fa-leth a stèidheachadh gus seo a dhèanamh?

  • Bithear a’ brosnachadh ùghdarrasan ionadail agus na buidhnean ‘leth-eisimeileach’ aca gus cumail orra a’ lìbhrigeadh sheirbheisean fon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top