Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Facal-tòiseachaidh

Chaidh Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid air 20 Ògmhios 2022.

Chùm Riaghaltas na h-Alba grunn thachartasan conaltraidh san Iuchar agus san Lùnastal gus cur ri tuigse dhaoine air a' Bhile. A chionn 's gur e sgrìobhainn a th' ann a tha moladh atharrachaidhean san lagh, chailleadh e an ciall laghail aige nan rachadh a chur ann an cruth Easy Read. Tro na seiseanan conaltraidh seo, bha cothrom aig daoine ceistean a chur. Uile gu lèir, fhuair sinn còrr is 300 ceist bhon phoball agus bho luchd-ùidh.

Fhuair sinn mòran cheistean a bha coltach ri chèile, agus mar sin an àite a bhith a' freagairt gach ceist fa leth tha sinn air na ceistean a chur còmhla far an gabh sin dèanamh gus Ceistean is Freagairtean ruigsinneach a dhèanamh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Bhile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) anns a' mheòrachan poileasaidh agus sa mheòrachan ionmhais: Mar a chaidh a thoirt a-steach | Làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba

Bha freagairtean nan ceistean seo ceart air 30 Samhain 2022.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top