Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Seirbheisean a bharrachd

Ciamar a bhios obair shòisealta air a toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Thèid Buidheann Nàiseanta airson Obair Shòisealta a stèidheachadh taobh a-staigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Is e amasan an NSWA taic agus tasgadh a dhèanamh ann am proifeisean na h-obair sòisealta le bhith a’ toirt seachad ceannardas nàiseanta, agus a’ cumail sùil air agus a’ toirt taic do dh’obair shòisealta anns na raointean a leanas:
    • Foghlam (ro-agus às dèidh teisteanas)
    • Leasachadh (le bhith a’ stèidheachadh Ionad Sàr-mhathais) agus a’ sgèileadh deagh chleachdadh
    • Planadh feachd-obrach
    • Trèanadh agus leasachadh.
    • Teirmean is cumhaichean obair shòisealta (a’ gabhail a-steach pàigheadh)
  • Tha Meòrachan Poileasaidh Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ mìneachadh na feallsanachd airson a bhith a’ stèidheachadh Buidheann Nàiseanta airson Obair Shòisealta. Sheall mion-sgrùdadh air Co-chomhairle na Seirbheis Cùraim Nàiseanta taic làidir do Bhuidheann Obair Shòisealta Nàiseanta.

Dè mu dheidhinn gearanan obair shòisealta?

  • Tro sheirbheis ghearain na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, bidh cothrom furasta agus cunbhalach ann mu làimhseachadh ghearanan.
  • Tha sinn mothachail air deagh chleachdadh ann a bhith dèiligeadh ri gearanan ann an grunn raointean agus air an àite chudromach a tha aig buidhnean stiùiridh leithid Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba.
  • Leanaidh sinn oirnn ag obair leis na buidhnean sin gus seirbheis a leasachadh a thogas air deagh chleachdadh a tha ann mar-thà agus cruthaichidh sinn poileasaidh gearainean tro cho-dhealbhadh le daoine aig a bheil eòlas beatha air a bhith a’ cleachdadh seirbheisean cùram sòisealta, a bharrachd air luchd-ùidh iomchaidh.

Ciamar a bhios seirbheisean chloinne air an toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Mus tèid co-dhùnadh am bu chòir seirbheisean chloinne a bhith air an toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, tha e deatamach gun tuig sinn an toir gluasad seirbheisean chloinne chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta piseach air builean do chloinn, daoine òga agus an teaghlaichean no am bithear a’ coileanadh feumalachdan chloinne, daoine òga agus teaghlaichean as fheàrr le seirbheisean a bhith fhathast taobh a-muigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
  • Chaidh rannsachadh a bharantachadh gus an co-dhùnadh fhiosrachadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi siostam againn choileanas feumalachdan chloinne, dhaoine òga agus an teaghlaichean as fheàrr.
  • Ma tha Ministearan den Bheachd, - stèidhichte air an fhianais a chaidh a chruinneachadh agus air cùisean buntainneach eile - gum bu chòir do sheirbheisean chloinne gluasad chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, thèid làn cho-chomhairle phoblach a chumail.  Thèid a’ cho-chomhairle a chumail taobh a-staigh clàr-ama a nì cinnteach gun tèid seirbheisean chloinne a thoirt a-steach bhon chiad latha den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, mas e is gun tèid co-dhùnadh seirbheisean chloinne a thoirt a-steach. Chan eil sinn a’ moladh gum bi a h-uile seirbheis do chloinn air an gabhail a-steach mar phàirt den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.  Tha na seirbheisean chloinne air a bheilear a’ beachdachadh airson a dhol a-steach chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ gabhail a-steach obair shòisealta chloinne agus seirbheisean cùram sòisealta co-cheangailte riutha, a’ gabhail a-steach solar cùram-chloinne còmhnaidh; seirbheisean slàinte coimhearsnachd do chloinn; agus CAMHS.  Cumaidh ùghdarrasan ionadail uallach airson seirbheisean stèidhichte air foghlam a’ gabhail a-steach sgoiltean, luchd-teagaisg agus tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne. 
  • Chan eil sinn airson ’s gun cuir cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta bacadh no stad air adhartas sam bith a thathar a’ dèanamh do chloinn, daoine òga agus teaghlaichean. Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn cumail ris a’ Ghealladh ro 2030 agus tha e ag aithneachadh na h-obrach gu lèir a tha ùghdarrasan ionadail a’ dèanamh gus leantainn orra a’ toirt piseach air builean chloinne is dhaoine òga. Tha ar com-pàirtichean ann an riaghaltas ionadail air aontachadh ri seo agus tha sinn a’ cur fàilte air an dealas aca gus  leantainn air adhart leis an obair chudromaich seo rè na h-ùine co-dhùnaidh. Bidh sinn a’ conaltradh le prìomh chom-pàirtichean lìbhrigidh tron phròiseas seo, a bheir cothrom bruidhinn agus dèiligeadh ri cùisean no draghan sam bith a thig am bàrr.

Ciamar a bhios Obair Shòisealta Ceartais air a toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Cha deach co-dhùnadh a ghabhail am bi seirbheisean obair shòisealta ceartais mar phàirt den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Tha cumhachd comasachaidh sa Bhile gus obair shòisealta ceartas a ghluasad a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta tro reachdas dàrnach ma thèid co-dhùnadh sin a dhèanamh, às dèidh barrachd obrach.
  • Tha sinn ag aithneachadh nach robh obair shòisealta ceartais mar phàirt den Lèirmheas Neo-eisimeileach air Cùram Sòisealta Inbheach, agus is e sin as coireach gu bheil sinn an-dràsta a’ stèidheachadh ath-sgrùdadh fianais agus prògram obrach a bharrachd gus dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnadh fiosraichte a dhèanamh am bu chòir seirbheisean chloinne a bhith mar phàirt den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.

Tha obair shòisealta a’ cheartais mar phàirt de chuid de na Co-bhùird Amalachaidh. Dè thachras do na seirbheisean sin nuair a thig am Bile gu bhith na lagh?

  • Tha rèiteachaidhean tar-ghluasaid fhathast ri dhearbhadh agus bidh iad le ùmhlachd do cho-dhùnaidhean mun raon-ùghdarrais.  Airson sgìrean far a bheil seirbheisean obair shòisealta ceartais an-dràsta mar phàirt de Cho-bhùird Amalachaidh, ge-tà, tha e soilleir gum bi feum air beagan atharrachaidh co-dhiù thèid an cur a-steach chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta no nach tèid agus tha sinn a’ beachdachadh gu gnìomhach air mar a bhios atharrachaidhean mar sin air an riaghladh gu h-èifeachdach.

Ciamar a bhios slàinte-inntinn air a toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta? Ciamar a bheir seo buaidh air a’ mholadh gum bi atharrachaidhean air reachdas slàinte-inntinn?

  • Tha co-dhùnaidhean fhathast ri thighinn air dè na seirbheisean a bhios an urra ris an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Tha sinn gu mòr airson ionnsachadh bho na dh’fhiosraich na Co-bhùird Amalaichte agus gnàth-eòlas nan daoine agus an luchd-obrach gus co-dhùnaidhean air seo a stiùireadh.
  • Coltach ri Lèirmheas Scott air Lagh Slàinte-Inntinn, tha an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta dealasach a thaobh a bhith a’ toirt prìomhachas do dhòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna. Beachdaichidh sinn air na toraidhean a nochd ann an Lèirmheas Scott a chaidh fhoillseachadh san t-Sultain, agus nì sinn cinnteach gu bheilear a’ toirt cunntas air mar a bhios iad sin ag eadar-obrachadh le obair na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, a’ gabhail a-steach seirbheisean seargadh-inntinn, nar freagairt dhan Lèirmheas.

Ciamar a bhios seirbheisean do dhaoine gun dachaigh air an toirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

  • Chan eilear a’ moladh gum bu chòir gnìomhan taigheadais no dìth dachaigh aig ùghdarrasan ionadail a ghluasad chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Ach, tha Riaghaltas na h-Alba gu math mothachail gum feumar taic cùram sòisealta a bhith a’ co-òrdanachadh gu h-èifeachdach le seirbheisean eile, agus obraichidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta gu dlùth le ùghdarrasan ionadail gus dèanamh cinnteach gum bi seo fhathast a’ tachairt.  Gu sònraichte, nì sinn cinnteach gum faigh daoine a tha gun dachaigh no ann an cunnart a bhith gun dachaigh cothrom air taic cùram sòisealta àrd-inbhe nuair a tha feum aca air.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top