Post-school education, research and skills - interim purpose and principles: discussion guide - Gaelic version

Gaelic version of a discussion guide to support feedback on the framework for building an excellent post-school education, research and skills ecosystem for Scotland


Mu Adhbhar agus Prionnsabalan

  • Tha an t-eag-shiostam airson foghlam iar-sgoile, rannsachadh agus leasachadh sgilean a' gabhail a-steach cholaistean, oilthighean, ionnsachadh agus leasachadh coimhearsnachd, preantasachdan agus trèanadh air a stiùireadh le fastaichean còmhla ris an rannsachadh a leasaicheas an smaoineachadh, na siostaman agus na toraidhean ùra a chuidicheas le bhith a' cur air adhart ar comann-sòisealta aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta.
  • Tha an t-Adhbhar agus na Prionnsabalan a' mìneachadh na tha sinn le chèile airson 's gun lìbhrigeadh an t-eag-shiostam foghlaim, rannsachadh agus leasachadh sgilean seo. Nuair a thèid fhoillseachadh, coileanaidh an dreach deireannach gealltanas Riaghaltas na h-Alba gus aithris fhoillseachadh air rùn ro-innleachdail airson an eag-shiostaim às dèidh molaidhean Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) san ath-sgrùdadh aca "Coherence and Sustainability: A Review of Tertiary Education and Research".
  • Tha an sgrìobhainn seo ga foillseachadh aig àm cudromach. Tha dùbhlain shòisealta agus eaconomach fharsaing mu choinneamh nan daoine, nan seirbheisean poblach agus na h-eaconamaidh againn. Tha an obair seo a' toirt cothrom dàna dhuinn an t-eag-shiostam gu lèir a cho-thaobhadh le adhbhar agus seata phrionnsapalan coitcheann a bheir seachad frèam soilleir airson co-dhùnaidhean a dhèanamh stèidhichte air na builean a tha sinn airson faicinn.
  • Bheir an obair seo dùbhlan do bheachdan agus dùilean cultarach air na dh'fhaodas an t-eag-shiostam a lìbhrigeadh air feadh a' chomainn-shòisealta seo. Tha e a' cruthachadh cothrom beachdachadh air ath-leasachaidhean poileasaidh a nì cinnteach gun glèidh sinn na rudan anns a bheil sinn a' cur luach agus aig an aon àm a bhith a' lùghdachadh caiteachas, a' lùghdachadh ìrean fàilligidh agus a' toirt piseach air builean.

Contact

Email: Purposeandprinciples@gov.scot

Back to top