Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Ar Deasbad Nàiseanta Geàrr-aithisg

Deasbad Nàiseanta air Foghlam – geàrr-aithisg


3. Lèirsinn agus Luachan

3.1 A' leantainn molaidhean Ath-bhreithneachadh Muir, b' e ar dleastanas lèirsinn làidir, aontaichte agus ath-nuadhaichte a leasachadh airson foghlam na h-Alba san àm ri teachd. Leis cho lìonmhor agus iomadach 's a bha na freagairtean, bha eadar-dhealachaidhean beachd do-sheachanta taobh a-staigh nam beachdan a chaidh a chur an cèill mu na dh'fheumadh a bhith ann an lèirsinn an ama ri teachd. Bha cuideachd daoine fa leth agus buidhnean aig an robh beachdan làidir air na bha iad airson fhaicinn anns an lèirsinn a bha diofraichte bho na chuala sinn bhon mhòr-chuid de fhreagairtean chun an Deasbaid Nàiseanta. B' fheudar dhuinn, air an adhbhar sin, a bhith faiceallach mar a dhèilig sinn ri leithid de thagradh. Mar thoradh air sin, tha an lèirsinn agus na luachan sa gheàrr-aithisg seo a' nochdadh nan co-dhùnaidhean farsaing agus prìomh chuspairean bhon Deasbad Nàiseanta agus chan eil iad a' nochdadh suidheachadh no beachdan suidhichte neach no buidhne sam bith.

3.2  Gus measadh an robh an lèirsinn agus na luachan a thathar a' moladh a' freagairt air clann agus daoine òga, pàrantan, agus an fheadhainn a tha ag obair ann an agus leis an t-siostam foghlaim, chuir sinn an lèirsinn fo dheuchainn sa Mhàrt 2023 aig cuid de phrìomh choinneamhan luchd-ùidh, a' gabhail a-steach Panail an Luchd-Teagaisg, Buidheann Luchd-ùidh Ath-leasachadh Foghlaim, agus Bòrd Cloinne is Òigridh COSLA, a bharrachd air daoine fa leth, agus buidhnean ris an robh sinn a' conaltradh air feadh an Deasbaid Nàiseanta. San fharsaingeachd b' e beachdan deimhinneach a thàinig air ais bhon deuchainn, le fios air ais cuideachail air suidheachadh agus briathran na lèirsinn agus luachan. Tha am fios air ais seo air beagan atharrachaidhean a bhrosnachadh san lèirsinn agus na luachan sa gheàrr-aithisg seo.

3.3 Gu sònraichte, is e an abairt a tha a' mìneachadh na prìomh theachdaireachd an Deasbaid Nàiseanta: Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach. Tha an teachdaireachd seo air fiosrachadh a thoirt don lèirsinn, na luachan, agus a' Ghairm gu Gnìomh. Tha an lèirsinn a' cur cloinne agus daoine òga aig cridhe foghlam na h-Alba agus a' daingneachadh cho cudromach 's a tha e luach a chur ann an com-pàirteachasan co-obrachail leis a h-uile duine a tha ag obair san t-siostam foghlaim, no co-cheangailte ris. Tha an lèirsinn a' gealltainn foghlam Albannach far a bheil gach neach-ionnsachaidh cudromach le bhith a' toirt seachad àrainneachd ionnsachaidh in-ghabhalach agus eòlasan ionnsachaidh àrd-inbhe do gach pàiste is neach òg. Tha an lèirsinn ri fhaighinn gu h-ìosal:

Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Aithris Lèirsinn airson Foghlam na h-Alba san Àm ri Teachd

Tha clann agus daoine òga aig cridhe foghlaim ann an Alba. Tha siostam foghlaim na h-Alba a' cur luach ann an com-pàirteachasan co-obrachail a tha a' toirt àite do gach neach-ionnsachaidh, na daoine a tha ag obair ann an, agus leis, an t-siostam foghlaim, pàrantan agus luchd-cùraim gus dèanamh cinnteach gu bheil gach neach-ionnsachaidh ann an Alba gam meas cudromach.

Tha gach neach-ionnsachaidh a' faighinn taic ann an àrainneachdan ionnsachaidh in-ghabhalach a tha sàbhailte, aoigheil, dàimheil, agus a tha a' dèiligeadh gu for-ghnìomhach ri bacaidhean sam bith a thaobh ionnsachadh agus neo-ionannachdan a tha ann no ag èirigh. Tha foghlam ann an Alba ag àrach tàlantan sònraichte gach neach-ionnsachaidh a' dèanamh cinnteach às an coileanadh, an adhartas agus an sunnd.

Bidh gach pàiste agus neach òg ann an Alba a' faighinn sàr eòlasan ionnsachaidh a tha a' toirt spèis do na còraichean aca agus a' riochdachadh iomadachd cò iad agus na coimhearsnachdan anns a bheil iad a' fuireach. Bidh gach pàiste agus neach òg a' faighinn deagh theagasg, goireasan, is taic airson ionnsachadh toilichte a thogas am misneachd agus a tha gan uidheamachadh airson a bhith soirbheachail agus cur ri am beatha, an obair, agus an ris an t-saoghal, gus an tuig iad cho cudromach 's a tha iad.

3.4 Tha an lèirsinn a' bruidhinn gu dìreach ris a' chloinn agus na daoine òga a thuirt a-rithist is a-rithist gun robh iad ag iarraidh siostam foghlaim sàbhailte, in-ghabhalach a bha a' cur luach air a h-uile duine agus a' comharrachadh gach seòrsa soirbheachais.

3.5 Chan eil gach nì anns an lèirsinn, na luachan, agus a' ghairm gu gnìomh ùr; gu dearbh chuala sinn mu fheartan de shiostam foghlaim làithreach na h-Alba a bu chòir leantainn agus a leasachadh barrachd, leithid dealas airson luach a chur air beachdan cloinne is dhaoine òga, foghlam farsaing, cudromachd bunaiteach litearrachd agus àireamhachd, leasachadh sunnd, a bhith a' sireadh cothromachd agus co-ionannachd, spèis air dreuchd teagaisg aig ìre ceumnachaidh, cudromachd obair agus suidheachadh obrach gach buill den sgioba-obrach foghlaim, agus com-pàirteachas le pàrantan, luchd-cùraim, coimhearsnachdan agus buidhnean iomchaidh, eòlaichean agus seirbheis. Ann an iomadh cùis, ge-tà, bhathas ag aithneachadh gun gabhadh barrachd a dhèanamh airson taic a thoirt do chàileachd is cunbhalachd buileachadh phoileasaidhean agus chleachdaidhean làithreach, agus a bhith for-ghnìomhach mu atharrachaidhean gus coinneachadh ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh air fad san àm ri teachd agus gus siostam foghlaim na h-Alba a leasachadh. Feumaidh an lèirsinn cothromachadh a dhèanamh eadar fìrinn na tha a dhìth a-nis agus dòchas airson foghlam ann an Alba a dh'ullaicheas clann agus daoine òga airson saoghal a tha ag atharrachadh gu luath.

3.6 Ged a dh'fhaodadh an lèirsinn buntainn ri luchd-ionnsachaidh de gach aois, agus tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a tha leasachadh cloinne bho bhreith gu foghlam inbheach gu ionnsachadh fad-beatha, bha raon-ùghdarrais an Deasbaid Nàiseanta dhaibhsan aig aois 3-18 ann an tràth-ionnsachaidh agus foghlam foirmeil.

3.7 Còmhla ri lèirsinn làidir, chuala sinn mu cho cudromach 's a tha prìomh luachan a tha a' fiosrachadh agus a' toirt taic do obair siostam foghlaim na h-Alba. Tha Alba an-dràsta a' cleachdadh na h-abairt "sàr-mhathas agus cothromachd" gus a miannan airson a siostam foghlaim agus luchd-ionnsachaidh a chur an cèill. Tha dealas làidir ann fhathast do na prionnsapalan sin, ach chuala sinn gun robh an t-àm ann na luachan a tha aig cridhe foghlam na h-Alba ath-chruthachadh agus ath-stèidheachadh, an-dràsta agus san àm ri teachd. Mar sin tha sinn a' moladh nan luachan treòrachaidh a leanas airson foghlam ann an Alba.

3.8  Chuala sinn cuideachd gum feum builean an Deasbaid Nàiseanta a dhol na b' fhaide na aithris lèirsinn agus luachan agus fiosrachadh a thoirt do ghnìomhan fìor. Is e an ath rud, mar sin, gun toir sinn geàrr-chunntas air a' Ghairm gu Gnìomh a tha a' mìneachadh nam prìomh cheumannan a dh'fheumar a ghabhail gus an lèirsinn a choileanadh agus gus na luachan a chumail suas.

Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach – Luachan Treòrachaidh

Àrd-miannachBidh siostam foghlaim na h-Alba àrd-mhiannach le bhith a' sùileachadh mòran airson a h-uile neach-ionnsachaidh agus a' toirt cothrom don a h-uile pàiste is neach òg leasachadh agus an rùintean a choileanadh.

In-ghabhalachBidh siostam foghlaim na h-Alba a' cur luach air, a' toirt spèis do, ag aithneachadh, agus a' riochdachadh a h-uile pàiste is neach òg,a' toirt seachad eòlasan agus cothroman foghlaim cothromach don a h-uile neach-ionnsachaidh.

Taiceil– Bidh siostam foghlaim na h-Alba aithnichte airson a bhith a' toirt a h-uile pàiste, neach òg, agus inbheach an lùib a' phròiseas foghlaim ann an dòigh bhrìoghmhor agus iomchaidh a bheir seachad an taic a tha a dhìth airson a h-uile neach-ionnsachaidh an àrd-amasan pearsanta a thoirt air adhart, a choileanadh agus a thoirt gu buil.

Contact

Email: nationaldiscussiononeducation@gov.scot

Back to top