Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Ar Deasbad Nàiseanta Geàrr-aithisg

Deasbad Nàiseanta air Foghlam – geàrr-aithisg


1. Ro-ràdh

1.1  Chaidh am feum air Deasbad Nàiseanta gus lèirsinn làidir, aontaichte agus ath-nuadhaichte a stèidheachadh airson foghlam na h-Alba san àm ri teachd a chomharrachadh ann an Ath-bhreithneachadh Muir Putting Learners at the Centre: Towards a Future Vision for Scottish Education Putting Learners at the Centre: Towards a Future Vision for Scottish Education– gov.scot (www.gov.scot). Anns an ath-bhreithneachadh sin, chaidh a mholadh gum feumadh an Deasbad Nàiseanta a bhith cho in-ghabhalach 's a ghabhadh agus gun a bhith a' toirt "làmh an uachdair" do bhuidhnean foghlaim stèidhichte. Ag obair air na molaidhean seo, dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba agus Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA) Deasbad Nàiseanta a chumail air an àm ri teachd ann am foghlam Albannach.

1.2  Chaidh iarraidh oirnn a bhith nar Luchd-cuideachaidh Neo-eisimeileach air an Deasbad Nàiseanta seo agus thòisich sinn ag obair san Iuchar 2022. Tha an aithisg seo a' toirt sealladh farsaing air an Deasbad Nàiseanta agus a' mìneachadh na lèirsinn, nan luachan agus na Gairm gu Gnìomh (GGG) àrd-ìre stèidhichte air an fhianais gu lèir a chaidh a chruinneachadh. Tha an geàrr-chunntas seo a' crìochnachadh le bhith a' coimhead air na h-ath cheuman.

Contact

Email: nationaldiscussiononeducation@gov.scot

Back to top