National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


6. Cur air Adhart agus Pròifil

6.1 Brannd Alba

Tha cliù eadar-nàiseanta na h-Alba air a dhol am feabhas ann an cultar, turasachd agus san fharsaingeachd bho 2014. Gu h-eadar-nàiseanta, tha daoine a’ smaoineachadh air Alba mar àite beò-ghlacmhor, spreigeach is socair airson tadhal.

Le farpais làidir cruinneil agus buidseatan cuibhrichte, bidh e na bhuannachd dhuinn ìomhaigh, luachan agus sgeulachd na dùthcha againn a thaisbeanadh ann an dòigh chunbhalach – aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta. Le seo san amharc, tha brannd nàisean singilte aig Alba agus ro-innleachd brannd nàiseanta co-cheangailte: Brannd Alba. Is e an lèirsinn a th’ aige gun aithnichear Alba mar phrìomh shaoranach cruinneil agus mar dhùthaich bheothail, chothromach agus in-ghabhalach airson fuireach, obair, ionnsachadh, tadhal, malairt agus tasgadh.

6.2 Sanasachd tro thachartasan

Bho 2014, tha Alba air eòlas a leasachadh a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh thachartasan aig ìre cruinne de gach meud agus seòrsa, agus air aoigheachd a thoirt iomadh uair do thachartasan le pròifil àrd eadar-nàiseanta. Cho math ri Alba a chuideachadh a’ glèidheadh barrachd de na tachartasan àrd-ìomhaigh seo, thuirt Buidhnean Cuspaireil gu bheil an cliù seo a’ brosnachadh feadhainn ann an dùthchannan eile a thighinn thuca a dh’iarraidh comhairle agus stiùireadh.

Faodaidh tachartasan mòra cur ri cliù eadar-nàiseanta bailtean-mòra is coimhearsnachdan na h-Alba, agus togail air moit is misneachd aig an taigh. Nuair a tha Alba ga chur air adhart san dòigh seo faodar sin a chleachdadh gus ar maoin eile a bhrosnachadh. Tha sin a’ gabhail a-steach ar n-àrainneachd nàdarra, cultar agus dualchas, iomadachd, biadh is deoch, ionadan làidir TBh is film, eachdraidh, spòrs agus foghlam. Faodaidh tachartasan de dhiofar sheòrsaichean is mheudan ìomhaigh a chruthachadh airson diofar roinnean no sgìrean. San dòigh seo, tha gach seòrsa tachartais a’ cur gu mòr ri turasachd agus eaconamaidhean ionadail air feadh na h-Alba air fad.

A bharrachd air seo, tha tachartasan mòra a’ toirt cothrom do dh’Alba ‘ar luachan a thaisbeanadh air àrd-ùrlar an t-saoghail’, a rèir Frèam-obrach Cùisean Cruinneil na h-Alba. Tha comas aca a bhith mar aon de na dòighean branndadh nàiseanta as cumhachdaiche a th’ againn – cothrom sgeulachd brannd aonaichte innse. Bhiodh an sgeulachd sin an dà chuid a’ taisbeanadh ar dùthcha agus a’ toirt dùbhlan do bheachdan eadar-nàiseanta, agus a’ neartachadh ar luachan, le fìorantas, aig an taigh.

Tha maoin ann mar-thà a chuireas fèisean agus tachartasan air feadh na h-Alba air adhart gu luchd-amais. Tha cur thachartasan air adhart na dhòigh air daoine a thàladh gu obair san roinn no a bhith an làthair agus a’ faireachdainn buannachdan sunnd nan tachartasan. Shaoil Buidhnean Cuspaireil gun robh barrachd a dh’fhaodadh an roinn a dhèanamh gus innse dè tha iad a’ dèanamh gus a bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd, agus gus tachartasan Albannach a chur air adhart mar àite-obrach. Chomharraich iad cuideachd comas thachartasan mar dhòigh airson buaidh a thoirt air giùlan. Ghabh seo a-steach a bhith a’ dèanamh roghainnean nas seasmhaiche, mar eisimpleir, cur air adhart siubhal gnìomhach aig Farpais Rothaireachd na Cruinne UCI 2023.

Ceist 22: Ciamar as urrainn do thachartasan Alba a chur air adhart gu h-eadar-nàiseanta?

6.3 Tachartasan ana-mhòra

’S e seòrsa sònraichte de thachartas a th’ ann an tachartasan ana-mhòra nach fhaigh Alba ach nuair a tha obair làidir com-pàirteachais ann. Anns an RA, thathas a' beachdachadh air na comharran a leanas ann a bhith a’ co-dhùnadh dè a th’ ann an tachartas ana-mhòr. Chan leig tachartas a leas na slatan-tomhais gu lèir a choileanadh gus a bhith ga mheas na thachartas ana-mhòr:

  • Tha an tachartas a’ riochdachadh àirde-ìre an spòrs san t-saoghal no san Roinn Eòrpa
  • Tha an tachartas gluasadach – sin, chan eilear ga chumail an-còmhnaidh san RA
  • Tha coltas ann gun cosg an tachartas còrr is £10m
  • Tha coltas ann gun tarraing an tachartas còrr is 100,000 neach-amhairc
  • Dh’fhaodadh gum feum an tachartas pàirt no làn fho-sgrìobhadh leis an roinn phoblaich
  • Dh’fhaodadh gum feum an tachartas geallaidhean riaghaltais
  • Lìbhrigeadh an tachartais buailteach a bhith air leth toinnte

A' leantainn air Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014, chuidich an ro-innleachd làithreach Alba a’ tàladh agus a’ lìbhrigeadh grunn de thachartasan mòra aon-uair, leithid COP26 ann an 2021, agus Farpais Rothaireachd na Cruinne UCI 2023. Farpais na h-Eòrpa 2018, COP26 ann an 2021, agus Farpais Rothaireachd na Cruinne UCI 2023. Tha seo an cois prògram de thachartasan àrd-ìomhaigh, stèidhichte, eadar-nàiseanta air an cumail gach bliadhna, leithid Fèisean Dhùn Èideann.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ pìleatadh frèam-obrach gus cuideachadh le tuigsinn dè cho math ’s a dh’fhaodadh tachartas ana-mhòr a bhith co-thaobhadh ri amasan ro-innleachdail ann an Alba agus fiosrachadh a thoirt do cho-dhùnaidhean. Seallaidh am frèam-obrach sin ri meud, sgèile agus seòrsa an tachartais, ga chur ann an co-theacs thachartasan ana-mhòra eile a dh’fhaodadh a bhith air am planadh airson Alba. Bidh e a’ measadh comas an tachartais a rèir Pròifil, Ùr-ghnàthachadh, Dìleab, Eaconamaidh, Com-pàirteachadh agus Seasmhachd leis an amas cothromachadh a lìbhrigeadh eatorra thar ùine.

Tha an dòigh-obrach seo a’ tarraing air a' Phasgan Innealan eventIMPACTS agus a' fiosrachadh cùis gnìomhachais sam bith airson tasgadh riaghaltais stèidhichte air a' mhodail cùis gnìomhachais 5 case. Far a bheilear a’ tasgadh, bidh e an uair sin a’ fiosrachadh leasachadh mionaideach air prìomhachasan poileasaidh tachartais, ro-innleachd dìleib, planaichean lìbhrigidh, agus gealltanas leantainneach.

Ceist 23: Dè na h-amasan sònraichte air an cuireadh tu prìomhachas airson tachartasan ana-mhòr?

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top