National events strategy review: consultation - Gaelic version

Gaelic version of consultation to help shape the review of Scotland's national events strategy.


10. PÀIPEAR-TAICE B: GEÀRR-CHUNNTAS CHEISTEAN

Ceist 1: Dè an ìre gu bheil thu taiceil no an aghaidh an Àrd-mhiann a thathar a’ moladh?

  • an aghaidh gu mòr
  • an aghaidh
  • chan eil mi na aghaidh no taiceil
  • taiceil
  • glè thaiceil
  • chan eil fhios agam

Ceist 2: Nad bheachd-sa, dè cho cudromach ’s a tha gach prìomhachas ro-innleachdail seo do thachartasan thar nan deich bliadhna a tha romhainn? Thoir sgòr bho aon gu còig airson gach fear, far a bheil aon a’ ciallachadh nach eil e cudromach idir agus còig air leth cudromach, no “chan eil fhios agam”:

  • Brosnachadh na h-eaconamaidh
  • Cur ri sunnd agus conaltradh coimhearsnachd
  • Cur ris an iomairt a dh’ionnsaigh net zero agus seasmhachd àrainneachdail
  • Dèanamh roinn nan tachartasan na àite nas fheàrr airson obair ann
  • Taisbeanadh agus brosnachadh stòras na h-Alba

Ceist 3: Dè na prìomhachasan ro-innleachdail eile, (ma tha gin ann), a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir a bhith air an gabhail a-steach san ro-innleachd ùraichte?

Ceist 4: Bidh daoine a’ frithealadh thachartasan airson diofar adhbharan. An innis thu na tha cudromach dhut ann a bhith a’ cruthachadh sàr eòlas tachartais?

Ceist 5: Dè an ìre gu bheil thu ag aontachadh, no a' dol an aghaidh gu bheil tachartasan ann an Alba:

  • Ruigsinneach (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
  • Aig prìs reusanta (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
  • In-ghabhalach (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)
  • Fàilteachail (a’ dol an aghaidh gu làidir, a’ dol an aghaidh, chan eil mi ag aontachadh no a’ dol an aghaidh, ag aontachadh, ag aontachadh gu làidir, chan eil fhios agam)

Ceist 6: Tha ùidh againn cuideachd faighinn a-mach carson nach biodh e comasach do dhaoine a dhol gu tachartasan. An innis thu adhbhar sam bith nach frithealadh tu tachartasan a bu toil leat frithealadh?

Ceist 7: Gu dè an ìre a tha thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gum bi stiùirichean thachartasan a’ toirt choimhearsnachdan an lùib planadh nan tachartasan a bhios iad a’ cumail?

  • na aghaidh gu mòr
  • na aghaidh
  • chan eil mi na aghaidh no ag aontachadh
  • ag aontachadh
  • ag aontachadh gu mòr
  • chan eil fhios agam

Ceist 8: Gu dè an ìre a tha thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gum bi stiùirichean thachartasan a’ conaltradh mu mar a bheir na tachartasan aca buaidh air muinntir an àite?

  • na aghaidh gu mòr
  • na aghaidh
  • chan eil mi na aghaidh no ag aontachadh
  • ag aontachadh
  • ag aontachadh gu mòr
  • chan eil fhios agam

Ceist 9: Ciamar a dh’fhaodadh coimhearsnachdan barrachd buannachd fhaighinn bho thachartasan?

Ceist 10: Dè cho cudromach ’s a tha iomadachd thachartasan ann an Alba a thaobh gach aon de na leanas? Thoir sgòr bho aon gu còig airson gach fear, far a bheil aon a’ ciallachadh nach eil e cudromach idir agus còig air leth cudromach, no “chan eil fhios agam”:

  • Raon de mheudan eadar-dhealaichte
  • Sgaoileadh de dh’àiteachan
  • Iomadach seòrsa tachartais

Ceist 11: Dè na cnapan-starra, ma tha gin idir, a th’ ann a thaobh measgachadh de thachartasan a chumail ann an Alba?

Ceist 12: A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil roinn nan tachartasan na àite tarraingeach a bhith ag obair ann?

  • Tha
  • Chan eil
  • Chan eil fhios agam

Ceist 13: Innis carson a thagh thu Tha, Chan eil, no Chan eil fhios agam an seo.

Ceist 14: Ma tha thu ag obair san roinn thachartasan, dè an t-eòlas a th’ agad air cleachdaidhean Obrach Chothromaich san roinn?

Ceist 15: Ma tha thu ag obair san roinn thachartasan, a bheil dad ann a bu mhath leat atharrachadh a thaobh cleachdaidhean Obrach Chothromaich?

Ceist 16: A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil cothroman gu leòr ann airson gach aon de na leanas a dhèanamh? Freagair Tha, Chan eil, no Chan eil fhios agam airson gach fear:

  • ionnsachadh mu cò ris a tha e coltach a bhith ag obair san roinn
  • a sgilean agus na h-eòlasan fhaighinn a dh’fheumas tu airson obair san roinn
  • dreuchd a leantainn san roinn
  • ionnsachadh bho leasanan agus deagh chleachdadh dhaoine eile san roinn

Ceist 17: Saoil ciamar a ghabhadh cothrom air na cothroman sin a leasachadh?

Ceist 18: Dè a shaoileas tu a chuidicheadh tachartasan a bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd?

Ceist 19: Dè na stòran teachd-a-steach a tha thu a’ smaoineachadh a bu chòir do thachartasan a bhith a’ leasachadh airson a bhith seasmhach a thaobh ionmhais?

Ceist 20: Dè a bheireadh taic don roinn thachartasan gus cudromachd thachartasan a thomhas?

Ceist 21: Chuireamaid fàilte air fianais air buaidh thachartasan a ghabhas tomhas, gu sònraichte feadhainn ann an Alba. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuingealaichte ri, buaidhean air:

  • Gnìomhachasan ionadail
  • Cothroman obrach
  • Cothroman do chom-pàirtichean sgilean a leasachadh
  • Àrainneachd
  • Slàinte agus sunnd dhaoine fa leth no buidhnean
  • Ceanglaichean agus co-leanailteachd coimhearsnachd
  • Cur iomadachd air adhart
  • Pròifil agus cur air adhart na sgìre agad

Ceist 22: Ciamar as urrainn do thachartasan Alba a chur air adhart gu h-eadar-nàiseanta?

Ceist 23: Dè na h-amasan sònraichte air an cuireadh tu prìomhachas airson tachartasan ana-mhòr?

Ceist 24: Dè an ìre gu bheil thu ag aontachadh no a’ dol an aghaidh gu bheil luchd-eagrachaidh thachartasan a’ dèanamh cheanglaichean eadar tachartasan agus an comas a th' aca builean adhartach nas fharsainge a lìbhrigeadh don chomann-shòisealta?

  • ag aontachadh gu mòr
  • ag aontachadh
  • Chan eil mi ag aontachadh no a' dol an aghaidh
  • a’ dol an aghaidh
  • a’ dol an aghaidh gu mòr
  • chan eil fhios agam

Ceist 25: Chuireadh sinn fàilte air fianais air mar a tha luchd-eagrachaidh thachartasan ag obair còmhla ri buidhnean ionadail agus/no nàiseanta gus builean a lìbhrigeadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuingealaichte ri:

  • Lìbhrigeadh thachartasan a bheir buaidh mhath air sunnd
  • Coinneachadh ri feumalachdan muinntir an àite
  • A bhith nas seasmhaiche a thaobh na h-àrainneachd
  • Toirt taic do ghnìomhachas ionadail
  • Tàladh dhaoine gu obair ann an tachartasan
  • Leasachadh sgioba-obrach thachartasan:

Ceist 26: Ma tha dad sam bith eile a tha thu a’ smaoineachadh air am bu chòir dhuinn beachdachadh mar phàirt de mheasaidhean buaidh, innis an seo.

Ceist 27: Ma tha atharrachaidhean sam bith eile air an Ro-innleachd Thachartasan Nàiseanta a tha thu airson fhaicinn an-dràsta, innis an seo.

Contact

Email: majorevents@gov.scot

Back to top