Publication - Consultation paper

Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Published: 3 May 2019
ISBN:
9781787817869

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).

26 page PDF

5.1 MB

26 page PDF

5.1 MB

Contents
Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean
Ceistean co-chomhairleachaidh

26 page PDF

5.1 MB

Ceistean co-chomhairleachaidh

Tha sinn airson gum bi Plana Nàiseanta nan Eilean a’ togail air na tha na dheagh chleachdaidhean air eileanan na h-Alba, agus a tha a’ freagairt air na dùbhlain a tha mu choinneamh eileanan agus an coimhearsnachdan. Mìnichidh am Plana mar as urrainn dha Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile obrachadh gus toraidhean airson coimhearsnachdan sna h-eileanan a leasachadh. Ullaichidh Ministearan na h-Alba aithisg gach bliadhna air an adhartas gu ruige na h-amasan a bhios ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.

Mar sin, tha am Plana air leth cudromach mar stiùir air mar a dh’obraicheas sinn uile còmhla ri coimhearsnachdan sna h-eileanan san àm ri teachd. Than a ceistean gu h-ìosal ag amas air an cothrom a thoirt do dhaoine cruth a thoirt dha Plana Nàiseanta nan Eilean ann a dòigh a fhreagras air an ùidhean agus miannan. Nach gabhaibh pàirt.

C1. Ma tha e iomchaidh, dè an eilean air a bheil thu a’ fuireach no ris a bhuineas tu? 

Freagairt:

Plana Nàiseanta nan Eilean 

C2. Ma tha e iomchaidh, dè tha math mu dheidhinn a bhith a’ fuireach air an eilean agad? Innis dhuinn 3 rudan a bu toil leat mu dheidhinn a bhith a’ fuireach air an eilean agad. 

Freagairt:

C3. Ma tha thu air an eilean fhàgail, innis dhuinn carson a dh’fhàg thu (mar eisimpleir, airson cothroman obrach no foghlam)? 

Freagairt:

C4. Ma tha thu air an eilean fhàgail, innis dhuinn dè tha thu ag ionndrainn mu dheidhinn beatha air an eilean. 

Freagairt:

C5. Mas urrainn dhut, bheir dhuinn eisimpleirean de dheagh iomairtean/pròiseactan/cur-seachadan ionadail, etc? 

Freagairt:

C6. Tha liosta ann an Achd nan Eilean (Alba) de raointean a bhuineas do dh’eileanan agus do choimhearsnachdan sna h-eileanan. Cuiribh ann an òrdugh iad a-rèir cho cudromach ’s a tha iad dhut:

- di-dhaoineachadh

- leasachadh eaconomach

- dìon na h-àrainneachd

- slàinte agus soirbheas

- cumhachdachadh coimhearsnachd

- còmhdhail

- comas-ceangail didseatach

- bochdainn connaidh

- stiùireadh fearainn

- bith-thèarainteachd

A bheil thu a’ faireachdainn gu bheil an liosta seo a’ toirt a-steach a h-uile taobh de bheatha sna h-eileanan?

Tha

Chan eil

Chan eil fhios agam

C7. Ma thuirt thu nach eil, a bheil rud sam bith eile a tha còir a bhith mar phàirt de Phlana Nàiseanta nan Eilean? 

Freagairt:

C8. Ma tha e iomchaidh, a bheil dùbhlain sam bith ann mu dheidhinn a bhith a’ fuireach air eilean? Innis dhuinn 3 dùbhlain mu dheidhinn a bhith a’ fuireach air an eilean agad.

Freagairt:

C9. Ma tha thu air an eilean fhàgail, innis dhuinn mu dheidhinn dùbhlain sam bith a dh’aithnich thu nuair a bha thu a’ fuireach air an eilean. 

Freagairt:

C10. Ma tha e iomchaidh, dè a ghabhadh dèanamh airson gum bi e nas fheàrr a bhith a’ fuireach air an eilean agad? 

Freagairt:

C11. Ciamar a tha thu a’ faireachdainn a tha còir aig Plana Nàiseanta nan Eilean freagairt air na feartan sònraichte aig coimhearsnachdan sna h-eileanan a thaobh cruinn-eòlas, dualchas nàdair agus cultar (a’ gabhail a-steach dualchas cànanach), nam measg feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig sna coimhearsnachdan seo? 

Freagairt:

Plana Nàiseanta nan Eilean – Ceistean Coitcheann

Airson an cothrom a thoirt dha an àireamh as motha de bhuidhnean agus de dhaoine ’s as urrainn dhuinn, tha sinn airson beachdan ùghdarrasan buntainneach, buidhnean coimhearsnachd nàiseanta agus ionadail, urrasan leasachaidh agus com-pàirtichean eile le ùidh sna h-eileanan a chruinneachadh.

C12. Dè na prìomh amasan a bu chòir a bhith aig Plana Nàiseanta nan Eilean? 

Freagairt:

C13. Dè na prìomhachasan a bu chòir a bhith aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh Plana Nàiseanta nan Eilean? 

Freagairt:

C14. Dè na cùisean a bu chòir sùileachadh air a thaobh dreuchdan aig ùghdarrasan buntainneach taobh a-steach Plana Nàiseanta nan Eilean? 

Freagairt:

C15. Ciamar as urrainn dhuinn na toraidhean a thomhas a thaobh Plana Nàiseanta nan Eilean? 

Freagairt:

C16. Ma tha beachdan sam bith eile agad mu dheidhinn leasachadh Plana Nàiseanta nan Eilean, innis dhuinn gu h-ìosal.

Freagairt:

Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

’S e aon dòigh a bhios ann am Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean airson ùghdarrasan buntainneach beachdachadh air a’ bhuaidh a bhios  laghan, poileasaidhean, ro-innleachdan no seirbheisean ùra air na h-eileanan. Thèid stiùireadh ullachadh air mar a dh’obraicheas na measaidhean buaidh seo agus tha sinn den bheachd gun cuidich na tha agad ri cur ris an co-chomhairleachadh seo sinn gus seo a dhèanamh:

C17. A bheil poileasaidhean, ro-innleachdan no seirbheisean sam bith a tha thu a’ faireachdainn nach eil ag obrachadh gu math airson an eilein agad? Carson a tha thu a’ faireachdainn nach eil iad ag obrachadh gu math? 

Freagairt:

C18. Air an làimh eile, a bheil poileasaidhean, ro-innleachdan no seirbheisean sam bith a THA ag obrachadh gu math? Innis dhuinn dè tha ag obrachadh gu math mun deidhinn. 

Freagairt:

C19. Ciamar as urrainn do Mhinistearan na h-Alba coimhearsnachdan sna h-eileanan a tharraing a-steach do mheasaidhean?

suirbhidhean air-loidhne

buidhnean fòcais

coinneamhan poblach

sgrìobhainnean air pàipear

dòigh eile (innis dhuinn gu h-ìosal)

C20. A bheil thu airson rud sam bith eile innse dhuinn? 

Freagairt:

Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean – Ceistean Coitcheann

Chan eil stiùireadh sam bith air mar a tha còir Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean an dèanamh ann an Achd nan Eilean (Alba). An àite seo, tha an Achd a’ toirt cumhachd do Mhinistearan stiùireadh ullachadh mun dleastanas gus aire a thoirt de choimhearsnachdan sna h-eileanan, le Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean mar phàirt.[16] Feumaidh Ministearan na h-Alba cuideacnd Riaghailtean ullachadh “mu dheidhinn ath-sgrùdadh air co-dhùnaidhean aig ùghdarrasan buntainneach a bhuineas do mheasaidhean buaidh air coimhearsnachdan nan eilean”.

Airson an cothrom a thoirt dha an àireamh as motha de bhuidhnean agus de dhaoine ’s as urrainn dhuinn cruth a thoirt dhan stiùireadh agus teamplaidean airson Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean, tha sinn airson beachdan ùghdarrasan buntainneach, buidhnean coimhearsnachd nàiseanta agus ionadail, urrasan leasachaidh agus com-pàirtichean eile le ùidh sna h-eileanan a chruinneachadh.

C21. Dè na prìomh amasan a bu chòir a bhith ann airson Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean? 

Freagairt:

C22. Dè tha thu smaointinn air am bu chòir beachdachadh san stiùireadh agus teamplaidean a thèid ullachadh airson taic a thoirt ann a bhith a’ dèanamh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean le ùghdarrasan buntainneach? 

Freagairt:

C23. Dè na rudan a bu chòir an aire a thoirt mun deidhinn a thaobh ath-sgrùdaidhean de cho-dhùnaidhean ùghdarrasan buntainneach a thaobh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean?

Freagairt:

C24. Ma tha beachdan no puingean a bharrachd agad a tha thu a’ smaointinn gum bu chòir an aire a thoirt dhiubh ann ann ullachadh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean, innis dhuinn gu h-ìosal. 

Freagairt:


Contact

Email: info@islandsteam.scot