Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).


Co-chomhairleachadh

34. Tha Riaghaltas na h-Alba gu làidir den bheachd gum bu chòir dha Plana Nàiseanta nan Eilean agus dòigh-obrach nam Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a bhith air an cruthachadh mun cuairt air beachdan choimhearsnachdan sna h-eileanan agus dhaoine eile le ùidh sna h-eileanan, gu ìre cho mòr ’s a ghabhas. Airson seo a dhèanamh, chaidh pròiseas co-chomhairleachaidh dà-fhillte a chruthachadh.

35. An toiseach, bidh suirbhidh air-loidhne ri fhaotainn tron làrach-lìn Citizen Space. Gheibhear fiosrachadh mun phàirt seo den cho-chomhairleachadh agus mar a thèid na toraidhean a làimhseachadh nas fhaide air adhart san sgrìobhainn seo.

36. San dàrna àite, thèid na toraidhean air-loidhne an cur còmhla ri barrachd fiosrachaidh càileachdail a thèid a chruinneachadh tro sreath de thachartasan a thèid a chumail le Riaghaltas na h-Alba air eileanan air feadh Alba. Thèid na tachartasan a chur air dòigh an co-bhonn ri buidhnean ionadail sna h-eileanan agus air an cur air adhart gu farsaing airson gum faigh taghadh farsaing bhon choimhearsnachd an cothrom a bhith ann agus pàirt a ghabhail. Faodaidh muinntir na coimhearsnachd a thèid ann cuideachd cur ris an suirbhidh nas monaidiche air-loidhne cuideachd agus thèid am brosnachadh gus seo a dhèanamh – ach chan fheum thu tighinn gu tachartas airson an t-suirbhidh a lìonadh.

37. Thèid am pròiseas co-chomhairleachaidh a stiùireadh le Riaghaltas na h-Alba an co-bhonn ri Ionad Shrath Chluaidh airson Lagh agus Riaghladh Àrainneachdail le taic bho Chaidreachas Eileanan na h-Alba.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top