Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).


Achd nan Eilean (Alba) 2018

Tha 32 earrannan ann an Achd nan Eilean, air an eagrachadh ann an 6 Pàirtean, mar leanas:

12. Pàirt 1 – Mìneachaidhean Cudromach: Sa Phàirt seo tha mìneachaidhean air eilean, eilean sluaghach, agus coimhearsnachd sna h-eileanan. Tha eilean a’ gabhail a-steach a h-uile raon air a chruthachadh gu nàdarra a tha air a chuairteachadh leis a’ mhuir – a’ leigeil seachad structuran fuadain mar dhrochaidean, a’ ciallachadh gu bheil e a’ gabhail a-steach an t-Eilean Sgitheanach. Tha eilean sluaghach a’ ciallachadh gu bheil co-dhiù aon neach a’ fuirach ann gu maireannach, agus tha coimhearsnachd sna h-eileanan air a mhìneachadh gu farsaing airson coimhearsnachdan le ùidh sa chumantas, ged a tha iad a’ fuireach air aon eilean; no thairis air buidheann de dh’eileanan. Taobh a-steach na slatan-tomhais seo, dh’fhaodadh dithis neach a bhith nan coimhearsnachd sna h-eileanan.

13. Pàirt 2 – Plana Nàiseanta nan Eilean: Tha seo a’ cur dleastanas air Ministearan na h-Alba ‘Plana Nàiseanta nan Eilean’ ullachadh, a chur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba agus fhoillseachadh, a mhìnicheas na prìomh amasan agus ro-innleachd aig Riaghaltas na h-Alba air mar a dh’fhaodas Riaghaltas na h-Alba toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan sna h-eileanan. Feumaidh a’ chiad dreachd den Phlana nochdadh mu chomhair Pàrlamaid na h-Alba taobh a-steach 12 mìosan bho chuir an gnìomh Pàirt 2 den Achd. Bheir Ministearan na h-Alba seachad aithisg air a’ Phlana gach bliadhna airson sùil a chumail air adhartas agus airson beachdachadh air far a dh’fhaodadh toraidhean a bhith air an leasachadh no far nach deach an leasachadh.

14. Pàirt 3 – Dleastanasan a thaobh coimhearsnachdan sna h-eileanan: Tha na h-ullachaidhean seo a’ cur dleastanas air ùghdarrasan buntainneach, a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de bhuidhnean poblach, nam measg Ministearan na h-Alba, aire a thoirt de choimhearsnachdan sna h-eileanan ann an coileanadh an dreuchdan. Airson gèilleadh ris an dleastanas seo, feumaidh ùghdarrasan buntainneach gealladh gus am poileasaidhean, ro-innleachdan agus seirbheisean a sgrùdadh agus Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean ullachadh nuair a tha seo riatanach (faicibh gu h-ìosal), no dòigh eile a chleachdadh gus measadh a dhèanamh no ceumannan iomchaidh a ghabhail a thaobh na poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis seo. Tha cumhachd aig Ministearan stiùireadh fhoillseachadh a thaobh na dleastanais seo. Feumar Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean ullachadh nuair a tha e coltach gum bi buaidh eadar-dhealaichte aig poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis air coimhearsnachdan sna h-eileanan gu sònraichte. Tha dleastanas coltach air Ministearan na h-Alba a thaobh reachdas aig am bi, nam beachd, buaidh air coimhearsnachdan sna h-eileanan a bhios gu sònraichte eadar-dhealaichte bho choimhearsnachdan eile ann an Alba.

15. Pàirt 4 – Riochdachadh choimhearsnachdan sna h-eileanan: Tha am Pàirt seo a’ dìon an aghaidh atharrachadh sam bith air crìoch sgìre pàrlamaideach Na h-Eileanan an Iar (a’ toirt an aon inbhe dha ri na th’ aig Arcaibh agus Sealtainn). Tha e cuideachd, a thaobh eileanan sluaghach, a’ leigeil le uàrdan taghaidh riaghaltais ionadail an riaghailt a thaobh triùir no ceathrar bhall anns gach sgìre a sheachnadh, airson leigeil le sgìrean le eileanan sluaghadh aon neach no dithis a thaghadh an àite triùir no ceathrar. ’S e oidhirp a tha seo gus am bi sùbailteachd ann airson gum bi e nas coltaiche nach bi coimhearsnachdan sna h-eileanan mar phàirt de uàrd a tha cuideachd a’ gabhail a-steach pàirt den tìr-mòr, agus nach bi iad air an riochdachadh le comhairliche nach eil a’ fuireach air eilean.

16. Pàirt 5 (agus earrann 15) – Iarrtasan airson Cumhachdan a Bharrachd: Tha na h-ullachaidhean seo a’ cur dleastanas air Ministearan na h-Alba sgeama a stèidheachadh airson leigeil le ùghdarras ionadail iarraidh gun tèid dreuchdan, dleastanasan no uallaichean tiomnaichte a bharrachd a thoirt dhaibh. Feumaidh iad fon Achd riaghailtean a’ stèidheachadh an sgeama seo a chur fo chomhair na Pàrlamaid ro 6 Iuchar 2019.

17. Pàirt 6 – Leasachadh ann an sgìre mara eileanan na h-Alba: Tha an ullachadh seo a’ leigeil le Ministearan na h-Alba sgeama a stèidheachadh gus cead a thoirt seachad airson leasachaidhean sam bith a tha faisg air no taobh a-steach 12 mìltean mara de dh’eilean, a-rèir sgìrean cead ainmichte sna h-eileanan. Cha tèid sgìrean ainmeachadh ach le iarrtas a chur gu ùghdarras ionadail. Tha seo coltach ri na cumhachdan a thaobh cead leasachaidh airson obraichean ann an sgìrean ri cladach a th’ ann an-dràsta ann an Arcaibh agus Sealtainn tro Achdan Pàrlamaid prìobhaideach. Ma thèid cead a thoirt seachad, feumaidh an neach an gnìomhachd a dhèanamh a-rèir na cumhachan a tha air am mìneachadh leis an ùghdarras ionadail buntainneach.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top