Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).


Cùl-fhiosrachaidh

7. San Ògmhìos 2013, dh’fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealltainn an iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd, ag amas air dèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan agus inbhe sgìrean nan eilean ann an Alba aithneachadh.[1]

8. Ged a chaidh seo a sgrìobhadh ann an co-theacsa Alba a dh’fhaodadh a bhith neo-eisimileach, stèidhich Riaghaltas na h-Alba Buidheann-obrach Ministireil Sgìrean nan Eilean, airson fòcas a chuir air trì prìomh raointean:

  • Mar as urrainnear taic a chur ri na coimhairlean sna h-eileanan gus na cumhachdan a th’ aca mu thràth a chleachdadh agus gus coimhearsnachdan a bhrosnachadh gus seirbheisean poblach nas fheàrr agus nas freagarraiche a lìbhrigeadh, agus gus am bi toraidhean nas fheàrr ann do choimhearsnachdan;
  • Beachdachadh air leasachadh agus leudachadh air deamocrasaidh ionadail ann an sgìrean nan eilean agus na cothroman a bhiodh aca ann an co-theacsa an reifreann air neo-eisimileachd na h-Alba ann an 2014, a’ gabhail a-steach na cuspairean a chaidh a thogail leis an aithisg suidheachaidh co-obrachail aig Ar n-Eileanan ri Teachd; agus
  • Ro-shealladh aontachadh airson cothroman airson coimhearsnachdan nan eilean san àm ri teachd a mhìneachadh.

9. San Ògmhìos 2014, nuair a chrìochnaich obair Buidheann-obrach Ministireil Sgìrean nan Eilean, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an ro-shealladh A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanan na h-Alba,[2] air a thaisbeanadh mar phasgan rianail de cheumannan gus molaidhean a leasachadh a bha stèidhichte air trì prìomh amasan:

  • A’ cur guthan coimhearsnachdan sna h-eileanan air adhart;
  • A’ dèanamh feum de stòrasan nan eilean; agus
  • A’ leasachadh soirbheas choimhearsnachdan nan eilean.

10. As deidh dhan ro-shealladh A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanan na h-Alba, chaidh Riaghaltas na h-Alba a-mach airson co-chomhairle air ullachaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann am Bile nan Eilean san àm ri teachd. Bha fòcas cudromach sa cho-chomhairleachadh seo air ‘dìon-eileanan’, a’ sireadh bheachdan air seo a bhith mar phrionnsabal taobh a-steach Bilean nan Eilean a dh’fhaodadh a bhith ann airson an dòigh-obrach seo a dhèanamh foirmeil ann an reachdas.

11. Fhuair Bile nan Eilean (Alba) 2018 Aonta Rìoghail air 6 Iuchar 2018. Chaidh na ciad Riaghailtean Tòiseachaidh a chur fa chomhair na Pàrlamaid air 20 Sultain 2018 agus chaidh an cur an gnìomh air 4 Dàmhar 2018.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top