The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic

A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.


Notaichean-coise

1 Tha sinn a’ mìneachadh “siostam bìdh” a rèir mìneachadh nan Dùthchannan Aonaichte mar: “gach eileamaid (àrainneachd, daoine, com-pàirteachadh, pròiseasan, bun-structaran, institiudan, amsaa.) agus gach gnìomh a tha co-cheangailte ri solarachadh, giollachd, sgaoileadh, ullachadh agus ithe bìdh, agus ri toraidhean nan gnìomhan seo, nam measg builean sòiseo-eaconamach is àrainneachdail” (UNEP (2016) Siostaman bìdh is Stòrasan Nàdarrach. Aithisg na Buidhne-obrach air Siostaman Bìdh aig Panail nan Stòrasan Eadar-nàiseanta).

2 Cuimhnichibh gu bheil “siostam bìdh” eadar-dhealaichte bhon “àrainneachd bìdh”. Tha Buidheann Bìdh is Àiteachais nan Dùthchannan Aonaichte ag ràdh: “’S e a th’ ann an àrainneachd bìdh, am biadh a tha ri fhaotainn do dhaoine san t-saoghal a tha timcheall orra fhad ’s tha iad a’ cur seachad am beatha ann, agus beathachadh, sàbhailteachd, prìsean, goireasachd, leubailean is sanasachd a’ bhìdh sin. Bheir àrainneachdan-bìdh buaidh chudromach air daithead dhaoine, oir tha iad a’ stèidheachadh nan roghainnean a th’ aig daoine nuair a bhios iad a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh na dh’itheas iad. ’S e a th’ ann an àrainneachd bìdh fhallain, tè a tha a’ toirt brosnachadh is cothrom do dhaoine gus daithead le biadh fallain a roghnachadh agus ithe.”

3 Tha “euslaintean co-cheangailte ri daithead” (ris an canar cuideachd ‘tinneasan neo-ghabhaltach’ – tinneasan nach sgaoil gu dìreach eadar daoine) a’ ciallachadh euslaintean a th’ air an adhbharachadh le daithead far a bheil daoine a’ gabhail cus de stuthan-beathachaidh no seòrsaichean bìdh sònraichte, no far nach eil iad a’ gabhail gu leòr dhiubh. Am measg nan euslaintean as cumanta co-cheangailte ri daithead, tha: ro-reamhrachd, seòrsa 2 de thinneas an t-siùcair, tinneasan dhen chuairt-fhala, bruthadh-fala àrd, cuid a sheòrsaichean aillse agus cion stuthan-beathachaidh.

4 Tha Biadh Cudromach: A’ Chuimrigh

5 Frèam Ro-innleachd Bìdh Èirinn a Tuath | Roinn an Àiteachais, na h-Àrainneachd is nan Cùisean Dùthchail

6 Ro-innleachd Bìdh an Riaghaltais - GOV.UK

7 Cùmhnant Eadar-nàiseanta nan Còraichean Eaconamach, Sòisealta is Cultarach | OHCHR

8 ’S e abairt laghail a th’ ann an ‘gabh ealla ri’ a tha a’ ciallachadh gum feumar aire a thoirt dhan sgrìobhainn bhuntainnich agus, ma nì Ministearan na h-Alba co-dhùnadh gun sin a dhèanamh, feumaidh adhbharan soilleir a bhith aca airson sin agus feumaidh iad na h-adhbharan sin a thoirt seachad.

9 Thèid am fo-reachdas, a nì sònrachadh air na dleastanasan buntainneach agus mìneachaidhean air na dleastanasan, a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba anns an dàrna leth de 2025, agus thathar an dùil gun tèid a chur an gnìomh ro dheireadh 2025.

10 Tha an coimisean reachdail ùr seo, Coimisean Bìdh na h-Alba, eadar-dhealaichte bhon t-seann choimisean neo-reachdail leis an aon ainm a chaidh a leigeil ma sgaoil ann an 2018.

11 Thèid Coimisean Bìdh na h-Alba a stèidheachadh gu h-oifigeil air 30 Ògmhios 2025.

12 Fo phoileasaidhean is reachdas a thaobh solarachadh poblach, feumaidh buidhnean poblach beachdachadh air – agus ceumannan a ghabhail ann an co-cheangal ri – cothroman air cùmhnantan do Ghnothachasan Beaga no Meadhanach Mòr (SMEan), do bhuidhnean san treas roinn, agus do bhuidhnean a gheibh taic. Tha reachdas na dùthcha agus dleastanasan malairt eadar-nàiseanta a’ toirmeasg ghnìomhan a dhèanadh eadar-dhealachadh eadar luchd-solair air sgàth nàiseantachd no ionadaileachd, no leis an deigheadh dèiligeadh ri luchd-solair ann an dòigh neo-ionann.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top