The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic

A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.


Pàirt a Dhà – Dòighean Practaigeach airson am Plana a Chur an Gnìomh

Cho cudromach’s a tha modhan-obrach èifeachdach

Tha am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh na fhrèam-obrach airson a bhith cinnteach gun dèanar obair air poileasaidhean bìdh ann an dòigh nas co-aonaichte. Thathar an dùil gum bi am Plana nàiseanta a’ toirt stiùireadh do Mhinistearan na h-Alba nuair a bhios iad a’ dèanamh phoileasaidhean bìdh nàiseanta. Anns a’ Phlana, thathar a’ moladh gun tèid poileasaidhean bìdh a chruthachadh agus a chur an sàs ann an dòigh nas fharsainge agus nas ro-innleachdaile, agus mar sin bidh tuigse nas fheàrr againn air mar a tha poileasaidhean co-cheangailte ri biadh a’ dol an lùib a chèile agus a’ toirt buaidh air a chèile.

Leis an iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, bidh sinn nas comasaiche air poileasaidhean a thaghadh a tha a’ dèanamh feum thar grunn raointean. Bidh e cuideachd nas fhasa dhuinn na h-iomairtean poileasaidh aithneachadh nach eil a’ soirbheachadh thar nan diofar phoileasaidhean a tha co-cheangailte ri biadh, agus bidh an cothrom againn beachdachadh a dhèanamh air mar a bheir sinn piseach air èifeachdachd nam poileasaidhean sin.

Leis an dòigh-obrach seo, thathar airson obair air Builean fa leth a sheachnadh, tro bhith ga dhèanamh soilleir gum bu chòir poileasaidhean a bhith a’ dèiligeadh ri Builean mar “sheata”, ’s an fharsaingeachd de phoileasaidhean eadar-cheangailte thar Riaghaltas na h-Alba ga toirt fa-near.

Cha bheag an obair seo, agus cha ghabh a dèanamh ann an aithghearrachd. Ge-tà, tha fios againn gu bheil i deatamach ma thathar airson atharrachaidhean brìoghmhor a thoirt gu buil.

A’ cur an sàs dòigh-obrach cho-cheangailte

San earrainn seo, bidh sinn a’ cur an cèill mar a bhios sinn a’ brosnachadh agus a’ dèanamh barrachd co-obrachaidh eadar roinnean nan diofar Mhinistearan.

Tha sinn a’ cur gu feum dòigh-obrach ùr-ghnàthach airson atharrachaidhean a thoirt air mar a thèid poileasaidhean-bìdh a leasachadh. Chan eilear air gnìomhan-obrach sònraichte a chur gu feum a-riamh roimhe ann am fo-reachdas airson sealltainn cuin a dh’fheumas Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail ris a’ Phlana nàiseanta. Chithear san dòigh-obrach ùr-ghnàthaich seo an rùn a th’ ann gus rudan a dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte a thaobh phoileasaidhean-bìdh. Cha tig atharrachaidhean sa bhad, ach ’s e àm cudromach a tha seo air an t-slighe againn airson a bhith nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Bidh a’ Bhuidheann Obrach Mhinistreil airson Biadh fhathast na meadhan gus còmhraidhean a chumail agus co-dhùnaidhean a dhèanamh thar diofar roinnean dhen riaghaltas aig ìre nam Ministearan a thaobh phoileasaidhean co-cheangailte ri biadh.

Aig ìre oifigearan-poileasaidh na seirbheis catharra, thèid buidheann-obrach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – buidheann a chaidh a stèidheachadh mar-thà agus anns a bheil oifigearan-poileasaidh a riochdaicheas farsaingeachd de roinnean an riaghaltais – ath-stèidheachadh mar fhòram-poileasaidh riaghailteach a bheir cothrom do dh’oifigearan cùisean iom-fhillte a dheasbad. Tro na coinneamhan cunbhalach a bhios aca, gabhaidh dèiligeadh ri dùbhlain, agus gabhaidh cothroman aithneachadh airson poileasaidhean ùra co-cheangailte ri biadh a chruthachadh ann an dòigh cho-aonaichte.

Bidh buidheann-obrach nan Oifigearan agus a’ bhuidheann-obrach Mhinistreil a’ dèanamh co-chonaltradh ri agus ag obair le buidhnean buntainneach eile ann an Riaghaltas na h-Alba mar as iomchaidh.

Buaidh phractaigeach a’ Phlana: an dleastanas gus ealla a ghabhail ris a’ Phlana

Tha e fìor chudromach gun tèid atharrachaidhean a dhèanamh air dòighean-obrach, agus bidh na h-atharrachaidhean sin nam bun-stèidh dhan iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Nuair a thèid poileasaidhean-bìdh ùra a chruthachadh agus a leasachadh, feumar aire a thoirt dha na Builean coitcheann, ma tha na poileasaidhean sin a’ dol a thoirt làn-bhuaidh air cùisean. San Achd, tha meadhan reachdais gu tur ùr ann airson ’s gun tèid beachdachadh a dhèanamh air sin.

Ann an earrann 6 dhen Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail ris[8] a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh nuair a bhios iad a’ coileanadh cuid a dhleastanasan a th’ air an sònrachadh ann am fo-reachdas.[9] Tha sin a’ ciallachadh gum feum Ministearan na h-Alba agus na h-oifigearan aca beachdachadh a dhèanamh air mar a bheir dleastanas a tha iad a’ coileanadh – leithid a bhith ag obair air poileasaidhean – buaidh air no taic dha na Builean nàiseanta.

Le seo, nithear cinnteach gun tèid poileasaidhean-bìdh agus na h-amasan gus Builean a’ Phlana nàiseanta a choileanadh fhighe a-steach do dh’fharsaingeachd de raointean poileasaidh, agus mar sin bithear a’ brosnachadh dhòighean-obrach co-aonaichte is eadar-cheangailte.

Ceumannan gu ruige Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Chan ann le aon ghnìomh no iomairt a-mhàin a thèid an t-amas airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a thoirt gu buil, ach tro dhiofar cheumannan: bidh Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh thionndaidhean ùra dhen Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gu cunbhalach. Thèid aithisg air adhartas fhoillseachadh gach dàrna bliadhna. Nì sinn ath-sgrùdadh, agus ùrachadh ma bhios sin a dhìth, air a’ Phlana nàiseanta co-dhiù a h-uile còig bliadhna. Mar phàirt dhen phròiseas seo, cumaidh sinn oirnn le bhith a’ dèanamh co-chonaltradh ri prìomh luchd-ùidhe leithid roinn nan gnothachasan aig a bheil ceangal ri biadh. Thèid co-chomhairleachadh poblach a chumail agus nì a’ Phàrlamaid sgrùdadh air gach tionndadh dhen Phlana nàiseanta.

Fon Achd, feumaidh ùghdarrasan buntainneach (’s iad sin ùghdarrasan ionadail agus bùird shlàinte sgìreil) na Planaichean aca fhèin ullachadh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus feumaidh iad ealla a ghabhail ris a’ Phlana nàiseanta nuair a nì iad sin. Leis na Planaichean aca fhèin airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, feumaidh ùghdarrasan buntainneach na h-aon riatanasan aithris is ùrachaidh a choileanadh ’s a gheibhear airson a’ Phlana nàiseanta. Bidh aig ùghdarrasan buntainneach ri co-chomhairleachadh a chumail air na Planaichean aca, ach chan fheum iad na Planaichean aca a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba.

Ged a dh’fhaodas agus a dh’fheumas am Plana seo a bhith na stiùireadh do dh’ùghdarrasan buntainneach, tha e an urra ris na h-ùghdarrasan fhèin na Builean, ceumannan agus poileasaidhean a thaghadh a fhreagras san dòigh as fheàrr air na sgìrean aca nuair a tha iad a’ coileanadh amasan na h-iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Sgrùdadh is Aithrisean

Fon Achd, tha cumhaichean ann gus buidheann phoblach ùr a stèidheachadh: Coimisean Bìdh na h-Alba.[10] [11] Bidh an Coimisean ùr seo a’ dèanamh measadh air adhartas leis a’ Phlana nàiseanta agus le Planaichean nan ùghdarrasan buntainneach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus air buaidh nam planaichean sin. Bheir e comhairle, fiosrachadh agus taic do Mhinistearan na h-Alba agus ùghdarrasan buntainneach gus leasachadh a thoirt air na Planaichean aca anns an ùine ri thighinn. Tha sin a’ ciallachadh gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air a’ Phlana nàiseanta agus na Planaichean aig na h-ùghdarrasan buntainneach.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top