The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic
A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.
Pàirt a h-Aon – Cò Ris A Bhios Dùthaich A Tha Math A Thaobh Biadh Coltach?
Co-theacsa: staid siostam bìdh na h-Alba aig an àm seo
Tha siostam bìdh na h-Alba[1] [2] air leth soirbheachail agus a’ toirt dhuinn iomadh adhbhar gus gàirdeachas a dhèanamh ris. Tha sinn fortanach gu bheil stòrasan nàdarrach iongantach againn: gheibhear pailteas bìdh bho choilltean, achaidhean, lochan, aibhnichean agus marannan na h-Alba. Bidh tuathanaich, croitearan is iasgairean a’ dèanamh feum de dh’eòlas a chaidh a thoirt seachad bho ghinealach gu ginealach agus de na sgilean àraich is obrach aca gus biadh is deochan a thoirt dhuinn a tha iomraiteach air feadh an t-saoghail.
A thuilleadh air stòras-bìdh nàdarrach, farsaing, tha measgachadh de ghnothachasan is iomairtean againn, agus tha gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh againn.
’S urrainn dhuinn feum a dhèanamh de stòras-rannsachaidh air leth math airson obair ùr-ghnàthachaidh a thoirt air adhart. Tha sinn cuideachd a’ faighinn bhuannachdan bhon obair a nì farsaingeachd de bhuidhnean-bìdh coimhearsnachd. Nì iad obair gu math prìseil de dhiofar sheòrsaichean, bho bhith a’ cur phròiseactan air dòigh far an tèid biadh fhàs airson taic a chumail ri iomairtean àrainneachd is tèarainteachd bìdh, gu bhith a’ cur dhìnnearan coitcheann air dòigh a chuidicheas le bhith a’ cur às do dh’aonranachd shòisealta is neo-ionannachd slàinte. Le bhith a’ gabhail biadh còmhla, thathar a’ gabhail cùram do chàch a chèile agus a’ toirt dhaoine còmhla.
Tha neartan air leth rin lorg ann an siostam bìdh na h-Alba. Ge-tà, tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil laigsean bunaiteach san t-siostam.
Mar eisimpleir, cha do rinneadh mòran adhartais anns na 20 bliadhna a dh’fhalbh a thaobh a bhith a’ coileanadh Cinn-uidhe na h-Alba a thaobh Daithead, agus tha fhathast cus chalaraidhean, geir, siùcar a bharrachd agus salann ann an daithead dhaoine, gun mheasan, glasraich, freumhag no iasg olach gu leòr innte. ’S e aon de na prìomh amasan a th’ againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gun atharraich sinn sin agus gun tèid siostam a’ bhìdh a chruthachadh a tha a’ toirt brosnachadh is cothrom dhan t-sluagh a bhith fallainn.
Tha neo-ionannachd nach beag ann an siostam a’ bhìdh againn ris am feum sinn dèiligeadh. Tha aig tòrr dhaoine ann an Alba ri dèiligeadh gu cunbhalach ri neo-thèarainteachd bìdh, no bidh dragh orra bho àm gu àm a thaobh ciamar a gheibh iad cothrom air biadh. Cuideachd, tha euslaintean co-cheangailte ri daithead[3] nas cumanta ann an coimhearsnachdan a tha fo easbhaidh. Ann a bhith a’ coileanadh an amais againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha e riatanach nach bi coimhearsnachd sam bith a’ fulang mar thoradh air sin. Nuair a bhithear a’ cruthachadh phoileasaidhean-bìdh ùra a tha a’ cur taic ris na prìomh Bhuilean, feumar – mar phrìomhachas – beachdachadh a dhèanamh air neo-ionannachdan dhen leithid, feuch nach tig builean ris nach robh dùil. Tha sinn air adhartas fhaicinn mu thràth le cuid de na gnìomhan a rinn sinn anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, leithid a’ tabhann biadh-sgoile an-asgaidh dhan a h-uile sgoilear ann an clasaichean 1-5 sa bhun-sgoil.
Tha e cudromach aithneachadh gun toir e ùine gus na h-atharrachaidhean cudromach agus na h-atharrachaidhean fad-ùine a tha a dhìth ann an siostam a’ bhìdh againn a chur an sàs, agus na cinn-uidhe lèirsinneach againn a thaobh biadh a choileanadh. Chan urrainn dhuinn ach gabhail ris an-dràsta nach eil làn-smachd aig Riaghaltas na h-Alba air gach meadhan no cumhachd a ghabhas a chur gu feum gus buaidh a thoirt air mar a tha siostam a’ bhìdh ag obrachadh. Mar eisimpleir, tha laghan cosnaidh fhathast fo smachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, agus tha sin a’ cur bacadh air nas urrainn dhuinn a dhèanamh ann an Alba gus inbhean nas fheàrr a chur an sàs a thaobh obair chothromach ann an gnìomhachas a’ bhidh is nan deochan. Tha e cudromach gun tèid na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh air siostam a’ bhìdh, agus tha sin follaiseach ma chithear mar a tha riaghaltasan eile le cumhachd thiomnaichte agus riaghaltas nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte a’ cur phlanaichean air dòigh airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri biadh.[4] [5] [6]
Tha Alba na pàirt de shiostam bìdh na cruinne. Chan ann à Alba, no fiù ’s às an Rìoghachd Aonaichte, a thig am biadh air fad a tha sinn ag ithe. Tha toraidhean bìdh na dùthcha an urra ri stuthan a gheibhear bho thall thairis leithid todhar is sìol. Bidh sinn cuideachd a’ reic cuid dhen bhiadh againn ri dùthchannan eile. Feumaidh luchd-poileasaidh beachdachadh a dhèanamh air poileasaidhean bìdh bho shealladh eadar-nàiseanta, agus feumaidh iad oidhirpean a dhèanamh gus cumail ri sàr chleachdaidhean is modhan-obrach eadar-nàiseanta.
Bhiodh làn-smachd aig Alba neo-eisimeileach air gach cumhachd co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh, agus bheireadh sin buaidh air na b’ urrainn dhuinn a choileanadh agus air cho luath ’s a thigeadh adhartas. Gu nàdarrach, nuair a thèid tionndaidhean ùra dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh ullachadh, bheir an suidheachadh bun-reachdail a bhios ann aig an àm sin buaidh orra.
’S iomadh dùbhlan is duilgheadas a tha ro shiostam bìdh na h-Alba. Ge-tà, tha tòrr chothroman ann an lùib an t-siostaim leis an gabhadh na fuasglaidhean a lorg. Ged a tha sinn air tòiseachadh air seo a thuigsinn, tha tòrr a bharrachd ann a dh’fhaodar a dhèanamh airson cur ri beairteas dhaoine, cothroman a thoirt do dhaoine air beòshlaint thèarainte, taic a chumail ri daitheadan nas fhallaine, coimhearsnachdan a neartachadh, agus dìon a chur air an àrainneachd nàdarrach againn agus air inbhean do mhath bheathaichean.
Neo-ionannachdan ann an siostam a’ bhìdh
Tha neo-ionannachdan mòra ann an siostam a’ bhìdh againn ris am feumar dèiligeadh. Airson na h-amasan againn co-cheangailte ri Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a ruigsinn, feumaidh sinn sùil a thoirt air siostam a’ bhìdh air fad, ’s sealladh leathann againn air neo-ionannachdan. ’S ann iom-fhillte a tha siostam a’ bhìdh ann an Alba, agus sin mar a tha na neo-ionannachdan san t-siostam cuideachd. Nuair a tha iad a’ leasachadh phoileasaidhean ùra co-cheangailte ri biadh, feumaidh luchd-poileasaidh a bhith cinnteach gum bi com-pàirteachadh ann bhon uiread ’s a ghabhas de dhaoine nuair a thèid beachdachadh a dhèanamh air neo-ionannachdan.
Anns an earrainn seo, gheibhear geàrr-chunntas àrd-ìre air na seòrsaichean neo-ionannachd air am feum luchd-poileasaidh smaoineachadh nuair a leasaicheas iad poileasaidhean ùra co-cheangailte ri biadh. Thèid fòcas a chur air dè cho ioma-chùiseach ’s a tha neo-ionannachdan, agus air cuid a phrìomh raointean neo-ionannachd ann an siostam a’ bhìdh, mar a leanas:
- Neo-ionannachdan sòiseo-eaconamach agus easbhaidh
- Sia prìomh-sheòrsaichean teaghlaich a mheasas Riaghaltas na h-Alba as buailtiche a bhith ann am bochdainn
- Neo-ionannachdan co-cheangailte ri aois
- Daoine ag obair ann an gnìomhachasan a tha stèidhichte ann an sgìrean dùthchail
- Coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach
- Neo-ionannachdan nan gnèithean
- Ciorraman
- Buidhnean mion-chinnidh
Seo grunn eisimpleirean de raointean ann an siostam a’ bhìdh anns a bheil neo-ionannachdan rin lorg, ach tha tòrr a bharrachd ann a dh’fheumar a thoirt fa-near agus a rannsachadh. Seo an t-adhbhar a tha sinn a’ leasachadh dhòighean-obrach airson taic a chumail ri luchd-poileasaidh nuair a tha iad a’ gabhail ealla ris a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – mar eisimpleir, tro bhith a’ togail stòras-fianais a dh’fhaodar a chur gu feum nuair a thathar a’ beachdachadh air raointean neo-ionannachd ann an co-theacsa siostam a’ bhìdh. Tro bhith a’ toirt seachad nan goireasan seo, nithear cinnteach gun tèid neo-ionannachdan a thoirt fa-near, agus bidh teansa nas motha ann gum bi buannachdan ann do dh’fharsaingeachd de choimhearsnachdan air feadh na h-Alba, tro chur an gnìomh a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Tha na sia prìomh Bhuilean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh nam bun-stèidh dhan Phlana nàiseanta fhèin. Tha na Builean seo a’ togail air cuspairean is prionnsabalan a chithear san Achd. Bidh na sia Builean àrd-amasach seo cudromach do dh’Alba thar ùine fhada aig ìre ro-innleachdail; fhad ’s a thathar a’ sìor-leasachadh agus ag atharrachadh phoileasaidhean-bìdh san dùthaich seo agus gu h-eadar-nàiseanta, cumaidh sinn oirnn le bhith a’ dèanamh measadh air agus ag ùrachadh nam Builean, feuch am bi iad fhathast freagarrach agus dùbhlanach gu leòr. Bu chòir smaoineachadh orra mar sheata aonaichte, gun a bhith a’ meas buil sam bith nas cudromaiche (no nas lugha) na na builean eile.
Chan eil na Builean seo a’ sealltainn mar a tha cùisean ann an Alba an-dràsta; ’s ann gu bheil iad a’ toirt dhuinn tuairisgeul air an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a tha san amharc againn, agus tha iad a’ togail air an lèirsinn a bh’ againn bho thùs gum bi Alba “na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, far am bi a h-uile duine moiteil às a’ bhiadh a sholaraicheas iad, a cheannaicheas iad, a dh’ullaicheas iad, a bheir iad seachad agus a dh’itheas iad gach latha, ’s iad a’ gabhail tlachd anns a’ bhiadh sin agus a’ faighinn bhuannachdan às”.
- Buil 1: Tha àrainneachd bìdh na h-Alba a’ toirt cothrom do dhaoine gus biadh math ithe. Tha a h-uile duine a’ faighinn bhuannachdan bho bhith a’ faighinn cothrom cunbhalach is urramach air biadh a tha sàbhailte, riatanach do dheagh shlàinte, aig prìs reusanta, a’ còrdadh riutha, seasmhach agus freagarrach a thaobh aois.
- Buil 2: Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach, ’s e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarrach fhàsmhor air tìr agus anns na h-uisgeachan againn. Tha e a’ cur taic ris na h-amasan againn a thaobh cothromachadh-carboin is freagrachadh mu choinneimh na gnàth-shìde, agus tha e a’ cluich pàirt chudromach ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air slàinte is math bheathaichean, agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.
- Buil 3: Tha àrainneachd bìdh is siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh agus cothrom dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn. Mar thoradh air sin, thèid casg a chur agus lùghdachadh a thoirt air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.
- Buil 4: Tha an roinn bìdh is dheochan againn soirbheachail, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teas-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte agus làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan a tha stèidhichte air inbhean-obrach cothromach air feadh siostam-solair a’ bhìdh.
- Buil 5: Tha e comasach do dhaoine agus coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an siostam a’ bhìdh agus buaidh a thoirt air cruth an t-siostaim sin. Tha cultar-bìdh na h-Alba soirbheachail, agus tha muinntir na h-Alba fiosraichte a thaobh biadh a tha math is seasmhach.
- Buil 6: Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus eadar-nàiseanta. Tha Alba a’ dol an sàs gu gnìomhach ann a bhith ag ionnsachadh agus a’ co-roinneadh eòlas agus fiosrachadh mu na cleachdaidhean as fheàrr aig ìre eadar-nàiseanta.
A’ leasachadh nam builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Tha na Builean a’ sealltainn mar a dh’fheumas sinn atharrachadh a thoirt air mar a thèid biadh a sholarachadh, a ghiullachd agus a sgaoileadh – agus air mar a gheibhear cuidhteas e – ann an Alba, airson ’s gun dèilig sinn ris na dùbhlain ro fhollaiseach a tha romhainn a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh na h-àrainneachd. Feumar an t-eadar-ghluasad gu siostam bìdh nas seasmhaiche a chur an sàs ann an dòigh chothromach, cheart. Tha sin a’ ciallachadh gum feum sinn a bhith cinnteach gum bi na daoine a bhios ag obair airson biadh a chur air a’ bhòrd dhuinn nam pàirt dhen eadar-ghluasad sin.
Tha na Builean a’ togail air laghan chòraichean daonna, air an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta, agus air Cinn-uidhe nan Dùthchannan Aonaichte airson Leasachadh Seasmhach. Tha Riaghaltas na h-Alba air an t-amas a chur roimhe spèis a shealltainn do chòraichean daonna eadar-nàiseanta, dìon a chur orra agus an coileanadh. Fon Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba – nuair a bhios iad a’ beachdachadh air na bhios sa Phlana – ealla a ghabhail ri mar a dh’fhaodadh cùisean-bìdh buaidh a thoirt air builean co-cheangailte ri farsaingeachd de chuspairean. Cuideachd fon Achd, feumaidh Ministearan – nuair a bhios iad ag ullachadh a’ Phlana nàiseanta – ealla a ghabhail ri taghadh de phrionnsabalan agus cumhaichean sònraichte a gheibhear ann an reachdas chòraichean daonna eadar-nàiseanta. Tha a’ chòir air gu leòr de bhiadh na còir dhaonna, ’s i mar phàirt dhen chòir dhaonna air beatha le ìre bith-beò iomchaidh[7], agus tha i riatanach a thaobh mar a thèid còraichean daonna eile a thoirt gu buil.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot