The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic
A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.
Pàirt a Trì – A’ Measadh Adhartas: Comharran-coileanaidh Is Targaidean
Le cho iom-fhillte ’s a tha siostam a’ bhìdh againn – agus air sgàth cho lèirsinneach is farsaing ’s a tha na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – tha frèam-sgrùdaidh freagarrach a dhìth a stèidhicheas bun-ìrean coileanaidh airson siostam a’ bhìdh againn, ’s na bun-ìrean sin co-cheangailte ris na builean againn. Leis an fhrèam seo, nì sinn sgrùdadh – aig ìre nàiseanta – air diofar phàirtean de shiostam a’ bhìdh againn a tha co-cheangailte ris na builean againn, feuch am faic sinn mar a tha iad ag atharrachadh. Bidh sinn cuideachd a’ comharrachadh thar ùine raointean anns a bheil adhartas ga dhèanamh agus raointean far a bheil dùbhlain ann fhathast a thaobh nam builean a tha sinn airson a choileanadh. Tha e riatanach dhan iomairt againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gun gabh measadh cunbhalach a dhèanamh air ìrean coileanaidh ann an siostam bìdh na h-Alba.
Anns an fhrèam-sgrùdaidh gheibhear grunn phrìomh chomharran-coileanaidh a tha stèidhichte air dàta àrd-ìre a tha a’ buntainn ri gach buil. Tha na comharran-coileanaidh againn a’ tarraing air diofar ghoireasan fiosrachaidh, ach sa mhòr-chuid, ’s ann air staitistigean oifigeil a th’ ann mar-thà ann am pàirtean eile na roinne poblaich a tha iad stèidhichte; tha na staitistigean seo co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh agus na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (m.e. staitistigean co-cheangailte ri bochdainn, slàinte, an àrainneachd agus an eaconamaidh). Thathar air na comharran seo a chur ri chèile le taic bho fhianais bhuntainneach a thugadh bho thaghadh nas fharsainge de rannsachadh a th’ ann mar-thà. Thathar air bacaidhean aithneachadh far a bheil fios ann gu bheil beàrnan fianais ann, airson ’s gun gabh sùil a chumail air cuid a dh’eileamaidean dhe na toraidhean aig an ìre seo. Thèid seo a mhìneachadh ann an tuilleadh doimhneachd ann am foillseachadh-sgrùdaidh fa leth.
A thuilleadh air na prìomh chomharran-coileanaidh, tha sinn air seata de thargaidean a thaghadh a bheir dòigh eile dhuinn airson measadh a dhèanamh air adhartas leis na Builean. ’S e targaidean a bh’ ann mu thràth a th’ annta seo, no targaidean a bh’ ann mu thràth air an deach atharrachaidhean a dhèanamh. Fhad ’s a bhios an obair a’ dol air adhart airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, nì sinn beachdachadh air gnothaichean, feuch am bi targaidean eile a dhìth.
Leis mar a tha sinn an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ phlana gach dàrna bliadhna, tha sinn airson ’s gun tèid an dàta ùrachadh mar phàirt de dh’ath-sgrùdaidhean a nithear air a’ Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Liosta de Thargaidean is Geallaidhean
- Bidh nas lugha na 10% de chloinn beò gu ìre ann am bochdainn ro 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn iomlan ro 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò fo easbhaidh air sgàth teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò ro 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn leantainneach ro 2030
- Ìrean ro-reamhrachd cloinne gan lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag ga thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
- Lùghdachadh ga thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
- Tuilleadh inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
- Lùghdachadh de 10% ga thoirt air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025
- Lùghdachadh ga thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
- Lùghdachadh ga thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn
- Caitheamh-bìdh ga lùghdachadh leth-uiread ro 2030
- An t-amas ann dùblachadh a thoirt air an uiread de dh’fhearann àiteachais a thathar ag obrachadh gu h-organach ann an Alba ro dheireadh teirm na pàrlamaid seo (2026)
- Targaidean lùghdachaidh bliadhnail a thaobh sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh, leithid: cothromachadh-carboin ro dheireadh 2045
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot