The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic

A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.


Pàirt a Ceithir – Poileasaidhean Co-Cheangailte Ri Biadh

Fon Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022, feumaidh sinn, sa Phlana seo, mìneachadh a thoirt air na poileasaidhean a chleachdas sinn gus na Builean a mhìnich sinn ann am Pàirt a h-Aon a choileanadh.

San earrainn seo dhen Phlana nàiseanta, thathar a’ sealltainn gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur tòrr phoileasaidhean an gnìomh mu thràth a tha a’ cumail taic ris na h-amasan againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Seo a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: tha e a’ stèidheachadh bhun-ìrean a bheir tuigse dhuinn air cùisean mar a tha iad an-dràsta.

Tha sinn air na poileasaidhean is gnìomhan a roinn ann an trì earrannan a tha stèidhichte air prìomh bhuidhnean a tha an sàs ann an siostam a’ bhìdh: Daoine is Coimhearsnachdan; Luchd-solair is Àitichean; agus Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh.

Tha fios againn nach bi gach poileasaidh a’ tighinn gu sgiobalta is gu rianail fo aon de na h-earrannan seo a-mhàin. Ge-tà, tha sinn dhen bheachd, le bhith gan seòrsachadh mar seo, gu bheil sinn ga dhèanamh soilleir gu bheil gnìomhan a dhìth air feadh siostam a’ bhìdh ma tha sinn gu bhith nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Anns na poileasaidhean a th’ againn an-dràsta, agus san fheadhainn ùra a bhios againn, thèid prìomh raointean obrach a chomharrachadh airson ’s gum faod a h-uile duine ann an Alba pàirt a ghabhail ann a bhith a’ stèidheachadh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Daoine is Coimhearsnachdan

San earrainn seo, thèid poileasaidhean a mhìneachadh a tha a’ cumail taic ri daoine is coimhearsnachdan airson buannachdan fhaighinn bho shiostam-bìdh nas fheàrr. Cuiridh poileasaidhean san earrainn seo ri leasachadh na h-àrainneachd-bìdh, ’s seo na phrìomh amas ann a bhith a’ togail Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, leis gu bheil sinn mothachail gur e seo an dòigh as fheàrr gus taic a chumail ris a h-uile duine le bhith ag ithe ann an dòigh fhallain. Am measg nam poileasaidhean seo, tha feadhainn ann a chuireas fòcas air a bhith a’ faighinn cothrom nas fheàrr air biadh fallain is seasmhach, agus a bhith a’ leantainn daithead fhallain nas fhasa.

Cha tèid Alba na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh ach le com-pàirteachadh agus co-obrachadh na feadhainn a tha a’ fuireach agus ag obair an seo. Feumar a’ phàirt chudromach aithneachadh a tha buidhnean na treas roinn agus buidhnean coimhearsnachd a’ cluich sa ghnothach seo mar-thà. Tha tòrr bhuidhnean na treas roinn nan com-pàirtichean luachmhor nuair a thig e gu lìbhrigeadh phoileasaidhean thar Riaghaltas na h-Alba.

’S e am prìomh amas gum bi Alba na dùthaich nas fheàrr agus nas beairtiche dhan a h-uile duine: dùthaich far a bheil daoine toilichte, fallain agus tèarainte. Tha na poileasaidhean sa chaibideil seo mar cheumannan a dh’ionnsaigh nam Builean againn uile airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus mar mheadhan gus na builean sin a choileanadh.

’S e an lèirsinn a th’ againn gum bi a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ faighinn cothrom earbsach is urramach air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, a th’ aig prìs reusanta, a tha a’ còrdadh riutha, agus a tha seasmhach is freagarrach a thaobh aois.

Gheibh daoine buannachdan bho shiostam-bìdh seasmhach a tha a’ cuideachadh gus piseach a thoirt air bith-iomadachd, agus anns a bheilear a’ dèiligeadh gu cùramach ri beathaichean. Gheibh daoine cothrom air deagh bhiadh gu h-ionadail agus ’s urrainn dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh a thaobh a’ bhìdh aca.

Toiseach-beatha as Fheàrr ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ cur taic ri, a’ cur air adhart agus a’ cur dìon air beathachadh-broillich: le bhith a’ cur dìon, fon lagh, air a’ chòir gus bainne-broillich is bainne bho bhotal a thoirt do leanabh suas ri 2 bhliadhna a dh’aois ann an àitichean poblach; le bhith a’ cur taic ris an sgeama nàiseanta Alba Thaiceil do Bheathachadh-broillich; le bhith a’ toirt stiùireadh do bhùird-shlàinte is ùghdarrasan ionadail a thaobh cheumannan as urrainn dhaibh a ghabhail gus taic a chumail ri boireannaich a tha a’ toirt bainne-broillich dhan leanabh aca, agus airson cur ris an ùine a bhios boireannaich a’ toirt bainne-broillich dhan leanabh aca; agus le bhith a’ cuideachadh le bhith a’ cur an sàs Iomairt Taice UNICEF do Leanabhan san Rìoghachd Aonaichte air feadh sheirbheisean NHS agus ann an coimhearsnachdan, feuch an dèan sinn adhartas gu ruige na targaid againn; ’s e sin gun tig lùghdachadh de 10% air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025.
  • A’ cur taic ri pàrantan is luchd-solair cùraim-chloinne gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh mu dhaithead na cloinne, le bhith a’ toirt stiùiridhean seachad leithid Roghainnean Bìdh (Setting the Table) – stiùireadh air mar a bheirear biadh seachad ann an ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne – no leithid na làraich-lìn aig Club nam Pàrant a bheir comhairle do phàrantan is luchd-cùraim.
  • Gus am bi cothrom nas fheàrr aig daoine air biadh fallain is bainne, tron iomairt Am Biadh as Fheàrr airson Toiseach Tòiseachaidh, thathar a’ toirt co-dhiù £5.40 san t-seachdain air cairt ro-phàighte do bhoireannaich a tha trom agus teaghlaichean le clann a tha fo aois trì, agus a tha a’ faighinn shochairean sònraichte, airson ’s gum faod iad na rudan sin a cheannachd. Bidh an t-sùim air a dùblachadh bhon àm a rugadh am pàiste gus a bheil iad bliadhna a dh’aois airson taic a thoirt do mhàthraichean a tha a’ toirt bainne-broillich dhan phàiste aca, no gus taic a thairgsinn le cosgaisean airson bainne-botail leasaichte do leanabh òg.
  • A’ stèidheachadh chleachdaidhean matha a thaobh slàinte beòil bho aois òg (aig ìre ro-sgoile, sgoil-àraich agus ìre bun-sgoile) tron phrògram Gàire na Cloinne far a bheilear a’ brosnachadh na cloinne gu bhith a’ bruiseadh gu cunbhalach, a’ cur lìomh flùraid (fluoride) air fiaclan na cloinne san 20% de dh’àitichean as motha a tha a’ fulang fo easbhaidh, a’ toirt comhairle seachad air daithead, agus a’ brosnachadh dhaoine gus an cuid chloinne a chlàradh aig fiaclair gus stad a chur air trioblaidean agus taic fiaclaireachd fhaighinn ma bhios i a dhìth.
  • A’ cur an sàs a’ phrògraim Ag Ithe gu Math airson Slàinte do Bheòil airson deagh bhuaidh a thoirt air dòighean-giùlain agus cleachdaidhean sòiseo-chultarach – gu h-àraid an fheadhainn co-cheangailte ri daithead – am measg dhaoine, teaghlaichean agus coimhearsnachdan a tha fo anacothrom. Thèid seo a dhèanamh tro bhith a’ togail cheanglaichean le luchd-compàirt san treas roinn, airson cumhachd a thoirt do dhaoine a tha beò ann an suidheachaidhean neo-thèarainte, airson daoine a chuideachadh gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh a thaobh biadh, agus airson piseach a thoirt air an cuid sgilean còcaireachd.
  • Cuidichidh na poileasaidhean seo leis an targaid againn gus ìrean ro-reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead, agus bheir iad taic dhan obair gus Frèam-obrach Slàinte an t-Sluaigh a chur an gnìomh.

Solarachadh-bìdh ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt cuibhreann làitheil de mheasan no glasraich agus bainne, no deoch coltach ris gun bhainne na bà, do chloinn a bhios a’ frithealadh (airson dà uair a thìde no nas fhaide) ionadan ro-sgoile a tha fo riaghladh agus a tha a’ gabhail pàirt ann an Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba.
  • A’ toirt biadh a tha fallain, anns a bheil mathas, agus a tha saor an-asgaidh do gach pàiste ann an ionad Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne (ELC) maoinichte gach latha a bhios iad an làthair.
  • A’ toirt stiùireadh do dh’ionadan ELC feuch an tèid biadh, greimeannan-bìdh agus deochan fallain le deagh ìre de stuth-beathachaidh annta a thabhann do chloinn ann an suidheachaidhean ELC – maoinichte, no far am feumar pàigheadh.

Solarachadh-bìdh ann an Sgoiltean ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ dèanamh cinnteach gum faigh clann is daoine òga taghadh farsaing de bhiadh anns a bheil mathas mar phàirt dhen latha-sgoile aca a chuidicheas iad le bhith a’ fàs agus a’ tighinn air adhart gu fallain. Tha e na amas do Riaghaltas na h-Alba piseach a thoirt air beathachadh dhaitheadan chloinne is dhaoine òga agus cleachdaidhean ithe fallain a chur air adhart, le bhith a’ stèidheachadh inbhean beathachaidh ris am feum sgoiltean cumail.
  • A’ tabhann dhìnnearan-sgoile an-asgaidh dhan a h-uile sgoilear ann an Clasaichean 1-5 sa Bhun-sgoil, dhan a h-uile sgoilear ann an sgoiltean sònraichte, agus dhan a h-uile sgoilear ann an Clasaichean P6-ÀS6 a dh’fhaodas biadh an-asgaidh fhaighinn; a’ toirt leudachadh air an sgeama airson biadh-sgoile an-asgaidh, airson ’s gum faigh a h-uile bun-sgoilear e, a’ tòiseachadh le sgoilearan P6 is P7 ann an teaghlaichean a tha a’ faighinn Sùim Albannach airson Pàiste; agus a’ stèidheachadh ‘measadh-atharrachaidh’ ann an 8 ùghdarrasan ionadail airson sgoilearan ÀS1-ÀS3 ann an teaghlaichean a tha a’ faighinn Sùim Albannach airson Pàiste.

Cùram do Chloinn aig Aois-sgoile ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ brosnachadh dhaoine gus biadh a thoirt seachad mar phàirt de chùram-chloinne aig aois sgoile nuair a bhios sin iomchaidh, airson dèiligeadh ri neo-thèarainteachd bìdh ann an dòigh urramach a tha stèidhichte air còraichean agus gun stiogma. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh do dhiofar iomairtean air feadh na h-Alba tro na Coimhearsnachdan Tràth-dhearbhaidh againn airson cùram-chloinne, am Prògram ‘Ùine a Bharrachd’ aig Comann Ball-coise na h-Alba, agus pròiseactan airson Cothrom air Cùram-chloinne, agus an lùib sin bithear a’ beachdachadh air cho cudromach ’s a tha solarachadh-bìdh ann an ionadan do chùram-chloinne aig aois sgoile.
  • A’ leudachadh air na cothroman a th’ aig clann air clubaichean bracaist air feadh Alba le bhith a’ cruthachadh barrachd àitichean an-asgaidh do chloinn bun-sgoile sa bhliadhna acadaimigich 25/26, ’s na h-àitichean sin air an cruthachadh le £3m bhon mhaoin ‘Bracaistean Matha na Maidne’. Thèid am maoineachadh a chleachdadh airson cothroman a thoirt do chloinn air bracaist fhallainn anns a bheil mathas, agus gheibh pàrantan an cothrom an cuid chloinne fhàgail nas tràithe sa mhadainn.
  • A’ dèanamh cinnteach gum faigh clann taic fhathast gus biadh fhaighinn taobh a-muigh teirm na sgoile, tro bhith a’ toirt taic leantainneach do sgeamaichean far am faigh clann cothrom air biadh anns na làithean-saora nuair nach eil biadh-sgoile an-asgaidh ri fhaighinn.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil e soilleir gu dè na h-inbhean bìdh a dh’fheumas daoine a choileanadh ann an ionadan do chùram-chloinne aig aois sgoile, a’ gabhail a-steach chlubaichean bracaist air àrainn na sgoile no ann an àitichean eile. Bidh Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Foghlam Alba, buidhnean riochdachaidh na roinne, agus luchd-solair sheirbheisean airson cur ri tuigse is eòlas dhaoine.

Foghlam airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ teagasg do chloinn agus daoine òga mu bhiadh tron Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha a’ chòir aig a h-uile pàiste eadar aois 3 is 18 ann an Alba air foghlam mu Shlàinte is Sunnd mar phàirt dhen churraicealam agus tha sin a’ gabhail a-steach ionnsachadh mu bhiadh is slàinte. Leis an ionnsachadh agus teagasg seo, thathar airson luchd-ionnsachaidh a chuideachadh le bhith a’ cur ris an tuigse aca air daitheadan fallain, a’ faighinn tuigse air an àite a th’ aig biadh ann an co-theacsaichean sòisealta is cultarach, agus a’ tuigsinn gu bheil cleachdaidhean is roghainnean bìdh an crochadh air iomadh nì, leithid a’ bhìdh a tha ri fhaotainn, seasmhachd, ràithean, cosgaisean, sanasachd agus nam meadhanan.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur taic ri foghlam co-cheangailte ri biadh, le bhith a’ toirt maoineachadh do dhiofar iomairtean agus pròiseactan sònraichte, leithid a’ phrògraim do sgoiltean le tursan gu tuathanasan aig Urras Foghlaim Rìoghail na Gàidhealtachd, no leithid nan cùrsaichean Slàinte/Bìdh is Slàinteachais aig Institiud Rìoghail Slàinte Àrainneachd na h-Alba.

Cothrom air biadh dhan a h-uile duine ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt lùghdachadh air an àireimh de chloinn a tha beò ann am bochdainn ann an Alba tro fharsaingeachd de ghnìomhan, ’s sinn a’ coileanadh a’ Phlana Coileanaidh againn gus Dèiligeadh ri Bochdainn Cloinne. Tha seo a’ gabhail a-steach ‘An Toiseach Tòiseachaidh as Fheàrr, Dùil is Dòchas nar Beatha’, ’s seo a’ còmhdachadh nam bliadhnaichean 2022-26 agus a’ stèidheachadh iomairtean airson cur ri teachd-a-steach dhachaighean agus airson cosgaisean bith-beò a lùghdachadh. Airson na ceumannan seo a ghabhail, bidh sinn a’ cumail oirnn le bhith a’ cosg airgead air m.e. Sùim Albannach airson Pàiste, seirbheisean-taice le comasan cosnaidh, siubhal an-asgaidh air a’ bhus airson daoine fo aois 22, agus Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Thèid plana coileanaidh a bharrachd airson na h-ùine 2026-31 fhoillseachadh ro dheireadh a’ Mhàirt 2026.
  • A’ brosnachadh taic le ‘airgead an toiseach’ do dhaoine le duilgheadasan ionmhasail, airson am feum a th’ aca air tabhartasan-bìdh èiginneach a lùghdachadh; leis an obair seo, togaidh sinn air na h-amasan an lùib Taic-airgid An Toiseach: Ag Obair gus Nach Bi Feum air Bancaichean-bìdh ann an Alba. Nì sinn cuideachd cinnteach – mura bi taic-airgid tro theachd a-steach èiginneach freagarrach – gun tèid tabhartasan-bìdh dìreach a sholarachadh ann an dòigh cho urramach ’s a ghabhas.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine ann an Alba air a’ bhiadh a tha a dhìth orra agus as fheàrr leotha ithe, agus a bheir taic dhan cuid slàinte; cuideachd, cuiridh na poileasaidhean againn a thaobh chothroman air biadh ris na gealltanasan againn airson na leanas a dhèanamh:
    • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona;
    • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn;
    • Cothroman nas fheàrr air biadh a thoirt do dhachaighean ann an sgìrean dùthchail;
    • Cothroman nas fheàrr a chruthachadh air biadh a tha freagarrach do dhaoine le diofar fhreumhan cultarach.

Daithead Fhallain ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt piseach air daithead muinntir na h-Alba agus a’ brosnachadh muinntir na h-Alba gus cumail ri daithead fhallain le bhith a’ cur ghnìomhan an sàs tro Fhrèam-obrach Slàinte an t-Sluaigh, a’ toirt nan cothroman as fheàrr ’s a ghabhas do chloinn aig toiseach am beatha, a’ stèidheachadh àrainneachd bìdh a bheir taic do roghainnean fallain, a’ lùghdachadh dìth beathachaidh, agus a’ toirt chothroman nas fheàrr do dhaoine air seirbheisean èifeachdach airson cuideam a riaghladh.
  • A’ cuideachadh luchd-ceannachd gus daithead nas fhallaine a roghnachadh, a rèir Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba agus an stiùiridh ‘Ag Ithe gu Math’, tro bhith a’ toirt seachad stiùireadh soilleir is practaigeach air daithead, m.e. Ag Ithe gu Math, Nad Dhòigh Fhèin. Ann an ‘Ag Ithe gu Math, Nad Dhòigh Fhèin’, far a bheilear ag aithneachadh mar a bheir cùisean sòisealta, cultarach is àrainneachd buaidh air roghainnean bìdh, thathar a’ toirt comhairle seachad air mar as urrainn do dhaoine atharrachaidhean beaga, reusanta a dhèanamh a ghabhas a chumail suas. Tha an goireas seo ag amas air daoine aig a bheil nas lugha teachd-a-steach – ’s inbhich agus teaghlaichean nam measg – agus aig a bheil gu tric am feum as motha air taic.
  • Leis an fhrèam-obrach Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math, thathar ag amas air cothroman nas fheàrr a thoirt do dhaoine air daithead fhallain nuair a bhios iad ag ithe air falbh bhon dachaigh; nithear seo tro fhrèam-obrach saor-thoileach ùr a chuidicheas àitichean-bìdh le bhith a’ tabhann chlàran-bìdh nas fhallaine, a’ gabhail a-steach chlàran-bìdh do chloinn.
  • Bidh na poileasaidhean seo nan cuideachadh dhuinn le bhith a’ coileanadh nan targaidean againn gus lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd slàinte co-cheangailte ri daithead, agus gum bi barrachd dhaoine ann am measg an t-sluaigh anns a bheil cuideam a tha fallain, a rèir Frèam-obrach Slàinte an t-Sluaigh agus plana ùr airson Daithead a Leantainn is Cuideam Fallain a Bhrosnachadh.
  • A’ cumail taic ri teachdaireachdan mu dhòighean-giùlain matha a chuidicheas le slàinte bheòil agus a’ brosnachadh dhaoine gus coimhead às dèidh an cuid slàinte bheòil fhèin am measg an 95% dhen t-sluagh a tha clàraichte an-dràsta aig fiaclair ann an Alba. Thèid an obair seo a dhèanamh tro na h-aontaidhean pàighidh a chaidh ùrachadh o chionn ghoirid airson Seirbheisean Fiaclaireachd Coitcheann, ’s iad a-nis a’ gabhail a-steach comhairle air dòigh-beatha dhaoine agus air mar a chuireas iad bacadh air trioblaidean slàinte, mar eisimpleir tro bhith a’ leantainn daithead is beathachadh math.
  • Airson ’s gun tèid taghadh nas fhallaine de stuth-bìdh a chur air adhart, tha sinn air na Riaghailtean Bìdh (Brosnachadh is Suidheachadh) (Alba) 2025 a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba air an 31mh latha dhen Dàmhair. Tha na riaghailtean seo ag amas air lùghdachadh a thoirt air an uiread de stuthan HFSS (le ìrean àrda de gheir, siùcar no salann) a dh’itheas daoine cus agus a dh’fhaodas am fàgail ro throm no ro reamhar. Cuideachd, faodaidh na riaghailtean lùghdachadh a thoirt air àireamh nan daoine a tha ro throm no ro reamhar, agus air na cunnartan-slàinte a thig an cois sin.

Tuilleadh Chothroman air Fearann do Choimhearsnachdan

  • Le bhith a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean san treas roinn, bidh sinn a’ brosnachadh agus a’ toirt cothrom do dhaoine a bhith ag ionnsachadh mu – agus a’ faighinn cothrom air – an liuthaid de bhuannachdan a dh’fhaodas iad fhaighinn bho bhith a’ cur agus a’ fàs a’ bhìdh aca fhèin ann an lotaichean-gàrraidh agus làraichean coimhearsnachd eile a th’ ann airson biadh a chur.
  • Tha e mar amas dhuinn gum bi barrachd fearainn ri fhaotainn far an urrainn do choimhearsnachdan biadh a chur, agus gum bithear a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine air lotaichean-gàrraidh agus làraichean eile far an tèid biadh a chur. Nì sinn seo tro bhith a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus na dleastanasan reachdail aca a choileanadh a thaobh lotaichean-gàrraidh a gheibhear ann am Pàirt 9 dhen Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015.
  • Anns an ath-sgrùdadh air a’ Chòir aig Coimhearsnachdan gus Fearann a Cheannachd (tha dùil ann gun tèid seo a chrìochnachadh ro cheann 2026), nithear molaidhean airson piseach a thoirt air pròiseasan a th’ ann mar-thà a thaobh na Còrach aig Coimhearsnachdan gus Fearann a Cheannachd. ’S e an t-amas gum bi tuilleadh fearainn fo shealbh na coimhearsnachd, agus gum bi cùisean co-chòrdail ri Bile Ath-leasachadh an Fhearainn mar a tha e an-dràsta.
  • Airson taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd le bhith a’ faighinn roghainnean a bharrachd gus fearann a cheannachd agus tuilleadh buaidh a thoirt air dòighean-cleachdaidh fearainn, nithear cinnteach mar phàirt de Bhile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) gum bi fios ro làimh aig coimhearsnachdan air fearann a dh’fhaodadh a bhith ga reic bho ghabhaltasan-fearainn mòra, agus gun cùm luchd-seilbh fearainn mhòir conaltradh ri coimhearsnachdan air na tha iad a’ planadh a thaobh nan gabhaltasan-fearainn aca.
  • Airson taic a chumail ris an fheadhainn a ghabhas planadh coimhearsnachd os làimh, agus airson tuilleadh a chur ri cumhaichean an Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba), dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba stiùireadh reachdail air Com-pàirteachasan do Phlanadh Coimhearsnachd ann an 2016. Tha an stiùireadh a’ mìneachadh na thathar an dùil ris bho Chom-pàirteachasan do Phlanadh Coimhearsnachd, agus na prionnsabalan air a bheil planadh coimhearsnachd èifeachdach stèidhichte, nam measg obair co-ullachaidh còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail, ceannardas co-obrachail, agus fòcas air a bhith a’ lùghdachadh neo-ionannachdan.

A’ bhuaidh nas fharsainge aig taghaidhean-bìdh

  • Airson ’s gun tig lùghdachadh air ana-caitheamh bìdh am measg dhaoine agus coimhearsnachdan, bidh sinn ag obair còmhla ri Gun Ana-caitheamh Alba, airson obair fhad-ùine a stiùireadh leis an tèid dòighean-giùlain dhaoine atharrachadh ro 2026/27 gus nas lugha de bhiadh a thilgeil air falbh anns na dachaighean aca. An seo, bidh am fòcas air dòigh-obrach a mheasas atharrachaidhean agus a bheir leasachaidhean gu buil. Bidh am poileasaidh seo na chuideachadh dhuinn le bhith a’ coileanadh gealladh nan Dùthchannan Aonaichte a thaobh Biadh is Àiteachas (FAO) – sin gum bi ìrean ana-caitheamh bìdh air an lùghdachadh leth uiread ro 2030.
  • Airson piseach a thoirt air slàinte an t-sluaigh agus dèiligeadh ri neo-ionannachdan slàinte, tha Frèam-obrach Slàinte an t-Sluaigh a’ gabhail a-steach fòcas air a bhith a’ lùghdachadh a’ chroin a tha an lùib deoch-làidir agus daitheadan mì-fhallain.
  • Airson an cron co-cheangailte ri deoch-làidir a lùghdachadh, bidh sinn a’ cruthachadh plana ro-innleachdail ùraichte a thaobh deoch-làidir is drugaichean, ’s e a’ togail air an Iomairt Nàiseanta airson Drugaichean agus air Bun-phrìs deoch-làidir gach Aonad a thug Alba a-steach ro dhùthaich sam bith eile. Le seo, bithear a’ togail air sreath de ghnìomhan gus lùghdachadh a thoirt air faotainneachd, tarraingeachd agus reusantachd prìsean deoch-làidir, a rèir na dòigh-obrach a tha Buidheann Slàinte na Cruinne a’ moladh.

Luchd-solair is Àitichean

Tha ‘luchd-solair’ a’ ciallachadh na feadhainn a tha a’ toirt biadh do dhaoine eile ann an diofar shuidheachaidhean. Mar sin, san earrainn seo gheibhear poileasaidhean co-cheangailte ri bhith a’ toirt seachad biadh san roinn phoblaich, a’ reic biadh, taighean-bìdh agus àitichean-bìdh eile. Gheibhear cuideachd poileasaidhean a bheir buaidh air na tha ri fhaotainn dhan phoball a thaobh biadh anns na h-àitichean is suidheachaidhean sin, leithid riaghailtean airson biadh-sgoile.

Tha pàirt riatanach aig luchd-solair ri chluich ann a bhith a’ solarachadh biadh math do mhuinntir na h-Alba, agus tha iad nan cnàimh-droma dhan àrainneachd bìdh againn. Cumaidh iad orra le oidhirpean gus na clàran-bìdh aca a leasachadh, airson roghainnean fallain is seasmhach a thabhann do dhaoine.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur grunn phoileasaidhean an sàs a tha a’ toirt taic is brosnachadh do dhaoine gus biadh a thoirt seachad ann an àitichean poblach is prìobhaideach a tha sàbhailte, anns a bheil mathas, a th’ aig prìs reusanta, a chòrdas ri daoine, agus a tha seasmhach agus freagarrach a thaobh aois.

Tro bhith a’ leasachadh na h-àrainneachd bìdh, bidh na poileasaidhean seo a’ cur ri daingneachadh chleachdaidhean-ithe fallain am measg muinntir na h-Alba.

Biadh Ionadail dhan a h-Uile Duine ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • San ro-innleachd airson biadh ionadail aig Riaghaltas na h-Alba – “Biadh Ionadail dhan a h-Uile Duine: Ar Turas” – thathar a’ toirt diofar raointean-obrach còmhla a bheir taic do dh’amasan airson biadh ionadail fo thrì cinn: a’ dèanamh ceangal eadar daoine is biadh, a’ dèanamh ceangal eadar luchd-solair na h-Alba is luchd-ceannachd, agus a’ dèanamh làn-fheum de chùmhnantan solarachaidh na roinn poblaich.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh dhan phrògram Biadh airson ar Beatha aig Comann na h-Ùire, dha bheil e mar amas gun tèid barrachd bìdh fhallainn a gheibhear gu h-ionadail a thoirt seachad le ùghdarrasan ionadail ann an cidsinean poblach. A thuilleadh air a’ phrògram sin, thathar a’ toirt maoineachadh do dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd a tha a’ cur biadh agus a bhios a’ toirt brosnachadh agus teagasg do dhaoine gus am biadh aca fhèin a chur agus fhàs; bidh na buidhnean sin cuideachd a’ tabhann chothroman air – agus a’ dèanamh obair-leasachaidh air – àitichean uaine far am faod coimhearsnachdan tighinn còmhla gus am biadh aca fhèin a chur.
  • Tha an taic leantainneach againn airson a’ phrògraim aig Caidreachas Grosairean na h-Alba, “Ceannaichibh gu h-Ionadail”, a’ cuideachadh le bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air bùthan grosaireachd a tha a’ glèidheadh àite sònraichte sa bhùth aca gus biadh is deochan ionadail a thaisbeanadh agus a reic.
  • Le bhith a’ toirt taic do dh’iomairtean nàiseanta a th’ air an ruith le Biadh is Deochan na h-Alba, tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh taisbeanadh is sanasachd air caochladh sheòrsaichean bìdh is dibhe Albannach.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil solarachadh poblach glè chudromach dhan oidhirp a nì sinn airson a bhith cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air biadh fallain, ùr agus ràitheil. Tha sinn a’ cleachdadh reachdas agus poileasaidhean feuch an toir solarachadh a’ bhuaidh as motha ’s a ghabhas air cùisean do bhuidhnean poblach agus eaconamaidh na h-Alba.[12] A thaobh chùmhnantan solarachaidh co-cheangailte ri biadh, feumaidh buidhnean poblach aithris a thoirt seachad le fios air mar a dh’fhaodadh solarachadh-bìdh piseach a thoirt air slàinte, sunnd, agus foghlam choimhearsnachdan ann an sgìre an ùghdarrais. Feumaidh iad cuideachd na h-ìrean as àirde a bhrosnachadh a thaobh math bheathaichean.
  • Ann an Achd Ath-leasachadh nam Modhan-solarachaidh (Alba) 2014, thathar a’ moladh grunn dhòighean gus leasachadh a thoirt air solarachadh bìdh is dheochan, a thaobh càileachd a’ bhìdh is nan deochan agus cò às a thathar gam faighinn. Gus taic a chumail ri biadh is deochan ionadail is seasmhach, faodaidh buidhnean poblach na leanas a dhèanamh:
    • Clàran-bìdh a chruthachadh anns a bheil biadh le Comharra Cruinn-eòlach fo Dhìon (PGI);
    • Sònrachadh a dhèanamh anns na cumhaichean-solarachaidh gu bheilear ag iarraidh biadh a thugadh gu cinneas fo sgeama barantais aithnichte, m.e. Sàr Fheòil na h-Alba, Comhairle Stiùbhardachd na Mara (MSC), An Tractar Dearg, RSPCA, no siostaman ceudna aig companaidhean;
    • Sònrachadh a dhèanamh anns na cumhaichean-solarachaidh gu bheilear ag iarraidh biadh organach agus biadh bho bheathaichean le saorsa-gluasaid;
    • Riatanasan a stèidheachadh anns na cumhaichean-solarachaidh gum feum clàran-bìdh a bhith stèidhichte air biadh ùr agus biadh anns a bheil tòrr mathais, gum bu chòir biadh ràitheil a chleachdadh, gum bu chòir do luchd-solair a bhith sùbailte a thaobh cuin a lìbhrigeas iad stuthan-bìdh gu àitichean-bìdh, agus gum bu chòir dhaibh an lìbhrigeadh gu tric;
    • Cùmhnantan a roinn a rèir lotaichean-bìdh is -dibhe agus sgìrean cruinn-eòlasach nas lugha, airson com-pàirteachadh gnìomhach a bhrosnachadh am measg ghnìomhachasan ionadail, far a bheil e co-rèireach seo a dhèanamh;
    • Cothrom a thoirt a-steach do chuid a fhrèaman-obrach gum faod companaidhean-solair beaga aig nach eil goireasan lìbhrigidh nàiseanta tairgse a chur a-steach far nach bi iad a’ lìbhrigeadh, ach dìreach a’ solarachadh.

Tha farsaingeachd mhòr de reachdas, stiùireadh-poileasaidh, taic agus goireasan ann do bhuidhnean na roinn poblaich agus gnìomhachasan ann an Alba nuair a thig e gu solarachadh poblach. Thèid ceanglaichean ri goireasan feumail a thoirt seachad ann an Leas-phàipearan D agus E.

A’ Cur Prìomhachas air Biadh Math san Roinn Phoblaich

  • Tha sinn airson a bhith cinnteach gum bi cothrom aig muinntir na h-Alba air taghadh farsaing de bhiadh anns a bheil mathas freagarrach ann an ionadan poblach na h-Alba. Cuiridh sinn air adhart daithead fhallain agus cleachdaidhean ithe fallain, agus mar phàirt de sin tha Riaghaltas an h-Alba airson a bhith cinnteach gum faigh daoine deagh bheathachadh anns gach ionad is àite-cùraim. Tha sin a’ gabhail a-steach ospadalan is dachaighean-cùraim. Bithear a’ toirt seachad cùram beathachaidh tro Inbhean Slàinte is Cùraim Shòisealta, a tha a’ cur cuideam air biadh is greimeannan-bìdh fallain, leithid mheasan is glasraich ùra, agus roghainnean-bìdh stèidhichte air roghainnean pearsanta agus feumalachdan cultarach is daitheid, agus air creideamh dhaoine. Tha an Stiùireadh airson Biadh ann an Ospadalan a’ comharrachadh nan seòrsaichean bìdh is dheochan a bheirear seachad ann an Ospadalan.
  • Airson clann is daoine òga a chuideachadh le bhith a’ fàs agus a’ tighinn air adhart gu fallain, agus airson am brosnachadh gu bhith a’ cumail ri cleachdaidhean fallain nam beatha, feumaidh gach seòrsa bìdh is dheochan a bheirear seachad ann an sgoiltean a bhith freagarrach a rèir inbhean a gheibhear anns na Riaghailtean airson biadh is deochan sgoile.

Biadh Math Taobh a-muigh na Dachaigh: ag ithe air falbh bhon dachaigh agus a’ ceannachd biadh

  • A’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dh’àitichean-bìdh gus roghainnean nas fhallaine a thoirt do luchd-ceannachd a tha ag ithe air falbh bhon dachaigh aca, airson ’s gun tèid Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba a ruigsinn tro Fhrèam-obrach Slàinte an t-Sluaigh. Thèid taic a chumail ris an iomairt seo tro cheumannan sa Phlana Choileanaidh airson Dhaitheadan is Cuideam Fallain. Bheir iad seo piseach air an àrainneachd bìdh le bhith a’ toirt air adhart ghnìomhan airson fiosrachadh-beathachaidh a thoirt do luchd-ceannachd; tha seo a’ gabhail a-steach còd-obrach airson Chlàran-bìdh do Chloinn.
  • Chaidh an sgeama Obair Chothromach An Toiseach a chur an sàs ann an co-cheangal ri taic-airgid phoblach luach còrr is £2.6 billean eadar an t-Iuchar 2023 agus am Màrt 2024, agus £3.42 billean eadar an Giblean 2024 agus am Màrt 2025. Le seo, thathar a’ brosnachadh ghnothachasan-reic gus taic a chur ri prionnsabalan airson Obair Chothromach, tro bhith ag iarraidh air an fheadhainn a gheibh taic-airgid phoblach Tuarastal Bith-beò Ceart (air a’ char as lugha) a phàigheadh dhan luchd-obrach aca agus cothroman freagarrach is èifeachdach a chur air dòigh dhan luchd-obrach, airson ’s gum faod iad beachdan a thogail.
  • A’ cuideachadh le bhith a’ cur prionnsabalan Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4 an sàs airson àitichean nach eil nam bùthan; cha chuirear taic ri iarrtasan leasachaidh airson àitichean nach eil nam bùthan nan toireadh na seirbheisean ùra sin droch bhuaidh air taitneachd is goireasachd sgìre no air slàinte is sunnd na coimhearsnachd, gu h-àraid ann an sgìrean a tha fo easbhaidh. Tha na seirbheisean seo a’ gabhail a-steach àitichean a tha a’ reic biadh teth airson a thoirt air falbh, leithid bhanaichean-bìdh a tha suidhichte ann an àite gu maireannach.
  • A’ toirt reachdas air adhart a bheir cuingealachadh air na dh’fhaodas daoine a dhèanamh gus biadh is deochan anns a bheil ìrean àrda de gheir, siùcar no salann a shanasachadh far an tèid an leithid a reic dhan phoball. Leis a’ phoileasaidh seo, thathar ag amas air lùghdachadh a thoirt air a’ chron a tha cus chalaraidhean, salann, siùcar agus geir a’ dèanamh air slàinte dhaoine.
  • A’ dèanamh sanasachd air sàr bhiadh is deochan na h-Alba mar phàirt de ghnìomhachas na turasachd is na h-aoigheachd, tro bhith a’ toirt maoineachadh do Bhiadh is Deochan na h-Alba.

A’ Lùghdachadh Sgudal ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Gus taic a chumail ri oidhirpean gus lùghdachadh a thoirt air ana-caitheamh bìdh le luchd-solair, bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ùidhe gus dòighean èifeachdach a chur air dòigh airson modhan-aithris poblach riatanach a chur an sàs do ghnothachasan a thaobh ana-caitheamh bìdh is còrr de bhiadh, ’s sinn a’ cleachdadh nan cumhachdan a gheibhear ann an Earrann 22 de dh’Achd na h-Eaconamaidh Cruinn (Alba) 2024. Thèid mion-fhiosrachadh air seo a mhìneachadh ann am fo-reachdas.
  • A thuilleadh air an reachdas a ghabhas a chleachdadh, bheir sinn taic dhan Aonta Bìdh is Dheochan aig Prògram Gnìomh na Rìoghachd Aonaichte airson Ana-caitheamh is Ghoireasan (WRAP). Cuideachd, bidh sinn ag obair còmhla ri com-pàirtichean eile feuch am brosnaich sinn gnothachasan gu bhith a’ dèanamh rudan gu saor-thoileach airson dèiligeadh ri ana-caitheamh bìdh, ’s sinn a’ cur mhodhan-obrach seasmhach air adhart an measg diofar roinnean ann an gnìomhachas a’ bhìdh is nan deochan.
  • Bidh na gnìomhan seo nan cuideachadh dhuinn le bhith a’ coileanadh gealladh Buidheann Bìdh is Àiteachais (FAO) nan Dùthchannan Aonaichte gum bi ìrean ana-caitheamh bìdh air an lùghdachadh leth uiread ro 2030.

Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh

Anns an earrainn airson Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh, gheibhear poileasaidhean a tha ag amas air an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a’ fàs, ag àrach, a’ glacadh no a’ buain biadh, agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh agus a’ giullachd stuthan bìdh.

Tha taghadh de phrògraman againn a bheir cruth-atharrachadh bunaiteach air na dòighean anns a bheil sinn a’ toirt biadh gu cinneas agus ga ghiullachd ann an Alba. Tha sinn a’ gabhail cheumannan airson ’s gum bi ar cuid obrach air tìr agus aig muir gus biadh a sholarachadh nas seasmhaiche. Tha na poileasaidhean seo ag aithneachadh na pàirt cudromaich a dh’fhaodas luchd-toraidh agus luchd-giullachd a chluich ann a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air siostam a’ bhìdh.

’S ann riatanach do mhath dhaoine a tha biadh sàr-mhath, anns a bheil mathas, agus a thèid a thoirt gu cinneas gu h-ionadail agus ann an dòigh sheasmhach; tha e riatanach ann an seagh eaconamach, àrainneachdail agus sòisealta, agus a thaobh slàinte dhaoine. Ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, bidh luchd-toraidh agus luchd-giullachd bìdh a’ cuideachadh gus siostam-bìdh seasmhach a chur an sàs. Bheir na roghainnean a nì iad buaidh mhath, no cha toir iad droch bhuaidh sam bith, air an àrainneachd agus air bith-iomadachd. Bidh na toraidhean aca nam pàirt chudromach dhen bhiadh a thèid ithe air feadh na h-Alba, agus bidh e furasta biadh is deochan Albannach a lorg ann an taighean-bìdh, biadhlannan agus bùthan. Bidh stuth-bìdh na h-Alba fhathast cliùiteach aig ìre eadar-nàiseanta a thaobh sàr-mhathas agus càileachd. Bidh luchd-toraidh na h-Alba faicsinneach anns na coimhearsnachdan aca, ’s àitichean-obrach aca far a bheil fàilte ron a h-uile duine. Bithear a’ cumail ri slatan-tomhais airson obair chothromach ann an dreuchdan Albannach ann an roinnean-toraidh a’ bhìdh is nan deochan.

Am Fearann

  • A’ toirt cruth-atharrachadh air an taic a th’ ann do thuathanachas agus toraidheachd bìdh ann an Alba, tro bhith a’ cleachdadh cumhachdan Achd an Àiteachais is nan Coimhearsnachdan Dùthchail (Alba) 2024 gus frèam-taice le ceithir ìrean a stèidheachadh a bheir gu buil an Lèirsinn againn airson Àiteachas – sin gum bi Alba am measg prìomh dhùthchannan an t-saoghail a thaobh àiteachas seasmhach is ath-ùrachail. Fon Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba Còd-obrach airson Àiteachas Seasmhach is Ath-ùrachail agus Plana Taice Dùthchail fhoillseachadh. Nuair a thèid am Plana sin ullachadh, feumar ealla a ghabhail ri builean a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
  • A’ cur nam poileasaidhean agus molaidhean againn an cèill anns an ath Phlana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde airson 2026-31, a thaobh mar a bhios roinn an àiteachais fhathast a’ cluich pàirt ann an coileanadh na targaid nàiseanta àrd-amasaich againn airson cothromachadh-carboin. Nì iad cinnteach gun cùm tuathanaich Albannach orra le bhith ag obair ann an dòigh sheasmhach san àm ri teachd, ’s iad a’ cuideachadh le bhith a’ toirt gu buil na Lèirsinn againn airson Àiteachas – sin gum bi sinn am measg prìomh dhùthchannan an t-saoghail a thaobh àiteachas seasmhach is ath-ùrachail, ’s sinn a’ toirt biadh sàr-mhath agus làn mathais gu cinneas airson na dùthcha againn.
  • A’ cuideachadh thuathanach gus ceumannan lasachaidh is freagrachaidh a chur an sàs mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus a thaobh ath-nuadhachadh nàdair, mar a thèid a mhìneachadh anns a’ Chlàr Coileanaidh mu Ath-leasachadh an Àiteachais. Thathar an dùil gun lean an Sgeama Àiteachais-Àrainneachd airson na Gnàth-shìde (AECS) air adhart suas ri 2026 air a’ char as tràithe, airson eileamaidean de thaic Roghnach a thoirt seachad mus tòisich Ìre 3 ann an 2027.
  • Tro AECS agus tron fhrèam-taice ùr a bhios ann, cumaidh sinn oirnn le bhith a’ toirt taic ionmhasail do thuathanaich is croitearan a tha airson tòiseachadh air no cumail orra le bhith ag obrachadh an fhearainn aca a rèir inbhean organach. Cuideachd, cuiridh sinn Plana Gnìomh airson Toraidhean Organach an sàs, ann an co-obrachadh ri Biadh is Deochan na h-Alba, gus taic a chumail ri leudachadh seasmhach air a’ mhargaidh organach ann an Alba. Tha na gnìomhan seo uile a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh a’ gheallaidh againn gun tig dùblachadh air an uiread de dh’fhearann a thathar a’ cleachdadh airson tuathanachas organach ann an Alba ro dheireadh ùine na pàrlamaid seo (2026).
  • Tro Sgeama-taice Mheasan is Lusan, tha sinn fhathast a’ tairgsinn taic-airgid do bhuidhnean co-obrachail de luchd-àraich bìdh a thèid aithneachadh mar bhuidhnean de luchd-toraidh. Tha Sgeama-taice Mheasan is Lusan a’ neartachadh solarachadh ann an Alba, agus bheir e taic dhan roinn gus stuth-bìdh fhàs a tha seasmhach, de chàileachd àrd, agus riatanach do dheagh shlàinte; tha e cuideachd a’ cumail taic ri luchd-àraich bìdh gus margaidhean a ruigsinn ann an dòigh cho-obrachail. Tha e a’ brosnachadh chleachdaidhean a tha taiceil dhan ghnàth-shìde, a’ cuideachadh le bhith a’ cumail suas obraichean dùthchail, agus a’ cur ri fàs san roinn tro thaic ionmhasail chuimsichte air adhbharan tasgadh-airgid, rannsachaidh agus leasachaidh.
  • A’ cumail oirnn le bhith a’ toirt taic is brosnachadh do chroitearachd is tuathanasan beaga – a rèir Plana Leasachaidh Nàiseanta na Croitearachd – tro Sgeama Thabhartasan Àiteachais na Croitearachd (sgeama a bheir taic do ghnothachasan croitearachd le obair àiteachais) agus tro Thabhartasan airson Taighean Croite, sgeama a chuidicheas croitearan le taigheadas agus a leigeas leotha fuireach air a’ chroit aca agus an lot aca obrachadh, ’s iad a’ cur ris an eaconamaidh ann an sgìrean dùthchail is eileanach. Tro ath-leasachadh laghan croitearachd, tha sinn airson pròiseasan rianachd a dhèanamh nas èifeachdaiche, taic a chumail ri croitearachd ghnìomhach, buannachdan a thoirt a-steach sa bhad do chroitearan agus na coimhearsnachdan aca, agus an comas a thoirt dhan Choimisean riaghladh nas fheàrr a chur an sàs ann an siostam na croitearachd.
  • Bidh frèam-taice ann a bheir taic do thoraidheachd bìdh shàr-mhath, obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh na gnàth-shìde, seasmhachd an aghaidh thuiltean, agus obair gus nàdar ath-nuadhachadh a rèir amasan a’ Phlana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba agus na Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean. Thèid taic a chumail cuideachd ris an iomairt gus targaidean lùghdachaidh bliadhnail a thaobh sgaoilidhean a choileanadh mar a dh’fheumar fon lagh, airson ’s gum bi cothromachadh-carboin ann ro dheireadh 2045.
  • Cuideachd, bidh am frèam-taice a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh amasan àrd-ìre an Fhrèam-obrach Ro-innleachdail againn – sin gum bi tuilleadh nàdair ann am measg bith-iomadachd na dùthcha, gun cuirear stad air crìonadh bith-iomadachd ro 2030, agus gun tèid bith-iomadachd ath-ùrachadh ro 2045, agus tha na h-amasan sònraichte a leanas nam pàirt dhen iomairt sin:
    • Thig ath-ùrachadh nach beag air bith-iomadachd, an eag-shiostam agus air fallaineachd na h-ùire, agus thèid lùghdachadh nach beag a thoirt air sgaoilidhean carboin air sgàth mar a thèid fearann àiteachais a chleachdadh; aig a’ cheart àm, bidh solarachadh-bìdh aig àrd-ìre ga chumail suas.
    • Bidh an dòigh anns an tèid raointean fèidh, monaidhean chearcan-fraoich agus àiteachas air talamh àrd a riaghladh na cuideachadh le bhith ag ath-ùrachadh bith-iomadachd ann an sgìrean le talamh àrd.
  • Bidh gnìomhachd anns na raointean seo cuideachd na taic dhuinn le bhith a’ coileanadh nan geallaidhean eadar-nàiseanta againn airson dèiligeadh ri crìonadh bith-iomadachd; thèid mìneachadh a thoirt air seo ann am Frèam-obrach Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd nan Dùthchannan Aonaichte, anns a bheil targaidean gus lùghdachadh a thoirt air na th’ ann de chaitheamh, ana-caitheamh bìdh, cus-caitheimh agus sgudal air feadh na cruinne.
  • Airson taic a thoirt do choimhearsnachdan gus gnìomhan freagrachaidh a chur an sàs airson dèiligeadh ri atharrachaidhean air an oirthir, dh’fhoillsich sinn stiùireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail air a bhith ag ullachadh Phlanaichean Freagrachaidh airson Atharrachaidhean air an Oirthir. Mar thaic dhan obair seo, thugadh cha mhòr £12 millean seachad bhon Mhaoin Freagrachaidh airson Atharrachaidhean air an Oirthir.
  • Airson stòrasan uisge a riaghladh aig amannan far am mair sìde thioram greis mhath, bidh SEPA a’ cur an gnìomh Plana Nàiseanta na h-Alba airson Gainnead Uisge, ’s iad ag obair gu dlùth còmhla ri luchd às-tharraing uisge airson sùil a chumail air an t-suidheachadh agus taic a thoirt do dhaoine air a bheil an gainnead a’ toirt buaidh.

A’ cumail taic ri luchd-inntrigidh ùra is luchd-toraidh nas lugha

  • Airson taic a thoirt dhan ath ghinealach de luchd-obrach dùthchail ann an Alba, tha sinn a’ tairgsinn a’ Phrògraim Luchd-Taice le Seirbheis Comhairleachaidh nan Tuathanas, Prògram Ro-Phreantasachdan a tha Stèidhichte air an Fhearann (air fhoillseachadh sa Chèitean 2025, le taic de £1.8 millean ann thar 3 bliadhnaichean agus beagan fo 400 àite ann do luchd-ceumnachaidh), agus a’ Mhaoin airson Trèanadh Practaigeach dhan Ath Ghinealach leis an gabh trèanadh sònraichte, leasaichte a thoirt seachad (air a foillseachadh sa Chèitean 2025, le £900,000 gan toirt seachad thar nan 3 bliadhnaichean ri teachd, ’s dùil ann ri 2,000 neach-tagraidh).
  • Tha sinn cuideachd a’ cur prìomhachas air taic-airgid calpa tron Sgeama-tasgaidh airson Tuathanachas an Ama ri Teachd (£21.4 millean).
  • Tha Seirbheis Co-Fhreagairt Fearann na h-Alba na cuideachadh le bhith a’ cur co-iomairtean air dòigh. A tuilleadh air seo, tha Buidheann nan Cothroman do Thuathanaich Ùra a’ cuideachadh le bhith a’ cur fòcas air an fheum a th’ ann gun toir ùghdarrasan aig a bheil fearann poblach barrachd chothroman do luchd-inntrigidh ùra (8,000 heactair gu ruige seo).
  • Airson cleachdadh nas fheàrr de dh’fhearann-àiteachais na h-Alba a bhrosnachadh, bidh sinn ag obair còmhla ris a’ Choimiseanair do Thuathanachas-màil; thèid na gnìomhan-obrach aige a mhìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016. Mar seo, thèid deagh dhàimhean a bhrosnachadh eadar luchd-gabhaltais agus luchd-seilbh thar roinn-tuathanachais na h-Alba air fad.
  • Tro Mhaoin Pìleat an Luchd-dèanaimh Bìdh Beaga agus ullachaidhean ann am Pàirt 2 de Bhile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) airson reachdas air gabhaltasan-fearainn beaga ath-ùrachadh, thèid tuilleadh chothroman a thoirt do luchd-solair nas lugha agus do luchd-inntrigidh ùra airson ’s gum faod iad barrachd biadh a sholarachadh dha na coimhearsnachdan aca agus dhan mhargaidh.
  • Tha feum aig tuathanaich agus luchd-àraich bìdh air farsaingeachd mhòr de dh’fhuasglaidhean do riaghladh phlàighean is galaran, airson ’s gun gabh taic a chumail ri solarachadh-bìdh seasmhach. Tha Plana-gnìomha Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte a thaobh Puinnsean Bhiastagan a’ cur an cèill na ro-innleachd againn airson cleachdadh puinnsean bhiastagan a riaghladh agus na cunnartan co-cheangailte ri cleachdadh a’ phuinnsein a lùghdachadh. Tha am Plana ag amas air cleachdadh seasmhach a’ phuinnsein a bhrosnachadh airson ’s gun tèid a’ bhuaidh air an àrainneachd agus air slàinte dhaoine a lùghdachadh; aig a’ cheart àm, tha am plana airson dèiligeadh ri biastagan agus neo-èifeachdachd a’ phuinnsein gu soirbheachail, ’s cinnt ann gum bi na goireasan aig tuathanaich a dh’fheumas iad airson biadh a sholarachadh.
  • Tha am Plana-gnìomha Nàiseanta a thaobh Puinnsean Bhiastagan cuideachd a’ toirt a-steach targaid-lùghdachaidh nàiseanta a thaobh cleachdadh puinnsean bhiastagan san Rìoghachd Aonaichte. Tha an targaid stèidhichte air Taisbeanair na h-Eallach a dh’adhbharaicheas Puinnsean Bhiastagan san Rìoghachd Aonaichte; tha an taisbeanair seo a’ toirt còmhla dàta air cleachdadh a’ phuinnsein agus fiosrachadh air feartan a’ phuinnsein (cunnartan, agus mar a dh’obraicheas e san àrainneachd), airson treandaichean a shealltainn agus a sgrùdadh a thaobh a’ chuideim a dh’fhaodas puinnsean bhiastagan a chur air an àrainneachd. Bidh seo na chuideachadh le bhith a’ ruigsinn na targaid eadar-nàiseanta a th’ ann – gun tèid an cunnart a th’ ann san fharsaingeachd bho chleachdadh puinnsean bhiastagan a lùghdachadh co-dhiù leth uiread ro 2030, mar a thèid a mhìneachadh ann am Frèam-obrach Bith-iomadachd Eadar-Nàiseanta Kunming-Montreal.

Na Marannan

  • Airson taic a chumail ri roinn an iasgaich is biadh na mara againn – ’s iad aig cridhe nan coimhearsnachdan costail is eileanach agus na h-eaconamaidh nàiseanta againn – leanaidh sinn oirnn le bhith a’ cur an gnìomh na Ro-innleachd againn do Riaghladh Ghrunndan-iasgaich, ’s i a’ gabhail a-steach plana-gnìomha le 12 puing leis a bheilear airson grunndan-iasgaich ann an Alba a riaghladh gu seasmhach is gu cùramach. Còmhla ri Planaichean do Riaghladh Ghrunndan-iasgaich (FMPan), tha an Ro-innleachd a’ cumail taic ri lìbhrigeadh na Co-aithisg air Grunndan-iasgaich ann an seagh nas fharsainge, agus ris na h-amasan ann an Achd an Iasgaich 2020 (dhan Rìoghachd Aonaichte). Tha riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte a’ leasachadh 43 FMP uile-gu-lèir. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt air adhart 21 dhiubh, ’s an 31mh latha dhen Dùbhlachd 2026 na cheann-ama reachdail.
  • Thathar airson adhartas a dhèanamh le amasan fad-ùine Riaghaltas na h-Alba ann an roinnean tuathanachas nan iasg-ite, nam maorach agus na feamad – agus a thaobh siostam-solair an tuathanachais uisge san fharsaingeachd, a rèir na Lèirsinn airson Tuathanachas Uisge Seasmhach. Anns an Lèirsinn sin, tha amasan àrd-ìre ann a thaobh mar a thèid an roinn a mheasadh ro 2045, agus thathar a’ stèidheachadh sreath de bhuilean a bhiodh nan cuideachadh le bhith a’ coileanadh nan amasan sin.
  • Airson piseach a thoirt air seasmhachd is neart nan grunndan-iasgaich againn mu na cladaichean, bheir sinn air adhart am Prògram Leasachaidh againn do Riaghladh Ghrunndan-iasgaich mu na Cladaichean (IFMI). Tha am Prògram seo co-cheangailte ri Gealltanas an Riaghaltais ann an 2025/26, ’s an t-amas ann gun tèid dòigh-obrach nas sùbailte a chur an sàs airson grunndan-iasgaich mu na cladaichean a riaghladh. Bidh obair co-stiùiridh agus coimhearsnachdan aig cridhe a’ phrògraim cuideachd.

Math Bheathaichean agus Slàinte Lusan

  • A’ cumail suas agus a’ cur ris na h-inbhean àrda againn a thaobh math bheathaichean, tro bhith:
    • A’ cumail co-chomhairleachadh air a bhith a’ toirmeasg chreataichean breith do mhucan;
    • A’ coimhead air na roghainnean as fheàrr gus inbhean maith a stèidheachadh do dh’èisg a thig bho thuathanachas-èisg, agus a’ foillseachadh stiùireadh air math nan iasg aig àm-marbhaidh ann an tuathanachas bradain;
    • A’ dèanamh sgrùdadh air agus a’ foillseachadh toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh air a bhith a’ toirmeasg chèidsichean do chearcan a tha a’ breith;
    • A’ toirt cead do Choimisean Math Bheathaichean na h-Alba (SAWC) a bhith a’ faicinn an gabh slatan-tomhais a stèidheachadh airson math bheathaichean air tuathanasan;
    • A’ toirt air adhart ar cuid obrach gus aire dhaoine a tharraing gu modhan-obrach a tha nas fheàrr do mhath bheathaichean nuair a thèid an spothadh no earbaill nan uan a ghearradh;
    • Ag ùrachadh riaghailtean airson a bhith a’ togail agus a’ giùlan chearcan is eòin eile bhon tuathanas, às dèidh co-chomhairleachadh a chaidh a chumail a thaobh seo o chionn ghoirid.
  • A’ cur dìon air slàinte nan lusan ann an Alba gus leasachadh agus dìon a chur air eaconamaidh dhùthchail is àrainneachd nàdarrach na h-Alba. Gus seo a thoirt gu buil, chaidh Ro-innleachd ùr airson Slàinte Lusan na h-Alba 2024-2029 fhoillseachadh air an 6mh latha dhen t-Samhain 2024; tha an ro-innleachd seo a’ gabhail a-steach plana Riaghaltas na h-Alba thar còig bliadhnaichean airson piseach a thoirt air slàinte lusan ann an Alba, tro bhith:
    • A’ cumail oirnn le bhith a’ tasgadh airgead ann an slàinte lusan tron Phrògram Rannsachaidh Ro-innleachdail agus tron Ionad Slàinte Lusan aig Riaghaltas na h-Alba (ann an Roinn Saidheans Dùthchail is Àrainneachd agus Seirbheisean Mion-sgrùdaidh). Le seo, gabhaidh measadh a dhèanamh air na cothroman a th’ ann airson rannsachadh, innleachdas is teicneòlas a chleachdadh, ’s an t-amas ann gun leasaich sinn ar cuid eòlais agus gun neartaich sinn bith-thèarainteachd;
    • A’ dèanamh co-chonaltradh nas fheàrr ri luchd-ùidhe. Mar phàirt dhe seo, thèid Gnàth-Chomataidh Albannach airson Slàinte Lusan a chur air bhonn le riochdairean bhon riaghaltas, gnìomhachasan, agus Buidhnean Neo-riaghaltais ron t-samhradh 2025. Thèid seo a dhèanamh airson sàr mhodhan-obrach a bhrosnachadh agus lìonraidhean airson slàinte lusan a leudachadh agus a chur gu feum air feadh roinnean agus choimhearsnachdan; tha an t-amas ann gun tèid slàinte lusan a neartachadh agus gum bi barrachd dhaoine mothachail air slàinte lusan agus a’ cumail taic ris a’ ghnothach;
    • A’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ ceannachd agus a’ faighinn lusan ann an dòighean cunntachail, m.e. tro iomairtean luchd-ùidhe leithid an Sgeama Theisteanasan Nàiseanta airson Slàinte Lusan, agus a’ toirt leasachadh air siostaman-solair bith-thèarainte air feadh diofar roinnean gnìomhachais tro bhith a’ coimhead air roghainnean-solarachaidh co-cheangailte ri pròiseactan a th’ air am maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

A’ Cumail Taic ri Gnìomhachas Biadh is Deoch na h-Alba

  • A’ toirt taic do agus a’ brosnachadh gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba tro bhith a’ toirt maoineachadh do agus ag obair còmhla ris a’ chom-pàirteachas Biadh is Deochan na h-Alba, com-pàirteachas sònraichte eadar luchd-gnìomhachais agus an roinn phoblach a tha a’ cur taic ri, a’ dèanamh sanasachd air agus a’ brosnachadh nan daoine agus nan toraidhean a gheibhear bho ghnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba. Leis an taic a tha sinn air a bhith a’ toirt dhan chom-pàirteachas seo thar ùine fhada, faodar a bhith cinnteach gum bi na comasan is goireasan aig luchd-toraidh bìdh is dheochan airson biadh a chur air na sgeilpichean do luchd-ceannachd.
  • Tha an taic againn dhan ro-innleachd ‘A’ Beathachadh Alba: A’ Toirt Solar dhan t-Saoghal’ – ro-innleachd gnìomhachas a’ bhìdh is nan deochan – na cuideachadh le bhith a’ togail bun-stèidh a bheir taic do dh’fhàs seasmhach, agus a’ cur ris an iarrtas a th’ ann air fàs. ’S e plana thar deich bliadhnaichean a tha seo, leis an amas gun tèid Alba a stèidheachadh mar an dùthaich as fheàrr air an t-saoghal do dhaoine a tha a’ ruith, ag obair ann, no aig a bheil sealbh air gnothachas bìdh is dheochan. Tha ceann-uidhe soilleir anns a’ phlana gum bi Alba am measg prìomh dhùthchannan an t-saoghail a thaobh toraidheachd sheasmhach agus fàs cunntachail, ’s gnothachasan seasmhach ann air feadh an t-siostaim-sholair a dh’fhaodas soirbheachadh agus airgead a dhèanamh.
  • A’ toirt taic shònraichte do Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba gus Plana Às-mhalairt airson Biadh is Deochan na h-Alba a chur an gnìomh. Bidh am plana seo na chuideachadh le bhith a’ cur ris a’ chliù a th’ againn mar dhùthaich làn thoraidhean nàdarrach, agus le bhith a’ gleidheadh agus a’ cruthachadh mhargaidhean eadar-nàiseanta airson na sholaraicheas Alba.
  • A’ toirt maoineachadh do Chaidreachas Bìdh is Dheochan na h-Alba gus taic a chumail ris a’ Phrògram aca, ‘Ath-chruthachadh airson Slàinte’. Bidh am prògram aca ag obair le luchd-dèanaimh Albannach gus am brosnachadh gu bhith a’ dèanamh ath-chruthachadh air na stuthan bìdh aca, airson ’s gum bi iad nas fhallaine.

A’ dèanamh cinnteach gun toir beachdan roinn a’ ghnìomhachais bìdh buaidh air mar a thèid poileasaidhean a chur an gnìomh

A thaobh mar a thèid na poileasaidhean anns a’ Phlana seo – agus poileasaidhean buntainneach sam bith eile a bhios na phàirt de Phlanaichean ùra san àm ri teachd – a chur an gnìomh, thèid beachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh a thoirt fa-near tro dhiofar dhòighean. Nithear co-chonaltradh gu cunbhalach ri Biadh is Deochan na h-Alba, Caidreachas Bìdh is Dheochan na h-Alba, agus buidhnean-obrach leithid na Buidhne airson Daingneachd Roinn a’ Bhìdh, Fòram Bìdh na Roinne Poblaiche agus Buidheann nan Cùmhnantan Solair, far am bi cothrom aig luchd-ùidhe na beachdan aca a thoirt seachad air poileasaidhean agus mar a thèid poileasaidhean a chur an gnìomh, am measg chùisean eile. Bidh na còmhraidhean seo nam meadhan cudromach gus beachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh a thrusadh gu cunbhalach. Cuideachd, thèid iarraidh air an roinn, nuair a bhios feum air, beachdan a thoirt seachad ann an co-chomhairleachaidhean air poileasaidhean ùra a tha san amharc. Nuair a nì sinn co-chomhairleachadh air poileasaidhean fa leth, bidh sinn a’ brosnachadh sgiobaidhean poileasaidh gu bhith a’ cur cheistean ann a tha a’ sireadh bheachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh air mar a chuirear am poileasaidh an sàs gu h-èifeachdach, mura h-eil iad air na ceistean sin a chur ann mu thràth. Leis na diofar dhòighean seo airson co-chonaltradh a dhèanamh ri roinn gnìomhachas a’ bhìdh, nithear cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ris na beachdan aca.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top