The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic
A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.
Co-dhùnadh
Le seo, a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha sinn a’ gabhail ceum mòr a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe againn gum bi sinn nar Dùthaich dhe a leithid. Tha am Plana stèidhichte air an Achd againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022 – Achd gun a leithid air feadh an t-saoghail. Tha an t-Achd na bhun-stèidh do dhòigh-obrach ùr thar Riaghaltas na h-Alba air fad.
Le bhith a’ sgrìobhadh dreachd dhen chiad Phlana nàiseanta seo, tha sinn air an t-amas a chur romhainn gum bi lèirsinn choitcheann againn a thaobh cò ris a tha Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh coltach. ’S ann tro cho-chomhairleachadh a chumadh ri muinntir na h-Alba agus ri co-obraichean poileasaidh thar Riaghaltas na h-Alba, agus tro obair-sgrùdaidh phàrlamaideach, a ràinig sinn an lèirsinn seo. Chaidh na sia Builean againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – builean air a bheil am Plana seo stèidhichte – a thogail air an tuigse choitchinn seo, agus bidh iad nam bun-stèidh do phoileasaidhean bìdh a leasaicheas Riaghaltas na h-Alba san àm ri teachd.
Tha sinn cuideachd air na duilgheadasan aithneachadh a th’ ann an-dràsta taobh a-staigh siostam a’ bhìdh againn, agus tha sinn air prìomh raointean neo-ionannachd a chomharrachadh a bu chòir cumail air chuimhne nuair a thathar a’ leasachadh phoileasaidhean bìdh.
Airson a’ chiad uair, tha am plana seo cuideachd a’ toirt còmhla measadh ioma-chuimseach air na ceumannan leantainneach a thathar a’ gabhail ann an co-cheangal ri poileasaidhean bìdh thar Riaghaltas na h-Alba. Cha bu chòir dhuinn an obair a mheas ro ìosal a tha a dhìth airson an fharsaingeachd de dh’fhiosrachadh seo a thrusadh ann an aon àite. Bha feum air com-pàirteachadh mòr, eadar-roinneil, agus mar thoradh air seo, tha tuilleadh eòlais is mothachadh ann thar Riaghaltas na h-Alba air cho cudromach ’s a tha Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Tha an tuigse seo air obair Riaghaltas na h-Alba – a thuilleadh air obair gus frèam-obrach ioma-chuimseach de thaisbeanairean a chruthachadh – na cuideachadh dhuinn le bhith a’ stèidheachadh bun-ìre leis an gabh measadh a dhèanamh air a’ ghnìomhachd againn agus air siostam a’ bhìdh againn ann an Alba. Seo na chleachdas sinn airson ar cuid gnìomhachd san àm ri teachd a thomhas agus sùil a chumail air adhartas.
Tha sinn mothachail gu bheil turas fada romhainn mus bi sinn nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus nach bi sinn an-còmhnaidh a’ leantainn slighe shìmplidh airson faighinn ann. A dh’aindeoin sin, tha am Plana nàiseanta seo a’ mìneachadh nam bunaitean air a bheil dòigh-obrach ùr stèidhichte. Chan ann gun duilgheadasan a tha seo; bidh feum ann air beachd-inntinn eadar-dhealaichte airson modh-obrach ùr-ghnàthach a chleachdadh – an àite dhòighean-obrach gu math bonntaichte – nuair a thathar a’ leasachadh phoileasaidhean bìdh, agus dh’fhaodte nach bi e an-còmhnaidh furasta.
Tha sinn air bhioran a thaobh nan cothroman a bhios ann do dhaoine agus coimhearsnachdan ann an Alba nuair a thèid an lèirsinn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a thoirt air adhart. ’S ann air sàilleibh a’ Phlana nàiseanta – agus a’ chiad sreath de phlanaichean leis na h-ùghdarrasan a bhuineas ris a’ chùis – a ghabhas cruth-atharrachadh a thoirt air siostam a’ bhìdh ann an Alba. Tha tòrr ann ri ionnsachadh, agus bidh a’ chomhairle agus na molaidhean neo-eisimeileach le Coimisean Bìdh na h-Alba fìor luachmhor fhad ’s a bheir sinn an dòigh-obrach ùr seo air adhart.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot