The National Good Food Nation Plan - Executive Summary: Gaelic

A Gaelic translation of an executive summary of the first national Good Food Nation Plan.


Sgrùdadh na Pàrlamaid air a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Tha Earrann 1 dhen Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022 (“an t-Achd”) a’ cur an dleastanais air Ministearan na h-Alba Plana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (“am Plana nàiseanta”) fhoillseachadh agus a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba.

Mus gèill iad ris an dleastanas fo earrann 1 dhen Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba am Plana nàiseanta a tha iad a’ moladh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (“am Plana a thathar a’ moladh”) a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba fad greis-ùine de 60 latha (dh’fhaodadh suas ri 30 dhe na làithean seo a bhith nan làithean-fosaidh). Thèid seo a mhìneachadh ann an earrann 3 dhen Achd.

Tha Earrann 3(3) dhen Achd a’ mìneachadh gum feum Ministearan na h-Alba – nuair a chuireas iad am Plana nàiseanta air beulaibh na Pàrlamaid – cuideachd aithris a chur air a beulaibh, ’s i a’ mìneachadh (a) mion-fhiosrachadh air riochdachaidhean, fuasglaidhean no aithisgean sam bith a tha co-cheangailte ris a’ Phlana a thathar a’ moladh agus a rinneadh taobh a-staigh na greis-ùine de sgrùdadh pàrlamaideach, agus (b) nan atharrachaidhean (ma tha feadhainn ann) a rinneadh air a’ Phlana a thathar a’ moladh mar fhreagairt air na riochdachaidhean, fuasglaidhean no aithisgean seo, agus na h-adhbharan airson nan atharrachaidhean sin. Anns an t-Sultain 2025, chaidh an sgrùdadh pàrlamaideach a leanas a chumail:

  • Co-iarrtas air fianais le Comataidh an Riaghaltais Ionadail, an Taigheadais agus a’ Phlanaidh (LGHP), agus Comataidh na Slàinte, a’ Chùraim Shòisealta agus Spòrs (HSCS).
  • Ghabh Comataidh an Riaghaltais Ionadail, an Taigheadais agus a’ Phlanaidh (LGHP) fianais bho dhà phanail luchd-fianais a bhuin do dhiofar bhuidhnean, bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan, agus bho oifigich Riaghaltas na h-Alba a chùm taic ris a’ ghnothach.
  • Ghabh Comataidh na Slàinte, a’ Chùraim Shòisealta agus Spòrs (HSCS) fianais bho cheithir buidhnean, bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan, agus bho oifigich Riaghaltas na h-Alba a chùm taic ris a’ ghnothach.
  • Ghabh a’ Chomataidh airson Chùisean Dùthchail agus Eileanan (RAI) fianais bho dhiofar luchd-ùidhe.

Chuir an LGHP agus HSCS aithrisean còmhla le mion-fhiosrachadh ann air an cuid mholaidhean, agus tha sinn air freagairt a chur orra. Chaidh an aithris oifigeil bho sheisean Comataidh an RAI a chleachdadh airson prìomh chuspairean ainmeachadh, agus tha sinn air freagairt a chur orra.

Thug Riaghaltas na h-Alba mion-fhiosrachadh seachad air mar a ghabh sinn ealla ris an sgrùdadh phàrlamaideach tro bhith a’ cur aithris air adhart anns a’ Phàrlamaid còmhla ris a’ Phlana dheireannach. Mar fhreagairt air molaidhean nan Comataidhean, tha sinn air atharrachaidhean a dhèanamh – far an robh seo comasach – air a’ Phlana nàiseanta; air neo, far nach robh e comasach atharrachaidhean a dhèanamh, tha sinn air beachdachadh a dhèanamh air na rudan eile a tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh anns na diofar raointean-poileasaidh air a’ chuspair ‘Biadh’. Tha am pròiseas cuideachd air aire a tharraing gu raointean-cuspair a chumas sinn fo sgrùdadh bho seo a-mach.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top