Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2022-2027

’S e seo treas Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba – air ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e a’ mìneachah nan ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig is a luchd-labhairt taobh staigh na h-obraichean againn.


Caibideal II

Prìomh Phrionnsabalan

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach taic a thoirt don Ghàidhlig agus tro ar dleastanasan ann an Earrann 3 agus Earrann 4 den Phlana seo cuiridh sinn ar amasan am follais. Ged a bhios cuid a phàirtean a’ lìbhrigeadh adhartasan beaga mean air mhean, agus pàirtean eile a’ lìbhrigeadh taic nas motha a thaobh poileasaidh, tha an t-amas air fad sìmplidh: gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach anns an àm ri teachd.

Tha na prionnsablan a leanas riatanach agus ’s e ar n-amas iad seo a chur an sàs tro Riaghaltas na h-Alba.

Spèis co-ionnan

Fo Achd 2005, tha Bòrd na Gàidhlig ag obrachadh le amas inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil de dh’Alba a’ faighinn spèis co-ionnan ris a’ Bheurla agus tha am Bòrd a’ sùileachadh ri linn seo gun dearbhaich ùghdarrasan poblach anns na planaichean aca ciamar a thèid am prionnsabal seo a choileanadh agus a chumail suas ann an cleachdadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas far a bheil Gàidhlig na pàirt de na h-obraichean is seirbheisean againn gu bheil iad seo den aon ìre agus luach riuthsan a tha sinn a’ tabhann ann am Beurla.

Tairgse for-ghnìomhach

Tha tairgse for-ghnìomhach aig Riaghaltas na h-Alba de na seirbheisean Gàidhlig againn do ar luchd-obrach agus am poball. Tha seo airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-cleachdaidh na Gàidhlig mothachail de na seirbheisean Gàidhlig againn agus air am brosnachadh an cleachdadh.

’S e ar n-amas dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean Gàidhlig a cheart cho farasta ruigsinn sa tha ar seirbheisean Beurla.

A’ dèanamh gnathach

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas dèanamh cinnteach gur e rud àbhaisteach a bhios ann don phoball agus luchd-obrach cothroman fhaighinn Gàidhlig a chleachdadh, a’ toirt taic do dh’amas a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig 2018- 23 gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le tuilleadh dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top