Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Facal-toisich bhon Mhinistear
Mar Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit le uallach airson na Gàidhlig, tha mi fìor thoilichte fàilte a chuir air foillseachadh an dàrna Plana Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba, air a dheasachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Tha na dleastanasan a tha sa Phlana seo a’ togail air an taic a th’ air a bhith againn dhan Ghàidhlig bhon a dh’fhoillsich sinn a’ chiad Plana againn ann an 2010. Tha iad a’ mìneachadh mar a chuidicheas Riaghaltas na h-Alba le coileanadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig le bhith a’ toirt an cothrom Gàidhlig a chleachdadh ann an obraichean agus seirbheisean, agus mar a bheir sinn taic do dh’ùghdarrasan poblach eile an dleastanasan fhèin dhan Ghàidhlig a choileanadh. Ni seo cinnteach gum faigh an cànan taic anns gach raon de bheatha phoblach na h-Alba.
Tha a’ Ghàidhlig na cànan a tha beò am measg dualchas cultarail na h-Alba. Tha beachdan an Riaghaltas seo gu math soilleir mun phuing seo – tha sinn airson gum tig àrdachadh san àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh, a’ bruidhinn agus a’ cleachdadh na Gàidhlig. Le bhith ag obair còmhla gus na h-amasan seo a ruighinn, ’s urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.
Iain Swinney BPA
Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire
a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean