Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean: Anailis air a' Cho-chomhairle

Gaelic version of a report setting out the main findings of the public consultation carried out to inform a review of the National Islands Plan 2019.


Giorrachaidhean agus briathrachas

Anns na clàran san aithisg seo, tha ‘n’ aig mullach nan colbhan a’ ciallachadh na h-àireimh de luchd-freagairt anns gach buidheann no fo-bhuidheann, agus tha ‘%’ a’ comharrachadh na h-àireimh sa cheud de luchd-freagairt anns gach buidheann no fo-bhuidheann.

Giorrachaidhean eile

SGIT: Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba – Scottish Government Islands Team - sgioba poileasaidh Riaghaltas na h-Alba le uallach airson a bhith a’ deasachadh agus ag aithris air lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus airson poileasaidhean is ro-innleachdan eileanach a’ gabhail a-steach Achd nan Eilean (Alba) 2018.

ICIA: Measadh Buaidh Coimhearsnachdan Eileanach – Islands Communities Impact Assessment - pròiseas anns am feum ùghdarrasan poblach na h-Alba a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig poileasaidhean, ro-innleachdan no seirbheisean air coimhearsnachd eileanach a chomharrachadh, a dh’fhaodadh a bhith gu math eadar-dhealaichte ris a’ bhuaidh air coimhearsnachdan eile (a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach eile) anns an sgìre anns a bheil an t-ùghdarras a’ coileanadh a dhleastanasan. Gu tric, canar ‘dìon eileanach’ ris an dleastanas seo agus tha e air a mhìneachadh fo Phàirt 3 de dh’Achd nan Eilean (Alba) 2018.

NPF4: Frèam Planaidh Nàiseanta 4 – National Planning Framework 4 - an ro-innleachd spàsail nàiseanta airson Alba a tha a’ cur an cèill prionnsapalan spàsail, prìomhachasan sgìreil, leasachaidhean nàiseanta agus poileasaidh dealbhaidh nàiseanta.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top