Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.
Notaichean-coise
1. Tha am mìneachadh a th’ againn airson siostam-bìdh coltach ris a’ mhìneachadh aig an UN: “gach eileamaid (àrainneachd, daoine, rudan a chuirear ris, pròiseasan, bun-structairean, institiudan msaa) agus gnìomh co-cheangailte ri bhith a’ dèanamh, a’ solar, a’ giullachd, a’ sgaoileadh, ag ullachadh agus ag ithe biadh, agus na toraidhean a thig bho na gnìomhan sin, leithid bhuilean sòiseo-eaconamach is àrainneachd” (UNEP (2016) Siostaman-bìdh is Stòrasan Nàdarra. Aithisg na Buidhne-obrach air Siostaman Bìdh aig Pannal nan Stòrasan Eadar-nàiseanta).
2. Cuimhnichibh gu bheil “siostam-bìdh” eadar-dhealaichte bhon “àrainneachd bhìdh”. Tha Buidheann Bìdh is Àiteachais nan Dùthchannan Aonaichte ag ràdh: “’S e a th’ ann an àrainneachd bìdh, am biadh a tha ri fhaotainn do dhaoine san t-saoghal a tha timcheall orra fhad ’s tha iad a’ cur seachad am beatha ann agus beathachadh, sàbhailteachd, prìsean, goireasachd, leubailean is sanasachd a’ bhìdh sin. Bheir àrainneachdan bìdh buaidh chudromach air daithead dhaoine, oir tha iad a’ stèidheachadh nan roghainnean a th’ aig daoine nuair a bhios iad a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh na dh’itheas iad. ’S e a th’ ann an àrainneachd bìdh fhallain, tè a tha a’ toirt brosnachadh is cothrom do dhaoine gus daithead le biadh fallain a roghnachadh is ithe.”
3. Tha “euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead” (ris an canar tinneasan neo-ghabhaltach cuideachd) a’ ciallachadh euslaintean a tha air an adhbharachadh le daithead far a bheil neach a’ gabhail cus de stuthan-beathachaidh no sheòrsaichean bìdh sònraichte, no far nach eil iad a’ gabhail gu leòr dhiubh. Am measg nan euslaintean as cumanta co-cheangailte ri daithead tha: ro-reamhrachd, seòrsa 2 de thinneas an t-siùcair, tinneasan dhen chuairt-fhala, bruthadh-fala àrd, cuid a sheòrsaichean aillse agus cion stuthan-beathachaidh.
4. Tha Biadh Cudromach: A’ Chuimrigh
6. Ro-innleachd Bìdh an Riaghaltais - GOV.UK
7. Cùmhnant Eadar-nàiseanta nan Còraichean Eaconamach, Sòisealta is Cultarach | OHCHR
8. ’S e abairt laghail a th’ ann an ‘gabh ealla ri’ a tha a’ ciallachadh gum feumar aire a thoirt dhan sgrìobhainn bhuntainnich agus, ma nì Ministearan na h-Alba co-dhùnadh gun sin a dhèanamh, feumaidh adhbharan soilleir a bhith aca airson sin agus feumaidh iad na h-adhbharan sin a thoirt seachad.
9. Thèid an dàrnach reachdas, a nì sònrachadh air na dleastanasan buntainneach agus mìneachaidhean air na dleastanasan, a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba san dàrna leth de 2025, agus thathar an dùil gun tèid sin a chur an gnìomh ro dheireadh 2025.
10. Tha an coimisean reachdail ùr seo, Coimisean Bìdh na h-Alba, eadar-dhealaichte bhon t-seann choimisean neo-reachdail leis an aon ainm a chaidh a leigeil ma sgaoil ann an 2018.
11. Thèid Coimisean Bìdh na h-Alba a stèidheachadh gu h-oifigeil air 30 Ògmhios 2025.
12. Fo phoileasaidhean is reachdas airson solarachadh poblach, feumaidh buidhnean poblach beachdachadh air, agus cur air dòigh gum bi, cothroman ann do Ghnothachasan Beaga no Meadhanach Mòr (SMEan), do bhuidhnean san treas roinn, agus buidhnean a gheibh taic gus cur a-steach cùmhnantan. Tha reachdas na dùthcha agus dleastanasan malairt eadar-nàiseanta a’ toirmeasg ghnìomhan a dhèanadh eadar-dhealachadh eadar luchd-solair air sgàth nàiseantachd no ionadaileachd, no a bhiodh a’ ciallachadh gun deigheadh dèiligeadh ri luchd-solair ann an dòigh nach robh co-ionann.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot