Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.
Pàirt A Dhà – Dòighean Practaigeach Gus Am Plana A Chur An Gnìomh
Cho cudromach ’s a tha modhan-obrach èifeachdach
Tha am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar fhrèam tron dèanar cinnteach gun tèid poileasaidhean bìdh a dhealbh ann an dòigh nas co-aonaichte. Thathar an dùil gum bi am Plana a’ toirt stiùireadh do Mhinistearan na h-Alba nuair a bhios iad a’ cruthachadh phoileasaidhean bìdh nàiseanta. Sa Phlana thathar a’ moladh gun tèid poileasaidhean bìdh a dhealbh is a chur an sàs ann an dòigh nas fharsainge agus nas ro-innleachdail, agus le sin bidh tuigse nas fheàrr againn air mar a tha poileasaidhean co-cheangailte ri biadh a’ dol an lùib a chèile is a’ toirt buaidh air a chèile.
Leis an iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, bidh sinn nas comasaiche air poileasaidhean a chomharrachadh a tha a’ dèanamh feum thar ghrunn raointean. Tha e cuideachd a’ ciallachadh gum bi e nas fhasa dhuinn faicinn cò na h-iomairtean poileasaidh nach eil a’ soirbheachadh thar nan diofar phoileasaidhean a tha co-cheangailte ri biadh, agus gum bi cothrom againn beachdachadh air ciamar a bheir sinn piseach air buaidh nam poileasaidhean sin.
Cha bheag an obair sin, agus chan urrainnear a dèanamh ann an aithghearrachd. Ge-tà, tha fios againn gu bheil e deatamach gun tachair seo ma thathar a’ dol a chur atharraichean brìoghmhor an sàs.
A’ cur dhòighean-obrach co-cheangailte an sàs
San earrainn seo, tha sinn a’ cur an cèill mar a bhios sinn a’ brosnachadh is a’ dèanamh barrachd co-obrachaidh eadar roinnean nan diofar Mhinistearan.
Bidh a’ Bhuidheann Obrach Mhinistreil airson Biadh fhathast na meadhan gus còmhraidhean a chumail is co-dhùnaidhean a dhèanamh thar dhiofar roinnean dhen riaghaltas aig ìre nam Ministearan a thaobh phoileasaidhean co-cheangailte ri biadh.
Aig ìre oifigearan poileasaidh na seirbheis catharra, thèid buidheann-obrach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, a chaidh a chur air chois agus air a bheil oifigearan poileasaidh bho air feadh roinnean an riaghaltais, ath-stèidheachadh mar fhòram phoileasaidhean a bhios a’ coinneachadh gu cunbhalach agus a bheir cothrom do dh’oifigearan bruidhinn mu chùisean iomadh-fhillte. Tro na coinneamhan cunbhalach a bhios aca, bidh cothroman aca gus dèiligeadh ri dùbhlain agus cothroman a chomharrachadh gus poileasaidhean co-cheangailte ri biadh a dhealbh ann an dòigh cho-aonaichte.
Bidh buidheann-obrach nan Oifigearan agus a’ bhuidheann-obrach Mhinistreil a’ dèanamh co-chonaltradh ri agus ag obair le buidhnean buntainneach eile ann an Riaghaltas na h-Alba mar as iomchaidh.
Buaidh phractaigeach a’ Phlana: an dleastanas gus ealla a ghabhail ris a’ Phlana
Tha e fìor chudromach gun tèid atharraichean a dhèanamh air dòighean-obrach, agus bidh na h-atharraichean sin mar bhunait dhan iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Nuair a bhithear a’ cruthachadh is a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ùra, feumar aire a thoirt do na Builean coitcheann ma tha na poileasaidhean sin a’ dol a thoirt làn-bhuaidh air cùisean. San Achd, tha meadhan reachdais gu tur ùr ann gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ beachdachadh air sin.
Ann an Earrainn 6 dhen Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail ris[8] a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh nuair a bhios iad a’ coileanadh cuid a dhleastanasan a tha air an sònrachadh ann an dàrnach reachdas[9]. Tha sin a’ ciallachadh gum feum Ministearan na h-Alba agus na h-oifigearan aca beachdachadh air mar a bheir dleastanas a tha iad a’ coileanadh, leithid a bhith a’ dealbh poileasaidh, buaidh air no mar a bheir e taic do na Builean nàiseanta.
Nì seo cinnteach gun tèid poileasaidhean bìdh agus na h-amasan gus Builean a’ Phlana a choileanadh fhighe a-steach do dh’fharsaingeachd de raointean poileasaidh, agus le sin bithear a’ brosnachadh dhòighean-obrach co-aonaichte is eadar-cheangailte.
Ceumannan gu ruige Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Chan ann le aon ghnìomh no iomairt a thèid an t-amas airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a thoirt gu buil, ach tro dhiofar cheumannan: foillsichidh Riaghaltas na h-Alba tionndaidhean ùra dhen Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gu cunbhalach. Foillsichidh sinn aithisg-adhartais gach dà bhliadhna. Nì sinn ath-sgrùdadh, agus ùrachadh ma bhios sin a dhìth, air a’ Phlana co-dhiù a h-uile còig bliadhna. Mar phàirt dhen phròiseas seo, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh co-chonaltradh ri prìomh luchd-ùidhe leithid roinn nan gnothachasan aig a bheil ceangal ri biadh. Thèid co-chomhairleachadh poblach a chumail is nì a’ Phàrlamaid sgrùdadh air gach eagran dhen Phlana.
Fon Achd, feumaidh ùghdarrasan buntainneach (’s iad sin ùghdarrasan ionadail agus bùird shlàinte sgìreil) na Planaichean aca fhèin ullachadh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus feumaidh iad ealla a ghabhail ris a’ Phlana nàiseanta nuair a nì iad sin. Feumaidh ùghdarrasan buntainneach, leis na Planaichean aca fhèin airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, na h-aon riatanasan aithris is ùrachaidh a choileanadh ’s a gheibhear airson a’ Phlana nàiseanta. Bidh aig ùghdarrasan buntainneach ri co-chomhairleachadh a chumail air na Planaichean aca, ach chan fheum iad na Planaichean aca a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba.
Ged a dh’fhaodas am Plana seo a bhith mar stiùireadh do dh’ùghdarrasan buntainneach, agus feumaidh iad feart a thoirt air, tha e an urra ris na h-ùghdarrasan fhèin na Builean, ceumannan agus poileasaidhean a dhealbh as fheàrr a fhreagras air na sgìrean is raointean aca fhèin a thaobh a bhith a’ coileanadh amasan na h-iomairt airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Sgrùdadh is Aithrisean
Fon Achd tha cumhachan ann gus buidheann phoblach ùr a stèidheachadh: Coimisean Bìdh na h-Alba.[10] [11] Bidh an Coimisean ùr seo a’ dèanamh measadh air adhartas leis a’ Phlana nàiseanta agus le Planaichean nan ùghdarrasan buntainneach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus air buaidh nam planaichean sin. Bheir e comhairle, fiosrachadh agus taic do Mhinistearan na h-Alba agus ùghdarrasan buntainneach gus leasachadh a thoirt air na Planaichean aca san ùine ri thighinn. Tha sin a’ ciallachadh gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh iar a’ Phlana nàiseanta agus na Planaichean aig na h-ùghdarrasan buntainneach.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot