Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.


Pàirt A Ceithir – Poileasaidhean Co-Cheangailte Ri Biadh

Fon Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022, feumaidh sinn, sa Phlana seo, mìneachadh a thoirt air na poileasaidhean a chleachdas sinn gus na Builean a sheall sinn ann am Pàirt a h-Aon a choileanadh.

San earrainn seo dhan Phlana thathar ga dhèanamh follaiseach gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur tòrr phoileasaidhean an gnìomh mu thràth a tha a’ cur taic ri ar n-amasan airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Seo a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: tha e a’ stèidheachadh bhun-ìrean a bheir tuigse dhuinn air cùisean mar a tha iad an-dràsta.

Tha sinn air na poileasaidhean is gnìomhan a roinn ann an trì earrainnean a tha stèidhichte air prìomh bhuidhnean a tha an sàs ann an siostam a’ bhìdh: Daoine is Coimhearsnachdan; Luchd-solair is Àiteachan; agus Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh.

Tha fhios againn nach bi gach poileasaidh a’ tighinn gu sgiobalta is gu rianail fo dìreach aon de na h-earrainnean seo. Ge-tà, tha sinn dhen bheachd, le bhith gan seòrsachadh mar seo, gu bheil sinn ga dhèanamh soilleir gu bheil gnìomhan a dhìth air feadh siostam a’ bhìdh ma tha Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gu bhith againn. Anns na poileasaidhean a th’ againn an-dràsta, agus san fheadhainn ùra a bhios againn, thèid prìomh raointean obrach a chomharrachadh gus an urrainn dhan a h-uile duine ann an Alba pàirt a ghabhail ann a bhith a’ stèidheachadh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Daoine is Coimhearsnachdan

San earrainn seo chithear poileasaidhean a tha ag amas air daoine fa leth agus coimhearsnachdan. Seo poileasaidhean gus piseach a thoirt air beatha dhaoine fa leth agus gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine cothroman nas fheàrr air biadh fallain is seasmhach.

Ma tha Alba gu bhith na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, feumaidh na daoine a tha a’ fuireach agus ag obair an seo cuideachadh le sin agus pàirt a ghabhail san iomairt. ’S e am prìomh amas gum bi Alba na dùthaich nas fheàrr agus nas beartaiche airson a h-uile duine: dùthaich far a bheil daoine toilichte, fallain agus tèarainte. Tha poileasaidhean sa chaibideil seo mar cheumannan a dh’ionnsaigh nam Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus mar mheadhan gus na builean sin a choileanadh.

’S e an lèirsinn a th’ againn, gu bheil a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ faighinn cothrom cunbhalach is urramach air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha a’ còrdadh riutha, a tha seasmhach agus freagarrach a thaobh aois.

Gheibh daoine buannachdan bho shiostam-bìdh seasmhach a tha a’ cuideachadh gus piseach a thoirt air bith-iomadachd agus sa bheilear a’ dèiligeadh ri beathaichean gu cùramach. Gheibh daoine cothrom air deagh bhiadh gu h-ionadail agus ’s urrainn dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh a thaobh a’ bhìdh aca.

An Toiseach Tòiseachaidh as fheàrr airson Beatha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ cur taic ri, a’ cur adhart agus a’ cur dìon air beathachadh-broillich: le bhith a’ cur dìon, fon lagh, air a’ chòir gus bainne-broillich is bainne bho bhotal a thoirt do leanabh suas ri 2 bhliadhna a dh’aois ann an àiteachan poblach; le bhith a’ cur taic ris an sgeama nàiseanta Alba Thaiceil do Bheathachadh-broillich; le bhith a’ toirt stiùireadh do bhùird-shlàinte is ùghdarrasan ionadail a thaobh ghnìomhan as urrainn dhaibh a dhèanamh gus taic a chumail ri boireannaich a tha a’ toirt bainne-broillich dhan leanabh aca agus gus cur ris an ùine a bhios boireannaich a’ toirt bainne-broillich dhan leanabh aca; agus le bhith a’ cuideachadh le bhith a’ cur Iomairt Taice Unicef do Leanabhan san RA an sàs air feadh sheirbheisean NHS agus choimhearsnachdan gus ar cuideachadh le bhith a’ dèanamh adhartas gu ruige ar targaid, lùghdachadh de 10% a thoirt air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025.
  • A’ cur taic ri pàrantan is luchd-solair cùraim-chloinne gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh mu dhaithead na cloinne, le bhith a’ toirt stiùiridhean seachad leithid Roghainnean Bìdh (Setting the Table), stiùireadh air a bhith a’ toirt biadh seachad ann an ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne, agus an làrach-lìn aig Club nam Pàrant a bhios a’ toirt comhairle do phàrantan is luchd-cùraim.
  • Gus am bi cothrom nas fheàrr aig daoine air biadh fallain is bainne, tron iomairt Am Biadh as Fheàrr airson Toiseach Tòiseachaidh thathar a’ toirt co-dhiù £5.40 san t-seachdain air cairt ro-phàighte do dhaoine a tha trom agus teaghlaichean le clann a tha nas òige na trì, agus a tha a’ faighinn shochairean sònraichte, gus na rudan sin a cheannach. Bidh an t-sùim air a dùblachadh bhon àm a rugadh am pàiste gus a bheil iad bliadhna a dh’aois gus taic a thoirt do mhàthraichean a tha a’ toirt bainne-broillich dhan phàiste aca no gus cuideachadh le cosgaisean airson bainne-botail leasaichte do leanabh òg.
  • A’ stèidheachadh chleachdaidhean matha a thaobh slàinte beòil bho aois òg (aig ìre ro-sgoile, sgoil-àraich is ìre bun-sgoile) tron phrògram Gàire na Cloinne far a bheilear a’ brosnachadh na cloinne gu bhith a’ bruiseadh gu cunbhalach, far a bheilear a’ cur lìomh flùraid (fluoride) air fiaclan na cloinne san 20% de dh’àiteachan as motha a tha a’ fulang fo easbhaidh, a’ toirt comhairle seachad air daithead agus a’ brosnachadh dhaoine gus a’ chlann a chlàradh aig fiaclair gus stad a chur air trioblaidean is gus dèanamh cinnteach gum faigh clann taic fiaclaireachd nuair a bhios sin a dhìth.
  • A’ cur a’ phrògraim Ag Ithe gu Math airson Slàinte do Bheòil an sàs gus deagh bhuaidh a thoirt air dòighean-giùlain is cleachdaidhean sòiseo-chultarach dhaoine, theaghlaichean agus choimhearsnachdan a tha fo anacothrom, gu h-àraidh an fheadhainn co-cheangailte ri daithead, le bhith a’ togail cheanglaichean le luchd-compàirt san treas roinn gus cur ri cumhachd dhaoine a tha a’ tighinn beò ann an suidheachaidhean neo-thèarainte, gus daoine a chuideachadh gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh a thaobh biadh agus gus piseach a thoirt air na sgilean còcaireachd aca.
  • Cuidichidh na poileasaidhean seo leis an targaid againn, ìrean ro-reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead, agus bheir iad taic dhan obair gus Frèam Slàinte an t-Sluaigh a chur an gnìomh.

Biadh ann an Seirbheisean Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt cuid làitheil de mheasan no glasraich agus bainne, no deoch coltach ris gun bhainne na bà, do chloinn a bhios a’ frithealadh ionadan ro-sgoile fo riaghladh, airson dà uair a thìde no nas fhaide, ionadan a tha a’ gabhail pàirt ann an Sgeama Bainne is Ghreimean-bìdh Fallain na h-Alba.
  • A’ toirt biadh fallain, sa bheil mathas an-asgaidh do gach pàiste ann an ionad Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne (TCC) maoinichte gach latha a bhios iad an làthair.
  • A’ toirt stiùireadh do dh’ionadan TCC gus dèanamh cinnteach gun tèid biadh, greimean-bìdh agus deochan fallain le deagh bheathachaidh a thabhainn do chloinne sna h-ionadan sin, feadhainn mhaoinichte agus feadhainn far am feumar pàigheadh.

Biadh ann an Sgoiltean ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ dèanamh cinnteach gum faigh clann is daoine òga taghadh farsaing de bhiadh sa bheil mathas mar phàirt dhen latha sgoile aca a chuidicheas iad le bhith a’ fàs is a’ tighinn air adhart gu fallain. Tha e mar amas do Riaghaltas na h-Alba piseach a thoirt air beathachadh dhaitheadan chloinne is dhaoine òga agus cleachdaidhean ithe fallain a chur air adhart le bhith a’ stèidheachadh inbhean beathachaidh ris am feum sgoiltean cumail.
  • A’ tabhann dhìnnearan sgoile an-asgaidh dhan a h-uile sgoilear ann an Clasaichean 1-5 sa Bhun-sgoil, dhan a h-uile sgoilear ann an sgoiltean spèisealta, agus dhan a h-uile sgoilear ann an Clasaichean P6-ÀS6 a dh’fhaodas biadh an-asgaidh fhaighinn. A’ toirt leudachadh air an sgeama airson biadh-sgoile an-asgaidh gus am faigh a h-uile sgoilear bun-sgoile e, a’ tòiseachadh le sgoilearan P6 is P7 ann an teaghlach a tha a’ faighinn Sùim Albannach airson Pàiste, agus a’ stèidheachadh ‘measadh-atharrachaidh’ ann an 8 ùghdarrasan ionadail airson sgoilearan ÀS1-ÀS3 ann an teaghlaichean a tha a’ faighinn Sùim Albannach airson Pàiste.
  • A’ dèanamh cinnteach gum faigh clann taic fhathast gus biadh fhaighinn taobh a-muigh teirm na sgoile le bhith a’ cumail oirnn a’ toirt taic do sgeamaichean far am faigh clann cothrom air biadh sna làithean-saora nuair nach eil biadh-sgoile an-asgaidh ri fhaighinn.

Cùram-cloinne airson Clann Aois Sgoile ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ brosnachadh dhaoine gus biadh a thoirt seachad mar phàirt de chùram-chloinne aois sgoile, nuair a bhios sin iomchaidh, gus dèiligeadh ri neo-thèarainteachd bìdh ann an dòigh urramach a tha stèidhichte air còraichean is gun stiogma. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh do dhiofar iomairtean air feadh Alba tro ar Coimhearsnachdan Tràth-dhearbhaidh airson cùram-chloinne, am Prògram ‘Ùine a Bharrachd’ aig Comann Ball-coise na h-Alba, agus pròiseactan airson Cothrom air Cùram-chloinne, agus an lùib sin bithear a’ beachdachadh air cho cudromach ’s a tha solar bìdh ann an ionadan cùram-chloinne aois sgoile.
  • A’ leudachadh air na cothroman a th’ aig clann air clubaichean bracaist air feadh Alba le bhith a’ cruthachadh barrachd àiteachan an-asgaidh do chloinn bun-sgoile sa bhliadhna acadaimigich 25/26, agus na h-àiteachan sin air an cruthachadh le £3m bhon mhaoin, Bracaistean Matha na Maidne. Cleachdar am maoineachadh gus cothroman a thoirt do chloinn air bracaist fhallainn sa bheil mathas agus bheirear cothrom do phàrantan an cuid chloinne fhàgail nas tràithe sa mhadainn.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil e soilleir dè na h-inbhean bìdh a dh’fheumas daoine a choileanadh ann an ionadan cùraim-chloinne aois sgoile, a’ gabhail a-steach chlubaichean bracaist, co-dhiù a thathar a’ toirt biadh seachad air àrainn na sgoile no ann an àiteigin eile. Obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri Buidheann-sgrùdaidh a’ Chùraim agus Foghlam Alba, buidhnean riochdachaidh na roinne agus luchd-solair sheirbheisean gus cur ri tuigse is eòlas dhaoine.

Foghlam airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Ag ionnsachadh do chloinn is daoine òga mu bhiadh tron Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha a’ chòir aig a h-uile pàiste eadar aois 3 is 18 ann an Alba air foghlam mu Shlàinte is Sunnd mar phàirt dhen churraicealam agus tha sin a’ gabhail a-steach a bhith ag ionnsachadh mu bhiadh is slàinte. Tha an t-ionnsachadh is teagasg air an dealbh gus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh le bhith a’ cur ris an tuigse aca air daitheadan fallain, a’ faighinn tuigse air an àite a th’ aig biadh ann an co-theacsaichean sòisealta is cultarach agus a’ tuigsinn gu bheil cleachdaidhean is roghainnean bìdh an crochadh air iomadh nì, leithid am biadh a tha ri fhaotainn, seasmhachd, ràithean, cosgaisean, sanasachd agus na meadhanan.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur taic ri foghlam co-cheangailte ri biadh le bhith a’ toirt maoineachadh do dhiofar iomairtean is phròiseactan sònraichte, leithid am prògram do sgoiltean le tursan gu tuathanasan aig Urras Foghlaim Rìoghail na Gàidhealtachd agus na cùrsaichean Slàinte/Bìdh is Slàinteachais aig Institiud Rìoghail Slàinte Àrainneachd na h-Alba.

Cothrom aig a h-uile duine air Biadh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt lùghdachadh air an àireimh de chloinn a tha beò ann am bochdainn ann an Alba tro fharsaingeachd de ghnìomhan agus sinn a’ coileanadh ar Plana Coileanaidh gus Dèiligeadh ri Bochdainn Cloinne. Tha seo a’ gabhail a-steach ‘An Toiseach Tòiseachaidh as Fheàrr, Dùil is Dòchas nar Beatha’, a tha airson nam bliadhnaichean 2022-26, agus a tha a’ stèidheachadh iomairtean gus cur ri teachd-a-steach dhachaighean agus cosgaisean bith-beò a lùghdachadh agus sinn a’ cumail oirnn a’ cosg airgead air leithid, Sùim Albannach airson Pàiste, seirbheisean taice le comasan cosnaidh, siubhal an-asgaidh air a’ bhus airson daoine fo 22, agus Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Thèid plana coileanaidh ùr airson na h-ùine 2026-31 fhoillseachadh ro dheireadh a’ Mhàirt 2026.
  • A’ moladh taic-airgid an toiseach airson daoine a tha gann de dh’airgead, gus nach bi uiread feum aca air tabhartasan bìdh èiginneach agus sin a’ togail air na h-amasan ann an Taic-airgid An Toiseach: Ag Obair gus Nach Bi Feum air Bancaichean-bìdh ann an Alba, agus a’ dèanamh cinnteach, nuair nach eil taic-airgid freagarrach, gum faighear biadh mar thaic san dòigh as urramaiche as urrainn.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine ann an Alba air a’ bhiadh a tha a dhìth orra agus as fheàrr leotha ithe, agus a bheir taic dham math fhèin, cuideachd bidh ar poileasaidhean gus cur ri cothroman air biadh a’ cur taic ri ar geallaidhean gus:
    • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
    • Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn
    • Cothroman nas fheàrr a thoirt do dhachaighean ann an sgìrean iomallach, dùthchail air biadh
    • Cothroman nas fheàrr a thoirt air biadh a tha freagarrach do dhaoine le diofar fhreumhan cultarach.

Daithead Fhallain ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • A’ toirt piseach air daithead muinntir na h-Alba agus a’ brosnachadh muinntir na h-Alba gus cumail ri daithead fhallain le bhith a’ cur ghnìomhan an sàs tro Fhrèam Slàinte an t-Sluaigh, le bhith a’ toirt nan cothroman as fheàrr as urrainnear do chloinn aig toiseach am beatha, a’ stèidheachadh àrainneachd bìdh a bheir taic do roghainnean fallain, agus a’ toirt chothroman nas fheàrr do dhaoine air seirbheisean èifeachdach airson rian a chumail air cuideam.
  • A’ cuideachadh luchd-ceannaich gus daithead nas fhallaine a roghnachadh, a rèir Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba agus an Stiùiridh: Ag Ithe gu Math, tro bhith a’ toirt seachad stiùireadh soilleir is practaigeach air daithead, leithid Ag Ithe gu Math, Nad Dhòigh Fhèin. Ann an ‘Ag Ithe gu Math, Nad Dhòigh Fhèin’, far a bheilear ag aithneachadh mar a bheir cùisean sòisealta, cultarach is àrainneachd buaidh air roghainnean bìdh, thathar a’ toirt comhairle seachad air ciamar as urrainn dhut atharraichean beaga, reusanta a dhèanamh as urrainn dhut a chumail suas. Tha an goireas seo ag amas air daoine aig a bheil nas lugha teachd-a-steach, a’ gabhail a-steach inbhich is teaghlaichean, aig a bheil gu tric am feum as motha air taic.
  • Leis an fhrèam, Ag Ithe A-muigh, Ag Ithe gu Math, thathar ag amas air cothroman nas fheàrr a thoirt do dhaoine air daithead fhallain nuair a bhios iad ag ithe air falbh bhon taigh, tro fhrèam saor-thoileach ùr a chuidicheas àiteachan gus clàran-bìdh nas fhallaine a thabhainn, a’ gabhail a-steach clàran-bìdh do chloinn.
  • Cuidichidh na poileasaidhean seo sinn ann a bhith a’ coileanadh ar targaidean gus lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd slàinte co-cheangailte ri daithead agus gum bi barrachd dhaoine ann anns a bheil cuideam a tha fallain agus na targaidean sin a’ togail air Frèam Slàinte an t-Sluaigh.
  • A’ cur taic ri teachdaireachdan is sanasachd mu dhòighean-giùlain matha a chuidicheas le slàinte bheòil agus a’ brosnachadh dhaoine gus coimhead às dèidh an cuid slàinte bheòil fhèin am measg an 95% dhen t-sluagh a tha clàraichte an-dràsta aig fiaclair ann an Alba, tro na h-aontaidhean pàighidh a chaidh ùrachadh o chionn ghoirid airson Seirbheisean Fiaclaireachd Coitcheann, agus tha e a-nis mar phàirt de na h-aontaidhean sin gum bu chòir comhairle a thoirt seachad air dòigh-beatha dhaoine agus air mar a chuireas iad bacadh air trioblaidean slàinte bho bhith ag èirigh, agus sin a’ gabhail a-steach daithead is beathachadh.

Barrachd Chothroman aig Coimhearsnachdan air Fearann

  • Le bhith a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean san treas roinn, bidh sinn a’ brosnachadh agus ga dhèanamh comasach do dhaoine gus ionnsachadh mu agus cothrom fhaighinn air an liuthad de bhuannachdan dh’fhaodas iad fhaighinn bho bhith a’ cur is fàs a’ bhìdh aca fhèin ann an lotaichean-gàrraidh agus làraich choimhearsnachd eile airson nithean a chur.
  • Tha e mar amas dhuinn gum bi barrachd fearainn ri fhaotainn far an urrainn do choimhearsnachdan biadh a chur agus gum bithear a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine air làraich airson nithean a chur agus air lotaichean-gàrraidh, nì sinn sin tro bhith a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus na dleastanasan reachdail aca a choileanadh a thaobh lotaichean-gàrraidh a gheibhear ann am Pàirt 9 dhen Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015.
  • Tha e mar amas leis an ath-sgrùdadh air a’ Chòir aig Coimhearsnachdan gus Fearann a Cheannach leasachaidhean a mholadh airson nam pròiseasan a th’ ann mu thràth, gus am bi barrachd fearainn fo shealbh choimhearsnachdan. Nithear cinnteach gum bi na molaidhean a thaobh na còrach gus fearann a cheannach a’ co-fhreagairt air leasachaidhean poileasaidh eile co-cheangailte ri ath-leasachadh fearainn, aontaidhean gus sealbh atharrachadh agus modhan eile gus fearann a chur fo shealbh na coimhearsnachd. San ath-sgrùdadh, bithear a’ beachdachadh air atharraichean air cumhachan Bile Ath-leasachadh an Fhearainn, gus dèanamh cinnteach gum bi dòighean-obrach cunbhalach ann.
  • Gus an urrainn do bharrachd choimhearsnachdan cothrom fhaighinn air fearann freagarrach, leithid lotaichean-gàrraidh agus fearann far am faod iad biadh a chur, cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus feum a dhèanamh dhen Chòir aig Coimhearsnachdan gus Fearann a Cheannach, tro thaic leithid Maoin Fearainn na h-Alba.
  • Gus barrachd chothroman a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd airson fearann a cheannach agus gus barrachd comais a thoirt dhaibh buaidh a thoirt air mar a chleachdar fearann, nì Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) cinnteach gum faigh coimhearsnachdan fios ro-làimh mus tèid pìosan mòra fearainn a chur air a’ mhargaidh agus nì e cinnteach gun dèan uachdarain le pìosan mòra fearainn conaltradh ri coimhearsnachdan mu na planaichean aca airson an fhearainn aca.

A’ bhuaidh fharsaing a th’ aig roghainnean bìdh

  • Gus cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh ana-caitheamh bìdh am measg dhaoine is choimhearsnachdan, obraichidh sinn còmhla ri Gun Ana-caitheamh Alba gus obair fhad-ùine a stiùireadh a thaobh a bhith ag atharrachadh dhòighean-giùlain dhaoine sna dachaighean aca gus lùghdachadh a thoirt air ana-caitheamh bìdh airson 2026/27, agus sinn ag obair gu h-àraidh air ‘measaidhean-atharrachaidh’ agus leasachaidhean. Cuidichidh am poileasaidh seo sinn le bhith a’ coileanadh gealladh nan Dùthchannan Aonaichte a thaobh Biadh is Àiteachas, gum bi ìrean ana-caitheamh bìdh air an lùghdachadh leth uiread airson 2030.

Luchd-solair is Àiteachan

’S e a th’ ann an luchd-solair, an fheadhainn a tha a’ toirt biadh do dhaoine eile ann an diofar shuidheachaidhean. Mar sin, san earrainn seo gheibhear poileasaidhean co-cheangailte ri bhith a’ toirt seachad biadh san roinn phoblaich; a bhith a’ reic biadh; taighean-bìdh; agus àiteachan bìdh eile. Gheibhear cuideachd poileasaidhean a bheir buaidh air na ri fhaotainn dhan phoball a thaobh biadh anns na h-àiteachan is suidheachaidhean sin, leithid riaghailtean airson biadh-sgoile.

Tha luchd-solair glè chudromach dhan amas gun tèid biadh math a thoirt do dhaoine ann an Alba. Cumaidh iad orra le oidhirpean gus na clàran-bìdh aca a leasachadh gus roghainnean fallain is seasmhach a thabhann do dhaoine.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur grunn phoileasaidhean an sàs a tha a’ toirt taic is brosnachadh do dhaoine gus biadh a thoirt seachad a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha a’ còrdadh ri daoine, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois ann an àiteachan poblach agus prìobhaideach.

Bidh na poileasaidhean seo a’ cuideachadh le bhith a’ daingneachadh chleachdaidhean ithe fallain am measg dhaoine ann an Alba.

Biadh Ionadail dhan a h-Uile Duine ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • San ro-innleachd airson biadh ionadail aig Riaghaltas na h-Alba, “Biadh Ionadail dhan a h-Uile Duine: Ar Turas”, thathar a’ toirt diofar raointean obrach còmhla a bhios a’ toirt taic do dh’amasan airson biadh ionadail fo thrì cinn: a' dèanamh ceangal eadar daoine is biadh, a’ dèanamh ceangal eadar luchd-solair na h-Alba is luchd-ceannaich agus a’ dèanamh làn-fheum de chùmhnantan solarachaidh na roinne poblaiche.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt maoineachadh dhan phrògram Biadh airson ar Beatha aig Comann na h-Ùire, dha bheil e na amas gun tèid barrachd bìdh fhallainn, a gheibhear gu h-ionadail, a thoirt seachad le ùghdarrasan ionadail ann an cidsinean poblach. A thuilleadh air a’ phrògram sin, thathar a’ toirt maoineachadh do dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd a tha a’ cur nithean agus a bhios a’ toirt brosnachadh do dhaoine gus am biadh aca fhèin a chur is fhàs agus ag ionnsachadh dhaibh mar a nì iad sin, agus bidh na buidhnean sin cuideachd a’ tabhainn cothrom air agus a’ dèanamh leasachadh air raointean uaine far am faod coimhearsnachdan tighinn còmhla gus am biadh aca fhèin a chur.
  • Tha ar taic leantainneach airson a’ phrògraim aig Caidreachas Grosairean na h-Alba, “Ceannaichibh gu h-Ionadail”, a’ cuideachadh le bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air bùithtean grosaireachd a tha a’ gleidheadh àite sònraichte sa bhùth aca gus biadh is deochan ionadail a thaisbeanadh is a reic.
  • Le bhith a’ toirt taic do dh’iomairtean nàiseanta a tha air an ruith le Biadh is Deochan na h-Alba, tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh taisbeanadh is sanasachd air caochladh sheòrsaichean bìdh is dibhe à Alba.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil solarachadh poblach glè chudromach dha ar n-oidhirpean gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine air biadh fallain, ùr agus ràitheil. Tha sinn a’ cleachdadh reachdas is phoileasaidhean gus dèanamh cinnteach gun toir solarachadh a’ bhuaidh as motha as urrainnear air cùisean an lùib bhuidhnean poblach is eaconamaidh na h-Alba.[12] A thaobh chùmhnantan solarachaidh co-cheangailte ri biadh, feumaidh buidhnean poblach aithris a thoirt seachad le fios air ciamar a dh’fhaodadh solar-bìdh piseach a thoirt air slàinte, sunnd, agus foghlam choimhearsnachdan ann an sgìre an ùghdarrais agus feumaidh iad na h-ìrean as àirde a thaobh math bheathaichean a chur air adhart agus daoine a bhrosnachadh gus cumail riutha.
  • Ann an Achd Ath-leasachadh nam Modhan-solarachaidh (Alba) 2014, thathar a’ moladh grunn dhòighean gus leasachadh a thoirt air solarachadh bìdh is dheochan a thaobh càileachd a’ bhìdh is nan deochan agus cò às a thathar gam faighinn. Gus taic a chumail ri biadh is deochan ionadail is seasmhach, faodaidh buidhnean poblach na leanas a dhèanamh:
    • A’ cruthachadh chlàran-bìdh sa bheil biadh le Comharra Cruinn-eòlach fo Dhìon (CCD)
    • A’ sònrachadh sna cumhachan solarachaidh gu bheilear ag iarraidh biadh a tha air a thoirt gu cinneas fo sgeama barantais aithnichte, me, Sàr Fheòil na h-Alba, Comhairle Stiùbhardachd na Mara (CSM), An Tractar Dearg, RSPCA, no siostaman ceudna aig companaidhean
    • A’ sònrachadh sna cumhachan solarachaidh gu bheilear ag iarraidh biadh organach agus biadh bho bheathaichean le saorsa-gluasaid
    • A’ stèidheachadh riatanasan sna cumhachan solarachaidh gum feum clàran-bìdh a bhith stèidhichte air biadh ùr agus biadh sa bheil tòrr mathais agus gum bu chòir biadh ràitheil a chleachdadh agus gum bu chòir do luchd-solair a bhith sùbailte a thaobh cuin a lìbhrigeas iad stuthan bìdh gu àiteachan-bìdh agus bu chòir dhaibh an lìbhrigeadh gu tric;
    • A’ roinn chùmhnantan gus a bheil diofar chùmhnantan nas lugha ann airson biadh is deochan agus a tha a’ buntainn ri sgìrean sònraichte gus gnothachasan ionadail a bhrosnachadh gu bhith a’ solarachadh biadh is dheochan nuair a tha sin freagarrach
    • A’ cur air dòigh an lùib cuid a dh’fhrèamaichean gum faod companaidhean-dèanaimh beaga, aig nach eil cothrom air goireasan lìbhrigidh nàiseanta, tairgse a chur a-staigh leis an tuigse gur ann a’ solarachadh a-mhàin a bhios iad (gun lìbhrigeadh)

A’ Cur Prìomhachas air Biadh Math san Roinn Phoblaich

  • Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig muinntir na h-Alba air taghadh farsaing de bhiadh sa bheil mathas freagarrach ann an ionadan poblach na h-Alba agus bidh sinn a’ cur air adhart daithead fhallain agus cleachdaidhean ithe fallain, agus mar phàirt de sin tha Riaghaltas an h-Alba airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine deagh bheathachadh anns gach ionad is àite cùraim. Tha sin a’ gabhail a-steach ospadalan is dachaighean-cùraim. Bithear a’ toirt seachad cùram beathachaidh tro Inbhean Slàinte is Cùraim Shòisealta, a tha a’ cur cuideam air biadh is greimean-bìdh fallain, leithid mheasan is glasraich ùra agus roghainnean bìdh stèidhichte air roghainnean pearsanta agus feumalachdan cultarach is daitheid, agus air creideamh dhaoine. Tha an Stiùireadh airson Biadh ann an Ospadalan a’ comharrachadh nan seòrsaichean bìdh is dheochan a bheirear seachad ann an Ospadalan.
  • Gus clann is daoine òga a chuideachadh le bhith a’ fàs is a’ tighinn air adhart gu fallain agus gus am brosnachadh gu bhith a’ cumail ri cleachdaidhean fallain nam beatha, feumaidh gach seòrsa bìdh is dheochan a bheirear seachad ann an sgoiltean a bhith freagarrach a rèir inbhean a gheibhear anns na Riaghailtean airson biadh is deochan sgoile.

Biadh Math air Falbh bhon Dachaigh: ag ithe a-muigh agus a’ ceannach biadh

  • A’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dh’àiteachan-bìdh gus roghainnean nas fhallaine a thoirt do luchd-ceannaich a tha ag ithe air falbh bhon dachaigh aca mar thaic do bhith a’ coileanadh Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba tro Fhrèam Slàinte an t-Sluaigh, bithear a’ toirt taic dhan iomairt seo tro na gnìomhan sa Phlana Choileanaidh airson Dhaitheadan is Cuideam Fallain. Bheir iad seo piseach air an àrainneachd bhìdh le bhith a’ dèanamh adhartas le gnìomhan a thaobh a bhith a’ toirt fiosrachadh beathachaidh do luchd-ceannaich, a’ gabhail a-steach còd-obrach airson Chlàran-bìdh Cloinne.
  • Chaidh an sgeama Obair Chothromach An Toiseach a chur an sàs airson taic-airgid phoblach luach £2.6 billean, eadar Iuchar 2023 agus Màrt 2024, agus le sin thathar a’ brosnachadh ghnothachasan-reic gus taic a chur ri prionnsapalan airson Obair Chothromach le bhith ag iarraidh air an fheadhainn a gheibh taic-airgid phoblach co-dhiù, aig a’ char as lugha, Tuarastal Bith-beò Ceart a phàigheadh dhan luchd-obrach aca agus cothroman freagarrach is èifeachdach a chur air dòigh dhan luchd-obrach gus beachdan a thogail.
  • A’ cuideachadh le bhith a’ cur prionnsapalan Frèam Planaidh Nàiseanta 4 an sàs airson àiteachan nach eil nam bùth: cha chuirear taic ri iarrtasan leasachaidh airson àiteachan nach eil nam bùth nan toireadh na seirbheisean ùra sin droch bhuaidh air taitneachd is goireasachd sgìre no air slàinte is sunnd na coimhearsnachd, gu h-àraidh ann an sgìrean a tha fo easbhaidh. Tha iad seo a’ gabhail a-steach àiteachan a tha a’ reic biadh teth airson a thoirt air falbh, leithid bhanaichean-bìdh a tha suidhichte ann an àite gu maireannach.
  • A’ toirt reachdas air adhart a bheir cuingealachadh air na dh’fhaodas daoine a dhèanamh gus biadh is deochan sa bheil ìrean àrda de gheir, siùcar no salainn a chur air adhart is a shanasachd agus iad gan reic ris a’ phoball. Leis a’ phoileasaidh seo, thathar ag amas air lùghdachadh a thoirt air a’ chron a tha cus chalaraidhean, salainn, siùcair agus geir a’ dèanamh air slàinte dhaoine.
  • A’ dèanamh sanasachd air sàr bhiadh is deochan na h-Alba mar phàirt de ghnìomhachas na turasachd is na h-aoigheachd, tro bhith a’ toirt maoineachadh do Bhiadh is Deochan na h-Alba.

A’ Toirt Lùghdachadh air Ana-caitheamh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Gus cuideachadh le bhith a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh bìdh le luchd-solair, obraichidh sinn còmhla ri luchd-ùidhe gus dòighean èifeachdach a chur air dòigh airson modhan-aithris poblach riatanach a chur an sàs do ghnothachasan airson ana-caitheamh bìdh is còrr de bhiadh, agus sinn a’ cleachdadh nan cumhachdan a gheibhear ann an Earrainn 22 de dh’Achd na h-Eaconamaidh Cruinn (Alba) 2024. Stèidhichear mar a thèid seo a chur an sàs gu mionaideach ann an dàrnach reachdas.
  • A thuilleadh air an reachdas a ghabhas cleachdadh, bheir sinn taic dhan Aonta Bhìdh is Dheochan aig Prògram Gnìomh na RA airson Ana-caitheamh is Ghoireasan agus obraichidh sinn còmhla ri luchd-compàirt eile gus gnothachasan a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh rudan gu saor-thoileach airson dèiligeadh ana-caitheamh bìdh, agus sinn a’ cur mhodhan-obrach seasmhach air adhart an measg diofar roinnean ann an gnìomhachas a’ bhìdh is nan deochan.
  • Cuidichidh na gnìomhan seo sinn le bhith a’ coileanadh gealladh Buidheann Bìdh is Àiteachais nan Dùthchannan Aonaichte gum bi ìrean ana-caitheamh bìdh air an lùghdachadh leth uiread airson 2030.

Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh

Anns an earrainn airson Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh, gheibhear poileasaidhean a tha ag amas air an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a’ fàs, ag àrach, a’ glacadh no a’ buain biadh, agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh agus a’ giullachd stuthan bìdh.

Tha taghadh de phrògraman againn a bheir cruth-atharrachadh bunaiteach air na dòighean sa bheil sinn a’ toirt biadh gu cinneas is ga ghiullachd ann an Alba: tha sinn a’ gabhail cheumannan gus ar n-obair-toraidheachd bìdh uile, a nì sinn air tìr agus aig muir, a dhèanamh ann an dòigh nas seasmhaiche.

Tha e fìor chudromach do mhath dhaoine gum bi biadh sàr-mhath, sa bheil mathas, aca a thèid a thoirt gu cinneas gu h-ionadail agus ann an dòigh sheasmhach – airson ar math sòisealta agus math na h-eaconamaidh, na h-àrainneachd is ar slàinte. Ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, bidh luchd-toraidh is luchd-giullachd bìdh a’ cuideachadh gus siostam bìdh seasmhach a chur an sàs. Bheir na roghainnean a nì iad buaidh mhath, no cha toir iad buaidh sam bith, air an àrainneachd is bith-iomadachd. Bidh na toraidhean aca mar phàirt cudromach dhen bhiadh a thèid ithe air feadh Alba agus bidh e furasta biadh is deochan Albannach a lorg ann an taighean-bìdh, biadhlannan agus bùithtean. Bidh cliù aig Alba fhathast gu h-eadar-nàiseanta airson toraidhean bìdh is deochan sàr-mhath. Bidh luchd-toraidh na h-Alba follaiseach sna coimhearsnachdan aca agus bidh àiteachan-obrach aca far a bheil fàilte ron a h-uile duine. Bithear a’ cumail ri slatan-tomhais airson obair chothromach le obraichean ann an roinnean-toraidh a’ bhìdh is nan deochan ann an Alba.

An Tìr

  • A’ toirt cruth-atharrachadh air an taic do thuathanachas agus toraidheachd bìdh ann an Alba le bhith a’ cleachdadh cumhachdan Achd an Àiteachais is nan Coimhearsnachdan Dùthchail (Alba) 2024 gus frèam-taice le ceithir ìrean a stèidheachadh a bheir gu buil ar Lèirsinn airson Àiteachas: gum bi Alba am measg phrìomh dhùthchannan na cruinne a thaobh àiteachas seasmhach is ath-ùrachail. Fon Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba Còd-obrach airson Àiteachas Seasmhach is Ath-ùrachail agus Plana Taice Dùthchail fhoillseachadh. Nuair a thèid am Plana sin ullachadh, feumar ealla a ghabhail ri builean a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
  • A’ cur ar poileasaidhean is molaidhean an cèill san ath Phlana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde airson 2026-31 a thaobh mar a tha roinn an àiteachais a’ dol a chumail orra a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh na targaid nàiseanta airson cothromachadh-carboin. Nì iad sin cinnteach gun cùm tuathanaich Albannach orra ag obair ann an dòigh sheasmhach san àm ri teachd agus iad a’ cuideachadh le bhith toirt ar Lèirsinn airson Àiteachas gu buil: gum bi sinn am measg phrìomh dhùthchannan na cruinne a thaobh àiteachas seasmhach is ath-ùrachail fhad ’s a bhios sinn a’ toirt biadh sàr-mhath, làn mathais gu cinneas airson an dùthcha.
  • A’ cuideachadh thuathanach gus gnìomhan lasachaidh is freagrachaidh a chur an sàs mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde agus gus nàdar ath-nuadhachadh, mar a thathar a’ mìneachadh san Iùl-sgrìobhain mu Ath-leasachadh an Àiteachais. Thathar an dùil gun lean an Sgeama Àiteachais-Àrainneachd airson na Gnàth-shìde (SAAG) gu co-dhiù 2026 gus eileamaidean de thaic Roghnach a thoirt seachad mus tòisich Ìre 3 ann an 2027.
  • Tro SAAG agus am frèam-taice ùr a bhios ann, cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic ionmhasail do thuathanaich is croitearan a tha airson tòiseachadh air no cumail orra a bhith ag obrachadh an fhearainn aca a rèir inbhean organach. Cuideachd, cuiridh sinn Plana Gnìomh airson Toraidhean Organach an sàs, ann an com-pàirt ri Biadh is Deochan na h-Alba, gus taic a chumail ri leudachadh seasmhach air a’ mhargaidh organach ann an Alba. Tha na gnìomhan seo uile a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh ar geallaidh gun tig dùblachadh air an uiread de dh’fhearann a thathar a’ cleachdadh airson tuathanachas organach ann an Alba ro dheireadh ùine na pàrlamaid seo (2026).
  • A’ cumail oirnn a’ toirt taic is brosnachadh do chroitearachd is tuathanasan beaga, a rèir amasan Plana Leasachaidh Nàiseanta na Croitearachd, tro Sgeama Thabhartasan Àiteachais na Croitearachd, a bhios a’ toirt taic do ghnothachasan croitearachd le obair àiteachais, agus tro Thabhartasan airson Taighean Croite a bhios a’ cuideachadh chroitearan le taigheadas agus a’ leigeil leotha fuireach air a’ chroit aca agus an lot aca obrachadh agus iad a’ cur ris an eaconamaidh ann an sgìrean dùthchail is eileanach. Tro ath-leasachadh laghan croitearachd, tha sinn airson pròiseasan rianachd a dhèanamh nas èifeachdaiche; taic a chur ri croitearachd ghnìomhach; cur air dòigh gun tig buannachdan sa bhad do chroitearan is na coimhearsnachdan aca; agus a dhèanamh comasach dhan Choimisean riaghladh nas fheàrr a chur an sàs ann an siostam na croitearachd.
  • Bidh frèam-taice ann a bheir taic do thoraidheachd bìdh shàr-mhath, obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh na gnàth-shìde, seasmhachd an aghaidh thuiltean agus do dh’obair gus nàdar ath-nuadhachadh a rèir amasan a’ Phlana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, Plana Freagrachaidh Nàiseanta na h-Alba agus na Ro-innleachd Nàiseanta airson Seasmhachd an Aghaidh Thuiltean. A’ cur taic ris an iomairt gus targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a choileanadh mar a dh’fheumar fon lagh, gus am bi cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045.
  • Cuideachd, bidh am frèam-taice a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh amasan àrd-ìre an Fhrèam Ro-innleachdail againn, gum bi barrachd nàdair ann am bith-iomadachd na dùthcha, gun cuirear stad air crìonadh bith-iomadachd ro 2030 agus gun tèid ath-ùrachadh air bith-iomadachd ro 2045, agus tha na h-amasan sònraichte a leanas mar phàirt dhen iomairt sin:
    • Thig ath-ùrachadh nach beag air bith-iomadachd, an eag-shiostam agus air fallaineachd na h-ùire agus thèid lùghdachadh nach beag a thoirt air sgaoilidhean carboin ri linn mar a thèid fearann àiteachais a chleachdadh agus gheibhear biadh sàr-mhath leis na cleachdaidhean àiteachais sin.
    • Bidh mar a thèid rian a chumail air raointean fèidh, monaidhean chearcan-fraoich agus àiteachas air talamh àrd a’ cuideachadh le bhith ag ath-ùrachadh bith-iomadachd nan sgìrean le talamh àrd.
  • Bidh iomairtean is obair a thaobh nan cùisean seo cuideachd gar cuideachadh le bhith a’ coileanadh ar geallaidhean eadar-nàiseanta gus dèiligeadh ri crìonadh bith-iomadachd, air a bheil iomradh ann am Frèam Bith-iomadachd na Cruinne airson Cùmhnant Bith-iomadachd an UN, sa bheil targaidean gus lùghdachadh a thoirt air caitheamh, ana-caitheamh bìdh, cus-caitheimh agus na th’ ann de sgudal a thathar a’ cruthachadh air feadh na cruinne.
  • Gus taic a thoirt do choimhearsnachdan gus gnìomhan freagrachaidh a chur an sàs airson dèiligeadh ri atharraichean air an oirthir, dh’fhoillsich sinn stiùireadh do dh’Ùghdarrasan Ionadail air a bhith ag ullachadh Phlanaichean Freagrachaidh airson Atharraichean air an Oirthir; thugadh cha mhòr £12 millean seachad mar thaic dhan obair seo bhon Mhaoin Fhreagrachaidh airson Atharraichean air an Oirthir.
  • Gus rian a chumail air stòrasan uisge aig amannan nuair a mhaireas sìde thioram greis mhath, bidh SEPA a’ cur Plana Nàiseanta na h-Alba airson Gainnead Uisge an gnìomh agus iad ag obair gu dlùth còmhla ri luchd às-tharraing uisge gus sùil a chumail air an t-suidheachadh agus taic a thoirt do dhaoine air a bheil an gainnead a’ toirt buaidh.

A' toirt taic do luchd-àiteachais ùra is gnothachasan-toraidh beaga

  • Gus taic a thoirt dhan ath ghinealach de luchd-obrach dùthchail ann an Alba, tha sinn air na leanas a chur air dòigh: am Prògram Taice aig Seirbheis Comhairleachaidh nan Tuathanach, Prògram Ro-phreantasachdan Fearainn (a chaidh fhoillseachadh sa Chèitean 2025, taic luach £1.8 millean thar 3 bliadhna, le cha mhòr 400 àite do luchd-ceuma) agus a’ Mhaoin airson Trèanadh Practaigeach dhan Ath Ghinealach a bheir taic do thrèanadh a dh’aona-ghnothach a fhreagras air feumalachdan dhaoine fa leth (a chaidh fhoillseachadh sa Chèitean 2025, £900,000 thar an ath 3 bliadhna, agus dùil gun cuir 2,000 a-staigh air a son).
  • Tha sinn a’ cur prìomhachas air maoineachadh calpa tron Sgeama Ionmhais airson Tuathanachas san Àm ri Teachd (£14 millean).
  • Tha Seirbheis Cho-chonaltraidh airson Fearann na h-Alba a’ cur taic ri com-pàirteachasan is co-obrachadh an lùib àiteachas. Cuideachd, tha Buidheann nan Cothroman Tuathanachais do Luchd-àiteachais Ùra a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh ùghdarrasan aig a bheil fearann poblach gus cothroman a thoirt do luchd-àiteachais ùra air an fhearann sin (8,000 heactair thuige seo).
  • Gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh feum nas fheàrr de dh’fhearann àiteachais na h-Alba, obraichidh sin còmhla ris a’ Choimiseanair airson Tuathanachas Màil, aig a bheil dleastanasan a tha air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016, gus ceanglaichean soirbheachail a bhrosnachadh eadar luchd-gabhail is uachdarain ann an roinn tuathanachais na h-Alba.
  • Leis a’ Mhaoin Dhearbhaidh airson Luchd-toraidh Beaga agus cumhachan ann am Pàirt 2 de Bhile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) gus reachdas co-cheangailte ri pìosan fearainn beaga ùrachadh, gheibhear barrachd chothroman do luchd-toraidh beaga agus luchd-àiteachais ùra gus barrachd bìdh a dhèanamh dha na coimhearsnachdan aca agus dhan mhargaidh.

A' Mhuir

  • A’ dèanamh cinnteach gum bi roinn an iasgaich is biadh na mara againn na pàirt seasmhach de ar n-eaconamaidh, nì sinn sin le bhith a’ cur Ro-innleachd Stiùiridh an Iasgaich an sàs, sa bheil plana gnìomh le 12 puing gus dèanamh cinnteach gun tèid rian seasmhach is cunntachail a chumail air iasgach ann an Alba.
  • A’ dèanamh adhartas le amasan fad-ùine Riaghaltas na h-Alba airson na roinnean airson tuathanachas èisg, maoraich agus feamainn, agus airson an t-siostaim-sholair aig roinn an tuathanachais uisge san fharsaingeachd, a rèir na Lèirsinn airson Tuathanachas Uisge Seasmhach. San Lèirsinn sin tha amasan àrd-ìre airson suidheachadh na roinne airson 2045 agus thathar a’ stèidheachadh diofar bhuilean a chuidicheas le bhith a’ coileanadh nan amasan sin.
  • Gus piseach a thoirt air seasmhachd is neart gnìomhachas an iasgaich ann an uisgeachan faisg air a’ chladach, cuiridh sinn am Prògram Leasachaidh airson Stiùireadh Iasgach Uisgeachan na h-Oirthir an sàs. ’S e Prògram a tha seo airson Gealladh Riaghaltais ann an 2025/26 far a bheilear ag amas air dòighean-stiùiridh nas sùbailte a chur an sàs airson iasgach na h-oirthir agus bidh co-stiùireadh is coimhearsnachdan aig cridhe a’ phrògraim sin.

Math Bheathaichean is Slàinte nan Lusan

  • A’ cumail suas agus a’ cur ris na h-inbhean àrda againn a thaobh math bheathaichean, le bhith:
    • A’ cumail co-chomhairleachadh air a bhith a’ toirmeasg chreataichean breith do mhucan;
    • A’ coimhead air na roghainnean as fheàrr gus inbhean maith a stèidheachadh do dh’iasg ann an tuathanasan-èisg agus a’ foillseachadh stiùireadh air math an èisg aig an àm nuair a thathar a’ marbhadh bhradan ann an tuathanasan-èisg;
    • A’ dèanamh sgrùdadh air agus a’ foillseachadh toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh air a bhith a’ toirmeasg chèidsichean airson chearcan a tha a’ breith;
    • A’ toirt coimisean do Choimisean Math Bheathaichean na h-Alba (CMBA) gus faicinn an gabh slatan-tomhais a stèidheachadh airson math bheathaichean air tuathanasan;
    • A’ cumail oirnn a’ cur taic ri obair gus aire dhaoine a tharraing gu modhan spothaidh agus modhan gus earbaill nan uan a ghearradh a tha nas fheàrr a thaobh math nam beathaichean;
    • Ag ùrachadh riaghailtean airson a bhith a’ togail agus a’ giùlan chearcan is eòin eile bhon tuathanas às dèidh co-chomhairleachaidh a chaidh a chumail a thaobh seo o chionn ghoirid.
  • A’ cur dìon air slàinte nan lusan ann an Alba gus leasachadh is dìon a chur air eaconamaidh dhùthchail is àrainneachd nàdarra na h-Alba. Gus sin a thoirt gu buil, chaidh Ro-innleachd ùr airson Slàinte Lusan na h-Alba 2024-2029 fhoillseachadh air 6 Samhain 2024 sa bheil plana 5-bliadhna Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air slàinte lusan ann an Alba, le bhith:
    • A’ cumail oirnn a’ toirt maoineachadh seachad airson slàinte lusan tron Phrògram Rannsachaidh Ro-innleachdail agus tron Ionad Slàinte Lusan aig Roinn Saidheans Dùthchail is Àrainneachd is Seirbheisean Mion-sgrùdaidh Riaghaltas na h-Alba, gus measadh a dhèanamh air na cothroman airson rannsachadh, innleachdas is teicneòlas a chleachdadh gus cur ri ar cuid eòlais is ri bith-thèarainteachd;
    • A’ dèanamh co-chonaltradh nas fheàrr le luchd-ùidhe, agus mar phàirt de sin thèid Gnàth-Chomataidh Albannach airson Slàinte Lusan a chur air bhonn le riochdairean bhon riaghaltas, gnìomhachasan, agus Buidhnean Neo-riaghaltais as t-samhradh 2025 gus sàr mhodhan-obrach a chur air adhart agus gus lìonraidhean airson slàinte lusan air feadh roinnean is choimhearsnachdan a leudachadh is a chur gu feum leis an amas slàinte lusan a neartachadh agus gum bi barrachd dhaoine mothachail air slàinte lusan agus a’ cur taic ri sin;
    • A’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ ceannach is a’ faighinn lusan ann an dòighean cunntachail, tro iomairtean luchd-ùidhe leithid an Sgeama Theisteanasan airson Slàinte Lusan, agus a’ toirt leasachadh air siostaman-solair bith-thèarainte air feadh diofar roinnean gnìomhachais le bhith a’ coimhead air roghainnean solarachaidh an lùib phròiseactan a gheibh maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

A’ Toirt Taic do Ghnìomhachas Bìdh is Dheochan na h-Alba

  • A’ toirt taic do agus a’ cur air adhart gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba le bhith a’ toirt maoineachadh do agus ag obair còmhla ris a’ chom-pàirteachas Biadh is Deochan na h-Alba, com-pàirteachas sònraichte eadar luchd-gnìomhachais agus an roinn phoblach a tha a’ cur taic ri agus a’ dèanamh sanasachd air agus tagradh às leth nan daoine is nan toraidhean a gheibhear ann an gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba. Tha an taic a tha sinn air a bhith a’ toirt dhan chom-pàirteachas seo thar ùine fhada a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na comasan is goireasan aig luchd-toraidh gus biadh a chur air na sgeilpichean do luchd-ceannaich.
  • Tha ar taic dha A’ Beathachadh Alba: A’ Toirt Solar dhan t-Saoghal - Ro-innleachd Gnìomhachas a' Bhìdh is nan Deochan a’ cuideachadh le bhith a’ togail bun-stèidh a bheir taic do leudachadh seasmhach agus a’ cur ris an iarrtas airson biadh is dheochan. ’S e plana deich-bliadhna a th’ ann leis an amas Alba a stèidheachadh mar an dùthaich as fheàrr air an t-saoghal airson a bhith a’ ruith no ag obair ann an gnothachas bìdh no dheochan no do dhaoine aig a bheil sealbh air leithid a ghnothachas, agus tha ceann-uidhe soilleir sa phlana gum bi Alba am measg phrìomh dhùthchannan an t-saoghail a thaobh toraidheachd sheasmhach agus leudachadh cunntachail, dùthaich far an urrain do ghnothachasan air feadh an t-siostaim-sholair soirbheachadh is airgead a dhèanamh.
  • A’ toirt taic shònraichte do Leasachadh Eadar-nàiseanta na h-Alba gus Plana Às-mhalairt airson Biadh is Deochan na h-Alba a chur an gnìomh. Cuidichidh am plana seo le bhith a’ cur ri ar cliù mar dhùthaich làn thoraidhean nàdarra, agus le bhith a’ gleidheadh is a’ cruthachadh mhargaidhean eadar-nàiseanta airson toraidhean na h-Alba.
  • A’ toirt maoineachadh do Chaidreachas Bìdh is Dheochan na h-Alba gus taic a chumail ris a’ Phrògram aca, Ath-chruthachadh airson Slàinte. Bidh am prògram aca ag obair le luchd-dèanaimh Albannach gus am brosnachadh gu bhith a’ dèanamh ath-chruthachadh air na stuthan bìdh aca gus am bi iad nas fhallaine.

A’ dèanamh cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ri beachdan dhaoine ann an roinn gnìomhachas a’ bhìdh nuair a thathar a’ cur phoileasaidhean an gnìomh

Gabhar ealla ri beachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh tro dhiofar dhòighean nuair a bhithear a’ cur phoileasaidhean sa Phlana seo an gnìomh agus poileasaidhean buntainneach eile a bhios mar phàirt de Phlanaichean ùra san àm ri thighinn. Nithear co-chonaltradh gu cunbhalach ri Biadh is Deochan na h-Alba agus Caidreachas Bìdh is Dheochan na h-Alba agus buidhnean-obrach leithid na Buidhne airson Daingneachd Roinn a' Bhìdh, Fòram Bìdh na Roinne Poblaiche agus Buidheann nan Cùmhnantan Solair, far am bi cothrom aig luchd-ùidhe na beachdan aca a thoirt seachad air poileasaidhean is mar a thèid poileasaidhean a chur an gnìomh, am measg chùisean eile. Bidh na còmhraidhean seo nam meadhan cudromach gus beachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh a thrusadh gu cunbhalach. Cuideachd, thèid iarraidh air an roinn, nuair a bhios feum air, beachdan a thoirt seachad ann an co-chomhairleachaidhean air poileasaidhean ùra a tha sam amharc. Nuair a nì sinn co-chomhairleachadh air poileasaidhean fa leth, bidh sinn a’ brosnachadh sgiobaidhean poileasaidh gu bhith a’ cur cheistean ann a tha a’ sireadh bheachdan roinn gnìomhachas a’ bhìdh air mar a chuirear am poileasaidh an sàs gu h-èifeachdach, mura h-eil iad air na ceistean sin a chur ann mu thràth. Leis na diofar dhòighean seo gus co-chonaltradh a dhèanamh ri roinn gnìomhachas a’ bhìdh, nithear cinnteach gun gabhar ealla ris na beachdan aca.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top