Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.
Pàirt A Trì – A’ Measadh Adhartas: Comharran-Coileanaidh Is Targaidean
Ri linn cho iomadh-fhillte ’s a tha ar siostam-bìdh – agus ri linn cho lèirsinneach is farsaing ’s a tha na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – tha frèam sgrùdaidh freagarrach a dhìth a stèidhicheas bun-ìrean coileanaidh airson ar siostaim-bhìdh co-cheangailte ris na builean againn. Tron fhrèam seo, nì sinn sgrùdadh – aig ìre nàiseanta – air diofar phàirtean de ar siostam-bìdh a tha ceangailte ris na builean gus faicinn ciamar a tha iad ag atharrachadh, agus sinn a’ comharrachadh thar ùine raointean far bheilear a’ dèanamh adhartas agus raointean far a bheil dùbhlain ann fhathast a thaobh nam builean a tha sinn airson a choileanadh. Tha e riatanach dhan iomairt againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, gun urrainnear measadh cunbhalach a dhèanamh air ìrean coileanaidh ann an siostam-bìdh na h-Alba.
Anns an fhrèam sgrùdaidh gheibhear grunn phrìomh chomharran-coileanaidh stèidhichte air dàta àrd-ìre a tha a’ buntainn ris gach buil. Tha ar prìomh chomharran-coileanaidh a’ tarraing air diofar stòran fiosrachaidh, ach ’s ann air staitistearachd oifigeil a gheibhear mu thràth san roinn phoblaich as motha a tha iad stèidhichte, staitistearachd co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh agus na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (me, staitistearachd co-cheangailte ri bochdainn, slàinte, an àrainneachd agus an eaconamaidh). Tha sinn airson gum bi am frèam sgrùdaidh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh furasta a thuigsinn agus ri fhaotainn gu poblach agus gum bithear ga fhoillseachadh mar phàirt de cho-theacsa nas fharsainge an lùib sgrìobhainn mion-sgrùdail a thig a-mach nas fhaide air a’ bhliadhna.
A thuilleadh air na prìomh chomharran-coileanaidh, tha sinn air taghadh de thargaidean a chomharrachadh a bheir dhuinn dòigh eile gus measadh a dhèanamh air adhartas leis na Builean. ’S e targaidean a bh’ ann mu thràth a th’ annta seo, no targaidean a bh’ ann mu thràth air an deach atharraichean a dhèanamh. Fhad ’s a bhios an obair a’ dol air adhart airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, beachdaichidh sinn air cùisean feuch a bheil targaidean eile a dhìth.
Leis mar a tha sinn an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ phlana a h-uile 2 bhliadhna, tha sinn airson gun tèid an dàta ùrachadh mar phàirt de na h-ath-sgrùdaidhean sin air a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Liosta de Thargaidean is Geallaidhean
- Bidh nas lugha na 10% de chloinn beò gu ìre ann am bochdainn ro no ann an 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn iomlan ro no ann an 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò fo easbhaidh ri linn teachd-a-steach ìosal is bochdainn bhith-bheò ro no ann an 2030
- Bidh nas lugha na 5% de chloinn beò ann am bochdainn leantainneach ro no ann an 2030
- Ìrean ro-reamhrachd cloinne a lùghdachadh leth uiread ro 2030 agus lùghdachadh nach beag a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead
- Lùghdachadh a thoirt air neo-ionannachd co-cheangailte ri daithead am measg inbheach
- Gum bi barrachd inbhich ann anns a bheil cuideam a tha fallain
- Lùghdachadh de 10% a thoirt air an àireimh de bhoireannaich a tha a’ sgur a thoirt bainne-broillich dhan leanabh aca às dèidh 6 gu 8 seachdainean ro dheireadh 2025
- Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ fulang le neo-thèarainteachd bìdh meadhanach dona no fìor dhona
- Lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhachaighean a tha a’ faotainn biadh-èiginn
- Caitheamh-bìdh a lùghdachadh leth-uiread ro 2030
- Tha e mar amas dùblachadh a thoirt air an uiread de dh’fhearann àiteachais a thathar ag obrachadh gu h-organach ann an Alba ro dheireadh teirm na pàrlamaid seo (2026)
- Targaidean lùghdachaidh bliadhnail airson sgaoilidhean a dh’fheumar a choileanadh fon lagh leithid: cothromachadh-carboin ann le sgaoilidhean ro dheireadh 2045
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot