Information

Scottish Parliament electionthis site will be updated once a new Cabinet is appointed.

Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.


Co-Dhùnadh

Le seo, a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha sinn a’ gabhail ceum mòr a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe againn gum bi poileasaidhean bìdh gan dealbh a rèir dhòighean-obrach stèidhichte air siostaman. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tòrr rudan matha mu thràth a thaobh biadh ach tha am fiosrachadh sa Phlana seo a’ sealltainn mar a dh’fhaodas na dòighean traidiseanta gus poileasaidhean a dhealbh gu tric ar fàgail ann an suidheachadh far a bheil iomairtean is poileasaidhean neo-aonaichte is neo-cheangailte againn. Thar iomadh bliadhna tha ùidh mhòr aig a bhith aig daoine san riaghaltas agus aig luchd-ùidhe ann a bhith a’ cur dhòighean-obrach an sàs a tha stèidhichte air siostaman a thaobh biadh, b’ e am miann gus sin a dhèanamh a bha mar bhun-stèidh dhan Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022.

Tha am Plana seo a’ stèidheachadh dhòighean ùra gus rudan a dhèanamh, a’ cur an cèill Bhuilean lèirsinneach agus tha e na sgrìobhainn a tha a’ sealltainn do dh’oifigearan poileasaidh na dòighean san urrainn dhaibh a bhith ag obair còmhla gus an ceann-uidhe a choileanadh gum bi Alba na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Cha bu chòir dhuinn a bhith air ar mealladh a thaobh na h-obrach a bhios a dhìth gus liuthad a dh’atharraichean a thoirt air ar dòighean-obrach – bheir e ùine toirt air daoine a bhith ag obair còmhla an àite a bhith ag obair air an ceann fhèin fhad ’s a tha sinn a’ cur nan dòighean-obrach ùr-ghnàthach seo an sàs. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil dòighean-obrach ùra is eadar-dhealaichte a dhìth. Thig dùbhlain le sin – le atharraichean far a bheilear a’ gluasad bho dhòighean-obrach a tha stèidhichte gu daingeann gu dòighean-obrach ùra, bidh dòighean-smaoineachaidh ùra a dhìth a thaobh mar a thèid poileasaidhean bìdh a dhealbh. Ge-ta, tha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh gu tric mar as urrainn dhuinn atharrachadh is a bhith sùbailte agus bheir am Plana seo stiùir dhuinn fhad ’s a bhios sinn a' cur dhòighean-obrach ùra an sàs agus a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ann an dòigh cho-aonaichte is cho-cheangailte.

Bidh a’ chiad Phlana seo, airson a bhith a’ cur dhòighean-obrach stèidhichte air siostaman an sàs a thaobh biadh, a’ toirt stiùir do na còmhraidhean againn agus a’ cur taic ris an obair a thèid a dhèanamh air feadh Riaghaltas na h-Alba mu choinneamh nan dùbhlan seo. Seo ceum togarrach is cudromach a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe gum bi Alba na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, ach chan eil ann ach a’ chiad cheum – ri ùine bidh na tionndaidhean ùra dhen Phlana a thèid ullachadh a’ toirt stiùir dhuinn gus ar Builean a choileanadh agus a’ cur taic ris an amas gun tèid poileasaidhean bìdh a dhealbh a rèir dhòighean-obrach stèidhichte air siostaman. Chan urrainnear siostam a’ bhìdh a chur ceart gun sin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ coimhead air adhart ris an adhartas a nithear agus ri bhith a’ cur aghaidh ris an dùbhlan a tha romhainn: dòighean-obrach gu tur ùr a chleachdadh gus poileasaidhean bìdh a dhealbh. Tha tòrr ri ionnsachadh agus bidh a' chomhairle is molaidhean a gheibh sinn bho Choimisean Bìdh na h-Alba glè fheumail dhuinn fhad ’s a bhios sinn a’ cur nan dòighean-obrach ùra seo an sàs.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top