Geàrr-chunntas air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
A Gaelic translation of an executive summary of the proposed national Good Food Nation Plan.
Pàirt A H-Aon – Cò Ris A Bhios Dùthaich A Tha Math A Thaobh Biadh Coltach?
Co-theacsa: siostam-bìdh na h-Alba san latha an-diugh
Tha siostam-bìdh[1] [2] na h-Alba air leth soirbheachail agus a’ toirt dhuinn iomadh adhbhar gus gàirdeachas a dhèanamh ris. Tha sinn fortanach gu bheil stòrasan nàdarra iongantach againn: gheibhear pailteas bìdh bho choilltean, achaidhean, lochan, aibhnichean agus marannan na h-Alba. Bidh tuathanaich, croitearan is iasgairean a’ dèanamh feum de dh’eòlas a chaidh a thoirt seachad bho ghinealach gu ginealach agus de na sgilean àraich is obrach aca gus biadh is deochan a thoirt dhuinn a tha iomraiteach air feadh an t-saoghail.
A thuilleadh air an taghadh fharsaing de thoraidhean a thig bho nàdar, tha measgachadh de ghnothachasan is iomairtean againn: tha gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba a’ cur gu mòr ri ar n-eaconamaidh.
’S urrainn dhuinn feum a dhèanamh de dh’obair rannsachaidh cho math ’s a gheibhear air an t-saoghal mar thaic do ar cuid innleachdais. Tha sinn cuideachd a’ faighinn bhuannachdan bhon obair a nì farsaingeachd de bhuidhnean bìdh coimhearsnachd. Nì iad obair glè phrìseil de chaochladh sheòrsa, eadar a bhith a’ cur phròiseactan air dòigh gus biadh fhàs a tha a’ cur taic ri iomairtean àrainneachd is tèarainteachd bìdh agus a’ cur dhinnearan coitcheann air dòigh a chuidicheas le bhith a’ cur às do dh’aonranachd shòisealta is neo-ionannachd slàinte. Le bhith a’ gabhail biadh còmhla, thathar a’ gabhail cùram do chàch a chèile agus a’ toirt dhaoine còmhla.
Tha neartan air leth math ann an siostam-bìdh na h-Alba. Ge-tà, tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil laigsean bunaiteach san t-siostam.
Mar eisimpleir, cha do rinneadh mòran adhartais sna 20 bliadhna a dh’fhalbh a thaobh a bhith a’ coileanadh Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba agus tha fhathast cus chalaraidhean, geir, siùcar a bharrachd agus salann ann an daithead dhaoine agus chan eil gu leòr mheasan, glasraich, freumhag agus iasg olach innte. ’S e aon de na prìomh amasan a th’ againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gun atharraich sin agus gun tèid siostam-bìdh a chruthachadh a tha a’ toirt brosnachadh is cothrom dhan t-sluagh a bhith fallainn.
Tha neo-ionannachd nach beag anns an t-siostam-bhìdh againn ris am feum sinn dèiligeadh. Tha aig tòrr dhaoine ann an Alba ri dèiligeadh ri neo-thèarainteachd bìdh gu cunbhalach no bidh dragh orra bho àm gu àm a thaobh ciamar a gheibh iad cothrom air biadh. Cuideachd, tha euslaintean co-cheangailte ri daithead[3] nas cumanta ann an coimhearsnachdan a tha fo easbhaidh. Ann a bhith a’ coileanadh an amais againn airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha e riatanach nach bi coimhearsnachd sam bith a’ fulang mar thoradh sin. Nuair a bhithear a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ùra a tha a’ cur taic ris na prìomh Bhuilean, feumar, mar phrìomhachas, beachdachadh air leithid a neo-ionannachd gus dèanamh cinnteach nach tig builean ris nach robh dùil. Tha sinn air adhartas fhaicinn mu thràth le cuid de na gnìomhan a rinn sinn sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, leithid a’ tabhainn biadh-sgoile an-asgaidh dhan a h-uile sgoilear ann clasaichean 1-5 sa bhun-sgoil.
Tha e cudromach aithneachadh gun toir e ùine na h-atharraichean cudromach is na h-atharraichean fad-ùine a tha dhìth air ar siostam-bìdh a chur an sàs agus na cinn-uidhe lèirsinneach againn a thaobh biadh a choileanadh. Chan urrainn dhuinn ach gabhail ris an-dràsta nach eil làn-smachd aig Riaghaltas na h-Alba air gach meadhan is cumhachd a ghabhas a chur gu feum gus buaidh a thoirt air mar a tha siostam a’ bhìdh ag obrachadh. Mar eisimpleir, tha laghan cosnaidh fhathast fo smachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, agus tha sin a’ cur bacadh air nas urrainn dhuinn a dhèanamh ann an Alba gus inbhean nas fheàrr a chur an sàs airson obraichean cothromach ann an gnìomhachas a’ bhidh is nan deochan. Tha e cudromach gun tèid na h-atharraichean seo a dhèanamh air siostam a’ bhìdh, agus tha sin follaiseach bho mar a tha riaghaltasan eile le cumhachd thiomnaichte agus an riaghaltas nàiseanta san Rìoghachd Aonaichte a’ stèidheachadh phlanaichean airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri biadh[4] [5] [6].
Tha Alba mar phàirt de shiostam bìdh na cruinne. Cha bhi am biadh air fad a bhios sinn ag ithe a’ tighinn à Alba, no fiù ’s às an RA. Tha toraidhean bìdh na dùthcha an urra ri stuthan a gheibhear bho thall thairis leithid todhar is sìol. Bidh sinn cuideachd a’ reic cuid dhen bhiadh againn ri dùthchannan eile. Feumaidh luchd-poileasaidh beachdachadh air poileasaidhean bìdh bho shealladh eadar-nàiseanta, agus feumaidh iad oidhirpean a dhèanamh gus cumail ri sàr chleachdaidhean is modhan-obrach eadar-nàiseanta.
Bhiodh làn-smachd aig Alba neo-eisimeileach air gach cumhachd co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh, agus bheireadh sin buaidh air na b’ urrainn dhuinn a choileanadh agus air cho luath ’s a thigeadh adhartas. Mar a bhios follaiseach dhuibh, nuair a thèid tionndaidhean ùra dhen Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh ullachadh, bheir an suidheachadh a th’ ann aig an àm a thaobh bun-reachd na dùthcha buaidh orra.
’S iomadh dùbhlan is duilgheadas a gheibhear an lùib siostam-bìdh na h-Alba an-dràsta. Ge-tà, tha tòrr de chothroman a dh’fhaodar a ghabhail taobh a-staigh an t-siostaim a bheireadh fuasgladh dhuinn air na duilgheadasan a th’ ann. Ged a tha sinn air tòiseachadh air sin a thuigsinn, tha tòrr a bharrachd a dh’fhaodar a dhèanamh: gus cur ri beairteas dhaoine; gus cothroman a thoirt do dhaoine air beòshlaint thèarainte; gus taic a chumail daitheadan nas fhallaine; gus coimhearsnachdan a neartachadh; agus gus dìon a chur air an àrainneachd nàdarra againn agus air inbhean airson math bheathaichean.
Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Tha na sia prìomh Bhuilean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar bhunait dhan Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha na Builean seo a’ togail air cuspairean is prionnsapalan a chithear san Achd. Tha na sia Builean lèirsinneach seo cudromach do dh’Alba aig ìre ro-innleachdail thar ùine fhada: fhad ’s a thathar a’ sìor leasachadh is ag atharrachadh phoileasaidhean bìdh san dùthaich seo agus gu h-eadar-nàiseanta, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh measadh air agus ag ùrachadh nam Builean feuch am bi iad fhathast freagarrach agus dùbhlanach gu leòr.
Chan eil na Builean seo a’ sealltainn mar a tha cùisean ann an Alba an-dràsta: ’s e a tha iad a’ dèanamh a’ toirt dhuinn tuairisgeul air an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a tha san amharc againn agus tha iad a’ togail air an lèirsinn a bh’ againn bho thùs gum bi Alba “na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, far am bi a h-uile duine moiteil às agus a’ gabhail tlachd anns, agus a’ faighinn bhuannachdan bhon a’ bhiadh a sholaraicheas iad, a cheannaicheas iad, a dh’ullaicheas iad, a bheir iad seachad, agus a dh’itheas iad gach latha”.
- Buil 1: Tha àrainneachd bìdh na h-Alba a’ toirt cothrom do dhaoine gus biadh math ithe. Tha a h-uile duine a’ faighinn bhuannachdan bho bhith a’ faighinn cothrom cunbhalach is urramach air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha a’ còrdadh riutha, a tha seasmhach agus freagarrach a thaobh aois.
- Buil 2: Tha siostam-bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor air tìr agus sna h-uisgeachan againn. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin is freagrachadh a thaobh na gnàth-shìde, agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air slàinte is math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.
- Buil 3: Tha àrainneachd bìdh is siostam-bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is cothrom dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn. Mar thoradh air sin thèid casg a chur, is lùghdachadh a thoirt, air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.
- Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs air feadh siostam-solair a’ bhìdh.
- Buil 5: Tha e comasach do dhaoine agus coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an siostam a’ bhìdh agus buaidh a thoirt air cruth an t-siostaim sin. Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn a tha air an oideachadh a thaobh biadh math is seasmhach.
- Buil 6: Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha Alba a’ dol an sàs gu gnìomhach ann a bhith a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach is eòlas agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach is eòlas aig càch gu h-eadar-nàiseanta.
A’ Stèidheachadh nam Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Tha na Builean a’ sealltainn mar a dh’fheumas sinn atharrachadh a thoirt air mar a tha biadh air a thoirt gu cinneas, air a ghiullachd, air a sgaoileadh, agus air mar a gheibhear cuidhteas e ann an Alba gus dèiligeadh ris na dùbhlain ro fhollaiseach a tha romhainn a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh na h-àrainneachd. Feumar an t-eadar-ghluasad gu siostam-bìdh nas seasmhaiche a chur an sàs ann an dòigh chothromach is cheart. Tha sin a’ ciallachadh gum feum sinn dèanamh cinnteach gum bi na daoine a bhios ag obair gus biadh a chur air a’ bhòrd dhuinn mar phàirt dhen eadar-ghluasad sin.
Tha na Builean a’ togail air laghan chòraichean daonna, am Frèam Coileanaidh Nàiseanta, agus Cinn-uidhe nan Dùthchannan Aonaichte airson Leasachadh Seasmhach. Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhainn spèis a nochdadh do chòraichean daonna eadar-nàiseanta, dìon a chur orra agus an coileanadh. Fon Achd, feumaidh Ministearan na h-Alba, nuair a bhios iad a’ beachdachadh air na bhios sa Phlana, ealla a ghabhail ris mar a dh’fhaodadh cùisean co-cheangailte ri biadh buaidh a thoirt air builean co-cheangailte ri grunn raointean is chuspairean. Cuideachd fon Achd, feumaidh Ministearan, nuair a bhios iad ag ullachadh a’ Phlana nàiseanta, ealla a ghabhail ri taghadh de phrionnsapalan agus cumhachan sònraichte a gheibhear ann an reachdas chòraichean daonna eadar-nàiseanta. Tha a’ chòir air gu leòr de bhiadh iomchaidh na còir dhaonna, agus i mar phàirt dhen chòir dhaonna air beatha le ìre bith-beò iomchaidh[7], agus tha i riatanach do mar a bheirear còraichean daonna eile gu buil.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot