Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.


Caibideal V – Am Plana na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba

Uallach Iomlan Airson A' Phlana

Bidh uallach air an Rùnaire Maireannach airson dèanamh cinnteach aig a' cheann thall gun coilean Riaghaltas na h-Alba na dleastanasan sa Phlana seo.

Àrd-stiùirichean

Cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba dòigh thiomnaichte airson gnìomhachadh a' Phlana agus bidh uallach air Àrd-stiùirichean airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-obrach aca air an dèanamh mothachail air a' Phlana seo agus a' bhuaidh a bhios aige air an raon obrach aca.

Sgioba Gàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba

'S ann aig Sgioba Gàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba, a tha na phàirt de Bhuidheann-stiùiridh an Ionnsachaidh, a tha uallach airson cùisean a bhuineas do phoileasaidh Gàidhlig. Cuiridh sinn aithisg mu adhartas ann an dleastanasan a' Phlana seo gu Bòrd na Gàidhlig gach bliadhna. Obraichidh sinn còmhla ri co-obraichean air feadh ar n-obair gus dleastanas a' Phlana a choileanadh, agus gus cothroman leudachaidh aithneachadh a' dol air adhart. Freagraidh sinn cuideachd iarrtasan airson adhartas a gheibh sinn bhon Bhòrd. Mur bithear a' coinneachadh ri cumhachan a' Phlana, mìnichidh an aithisg air na h-adhbharan air a shon agus na ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail gus aghaidh a chur air na duilgheadasan.

Uallach Làitheil Airson A' Phlana

'S ann aig Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig a tha uallach làitheil son lìbhrigeadh is sgrùdadh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba. Cuirear ceistean mu obrachadh làitheil a' phlana gu:

Niall Bartlett
Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig
Buidheann-stiùiridh an Ionnsachaidh
Riaghaltas na h-Alba
Raon 2B(S) Cidhe Bhictòria Dùn Èideann EH6 6QQ

niall.bartlett@gov.scot

A' Coluadar Le Luchd-Obrach

Brosnaichidh Riaghaltas na h-Alba comhairle do luchd-obrach tro làraich-lìn taobh a-staigh an riaghaltais agus Buidheann Bhuileachaidh Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba.

Contact

Email: sgglp@gov.scot

Back to top