Publication - Consultation paper

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026
Structar Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Structar Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

'S iad na prìomh phàirtean den Phlana Ghàidhlig againn

Caibideal I – Ro-ràdh

Tha a' chaibideil seo a' toirt bun-fhiosrachadh mu Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus na prìomh nithean a tha innte. Tha dealbh farsaing air a thoirt de na prìomh sholairean reachdail co-cheangailte ri ullachadh Planaichean Gàidhlig fo Achd 2005. Tha geàrr-chunntas air structar Riaghaltas na h-Alba agus a phrìomh raointean obrach ann cuideachd.

Caibideal II – Prìomh Phrionnsabalan

Mìnichidh an caibideal seo na prionnsabalan leis an deach am Plana seo a sgrìobhadh.

Caibideal III – Dleastanasan

Tha a' chaibideil seo a' mìneachadh ciamar a nì Riaghaltas na h-Alba feum den Ghàidhlig, agus ciamar a bheir iad cothrom a cleachdadh an lùib a phrìomh ghnìomhan obrach.

Tha e a' gabhail a-steach prìomh raointean obrach mar ar dearbh-aithne chorporra, mar a bhios ar litrichean agus post-dealain air an làimhseachadh agus cleachdadh na Gàidhlig air an làraich-lìn againn. Tha a' chaibideil a' mìneachadh na h-ìre as ìsle de sholarachadh na Gàidhlig a tha sinn a' dol a dh'ullachadh anns na còig bliadhna a mhaireas am plana.

Caibideal IV – Ceanglaichean ris an Lìonra Choileanaidh Nàiseanta

Mìnichidh an caibideal seo mar a chuidicheas poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba Gàidhlig ann an co-theacsa an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta.

Caibideal V – Am Plana Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba

Tha an caibideil seo a' mìneachadh mar a bhios gnìomhachadh ar Plana Gàidhlig air a ghluasad air adhart, agus mar a nithear sgrùdadh air a' ghnìomhachadh.


Contact

Email: sgglp@gov.scot