Publication - Consultation paper

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026
Caibideal I - Ro-ràdh

Caibideal I - Ro-ràdh

Sealladh air Riaghaltas na h-Alba

'S e Riaghaltas na h-Alba an riaghaltas tiomnaichte airson Alba. Bha Riaghaltas na h-Alba air a stèidheachadh ann an 1999, às dèidh nan ciad thaghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear ainmichte leis a' Phàrlamaid agus a tha an dèidh sin a' cur an dreuchd Ministearan na h-Alba.

'S e am Prìomh Mhinistear am prìomh neach à Riaghaltas na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba. Am measg na dleastanasan aice tha:

  • a' coimhead thairis obair an riaghaltais agus na buidhnean aige
  • a' taghadh buill an riaghaltais (an-dràsta tha 9 Rùnairean Caibineit agus 15 Ministearan eile ann)

Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, agus tha iadsan cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba. Tha prìomh bhòrd Riaghaltas na h-Alba, Bòrd an Ro-innleachd, air a stiùireadh leis an Rùnaire Maireannach agus 's iad buill a' Bhùird Àrd-stiùirichean nam prìomh Bhuidhnean-stiùiridh aig Riaghaltas na h-Alba, an Àrd-chomhairliche Saidheansail, an Àrd-chomhairliche Eaconamach, agus Ceannard Oifis a' Chrùin agus Seirbhis Luchd-casaid a' Chrùin (COPFS), còmhla ri triùir Stiùirichean Neo-ghnìomha.

'S ann aig na seachd Stiùirichean-coitcheann agus na buidhnean-stiùiridh aca a tha an dleastanas còig amasan ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thoirt air adhart: Alba a dhèanamh nas beartaiche is cothromaiche, nas fhallaine, nas sàbhailte is làidire, nas glice is uaine.

Tha Achdan na h-Alba (1998, 2012 agus 2016) a' clàradh na cùisean a tha glèidhte aig Pàrlamaid na RA. Tha cùis sam bith nach eil glèidhte, no air a mhìneachadh anns an Achd mar a bhith taobh a-muigh comas Pàrlamaid na h-Alba, tiomnaichte.

Tha cùisean tiomnaichte a' gabhail a-steach: an eaconamaidh, foghlam, slàinte, ceartas, cùisean dùthchail, taigheadas, an àrainneachd, cothroman co-ionnan, tagradh agus comhairle luchd-caitheimh, còmhdail agus cìsean. 'S e cumhachd ùr a tha ann ìre Albannach de chìs-chosnaidh a stèidheachadh.

Tha prìomh oifisean Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann, aig Cidhe Bhictòria, Taigh Naomh Anndrais agus Taigh Saughton; agus ann an Glaschu, aig Cidhe Atlantaig agus Togalach Europa. A bharrachd air sin, tha oifisean sgìreil againn bho Bhaile na h-Eaglais sa Cheann a Tuath chun an t-Sròin Reamhair sa Cheann a Deas.

Tha obair Riaghaltas na h-Alba air a lìbhrigeadh le: Riaghaltas na h-Alba – a' phàirt as motha den t-seirbheis chatharra ann an Alba leis na prìomh buidhnean-stiùiridh Coimhearsnachdan, Bun-reachd agus Cuisean an Taobh A-Muigh, Corporra, Eaconamaidh, Ionnsachadh agus Ceartas, Slàinte agus Cùram Sòisealta; Roinn Airgid na h-Alba agus Oifis an Rùnaire Mhaireannaich. Buidhnean poblach – Buidhnean-gnìomha, buidhnean poblach neo-roinneil (NDPBan) agus buidhnean eile a tha a' coileanadh diofar ghnìomhan reachdail, riaghlach agus comhairleachaidh às leth Riaghaltas na h-Alba. Buidhnean iomairt – buidhnean comhairleachaidh air an stèidheachadh le Ministearan gus cùisean sònraichte a rannsachadh agus aithris a thoirt orra. Cha mhair Buidhnean Gnìomha ach ùine ghoirid, mar as trice mu bhliadhna, agus bidh iad a' dol à bith nuair a bhios an aithris deiseil.

Gàidhlig ann an Raon-obrach Riaghaltas na h-Alba

Tha raon obrach Riaghaltas na h-Alba a' gabhail a-steach Alba gu lèir. Mar sin, tha gach neach-labhairt Gàidhlig agus coimhearsnachd Ghàidhlig an Alba taobh a-staigh na sgìre sa bheil Riaghaltas na h-Alba ag obrachadh a' gabhail a-steach a h-uile sgìre sa bheil daoine comasach air tuigsinn, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig nam mòr-chuid dhen àireamh-sluaigh, a bharrachd air sgìrean far a bheil a' Ghàidhlig a' fàs.

Cunntasan-sluaigh nàiseanta – Luchd-labhairt na Gàidhlig Tha na toraidhean bho Chunntas-sluaigh 2011 air dearbhadh nach eil an crìonadh san àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig cho luath sa bha e ann an 2001. Chaidh 87,056 duine a chlàradh le comas labhairt agus/neo leughaidh agus/neo tuigsinn a' Ghàidhlig gu h-iomlan. Nam measg tha comas labhairt sa Ghàidhlig aig 58,000 (1.1% den phoball) aois trì neo nas sine an Alba. Tha seo air tighinn sìos bho 59,000 (1.2% den phoball) ann an Cunntas-sluaigh 2001, a tha nas fheàrr na na toraidhean bhon Chunntas-sluaigh roimhe a sheall crìonadh de 11% ann an luchd-labhairt na Gàidhlig.

Ann an 2011, bha an earrann den t-sluagh aois trì neo nas sine an Alba le comas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh neo tuigsinn sa Ghàidhlig 1.7% (87,056), an coimeas ri 1.9% (92,000) ann an 2001. Sa bhuidheann seo, bha an àireamh le comas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh agus tuigsinn aig 32,000, 0.6% den phoball aois trì neo nas sine; bha seo aig an aon ìre ri 2001.

Ged a bha crìonadh anns an earrann den t-sluagh le comas labhairt sa Ghàidhlig anns a' chuid as motha de dh'aoisean, bha meudachadh san fheadhainn fo aois 20. Uile gu lèir, bha meudachadh 0.1% eadar 2001 agus 2011 ann an luchd-labhairt na Gàidhlig eadar aois 3 agus 19.

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh Alba. Am measg na feadhainn a thuirt gun robh iad nan luchd-labhairt ann an Cunntas-sluaigh 2011 bha an co-roinn as àirde le comas labhairt sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar (52%), a' Ghàidhealtachd (5%) agus Earra-Ghàidheal agus Bòid (4%). Tha cuideachd àrdachadh de cho-roinn den choimhearsnachd Gàidhlig a tha sna bailtean mòra, le àireamh àrd a' fuireach ann an Obar Dheathain, Dùn Èideann, mòr-roinn Ghlaschu agus Inbhir Nis.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba, air an làraich-lìn
www.scotlandscensus.gov.uk.

Foghlam Gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba air prìomhachas a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig aig a h-uile ìre bho 2007. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil foglam Gàidhlig riatanach don chànan san àm ri teachd.

Mar aithne dhan an seo, tha Riaghaltas na h-Alba air buidseatan a ghlèidheadh. Tha Sgeama nan Tabhartasan Gàidhlig agus maoin-chalpa na Gàidhlig fosgailte do dh'ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gus taic is fàs a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig. Air sgàth na taice seo tha an àireamh de sgoiltean is aonadan air fàs air feadh Alba.

Cuideachd, tha ullachaidhean aig Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a bheir còir do phàrantan faighneachd don Ùghdarras Ionadail aca Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a sholarachadh don chloinn aca. Chuir an Achd dleastanasan a bharrachd air Ùghdarrasan Ionadail taic is brosnachadh a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig a thuilleadh air dleastanas a chur air Bòrd na Gàidhlig Stiùireadh airson Foghlam Gàidhlig ullachadh.

Tha 24 Comhairlean ann a bhios a' solarachadh foghlam Gàidhlig aig ìre a choireigin. Gu nàiseanta bha 3,701 sgoilear ann am foghlam Gàidhlig ìre bhun-sgoil ri linn seisean 2019/20, le 1,045 ann an sgoiltean-àraich Gàidhlig. Dh'fhàs gach cuid de na buidhnean seo bho foillseachadh a' chiad Phlana Gàidhlig againn ann an 2010.

A thuilleadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha 11 Comhairle a' solarachadh chothroman Gàidhlig ionnsachadh do sgoilearan ann am bun-sgoiltean meadhan na Beurla tro Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig anns a' Bhun-sgoil (GLPS). A-rithist, tha an àireamh de chloinn a fhuair buannachd bhon seo air fàs anns a' chòig bliadhna mu dheireadh.

Aig ìre àrd-sgoile, fhuair 1,451 sgoilear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig de sheòrsa a choireigin ann an seisean 2019/20. Thathar an dùil gum fàs an àireamh sin thairis cùrsa a' phlana seo le barrachd chuspairean air an tabhann do sgìrean eile tro e-Sgoil.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na h-àireamhan seo bho Bòrd na Gàidhlig at
www.gaidhlig.scot.

Dealas Riaghaltas na h-Alba don Ghàidhlig

Tha na dleastanasan manifesto mu dheireadh air ar taic don Ghàidhlig a leudachadh. Tha iad seo a' cur am follais nach gèill ar dealas làidir don chànan agus iadsan a bhios na cleachdadh.

'S e na prìomh dhleastanasan:

  • Bheir sinn Achd nan Cànan Albannach air adhart a chuireas buileach ri ar taic don Ghàidhlig, a bheir taic do dh'Albais agus a dh'aithnicheas gur e Alba dùthaich iomadh-chànanach.
  • Coimheadaidh sinn cuideachd ri Gàidhealtachd aithnichte a chruthachadh gus ìrean comais a thogail sa chànan agus tuilleadh sheirbheisean a sholarachadh tron Ghàidhlig agus barrachd chothroman a thabhann Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus foirmeil.
  • Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann air compàirteachadh cudromach a thoirt air adhart a thaobh foghlam Gàidhlig, ach nì sinne cinnteach gu bheil seo a-nis na phàirt de shlìghe ro-innleachdail nàiseanta ùr. Tha seo riatanach ma tha sinn airson ìrean adhartais nas luaithe fhaicinn don Ghàidhlig.
  • Nì sinn ath-sgrùdadh de ghnìomhan is structaran Bòrd na Gàidhlig gus a bhith cinnteach gu bheil buidheann cheannardais agus lìonra bhuidhnean èifeachdach aig Alba airson Gàidhlig a bhronsachadh.

Bheir iad seo stiùireadh, gun a bhith nam bacadh, anns na gnìomhan againn gus taic a thoirt don fhrèam-obrach a tha ann don Ghàidhlig.

Gàidhlig ann an Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba an latha an-diugh, agus gur e maoin a th' ann a tha a' toirt luach eaconamach agus sòisealta don dùthaich. Tha e soilleir bhon mhapa a leanas gu bheil Gàidhlig follaiseach ann an ainmean-àite air feadh Alba.

S e seo mapa de dh’Alba far am faicear 20 eisimpleirean de dh’ainmean-àite Gàidhlig bho air feadh na dùthcha. Chìthear na h-ainmean-àite anns a’ Ghàidhlig agus anns an tionndadh Bheurla aca. Fo gach fear tha cuideachd mìneachadh de bhrìgh an ainm-àite anns a’ Ghàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba air ceuman a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a tha a dhìth a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

Ach, tha suidheachadh na Gàidhlig fhathast air leth cugallach. Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith beò agus seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

  • sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a leasachadh
  • cleachdadh na Gàidhlig ann an cotheacsan sòisealta, foirmeil agus obrach a bhrosnachadh
  • barrachd inbhe agus aithne a thoirt don Ghàidhlig, gus an cluinnear agus gum faicear Gàidhlig nas trice
  • a' Ghàidhlig a leasachadh mar chànan èifeachdadh, cunbhalach is beairteach.

Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le ùghdarrasan poblach na phrìomh phàirt de dh'Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a' cuideachadh le daingneachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè am poileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a' dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh'fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.

'S e an treas iris de Phlana Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd 2005. Tha e a' leantainn na slìghe a thòisich ann an 2010 agus ag amas àrdachadh a lìbhrigeadh ceum air cheum a thaobh mar a chleachdas, a leasaicheas agus a chuireas sinn taic don Ghàidhlig anns na gnothaichean againn.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil àite cudromach aige ann a bhith a' toirt taic don Ghàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile ann a bhith a' coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Chan urrainn aon bhuidheann a-mhàin na h-amasan sin a lìbhrigeadh agus bu mhiann leinn a h-uile buidheann a bhrosnachadh dèanamh nas urrainn dhaibh an seo. Chunna sinn mar a tha co-obrachadh tro iomairtean leithid Ìre Adhartais nas Luaithe air atharrachadh a dhèanamh agus sinn ag obrachach gu amasan nas susbaintiche.

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Bha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air a cur an gnìomh le Pàrlamaid na h-Alba le sùil ri inbhe thèarainte fhaighinn don Ghàidhlig mar chànan oifigeil de dh'Alba le spèis co-ionnan ris a' Bheurla.

'S e aon de na prìomh nithean ann an Achd 2005 an t-ullachadh a tha a' toirt cothrom do Bhòrd na Gàidhlig iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Bha an t-ullachadh seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gum bi an roinn phoblach an Alba a' gabhail a pàirt ann a bhith a' cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd tro bhith ag àrdachadh a h-inbhe agus a h-ìomhaigh agus a' cruthachadh cothroman practaigeach airson a bhith ga cleachdadh.

'S e an sgrìobhainn seo Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba ullaichte fo frèam-obrach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Mìnichidh e mar a chleachdas sinn Gàidhlig anns na h-obraichean againn, mar a nì sinn e comasach Gàidhlig a chleachdadh gus conaltradh leis a' phoball agus compàirtichean cudromach, agus mar a bhrosnaicheas is a leasaicheas sinn Gàidhlig.

Chaidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba ullachadh a-rèir shlatan-tomhais reachdail Achd 2005 agus le iomradh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an Stiùireadh air Dealbhadh Plana Cànain Gàidhlig.

Plana cànain nàiseanta na Gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do dh'amas Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 "gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean."

Dh'aontaich Ministearan Albannach leis a' Phlana agus mar sin tha sinn dealasach an t-amas seo a choileanadh le bhith a' stiùireadh ar n-obair fo na trì h-amasan seo:

  • A' fàs cleachdadh na Gàidhlig am broinn ar buidheann agus a' toirt misneachd do bharrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh leinn.
  • A' fàs chothroman do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt den obair làitheil againn.
  • Ìomhaigh mhisneachail de Ghàidhlig a bhrosnachadh mar phàirt den obair làitheil againn mar bhuidhinn.

Bheir sinn am Plana Nàiseanta agus na h-amasan aige gu aire nam buidhnean leis a bheil sinn ag obair.

Ion-sgrùdadh comas na Gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil sgrùdadh a dhèanamh air sgilean an luchd-obrach againn agus cleachdaidh sinn seo gus ar bunait Ghàidhlig fhàs.

Co-chomhairleachadh mun dhreach phlana Ghàidhlig

Fo Achd 2005 feumaidh ùghdarrasan poblach co-chomhairleachadh a chumail mun dhreach plana Gàidhlig aca mus tèid a chur gu Bòrd na Gàidhlig

Air sgàth seo, chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh mun dhreach Plana Gàidhlig acasan tron Iuchar agus Lùnasdal 2021.

Chìthear freagairtean a' cho-chomhairleachaidh seo agus aithisg de na co-dhùnaidhean aige aig


Contact

Email: sgglp@gov.scot